Skip to main content

Full text of "Ainmeannan cliteach Chriosd ; Slhraidh r a' chreidich, agus An t-slighe chumhann do nmh, &c."

LIST OF GAELIC BOOKS 

And Works on the Highlands 

PUBLISHED AND SOLT) BY 

MACLACHLAN & STEWART, 

BOOKSELLERS TO THE UNIVERSITY, 

63 & 64 SOUTH BRIDGE, EDINBURGH. 



A liberal discount allowed on orders for exportation 
or for private circulation. 

s. d. 
M'Alpine's Gaelic and English Pronouncing Dic- 
tionary, with Grammar, 12mo, cloth, 
... Ditto ditto, hf.-bound calf, 

... Gaelic and English, separately, cloth, 
... English and Gaelic, separately, cloth, 
M'Leod and Dewar's Gaelic Dictionary, cloth, ... 



Alleine's Alarm to the Unconverted, 

Saint's Pocket Book, cloth, ls. sewed, 
Almanac for 1875, in Gaelic, 
An T-Oranaiche, by Sinclair (in parts), each, ... 
Assurance of Salvation, 18mo, sewed, 
Baxter's Call to the Unconverted, 18mo, cloth, ... 
Saint's Rest, translated by Rev. J. Forbes, 
Beith's Catechism on Baptism, 18mo, sewed, ... 
Bible in Gaelic, 8vo, strongly bound in calf, 
Blackie's (Prof.) Language and Literature of the 

Scottish Highlands, 8vo, cloth, 

Boston's Fourfold State, 12mo, cloth, 

Bonar's (Rev. Dr H.) Christ is All, 18mo, sewed, 

... God's Way of Peace, 
Buchannan (Dugald) of Rannoch's Life and Con- 
version, with his Hymns, 18mo, cloth, 
... The Hymns, separately, 18mo, sewed, ... 
Bunyan's Come and Welcome, 18mo, cloth, 
. . . World to Come, or Visions f rom Hell, cloth, 



9 





11 





5 





5 





10 


6 


1 


6 





6 





6 


1 


6 





6 


1 


6 


2 


G 





1 


7 


6 


6 





4 








3 


1 





2 








3 


2 





1 


6 



64 South Bridge, Edinburgh. 



Gaelìc Boohs Sold by Maclachlan and Steivart. 



Bunyan's Grace Abounding, 18mo, cloth, 

Pilgrim's Progress (three parts), cloth, 

Water of Life, ctoth, 

Sighs from Hell, 18mo, cloth, 

Heavenly Footman, 18mo, cloth,... 

Burder's Village Sermons, 18mo, cloth, ... 

Catechism, Shorter, ld. Gaelic and English, 

Mother's, ld. Gaelic and English, 

Brown's Shorter, for Young Children, 

Confession of Faith, fcap. 8vo, cloth, 

Dairyman's Daughter, sewed, 

Dàn an Deirg agus Tiomna Ghuill (Dargo and 

Gaul), with a new Translation, Notes, and 

Introduction, by C. S. Jerram, 

Dewar's (Rev. Dr) The Gaelic Preacher, 8vo, 

Doctrine and Manner of the Church of Pome, 

Doddridge's Rise and Progress, 12mo, cloth, 

Dyer's Christ's FamousJTitles., l§mo, cloth, 

Earle's Sacramental E&efcises, l'Sm^cIoth, 

Edwards' (Rev. Jonai%^) ^Wpft se\ued, 

English Poems, with Gaelic Translations, ar- 

ranged on opposite pages^^ÌSmo, Part 2, ... 

Finlayson, (Rev. P.) Brief Sketch of the Life of. 

by Pev. J. Macpherson, 18mo, cloth, 

Flavel's Token for Mourners, 18mo, cloth, 

Forbes' (Rev. J.) Baptism and the Lord's Supper, 

... An Lochran : Dialogues regarding the 

Church, 
. . . Long Gheal : The White Ship ; a Spiritual 
Poem, 
Gael (The), a Monthly Gaelic Magazine, bound in 
cloth for 1873, 74, 75, and 76, each, 

The same in N umbers, 'Monthly, each, . . . 
Gaelic First Book, 18mo, 2d. ; Second do., 
Gaelic Spelling-Book, 18mo, cloth, 
Gaelic Tracts, 50 different kinds, sorted, for ... 

Gaelic Tracts, 8 sorts, 100 for 

Grant's (Rev. Peter) Hymns, 18mo, cloth, 
Guthrie's Christian's Great Interest, 18mo, cloth, 
Hall's (Newman) Come to Jesus, ... ... 

Harp of 'Caledonia, Gaelic Songs, 32mo; seived, 



d. 

6 



6 
2 
2 
1 
6 
4 



3 

2 . 6 

1 6 

2 



1 6 

1 

1 

4 

6 

4 



7 


6 





6 





4 





6 


2 


(> 


1 





1 





2 








(; 





4 



&4 South Bridge, Edinburgli. 



National Library of Scotland 

iiiiiiiiii 

'B000501633* 



Digitized by the Internet Archive 
in 2013 



http://archive.org/details/ainmeannanclitea1875dyer 



X 

CHRIST'S FAMOUS TITLES ; 

BELIEVER'S GOLDEN CHAIN, 



THE STRAIGHT WAY TO HEAVEN, &c. 



Bv WILLIAM DYER, 

JilINISTER OF THE GOSPEL. 



1 Unto me who am less than the least of all saints, is the grace given, 
that I should preach among the Gentiles the unsearchable riches oi 
Christ."— Eph, iii. 8. 



EDINBURGH : 
MAOLACHLAN & STEWART. 

Vf DCCCLXXV. 



X 
AINMEANNAN CLIÙITEACH CHRIOSD ; 

SLÀBHRAIDH ÒIR A' CHREIDICH, 



AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NÈAMH, k. 



Le uilleam dyer, 

MiNISTEAR AN T-SOISGEIL. 



" Dhomhsa, a's lugha na'n tì a's lugha do na naomhaibh uile, thugadh 
an gràs so, saoibbreas do-rannsaichte Chriosd a shearmonaehadh 
am measg nan Cinneach." — Eph. iii. 8. 



DUNÈIDÈANN : 

CLO-BHUAILTE LE MACLACHLAINN AGUS STIUBHART. 
MDCCCLXXV 



6TEREOTYPE EDITION, 



DO T N LEUGHADAIR CHRIOSDAIL. 



A Leughadair Shuairc, 

Is e mi-shonas mòr ar linne, gu'm beil a' chuid a's m* 
do dhaoine ni's saothraich' orra fein mu'n ni sin a'< 
lugha bhuineas dhaibh. Amhairc a steach do'n t-saogha. 
a measg bhochd agus bheartach, àrd agus iosal, òg agus 
sean ; agus faic gu'm beil e soilleir leis an iomlan do chrìoch 
an caithe-beatha, gu'm beil iad a'suidheachadhan aignidhean 
air ni-eigin eile ni's mò no air Criosd agus air slàinte? Mar 
sin biodh aca ni-eigin do'n talamh 'nan làmhaibh, 's cha 
n-eil sùim aca air son ni sam bith do nèamh 'nan cridheach* 
aibh, ged nach urrainn òr an cridheachan a Jionadh, ni's 
mò na lionas feur an sporain. Tha chuid a's mò do dhaoine 
colta*ch ris a' mhnaoi amaidich sin, an uair a bha a taigh r a 
theine aig an robh a h-aire cho mòr air sàbhaladh a maoin, 
's gu'n d' fhàgi a leanabh ga chnàmh anns an lasair : fa dheir- 
eadh air dh'i cùimhneachadh air, dh' eigh i mach,— 
" O, mo leanabh, mo leanabh !" O ! cia lionmhor iadsan a 
tha tuiteam a chum sgrios, a mhàin air son beagain beartais ! 
Tha mòran ann a tha truagh a thaobh nithe saoghalta, & 
tha gu siorruidh sona : agus tha mòran ann a tha sonu 
thaobh nithe saoghalta, a bhitheas gu siorruidh truagh. 
O ! tha mòran diomhanais anns na h-uile òirdheircecjs 
saoghalta ; tha 'n talamh mòr 'n-ar dòchas-ne, ach beag 'n-ar 
hunhaibh, cha n-urrainn e tuigse dhaoine a shàsachadli, 
nach mòr is lugha is urrainn e anmannan dhaoine a shà^- 
achadh. 



V\ DO N LF.UGHADAIR CHRIOSDAIL. 

A chlann ghràdhach, a rèir nan talannan a f huair mi, 
rinn mi dichioll air an t-saibhreas, an ionmhuinneachd, 
an luachmhorachd, agus na nithe òirdheirc a ta ann an 
Criosd a chur au c&ll ; a chum an cridhe a tharruinn as a 
dheigh-san, agus a bhi tinn le gràdh air a shon-san: O ! is 
tobar beatha, soluis, gràidh, gràis, glòire, comhf hurtachd, 
aoibhneis, agus mathais Iosa Criosd, a ta ghnà làn agus a' 
lionadh, seadh, a' cur thairis. Bha Pòl cho mor air a lion- 
adh le Criosd is gu'n robh e gach àm 'na smuaintibh, a 
ghnà dlù d'a chridhe, agus air a theangaidh : Tha e ga 
ainmeachadh sea-deug na seachd-deug do dh'uairean ann an 
aon chaibidil. (I Cor. i.) O ! gu'm bitheadhar cridheachan 
agus ar smuaintean mar so cho iomairteach mu Chriosd, agus 
air an toirt suas do Criosd, agus do na h-ionmhasaibh gliocais 
agus eòlais a ta annsan. Cha n-e uaill dhaimhain an ùghdair 
o'n Jeth a muigh is crìoch do'n obair so, ach an leugha- 
dair a theagasg; ged' bhiodh an t-ùghdar suarach gidheadh 
tha na briathran sòlasach. Tha dòchas agam nach dean neach 
sam bith a leithid do choinnil ash&deadh as air thalamh ; agus 
gu'm faod iad fèin le a solus an t-slighe gu nèamh f haicinn. 
Na'm biodh Dia air toirt tuilleadh dheth fèin a steach 
dhomh-sa, bu chuidhe dhomh tuilleadh a thoirt a mach 
dhutsa ; ach cha n-eil Dia ag iarraidh an nì sin nach eil 
e toirt seachad. Ma dh'fhaodas gloir a bhi aig Dia, agus 
eòlas aig an eaglais leis na h-oibribh so agamsa, bithidh 
a' chrìoch mu'n do shaoithrich mi air a toirt gu buil. A nise 
gu'n tarruinn an deagh Tighearna do chridhe ni's mò agus 
ni's mò ann an gràdh air Criosd, neach a tha gu lèir ionmh- 
uinn, chum ann an ùine ghearr gu'm faod thu sonas neo- 
chrìochnach a mhealtainn na uchd-san: — Is e so an ùrnuigh 
a bitheas air do shon leis-an, is e, do shèirbhiseach ann an 
Crìosd, 

Baile Lunnainn, > UILLEAM DYER. 

Bliadhna, loò5. > 



AN CLAR-INNSEADH. 



Taobh- 



I. Miann nan uile Chinneach, 
II. Rìgh nan Rìgh, . 

III. Rìgh nan Rìgh, 

IV. Rìghnan Rìgh, 
V. An Dia cumhachdach, 

VI. An t-Athair Siorruidh, 

VII. Prionnsa na Sìthe, 
VIII. An t-Aon Taghta Luachmhor, 
IX. An t-Iongantach, 
X. Slàbhraidh òir a' Chreidich, 
XI. An t-Slighe Chumhann do Nèamh, 

XII. Leantainn an Uain. 



dhuilleag 
I 

17 

41 

50 

70 

91 

104 

121 

150 

175 

237 

274 



AINMEANNAN CLIUITEACH CHRIOSD. 



MIANN NAN UILE CHINNEACH. 

" Tha e gu lèir ionmhuinn" — Dàn. v. 16. 

A mach às an Leòghan de threubh Iudaih, tha 
mil a' teachd is fearr agus is millse, na à leòghan 
Shamsoin ; 'se sin a' mhil a's millse a tha sinn a 
deothal à sgeap Chriosd : oir cha n-eil gnùis neach 
air bith cho sgiamhach ann an siìilean naoimh, ri 
gnùis Chriosd: agus cha n-eil guth neach air bith 
cho taitneach ann an cluasan naoimh, ri guth 
Chriosd. O Chriosdaidh! tha ? n Dia d'am beil thu 
deanamh seirbhis cho oirdheirc, is nach urrainn 
math sam bith a bhi air a chur ris : agus cho neo- 
chriochnach, is nach urrainn math sam bith a bhi 
air a lùghdachadh annsan. Tha e deanamh 
muinntir sona, agus cha n-eil e fèin na's neo-sona ; 
le sin a dheanamh, nochdaidh e tròcair do'n iomlan, 
agus fathasd tha e mairsinn làn de thròcair. O 
thigibh ! ithibh agus olaibh gu pailt ! O mhuinntir 
ionmhuinn, cha n-eil eagal do neo-mheasarrachd 
an so, ge'd a tha braon de Chriosd m-ilis, gidheadh 
mar is doimhne is ann is millse. 

Am fion a tha Criosd a ? tarrainn, is e fion a's 
fearr a dh'òlas Criosdaidh : tha leabhar Dhàn 
Sholaimh gu h-iomlan a' dearsadh le nithibh cliùit- 
each Iosa Criosd : is e sùim teagaisg an leabhair 

B 



V MIANN NAN UILE CHINNEACH, 

so, foillseacbadh mu'n chommun comonachaidh de 
ghràdh agus de thairisneachd a th' eadar Chriosd 
agus eaglais : ciod am furan spioradail a ta air a 
thoirt air gach taobh, maille risan toileachas mhilis 
a th' aca ann am maise aon a chèile ; an so faod- 
aidh sibh Criosd fhaicinn a ? toirt geallannan milis 
dh'i, ga sgeudachadh le iomadh nithe oirdheirc, a 
comhpairteachadh a ghràidh, agus a' cliùthachadh 
nan gràsan aice-se ; an so faodaidh sibh mar an 
ceudna an eaglais f haicinn eadhon air a h-eigneach- 
adh le smuainteachadh agus beachdachadh 
mu gliràdh agus maise Criosd ; tha mhaise a' 
glacadh, tha a ghràdh aoibhneach, tha a ghuth 
taitneach, tha a mhathas a' tarrainn, tha a nithe 
foillsichte-san a' tàladh ; 's esan am Mac gràdhach, 
agus Mac a ghràidh ; cha ni air bith e ach gràdh 
dhaibhsan a tha 'nan luchd-gràidh aige-san. 

Ach cha'n fhurain mi sibh na's faide le sprùil- 
each aig an dorus, ach ar giùlan chum a' chaibidil 
às am beil mo cheann-teagaisg air a thoirt, agus 
mar sin ar treòrachadh chum na ciste far aro beil 
an seud 'na laidhe. 

A Bhràithrean agus a mhuinntir ionmhuinn, tha 
sgeula glòrmhor agaibh mu Chriosd anns a' chaibidil 
so, agus sin o'n deickeamh rann gu ruig an se-amh 
rann deug far am beil a chèile a' cur an cèill an 
saibhreas, an onoir, an t-òirdheirceas, a' mhaise, a' 
mhòralachd, a' ghlòir, luachmhorachd, agus ion- 
mhuinneachd Iosa Criosd. r * Tha e geal agus 
dearg, sònraichte am measg dheich mìle. Tha a 
cheann naar an t-òr a's gloine, a chiabhan bachlàg- 
ach, dubh mar am fitheach. Tha a shùilean mar 
shùilean chalamain làimh ri sruthaibh uisgeachan, a 
nigheas iad fèin ann am bainne, air an suidheach- 



MIANN NAN UILE CHINNEACH. ò 

adh gu ceart. Tha a ghruaidhean mar leabaidh 
spìosraidh, mar bhlathaibh cùbhraidh : a bhilean 
mar lilidhibh, a' sileadh mirr ruithtich. Tha a 
làmhan mar f hainnibh oir suidhichte le berilibh ; a 
chom mar f hiacail elephaint liobhta, air a cur thairis 
le saphiribh. Tha a chasan mar phuist marmoir, 
suidhichte air bonnaibh de'n òr a's gloine, 'eugas 
mar Lebanon, barraichte mar na seudair." Agus 
mar so tha i cumail a mach fear a gràidh, agus fa- 
dheireadh a trusadh suas na h-uile leis an labhairt 
oirdheirc so, " Tha e gu lèir ionmhuinn." 

Is ciste naomh' an ceann-teagaisg so, a tha filleadh 
a steach ann, 

Anns a cheud àite, An seud Criosd, anns an 
fhacal so, « E." 

Anns an dara h-àite, Luach an t-Seud, " Gu lèir 
ionmhuinn." 

An tabhairt fainear an teagaisg, is e so, Gu'm 
beil Iosa Criosd neo-chrìochnach agus ro-ghràdh- 
ach. 'S e-san an cuspair ro iongantach agus tait- 
neach. Tha fior ainm Iosa mar ola luachmhoir air 
a taomadh a mach. Tha e air a ràdh, gu'n robh 
litrichean ainme-san air am faotainn gearrta air 
cridhe Ignatiuis. Tha Iosa Criosd ann an cridhe 
gach creideich, agus cha n-urra'mn ni sam bith 
deanamh na's fearr an sin ; oir " tha e gu lèir 
ionmhuinn." Gu'm beil Iosa Criosd mar so thar 
tomhas gràdhach, bithidh e air fhoillseachadh ann 
an ceithir dòighean. 

Anns a cheud àite, Le ainmeannan. 

Anns an dara h-àite. Le sàmhlachan. 

Anns an treas àite, Le cosamhlachan. 

Anns a? ceathramh àite, Le làn dearbhaidhean. 

Labhraidh mi a mhàin mu*n cheud aon dhiù sin, 



4 MIANN NAN UILE CHINNEACH. 

Tha seachd ainmeannan cliùiteach agus ionmhuinn 
aig ar Tighearn Iosa, a tha 'nan uirread de sheudan 
a' chrùin. 

Anns oì cheud àite, Miann nan uile Chinneach. 
Hagai ii. 7- 

Anns an dara h-àite, Rìgh nan rìgh. Tais. xix. 
16. 

Anns antreas àite^ An Dia Cumhachdach. Isaiah 
ix. 6. 

Anns d cheathramh àite^ An t-Athair Siorruidh. 
Isaiah ix. 6. 

Anns d chùigeamh àite, Prionnsa na Sìthe. 
Isaiah ix. 6. 

Anns an t-seathamh àite, An Taghta Luachmhor. 
1 Phead. ii. 6. 

Anns an seachdamh àite, Iongantach. Isaiah ix. 6. 

Toisicheamaid leis a' cheud aon de na h-ainme- 
annan cliùiteach sin, se sin ri ràdh. " Miann nan 
uile Chinneach." 

Tha 'n t ainm so agaibh anns an dara caibidil de 
Hagai agus an seachdamh rann : u Agus thig Miann 
nan uile chinneach." Ach their s'ibhse, Cia mar is 
e Criosd miann nan uile chinneach ? Nach eil na 
h-uile chinneach ga fhuathachadh, agus ag radh, 
Cha n-àillleinne an duine so bhi riaghladhtharainn ? 
" C' arson a dh' èirich rìghrean na talmhuinn, agus 
a ghabh na h-uachdarain comhairle le chèile, an 
aghaidh an Tignearna, agus an aghaidh Aoin ungta 
san," (Sàlm ii. 2.) Tha rìghrean na talmhuinn fo 
gneilt, air eagal gu'n cuireadh uachdaranachd 
Chriosd iadsan o bhi 'nan rìghrean, thanah-uachd- 
arain eudmhor, air eagal gu'n dean e iadsan a chur 
sios o'n ionadaibh arda ; tha eadhon luchd an ath- 
leasachaidh, a chuir na h-uile ni an cunnart gu 



MIANN NAN UILE CHINNEACH. Ò 

chuir suas, eudmhor air eagal gu'n dean e ionnsaidh 
a thoirt air an cumhachd agus an sochairean-san : 
tha eagal air rìghrean roimhe, agus cha n-eil iad a' 
smuainteachadh a bhi annta fèin ach leth righrean, 
far an dean Criosd a chumhachd agus òrdugh a 
chur air chois : tha luchd-lagha fo gheilt roimhe, air 
eagal gu'n tugadh e air falbh am buannachd, agus 
gu'n deanadh reachdan Chriosd èirigh os-ceann 
reachdan na tìre : tha ? n sluagh fo gheilt roimhe 
air eagal gu'n deanadh e iadsan a chomh-èigneach- 
adh gu ùmhlachd do'n lagh agus do'n dòigh a tha 'n 
anmaibh a' fuathachadh. O, cia cho f hada sa rinn 
an saoghal ceannairc an aghaidh Iosa Criosd, agus 
uachdaranachd-san ! 

Ach innsibh dhomhsa, An do bhuannaich an 
sluagh ni air bith le bhi 'cur an aghaidh Chriosd, 
a shoisgeui agus uachdaranachd ; le shèirbhisich 
fhftathachadh, agus le bhi deanamh tarcuis air a 
shligheachan naomha? nam beil e toirt air a chrùn 
fuireach na's daingnichte air cinn nan rìgh? Fàg- 
aidh mi sibhse gu breth a thoirt air a' so. 

Ach, a mhuinntir ionmhuin, air son so uile, is e 
Tosa Criosd " Miann nan uile chinneach." 

Agus sin feuchaidh mi dhuibh ann an cùig nithe 
sònraichte. 

Ged nach eil Iosa Criosd air iarraidh ann an 
gnìomh leis na h-uile cinneach, gidheadh tha e air 
ainmeachadh gu ceart, "Miann nan uile chinneach." 

Air tùs, Do bhrì gu'm beil e ro ion-mhiannaichte 
ann fèin, agus tha na h-uile ni a ta ion- mhiannaicht 
annsan. 

Tha mais' ann an Criosd, tha fìalachd ann an 
Criosd, tha saibhreas agus urram ann an Criosd 
(jnà. viii 18. 



b MIANN NAN UILE CHINNEACH. 

Is e Iosa Criosd an t-ionmhas air fhalach anns 
an t-soisgeul, an nèamhnaid ro luachmhor: 's esan 
a' ghrian ann an speuran an sgriobtuir, ni is e beatha 
mhaireannach eòlas fhaotainn air: Is tobar e làn 
de dh'uisge na beatha, sgeap de mhillseachd, stòr de 
shaibhreas, abhainn de shòlasaibh, anns am faod 
sibhar n anmaibh ionnladtreuilebhith-bhuantachd. 

O ! is lànachd agus is millseachd esan. " An 
neach a's sònraichte am measg dheich mile," — " Is 
luachmhoire e na seudan, agus cha n-eil gach ni 
a's urrainn thu mhiannachadh r'an coimhmeas 
risan," (Dan.v. 10. Gna. iii. 15. ) 

Mo thruaidhe ! ciod iad uile chrùintean agus 
rìoghachdan an t-saoghaiì, uile righ-chathraichean 
agus slatan-suaicheantais rìghrean ri Criosd ! tha 
mi 'g radh, ciod e ionmhasan na h-airde n-ear, òr 
na h-airde 'n iar, spiosraidh na h-airde deas, agus 
neamhnaidean na h-airde tuath làimh ris-an? 
Cha n-eil iad sin, na ni air bith a bhreithnicheas tu, 
ri bhi air an coimhmeas ris an t-SIànaighear bheann- 
aichte! A mhuinntir ionmhuinn, tha nithe glòrmhor 
agus nithe ro-ordheirc Chriosd dol thar na h-uile 
ni eile. Mar tha na h-uile uisgeachan a' coinn- 
eachadh sa'n f hairge, agus mar tha na h-uile solus 
a' coinneachadh sa' ghrèin ; mar sin tha na h-uile 
iomlanachd agus nithe ro-oirdheirc nan uile naomh 
agus aingeal a' coinneachadh ann an Criosd. Ni 
h-eadh, mo chàirdean cha n-e 'mhàin gu'm beil 
naomhachd nan aingeaì aig Criosd, ionmhuinneachd 
nan naomh, agus ionmhas nèimh, ach iomlanachd 
na Diadhachd, tha saibhreas na Diadhachd annsan, 
" Oir b'e deagh thoil an Athar, gu'n còrnhnaich- 
eadh gach uile iomlanachd annsan," (Colos. i. 19.) 
iomlanachd de ghràs, iomlanachd de dh' eòlas, iom- 



MIANN NAN UILE CHINNEACH. 7 

lanachd de ghràdh, iomlanachd de glòir. Tha e 
ionmhuinn do'n Athairionmhuinn donah-ainglean, 
ionmhuinn do na naoimh, ionmhuinn do'n anam. 
Agus uime sin is math a dh' f haodas e bhi air ainm- 
eachadh na " Mhiann nan uile chinneach,' , oir tha 
na h-uile nithe ion-mhiannaicht' annsan. 

Anns an dara h-àite. Tha Iosa Criosd air aghairm 
na " Mhiann nan uile Chinneach, a chionn gu'm 
beil a mhiann-sanan deigh nan uile chinneach, ged 
nach eil feum air bith aige orrasan ; tha mìltean de 
dh' ainglean aige fa chomhair, agus deich mìle a' 
frithealadh dhasangachlatha: gidheadh tha e giùlan 
a leithid sin de ghràdh neo-chrìochnach do chlann 
daoine anns nach eil ionmhuinneachd san bith, 
ionnas gu'm beil e fèin a' gràdh, " Tha mo thlachd 
maille ri cloinn nan daoine." (Gnà. viii. 31.) Gu'm 
beil miann laidir aig ar Tighearna Iosa an deigh 
nan cinneach, bithidh e air fhoillseachadh le trì 
nithibh. 

1. Leis na rinn e mu'n tainig e chum an 
t-saoghail. 

2. Leis na rinn e 'nuair a bha e anns an 
t-saoghah 

3. Leis na tha e deanamh a nis' an uair a tha e 
mach às an t-saoghal. 

Air tùs, Bha miann mhòr aig ar Tighearn Iosa 
an deigh nan cinneach bochda mu'n tàinig e chum 
an t-saoghail, air neo cha n-fhàgadh e chrùn riamh, 
a chùirt rìoghail, uchd Athar; a chnlaidhean 
glòrmhor, gu tighinn a chum an t-saoghail so gu 
smugaidean a bhi air an tilgeil air le daoine, agus gu 
bhi air a mhort le daoine ; ni-headh, cha n-e mhàin 
gu'n d'rinneadh e na aobhar gàire do dhaoine, ach 



H MIANN NAN UILE CHINNEACH. 

'na bhall-amhairc do dh' ainglean. A nis, a mhuinn- 
tir ionmhuinn, nach eil sibh a' smuainteachadh gu'n 
robh miann mòr aig Iosa Criosd an deigh math nan 
cinneach, gu'm fàgadh e a ghlòir uile, agus a 
mhòralachd, agus inbhe, agus a shaibhreas, gu tighinn 
a chum an t-saoghail so, gu bhi bochd, gu bhi 
acrach, gu bhi air a bhuaireadh, gu bhi air a bhrath, 
gu bhi air a reic ? 

Ach faodaidh e bhith gum abair sibh, gur beag 
a smuaintich Criosd gu'n doirteadh muinntir a 
dhùthcha fèin fhuil, agus gu'n deanadh aon de 
a theaghlach fèin a bhrath. 

C'uime, a mhuinntir ionmhuinn, am beil sibh a 
smuainteachadh nach robh fìos aig air ? seadh, bha 
fhios aige mu'n tàinig e dh'ionnsaidh an t-saogh~ 
ail mar a bhitheadh e air a ghnàthachadh anns 
an t-saoghal, gu'n deanadh na h-Iudhaich a cheus- 
adh, agus gu'm brathadh Iudas e. Eoin vi. 64. 

" B'aithne dha o thùs cò iad nach robh a' creid- 
sinn, agus cò an tì a bhrathadh e." B'aithne do 
Chriosd mu'n tàinig e o' nèamh, ciod an gnàthach- 
adh mi-shuairc' a gheibheadh e air talamh. A nis' 
a mhuinntir ionmhuinn, cuiribh so uile cuideachd, 
agus innsibh dhomhsa, nach robh iarrtas mòr aig 
Criosd n'ar deigh-ne, mu'n tàinig e da'rn-ionnsaidh, 
gu'n cuireadh e dheth a chrùn fèin chum sinne 
chrùnadh; agus a chulaidhean a chuir dheth, chum 
na luideagan againne a chuir air ; agus teachd a 
mach à nèamh, chum sinne a chumail a mach à 
it'rinn ? Thraisg e dà fhichead latha, chum gu'm 
beathaicheadh e sinne tre uile bhith-bhuantachd! 
Thainig e o nèamh chum na talmhuinn, chum gu'n 
togadh e sinne bho 'n talamh gu nèamh. 



MIANN NAN UILE CHINNEACH. V 

Rinneadh Mac Dhè na Mhacdodhuine ; chum's 
gu'm faodadh suine, mic dhaoine a bhi air ar 
dean-amh n-ar mic do Dhia, agus so uile rinn e 
chum na cinnich a shàbhaladh. 

'S an dara h-àite, Bha miann ciocrach aig an deigh 
nan cinneach an uair a bha e anns an t-saoghal. 

O! Dhùirigeadh Criosd na cinnich a shàbhaladh, 
agus an leigheas, agus an soillseachadh : air an 
aobhar sin tha e cuir abstolaibh uaidhe, (Mata 
xxviii. 19,) agus ag iarraidh orra, "Imichibse agus 
deanaibh deisciobuil de gach uile chinneach:" bha'n 
sluagh 'na shùilibh, agus air a' chridhe ; agus 
mar sin am, (Mata xxii.) Tha Criosd a cur a mach 
a shèirbheisich aon uair, dà uair, trì uairean, mar 
nach b'àill leis diùltadh a ghabhail, ach cha b'àill 
leosan teachd. Ni h-eadh, a mhuiimtir ionmhuinn, 
cha'n e mhàin gu'n do chuir ar Tighearn Iosa 
Criosd dream eile chum anmaibh bochda, ga'n 
iarraidh, a ghuidhe orra gu dùrachdach iad a 
theachd a' staigh, iad adheanamh aithreachais, iad 
a chreidsinn 'nan Slànaighear^chum'sgu'm bitheadh 
an anamaibh air an sàbhaladh : ach chaidh e fèin 
agus dh'iarr e orra : ni h-eadh, cha n-e sin uile, 
mhuinntir ionmhuinn, ghlaodh e riu, agus thubhairt 
e. " Ma tha tart air neach sam bith, thigeadh e 
m'ionnsaidhse agus òladh e.'' Eoin vii. 37. 

O ! cia cho dùrachdach sa bha Iosa Criosd ri 
anmaibh bochda chum tighinn ga ionnsaidh-san. 
" Thigibh am' ionnsaidhse sibhse uile a ta ri saoth- 
air, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimh- 
neas dhuibh." (Mata xi. 28.) Mar sin, « Gabh a 
mach gus na rathaidibh mòra agus na garachaibh, 
agus coimh-eignich iad gu teachd a steach, chum's 
gu'm bi mo thaigh air ^110»^^^." 



ÌO MIANN NAN UILE CHINNEACH. 

x4lm beil sibh a' faicinn so, a Chriosdaidhean, na 
miannaibh laidir a bh' aig Criosd a deigh nan cinn- 
each, agus anmaibh dhaoine, chum's gun deanadh 
e iad gu siorruidh sona 'nuair a bha e san t-saogh- 
al ; agus tha 'm miann ceudna aige fathast. Cia 
minig a b'àiil le Iosa Criosd nah-Iudbaich ashlàn- 
achadh, an cinneach bochd sin, mar a tha e fèin a' 
labbairt " Cia minig a b'àill leam do chlann a 
chruinneachadh r'a chèile mar a chruinnicheas 
cearc a h-eoin fo sgiathaibh, agus cha b'àill 
leibh !" (Mata xxiii. 37) Ni h eadh, an uair a rinn e 
so uile, cha n-eil e ga'n trèigsinn, ach a' gul os an 
ceann, bha shùilean fliuch, a chionn gu'n robh an 
sùilean-san tioram. Mar sin tha so soilleir o'n a 
rinn Criosd an uair a bha e 'san t-saoghal gun do 
mhiannaich e gu mòr slànachadh agus iompachadh 
nan cinneach. 

Anns a cheud àite, Ann a ghiùlan leo. 

Anns an dara h-àite, Ann a thairgse dhaibh. 

Anns an treas àite, Tha miann mòr aige an deigh 
nan cinneach, a' nise tha e mach às an t-saoghalj 
ged' a tha e air dol do nèamh, agus air dol a steach 
do ghl(Mr, agus an sin 'na shuidhe aigdeas làmh an 
Athar ; fathast, tha mi 'g ràdh, tha gheall air 
anmaibh bochda cho mòr sa bha e riamh. Bithidh 
so air fhoillseachadh le dà ni : 

Air tùs, 'Na ghiùlan leo agus f had-fhulangas. 

O ! cia cho f hada sa ghiulain Criosd leis na cinn- 
ich pheacach, agus fathast tha e giùlan leo do ghnà, 
ged' a bhrist iad a reachdan, agus a rinn iad dìmeas 
air a shoisgeul, agus a rinn iad tàir air òrduighean, 
agus a dhoirt iad fuil a naomhaibh, a chuir iad doil- 
ghios air a Spiorad, agus a mhi ghnàthaich iad a 
thròcairean : so agus tuilleadh mòr rinn iad, agus 



MIANN NAN UILF CHINNEACH. ] 1 

fathast chaomhain e iad, a cbum gu'n nochdadh e 
deagh-ghean dhaibh, " Agus air an aobhar so 
feithidh an Tighearn, chum gu'n nochd e deagh- 
ghean duibh ; agus air an aobhar so ardaichear 
e, chum gu'n nochd e tròcair dhuibh." Isa-iah 
xxx. 18. 

A nis', a mhuinntir ionmhuinn, am beil si.bh a 
smaointeachadh gu'n gabhadh Iosa Criosd na h-uile 
m dhiù so de làmhan nan cinneach, mar be gu'm 
beil esan neo-tboileach an sgrios agus ro thoileach 
chum an sàbhaladh. 

'San dara h àite, Thaghràdh air fhoillseachadh, 
cha n-e mhàin le a ghiulan leo, ach le thairgse 
fèin daibh : 

O mhuinntir ionmhuinn, cia mar tha Dia a seas- 
amh latha an deigh latha, mìos an deigh mìos, agus 
bliadhna an deigh bliadhna ; ga thàirgse fèin daibh, 
a Mhao, a thròcair, a ghràs, agus a ghlòir, do 
dh'anmaibh bochda? 

Tha mòran aig arn beil ùine an aithreachais, aig 
nach eil gràs an aithreachais. 

A nise, mo bhràithrean, leis na nithithsin faodaidh 
sibh fhaicinn gu'm beil miann mòr aig Iosa Criosd 
an deigh nan cinneach. 

'S an treas àite, Thalosa Criosd air ainmeachadh 
na " mhiann nan uiie chinneach/ , do bhrì gur esan a 
mhàin as urrainn neach air bith, teaghlach, na cinn- 
each, fhàgail fior ion-mhiannaichte. 

Och a mhuinntir ionmhuinn, ciod an t-aobhar 
mu'm beil Tighearna nan sluagh a raoghnachadh a 
phobuill fèin roimh chlann nan daoine uile? Tha 'n 
Tighearna a' raoghnachadh fhuigheal beag fèin 
roimh 'n t-saoghal uile. 4t Bithidh sibh dhomhsa 
'nur' n-ionmhas sònraichte so ceann nan uile 



12 MIANN NAN UILE CHINNEACH. 

shluagh," (Ecod. xix. 5.) ." Is fearr am f ìrean na 
'choimhearsnach." (Gnà. xii. 26.) Ge'd bhodh a 
choimhearsnach 'na phrionnsa,'na rìgh/na iompaire, 
na 'na phàpa, gidheadh, ma bhios esan na's fìreanta, 
tha e na's fearr na esan ; cha n-eil iad ach suarach 
air am breith. 'S iad creidich na fiùbhaidhean 
sin, air nach b'airidh an saoghal. (Eabh.xi.38.) " Is 
ginealach taghta sibhse, sagartachd rìoghail, cinn- 
each naomha, sluagh sònraichte." (1 Phead. ii. 9.) 
Chan e mhàin gu'm beil creidich 'nan Criosdaidhean 
dìcheallach, ach ? nan Chriosdaidhean òirdheirc. 

A nise, ciod e'n t-aobhar, a mhuinntir ionmhuinn, 
gu'm beil na naoimh mar so òirdheirc os-ceann na 
h-uile seòrs' eile? An ann air son am breith, an 
oilein, na'm fòghluim, na'n saibhreas, na'm mòral- 
achd, na'n urram? Cha n-ann, cha n-ann, cha n-ann 
air son aon dhiù sin : ach na'm b'àill leibh fios an 
aobhair fhaotainn, is e so, do bhrì gu'm beil Criosd 
air a dhealbh annta, agus pòsda riu; tha 'n t-ainm 
nuadh aca, an nàdur nuadh, an cridhe nuadh, 
an spiorad nuadh. O, is e so an t-aobhar, 
na'm bitheadh ni sam bith a bharr air Criosd adhean- 
adh cinneach air bith, na teaghlach, na pearsa fior 
ion-mhiannaichtejb'èigingu'mbe'n dara cuid breith, 
na mòralachd, na fòghlum, beartas, na maise, na 
gliocas, na neart, a nise cha dean iad sin uile neach 
air bith ion-mhiannaichte, oir n'an deanadh, an sin 
b'iad an dream sin a tha 'nan suidhe, airlha cath- 
raichean rìoghail daoine bu ro ion-mhiannaichte a 
bhiodh fo nèamh, a chionn gu'mbeilam barrachdaca 
dhiù sin. Ach air son so faicibh Daniel iv. VJ. 
" Agus a' cur suas os an ceann an tì a's suaraiche 
do dhaoine.' , (Tais. xviii. 15.) " Na h-uisg- 
eachan a chunnaic thu, far am beil an strìopach 'na 
suidhe, is slòigh, agus coimhthionail, agus cinnich 



MIANN NAN UILE CHINNEACH. 13 

agus teangannan iad >" ionnas mar sin nach urrainn 
aon dhiù sin a dheanamh, ach Criosd a mhàin. 
(Tais. v. 10.) " Agus gu'n d'rinn thu rìghrean 
dhinn agus sagartan d'ar Dia agus rìoghaichidh sinn 
air an talamh." 

O ! rinn Criosd gach creideach 'na rìgh, is e 
maise Chriosd a ni sinne sgiamhach ; is e shaibhreas- 
san a ni sinne saibhir; is e fhìreantachd- san a ni 
sinne fìreanta ; is esan a mhàin a ni sinne fior 
nrramach agus ion-mhiannaichte. Is math a dh' 
f haodas Criosd a bhi air a ghairm na '" Mhiann nan 
uile Chinneach ;" is esan a's urrainn cinneach a 
dheanamh ion-mhiannaichte. 

Aìins d cheathramh àite. Tha Iosa Criosd air a 
ghairm " Na Mhiann nan uile Cinneach," a chionn 
gu'm beil na h-uile cinneach feumach air-san : Ni 
h-eadh, cha n-e mhàin na huile cinneach, ach na 
h uile pearsa, sean agus òg, bochd agus beartach, 
ard agus iosal. An tì leis an àill a bhi air a shàbh- 
aìadh, is èigin dha Slànaighear a bhi aige gu shàbh - 
aladh, air neo cha n-urrainn e gu bràth a bhi air a 
shàbhaladh. Tha ? n t-Abstol a'g ràdh, " Cha n-eil 
slàinte ann an neach air bith eile : oir cha n-eil 
ainm air bith eile fo nèamh air a thoirt am measg 
dhaoine, tre'm fàod sinn a bhi air ar slà*nachadh." 
(Gnìomh. iv 12.) Agus tha Criosd ag radh. " Is 
mise an t-slighe, agus an fhìrinn, agus a' bheatha ; 
cha tig aon neach chum an Athar ach tromham-sa :'' 
(Eoin. xiv. 6.) Mar sin ionnas nach e mhàin na 
huile cinneach, ach tha na h-uile pearsa feumach 
air-san. 

Faodaidh sibh dol do nèamh a's eugmhais slàinte, 
a's eugmhaisbeartais a's eugmhaisurraim^a'seugmh- 
ais toilinntinn, a's eugmhais càirdean, a's eugmhais 
c 



14 MIANN NAN UILE CHINNEACH. 

fòghluim: ach cha'n-urrainn sibh dol do nèamh gu 
bràth a's eugmhais Chriosd. 

Ciod a ni sibh, ma thoisicheas sibh air faighinn 
a' bhàis gu nàdurra, mu'n tòisich sibh air tighinn beò 
gu spioradail? 

Ma bhitheas pàilliunn nàduir air a thoirt a 
nuas, mum bi teampull Dhè* air a thogail suas : 
ma bhitheas bhur pàrras air a' chur fàs mu'n 
tèid craobh na beatha a shuidheachadh ann ; ma 
bheir sibh suas an deò, mu'n tòsich sibh air f haot- 
ainn an Spioraid Naoimhe ; ma bhitheas grian bhur 
beatha air dol fodha an taobh a staigh dhibh, mu'n 
dealraich Grianna Fìreantachd òirbh ,: ma bhitheas 
an corp deas gu bhi air a philleadh chum na talmh- 
uinn, rau'm bi 'n t-anam rèidh gu bhi air a thoirt do 
nèamh : mar eil àit' aig an ath-bhreith annaibh, 
bithidh cumhachd aig an dara bàs thairis oirbh. 

Ged nach eil feum aig na cinnich air ni air bith 
na's mò na Criosd, cha n eil iad a' cur suarach ni 
air bith nds mò na Criosd. Innsibh dhomh cia mar 
a thig sibh beò an uair a bhàsaicheas sibh, a tha 
marbh am feadh a tha sibh beò? 

O, mhuinntir ionmhuinn, nach brònach an ni gu'n 
cuireadh na cinnich an aghaidh Chriosd,, a shoisgeul 
agus uachdaranachd mar tha iad a' deanamh ? 

Gu deimhin, na'm faodadh daoine, a bhi na'm 
breitheamhnan dhaibh fèin an sin cha robh nàimh- 
dean idir aig Criosd, sinn a chàirdean uile. Na'm 
faodadh na h-Iudhaich mar sin a bhi nam breith- 
eamhnan dhaibh fèin, cha b'e Mac Dhè a cheus 
iadsan idir, ach nàmhaid do Chesar. Cha b'e Pòl 
an naomh air an d'rinn iadsan geur-leanmhuinn idir, 
ach neach a fhuair iad 'na phlàigh : their cuid de 
dhaoine a nise, nach eil iadsan a' deanamh geur- 



MIANN NAN UILE CHINNEACH. 15 

leanmhuinn air naoimh Dhè\ ach daoine cuthaich 
ceannairceach : ach bheir Dia ann an ùine ghearr 
brat-falaich na cealgaireachd bharr an aghaidhean. 

O ! deanaibh bròn air an sonsan, nach urrainn 
bròn a dheanamh air an son fèin, 

Agus mar so tha sibh a' faicinn gu'm beil na h-uile 
cinneach feumach air Criosd, neach is e miann 
nan uile Cinneach. 

Anns d chùigeamk àite. Tha ar Tighearn Iosa 
air a ghairm na " Mhiann nan uile Chinneach," do 
bhrì 'nuair a chuireas se e-fèin suas ann an neach air 
bith mar am miann an sin ruithidh iad às a dheigh, 
agus cha mheas iad ni sam bith tuilleadh a's luach- 
mhor air a shonsan : mar sin bha eaglais Dhè, 
" Tha miann ar n-anma air t'ainm; le m' anam 
mhiannaich mi thu 's an òidhche; seadh, le mo 
spiorad an taobh a staigh dh'iarr mi thu sa' mhad- 
ainn." Isaiah. xxvi. 8, 9. 

O ! 'nuair a chuireas " Miann nan uile Chinn- 
each" e fèin suas aon uair anns an anam, an sin 
tha e air a dheanamh na mhiann do'n anam. 

An uair a tha e mar so air a dheanamh fèin 
gràdhach do'n anmaibh, cha mheas iad ni sam 
bith tuilleadh a's luachmhor air a shonsan, bithidh 
na h-uile ni aig aithne ; an òr, an airgead, an neart, 
an anmaibh. " Cha do ghràdhaich, iad an anama 
fèin gu bàs." (Tais. xii. 11.) Ionnas mar sin, 
a mhuinntir ionmhuinn, bitheadh daoine na'n nàimh- 
deando dh'IosaCriosd,gidheadh cho luath sa chuir- 
eas se e fèin suas 'nan cridheachan, gràdhaichidh 
iad e, aidichidh iad e, ni iad sèirbheis dha, agus 
fuiligidh iad air a shon. 

A nise a chàirdean, cuiribh iad sin uile cuid- 



16 MIANN NAN UILE CHINNEACH. 

eachd, agus lan dearbhaidh e Criosd a bhi 'na 
" mhiann nan nile Cinneach." 

Cha dean mi ach feum goirid dheth, agus mar 
sin ni mi comh-dhunadh. Am beil a' chùis mar sin, 
gur e ar Tighearn Iosa Criosd, " Miann nan uile 
Chinneach" agus gu'm beil na h-uile ni ion-mhiann- 
aichte annsan ! O an sin ! leigibh leam iarraidh 
oirbh, leigibh leam a ghuidhe oirbh! air sgàth an 
Tighearn, agus air sgàth bhur n-anmaibh, deanaibh 
Iosa Criosd na mhiann do'r n-anmaibh. 

'S esan miann nan uile chinneach, agus nach e 
bhios na mhiann do bhur n-anmaibh-sa ? cò 
ghràdhaicheas sibh, mar e Rìgh nan naomh ? cò air 
son a bhios fadal oirbh, mar ann air son Miann 
nan uile Chinneach f cò is àill leibh a mheas 
luachmhor mare Prionnsa na SUhe? 'S-e-san Mac 
Dhè, an dara pearsa anns an Trionaid ghlòrmhoir, 
fa chomhair tha ainglean agus ard-ainglean, agus 
uile fheachd nèamh a' cromadh sìos. 'S esan glòir 
nan nithe glòrmhor, crùn nan crùn, nèamh nan 
nèamh } tha e 'na sholus ann an dòrchadas, 'na 
aoibhneas ann an dubhachas, 'na bheartas ann am 
bochdainn, 'na bheatha ann am bàs : is esan a's 
urrainn bhur n-uile amharsan a chur air falbh, bhur 
deanadh tearainteann an cunnart,bhur n-anmaibh a 
shàbhaladh, agus bhur toirt gu glòir, far am beil na 
h-uile sòlasan air am mealtainn. O air an aobhar 
sin, leigibh le uile ghlòir bhur glòire 'bhi chum gach 
uile ghlòir, agus sibh fèin a thoirt dhàsan. 



• 17 
RÌGH NAN RÌGH. 

" Tha e gu lèir io?imhuinn 9, —T>ìiYì. v. 16. 

An Teagasg. — Giim bheil Iosa Criosd 
neo-chrìochnach agus ro ghràdhach. 

Tha mi nis' a dol air m'aghaidh chum an dara 
ainm, a th' air a thoirt do'n Tighearn Iosa Criosd, 
agus se sin, Rìgh nan rìgh. Mhiannaich Augustine 
gu'm faiceadh e trì nithe mu'n d'f huair e bàs, A 
cheud nij An Ròimh 'na glòir agus 'na fior-ghlaine. 
An dara ni t Pòl a' searmonachadh anns a' chrann- 
aig, Antreas ni } Criosd anns an fheòil air thalamh. 
— Ghabh Cato, an cinneach, aithreachas do thrì 
nithe, A' cheud ni, Gu'n do chaith e latha riamh 
diomhanach. An dara ni, Gu'n d'f hoillsich e a rùin- 
tean diamhair riamh do bhoireannach. An treas ni, 
Gu'n deach e riamh air uisge, 'nuair a dh'fhaodadh 
e coiseachd air tft\ — Thug Thales buidheachas air 
son trì nithibh, A cheud ni, Gu'n robh e air a sgeud- 
achadh le reuson, agus nach robh e 'na bhrùid. An 
dara ni, Gu'n robh e 'na dhuine, agus nach b'ann 'na 
mhnaoi. An treas ni, Gu'm b'u Ghreugach e, agus 
nach bu duine borb. — Agus tha Mise, mise bochd, 
a' miannachadh trìnithefhaicinn mu'mfaigh mibàs, 
A cheud ni, Lèir-sgrios Bhabiloin. An dara ni, 
Rìoghachadh Chriosd. An treas ni, Ceangal Shàt- 
ain. — Mhionnaich an taingeal air-san a tha beò gu 
saoghal nan saoghal, (i Nach bi aimsir ann ni's mò," 



(8 RIGH NAN RIGH. 

(Tais. x. 6.) — Cò nach creid a mhionnan naomh'? — 
an tubhairt se e? — Ni h-eadh, mhionnaich se e; 
cia mar ? air fèin ? Cha n-ann, Air-san, a tha beò 
gu saoghal nan saoghal. — Ciod ? gur èigin do'n 
aimsir a bhi car tamaill, Ni h-eadh cha n-f haod e 
bhi ann ni's mò, — Cha bhi aimsir ann ni's mò. — 
Agus thig an Tighearn a ta sibh ag iarraidh, g'a 
theampull gu grad, deir am faidh ann am Malachi iii. 
1. Iadsan a ta coimhid facal foighidin Dhè, 
coimhididh Dia iadsan ann an uair a' bhuairidh 

Ro mhath, an dara h-ainm aig Iosa Criosd is e, 
Rìgh nan rìgh, guidheam oirbh thugadh an aire 
dha, tha e nise gu bhi air a làimhseachadh ; ann an 
Tais. xix. ]6 " Agus, tha aige air a thrusgan agus 
air a leis ainm sgrìobhta, Rìgh nan rìgh, agus 
Tighearna nan tighearna.'' An so tha ainm a'nise 
Rìgh nan rìgh. — A mhuinntir ionmhuinn, tha Iosa 
Criosd na Rìgh trì-fillte. 

Air tùs, Rìgh a nàimhdean ! — Anns an dara h-àite, 
Righ a naoimh. — Anns an treas àite, Rìgh Athar. 

An ceud dream, tha e riaghladh thairis orra — 
Ari dara, tha e riaghladh annta. — An treas, tha e 
riaghladh air an son, 

Tòisichidh mi leis a' cheud nì, agus gabhaidh mi 
iad ann an òrdugh. 

Air tùs, Is e Criosd Rìgh a nàimhdean, se sin, 
tha e 'na Rìgh thairis air a nàimhdean. Tha Criosd 
'na Rìgh os-ceann uile rìghrean, agus thar uile rìgh- 
rean, agus uime sin tha'n Sgriobtur a' gairm dheth. 
« f Rìgh nan rìgh/' mar tha e agalbh ann an, 1 Tim. 
vi. 15. Tha Criosd 'na Rìgh os-ceann uile rìghrean, 
oir mar biòdh e 'na rìgh os-ceann uile rìghrean 
cha b'urrainn dha bhi ? na Rìgh thar uile rìghrean. 
A nise gu'm beil e 'na Rìgh os-ceann uile righrean : 



KIGH KAN RIGH. 19 

tha da sgriobtuirgu dhearbhadh. (Salm lxxxix. 27.) 
Deir Dia an t-Athair an sin, " Ni mi mo cheud 
ghin deth, ard os-ceann rìghrean na talmhuinn." A 
nise, cò e an ceud ghin? Cia mar, is e Iosa Criosd 
e ; mar tha e air a ghairm an àite eile, " ceud-ghin 
nan uile chreutai-r." — A nis', a deir Dia, " Ni mi 
mo cheud-ghin deth, ard os-ceann rìghrean 'na 
talmhuinn," — na's airde ann an glòir, n'as airde ann 
an cumhachd, n'as airde ann am mòralachd. — Mar 
sin ann an Tais. i. 5. An sin goirear do Chriosd, 
" Uachdaran rìghrean na talmhuinn." — Mo thru- 
aighe! mo thruaidhe ! ciod iad uile dhaoine cumh- 
achdach, daoine mòra, urrammach na talmhuinn an 
comhais ri Iosa Criosd ? cha n-eil iad ach coltach 
ri builgean beag anns an uisge ; oir mar eil na 
h-uile chinneach an coimhmeas ri Dia, ach mar 
bhoinne an t-soitheich uisge, na dus naslige tomhais, 
mar tha 'm faidhe a' labhairt ann an Isaiah xl. 15. 
O cia cho beag an sin a's èigin do rìghrean na talmh- 
uinn a bhi ! 

Ni h-eadh, a mhuinintir ionmhuinn, cha n-e 
mhàin gu'm beil Iosa Criosd os-ceann rìghrean na 
talmhuinn, agus ard os-ceann rìghrean, ach tha e 
ard os-ceann nan aingeal; 'se-san ceannnan aingeal, 
agus uime sin tha e air àithne do na h-uile aingeal 
air nèamh aoradh a thoirt dhasan/s e-san ceann nan 
uile aingeal, (Colos. ii. 10.) " 'S e-san ceann gach 
uile uachdranachd agus chumhachd," ni tha filleadh 
a steach ainglean. Agus ann an Eabh. i. 6. " Dean- 
adh uile aingil Dè aoradh dha" Is àill le Dia gu'n 
dean na h-ainglean aoradh do Chriosd, cho math 
ri daoine. 

O ! mo chàirdean, is rìgh Criosd, fa chomhair am 
beil ainglean a cur sgàile air an gnùisean, agus a 



20 



RIGH NAN RIGH. 



rìghrean na talmhuinn a' tilgeadh sìos an crùintean. 
A'rithist, mar a tha e 'na Rìgh os-ceann uile rìgh- 
rean, mar sin tha e na rìgh thar uile rìghrean mar 
an ceudna. Tha Iosa Criosd 'na Rìgh an domhain 
uile. 'S esan an Rìgh thar uile rìoghachdan, thar 
uile chinnich, thar uile uachdaranan, thar uile 
chumhachdan, thar na h-uile sluagh, " Thugadh 
dha," deir an ceann-teagaisg " uachdranachd, agus 
glòir, agus rìoghachd, a chum gu'n tugadh na 
h-uile shluagh, chinneach, agus theangannan, dha 
seirbhis." (Daniel vii. 14.) A nise, cò bha so? 
anns an treas rann deug, tha e air a chiallachadh gu 
soilleir mu Iosa Criosd, " Bha na huile shluagh, 
agus na h-uile chinneach, agus theangannan, agus 
rìoghachdan ri sèirbhis a dheanamh dhasan :" — 
ionnas marsin gu'm beil sibh a' faicinn nach e mhàin 
gur e Criosd Rìgh nan naomh, ach Rìgh nan cinn- 
each mar an ceudna ; agus uime sin tha sibh a' 
faotainn ann an Sàlm ii. 8, (is earran e th' air a 
leughadh gu tric, ach da'm beil beag aire air a 
thoirt) " Iarr orm," dèir an t-Athair, " agus bheir 
mi dhut na cinnich mar oighreachd, agus crìochan 
na talmhuinn mar shèilbh " Tha na fior chinnich 
air an toirt do Chriosd, agus crìochan na talmhuinn 
mar shèilbh. 

Mar a ta uile rìoghachdan na talmhuinn aig an 
Tighearn Iosa Criosd air an toirt dha ; mar sin tha 
na h-uile cumhachd air a thoirt dha mar an ceudna; 
air neo ciod a dheanadh e ri rìoghachd, ann am 
Mata. xxviii. 18. " Thugadh dhomhsa gach uile 
chumhachd air nèamh agus air talamh ." — O ! a 
ehàirdean, an so tha sgriobtur bu chòir cridheachan 
nan naomh a bheothachadh. " Thugadh dhomhsa' 
gach uile chumhachd air nèamh agus air talamh, 



RIGH NAN RIGH. 21 

deir Criosd ri abstoil. — lonnas mar sin gur 
esan an Tì a cheanglas rìghrean ann an slàbhraidh- 
ean, agus ard-uaisìean ann an geimhlibh iarrainn, 
mar a tha 'n t-Sàlm mu dheireadh, aeh a h-aon, a 
labhairt. Is esan an Tì nach leig le duine sam 
bith eucoir a dheanamh orra ; seadh, tha e smachd- 
achadh rìghrean air an son, agus bristidh e rìgh- 
rean cumhachdach 'nam bloighdibh air son nan 
naomh. (Salm cv. 14.) Agus uime sin is esan an 
Tì a tha riaghladhthar righrean, agus a' toirt buaidh 
air rìghrean na talmhuinn, a tha deanamh cogadh 
ris na naoimh. (Tais. xvii. 14.) Rinn na deich 
rìghrean cogadh ris an Uan, ach bhuadhaich an 
t-Uan ; agus c'arson ? a chionn gu'm b'e Rìgh nan 
rìgh, agus Tighearna nan tighearna. Is e so 
a' cheud ni, is e Iosa Criosd Rìgh a qàimhdean, is 
e sin, tha e'na Rìgh os-ceann an rìghrean san, agus 
thairis air an rìghrean san. 

Anns an dara h-àite, Mar is e losa Criosd Rìgh 
a nàimhdean, mar sin is e Rìgh a naoimh : bheir 
mi dhuibh dà sgriobtur gu dhearbhadh, ge'd nach 
feum mi e, gidheadh ni mi e, a chum nithe a 
dheanamh ro shoilleir, mar a thèid mi air m- aghaidh, 
(Tais. xv. 3.) An sin tha Iosa Criosd air a ghairm 
na Rìgh nan naomh, " A rìgh nan naomh." — Mar 
sin fòs ann am Mata. xxi. 5. " Innsibh do nighean 
Shion, Feuch, a ta do Rìgh a' teachd." Ionnas mar 
sin leis an dà sgriobtur sin, tha sibha' faicinn gur 
e Iosa Criosd Rìgh nan naomh. A nis', a mhuinntir 
ionmhuinn, guidheam oirbh an aire thoirt dhomh 
an so thasibh a' faicinn, gur e Iosa Criosd Rìgh an 
droch shluaigh, agus an t-sluaigh mhaith ; ach air 
son nan aingidh, tha e riaghladh thairis orra ie 
chumhachd agus a neart; ach na naoimh, tha e 



22 RIGH NAN RIGH. 

riaghladh annta le Spiorad agus le ghràsan ; a nise 
da so tha'n sgriobtur a' toirt fianais, gu'm beil Iosa 
Criosd a' riaghladh anns na naoimh, agus gur e 
Rìgh nan naomh ; agus air an aobhar sin tha e 'g innse 
dhaibh annan Colos. i. 27. " Tha Criosd annaibhse 
munighin na glòire." Agus an àite eile, " nach 
aithne dhuibh sibh fèin, gu'm beil Iosa Criosd 
annaibh mar daoine a chuireadh air cùl sibh." — 
Thugaibh fainear an so, feumaidh Criosd a bhi 
a°nnaibh, " Criosd annaibhse muinighin na glòire." 
— Mar sin ann an Sàlm xxiv. 7- " Togaibh, a 
gheatachan 'ur cinn, agus bithibh air 'ur togail suas, 
a dhorsa siorruidh ; agus thig Rìgh nagìòire steach." 
An sogoirear Righ naglòire de Chriosd; agustha'n 
Sàlmadaira'gairm air daoine an cridheachan fhosg- 
ladh chum gu'n tig Rìgh na glòire steach : mar sin 
ann an Tais. iii. 20. " Feuch, tha mi am' sheasamh 
aig an dorus, agus a' bualadh : ma dh' èisdeas neach 
sam bith ri m' ghuth agus gu'm fosgail e'n dorus, 
thig mi steach d'a ionnsaid'h, agus gabhaidh mi mo 
shuipeir maille ris agus esan maille riumsa." O is 
i so rìoghachd spioradail Chriosd, agus ann a so 
tha e riaghladh thar an cogaisibh, thar an toil, thar 
an càileachdan, thar am breitheanais agus an tuigse, 
agus cha n-eil ni air bith aig aon neach ri dheanamh 
an so ach Criosd: is e Criosd a tha riaghladh thar 
cogaisibh agus breitheanais dhaoine ; agus uime sin 
tha e air a ghairm na Rìgh nan naomh. — Tha e fior 
^u'rn faod rìghrean eile riaghladh a ghiùlan thar 
òii>hreachdan dhaoine; ach air son an anmabuinidh 
sin a mhàin do Chriosd; agus uime sin tha e air a 
radh mu chreideich gu'm beil iad uLLe-gìdòrmhor 
'san taobh a staigh. " Uile-ghlòrmhor tha nighean 
an rìgh a staigh," ni is i 'd eaglais, ann an Sà-lm xlv. 



RIGH NAN RIGH. 23 

]3. Tha Rìgh na glòire a' riaghladh an sin, agus 
a gabhail còmhnaidh an sin ; tha flos agaibh gu'm 
beil Dia 'na chòmhnaidh anns na nèamhan as airde, 
agus anns na cridheachan iriosal. Cha n-e mhàin 
gur e Criosd Righ nan cinneach, ach Rìgh nan 
naomh ; tha e 'riaghladh thar a' cheud dream dhiu, 
agus a riaghladh anns an dream eile. • 

9 S an treas àite. Is e Iosa Criosd Rìgh Athar mar 
an ceudna, agus mar sin tha Athair a' gairm dheth; 
tha Dia a' gairm do Chriosd a Rìgh ann an Sàlm ii. 
6. " Gidheadh dh'ùng mise mo Rìgh air Sion, mo 
shliabh naomhasa." Is math a dh' fhaodas e bhi 
'na Rìgh dhuinne an uair is e Rìgh Dìiè. Ach 
faodaidh sibh a radh, Cia mar is e Criosd Rìgh an 
Athar? tha rìoghachd dà-fhìllte le Dia air earbsa 
ri Iosa Criosd : Guidheam oirbh, thugaibh fainear 
so a chàirdean. 

Air tùs, Rìoghachd spioradail, leis am beil e 
riaghladh ann an cridheachan a phobuill, agus mar 
sin is e Rìgh nan naomh. 

Anns an dara h-àite. Rìoghachd f hreasdalach, leis 
am beil e riaghladh gnothaichean an t-saoghail so, 
agus mar sin is e Rìgh nan cinneach. A nis', a 
mhuinntir ìonmhuinn, tha 'n sgriobtur ag radh, 
" Is toigh leis an Athair am Mac, agus thug e na 
h-uile nithe 'nalàiinh." (Eoin. iii. 35.) Agus tha'n 
t-Abstol ag innseadh dhuinn, gu'n do chuir Dia na 
h-uile ni fo a chasan. Cha n-eil an t-Athair a' toirt 
breth air duine sam bith ; ach thug e gach uile 
breitheanas do'n Mhac, agus dh" òrduich e esan 
thairis air a thaigh fèin : a nise, mar a tha na h-uile 
ni aig Criosd, mar sin tha e deanamh na h-uile 
ni, agus tha e riaghladh na h-uile nithe air son Ath- 
ar; agus uime sin tha 'n t-Athair a gairm dheth 



24 



RIGH NAN RÌGH. 



òglach san. (Isaiah xlii. 2) " Feuch m' òglach ;" 
agus anns an earranneile, "mo Rìgh," a chionn gu' m 
beU e riaghladh air son Athar, agus a' deanadh 
toil Athar : ionnas mar sin a mhuinntir ionmhuinn, 
anns na trì nithe sin fa leth tha Criosd 'na Rìgh. 
A nise. leagaidh mi sios cuid de nithe anns am beil 
an Tighearn Iosa gu neo-chriòchnach a' toirt barr- 
achd air uile righrean na talmhuinn. 

Anns a cheud àile. Tha Iosa na Rìgh, a ta ann 
an seadh spioradail a'deanamh iochdaranan uile'nan 
rìghrean. Tha crùn glòire aige air son gach iochd- 
arain. O ciod an Rìgh glòrmhor a tha so ! a' nise gu'm 
beil Criosd a' deanamh uile iochdaranan 'nan rìghrean, 
faicibh Tais. v. 1 0. deir an eaglais an sin, " Agus gu'n 
d'rinn thu rìghrean dhinn agus sagartan d'ar Dia." 

O, a chàirdean, tha e na's fearr a bhi na bhalì 
de Chriosd na ? na cheann air cinneach: O, cia 
neo-chrìochnach sona 'sa tha uile iochdaranan 
Chriosd! tha iad uile 'nan rìghrean, uile 'nan òigh- 
reachan, uiie 'nan luchd deagh-ghean, uile 'nam 
mic, tha na h-uile fior-chreideach mar sin, is e'n 
crei'deach an t-aon duine sona. Mo thruaidhe ! 
c'àit' am beil a' leithid de rìgh ri fhaotainn a tha 
deanamh uileiochdaranan 'nan rìghrean? t'ha ioma- 
dach rìgh ann a thamilleadh aniochdaranan; ach tha 
Criosd a' deanamh iochdaranan 'nan rìghrean : tha 
mòran rìghrean a' deanadh an iochdarana 'nan 
daoine bochda, ach tha Criosd a' deanamh iochd- 
aranan 'nan rìghrean; tha mòran rìghrean a' cur an 
iochdaranan gu bàs, ach blìàsaich Criosd chum 's 
gu*m faodadh iochdaranan a bhi beò. Tha iadsan a' 
toirt tiotalan d'an iochdaranan, ach tha Criosd a' 
toirt d'a uile iochdaranan gràs agus glòir. 

A mhuinntir ionmhuinn, ann am facal, is e so an 



RIGH NAN RIGH. 25 

uaisle a's mò, a bhi 'na òglach aig an Dia mhòr ; 
tha e air teachd gu h-oirdhearc, an neach a th' air 
a bhreith o'n airde. Och ! cia iomadh tigheern' a 
th' aig an duine sin aig nach eil Criosd mar a 
Thighearna ? gach aon pheacadh is e a thighearn, 
agus tha tighearnas aig gach ana-mhiann thairis air. 
A nise far an tig Iosa Cricsd gu bhi 'na Rìgh, thae 
deanamh rìghrean dhiù d'a Athair, agus rìghrean 
thairis air an ana-miannaibh. A nis', a mhuinntir 
ionmhuinn, an so tha beannachadh agus sonas ar 
Rìgh-ne, tha e deanamh rìghrean dhinn uile, agus 
a' toirt do na h-uile crùintean glòire. 

Anns an dara h àite, Tha Iosa Criosd 'na Rìgh 
ro cheart agus f ìreanta, tha e rìoghachadh ann am 
fìreantachd ; tha e toirtsìth tre fhìreantachd, tha e 
g'ar deanamh-ne fìreanta, agus uime sin goirear 
dheth " iehobhah ar fìreantachd-ne," (Ierem- 
iah xxiii. 6.) A nis' a mhuinntir ionmhuinn, tha 
rìghrean eile gu tric a' buntainn gu h-eacorach, 
tha iad a giùlan a' chlaidheimh a' cur an gnìomh 
fèirge air luchd deagh-bheus, agus a' neartachadh 
làmhan luchd dò-bheart ; a fìreanachadh nan aing- 
idh, agus a' dìteadh nan daoine diadhaidh, agus a 
briseadh bhòidean, agus a' breugachadh choimh- 
cheangal ; agus tha iad iomadh uair a' sàrachadh an 
iochdaranan, agus a' deanamh eucoir air an sluagh ; 
agus air an aobhar sin tha 'n sgriobtur ag radh, 
" Nuair a riaghlas na h-aingidh ni an sluagh os- 
naich :" ° Nuair abhiosnafìreanan cumhachdach,ni 
an sluagh gàirdeachas ; ach an uair a riaghlas na 
h-aingidh, ni an sluagh osnaich." (Gnà xxix. 2.) 
Ach a nis', a mhuinntir ionmhuinn, mar a ta Iosa 
Criosd 'na Rìgh fìreanta, mar sin tha e riaghladh 
ann am fìreantachd, agus cha bhi ni sam bith agad 

D 



26 RIGH NAN RIGH. 

ach commun fìreanta uaithe-san : cùimhnichibh an 
earrann so de'n sgriobtur, a tha cumail a mach gu 
neo-chrìochnach communn fìreantaChriosd ri anm- 
aibh bochda, ann an Tais. xv. 3, " Is ceart agus is 
fior do shligheansa." 

Beachdaichibh cò e a ta ceart agus fior an so : 
" C'uime ? Is e Rìgh nan naomh." Tha ceartas 
agus fìrinn ro chubhaidh do Rìgh nan naomh. 
Ann an Gnà. iii. 17- a' labhairt mu ghliocas, tha e 
air a radh, " Is sligheannan subhachais a sligh- 
eannan, agus is sìth a ceumannan uile :" ni tha 
air a chiallachadh mu Chriosd. O ! ciod an Rìgli 
òrdha a ta ? n so I ciod an Rìgh glòrmhor a ta 'n 
so ! tha e ceart agus fior, agus is sligheannan subh- 
achais a shligheannan, agus is sìth a cheumannan 
uile. 0!a chàirdean, is e so an t-òirdhearcas 
aig Criosd, cha n-eil e ri ain-tighearnas air aon 
neach, cha n-eil e deanamh eucoir air aon neach, 
air an aobhar sin tha e air a ghainn ceart agus fior, 
tha e gu neo-chrìochnach a' toirt barrachd air uile 
rìghrean na talmhuinn ann am fìreanteachd : tha e 
na Rìgh fìreanta, agus cha n-eil e rìèiligeadh ann 
an ni sam bith ach ann am fìreantachd. 

Anns an Ireas àite< Is Rìgh Criosd a tha beò gu 
siorruidh, agus a rìoghachadh gu siorruidh : cha 
n-eil righrean eile acho'n dèthaiad marbh agus air 
imeachd ; ciod a th' air teachd ris na rìghrean mòr' 
agus cumhachdach sin mu'm beil sinn a' leughadh ? 
cuime, tha iad air imeach coltach ri sgeulachd, col- 
tach ri bruadar. Ach cha n-eil e mar sin maille ri 
Rìgh nan naomh, tha 'n Tighearna ? na Rìgh gu 
siorruidh, tha e rìoghachadh gu siorruidh ; agu^ 
air an aobhar sin tha 'n t-abstol a' gairmdheth Rìgh 
siorruidh, neo-thruaillidh, mar a dh' fhaodas sibh 



KIGH NAN RIGH. 27 

fhaicinn ann an 1 Tim. 1. 17- Goirear do Chrìosd 
an sin Rìgh neo-thruaillidh, do bhrì gu'm beil e beò 
gu siorruidh. Mar sin ann an Eabh. vii. 25, a' labh- 
airt mu Chriosd, neach a tha beò gu siorruidh, 
deir e, gu eadar-ghuidhe a' dheanamh air ar son. 
A nis', a mhuinntir ionnihuinn, an so tha glòir an 
Tighearn Iosa Criosd, tha e beò gu siorruidh ; tha 
righrean eile marbh, agus faodaidh an iochdaranan 
an ni is àill leo a dheanamh, ach tha Iosa beò gu 
siorruidh. 

Anns d cheathramh àite, Tha Iosa Criosd 'na 
Rìgh aig am beil eòlas iomlan air uile iochdaranan : 
O, chàirdean, cha'n' aithne do rìghrean, prionns- 
achan, agus daoine inbheach an iochdarain uile ; 
ni h-eadh, cha n-aithne dhaibh aeh ro bheag: mo 
thruaighe ! cha n-aithne dhaibh an ceathramh cuid 
dhiu, tha na h-iochdarain bhochda neo-aithnichte 
dhaibh, cha n-eil eòlas aca air na h-uile eucoir, na 
h-uile uireasbhuidh, agus truaighean, fo ? m beil an 
iochdarain 'nan laidhe. Tha chuid a's mò againne 
neo-aithnichte d'ar prionnsa ; ach a nis' ann an so 
tha òirdhearcas Chriosd, tha eòlas iomlan aige air 
iochdaranan uile, is aithne dha iad uile air an ainm ; 
is aithne dha an uile smuaintean, an uile uireas- 
bhuidh, an uile shlighean ; an uile staid. A nise 
tha mi 'g ràdh, gu'm beil so 'na shonas mòr, gu'm 
beil rìgh againn d'an aithne sinn cho math. 

O ! anamannan bochda, is aithne do Chriosd sibh 
uile, bhur n-uile uireasbhuidh^ bhur n uile staid, 
bhur n-uile èigin ciod sa bith iad. Is aithne do' n 
Tighearn losa ar n-uiP fhùlangais, agus uime sin a 
deir Pòl, " Leasaichidh mo Dhia-sa bhur n-uir- 
easbhuidh uile." (Philip. iv. 19.) — Mar sin a deir- 
eam ruibhse, a chàirdeàn, leasaichidh bhur Rìgh 



28 RIGH NAN RIGH. 

bhur n-uireasbhuidh uile ; is aithne dha bhur n-uile 
theanndachd bhur n-uile eagal; seadh.agus leasaich- 
idh e bhur n-uile uireasbhuidh; O! an so tha 
òirdhearcas an Kìgh so. 

Anns a' chitigeamh àite, Tha Iosa Criosd 'na 
Rìgh a tha 'na shuidhe air rìgh-chathair Athar, aig 
a' cheart àm so tha e 'na shuidhe air rìgh-chathair 
Athar. Ach, a mhuinntir ionmhuinn, cha n-e so 
uile, cha n-e mhàin gu'm beil Criosd 'na shuidhe an 
sin e fèin, ach gheall e gu'n suidh na h-uile duine 
a bheir buaidh sìos maille ris air a rìgh-chathair ; 
tha làn cheann-teagaisg agaibh do'n rùn so, " Do'n 
tì a bhuadhaicheas bheir mi comas suidhe maille 
riumsa air mo rìgh-chathair.' , Tais. iii. 21. 

Beachdaichibh air a so, a chàirdean,tha Criosd a' 
gealltainn da uile iochdaranan, gu'n suidheadh iad 
air an rìgh-chathair maille risan, a nise, tha iong- 
nadh orm c'àit' am beil rìgh air bith ach Criosd, a 
leigeas le iochdaranan suidhe air a rìgh-chathair 
maille ris. Mo thruaighe ! bu cheannairc do dhuine 
a mhiannachadh, Tha mi cùimhneachadh, am measg 
nithe eile, gu'n do leugh mi mu rìgh, air dha bhi 
dol thairis air uisge, thuit a chrùn bharr a chinn 
'san t-sruth, agus leum aon da shèirbhisich bhoch- 
da le gràdh dha 'san uisg' agus thog e suas e, 
agus chuir e air a cheann e, chum ? s gur ann 
bu shochraiche dha thoirt às an uisg' agus air 
son so bha 'cheann air a thoirt dheth an duine 
bhochd. Faicibh cho ard, cumhachdach, agus 
uasal sa bha'm prionnsa so ; seadh, ach a chàir- 
dean, cha n-eil an Tighearn Iosa mar sin, 
cha n-eil e na leithid so de Rìgh uaibhreach 
cha n-e mhàin gu'n do chuir e 'n crùn dheth fèin 
chum sinne chrùnadh, agus an crùn deilgneach a 



RIGH NAN RIGH. 29 

chaitheadh' chum gu'n giùlanadh sinne crun glòire, 
ach tha e 'g aontachadh agus a' toirt cead da iochd- 
aranan suidhe air an rìgh-chathair maille ris-an. 
" Do'n tì a bhuadhaicheas bheir mi comas suidhe 
maille riumsaair mo rìgh-chathair." Och, ciod an 
Rìgh glòmhor a tha'n so, gu'n suidh na h-uile aon 
da iochdaranan bochd air an rìgh-chathair maille 
ris-an. Mar sin ann an Taisbean xxi. 7> " Sealbh- 
aichidh an tì a bheir buaidh na h-uile nithe mar 
òighre." — Shaoileadh duine, a chàirdean, gu'n 
tàirneadh a' cheart ni so an saoghal gu h-iomlan 
a deigh Chriosd. 

O ! cia mar bu chuidhe dha so càileachdan 
dhaoine a tharrainn gu bhi ann an gràdh 'nan tairg- 
seachan mòra sin, agus nan sochairean, agus an 
urraim a tha Criosd a' buileachadh air a luchd- 
leanmhuinn bochd? Cha n-e mhàin gu'n dean e 
iad 'nan rìghrean, ach tha e toirt comais dhaibh 
suidhe maille ris-an air a rìgh-chathair ; theireadh 
tu gu'm b'onair e da-rìreadh, O I f hior chreid- 
ich, am b'urrainn thu amharc a steach do nèamh, 
agus Criosd fhaicinn 'na shuidhe air a rìgh-chath- 
air ! Ach tha 'n t-urram so aig a naoimh uile ; 
seadh, tuilleadh mòr, tha e deanamh rìghrean dhiù. 
uile, agus a' toirt comais dhaibh suidhe air an rìgh- 
chathair maille ris-an. 

Anns an t-seathadh àite* Is Rìgh Iosa Criosd a 
ta gràdhachadh uile iochdaranan, agus tha uile 
iochdaranan ga ghràdhachasan ; agus tha mi cinnt- 
each nach urrainn an ni so a bhi air a ràdh mu 
rìgh sam bith fo nèamh, ach faodaidh e bhi air a 
ràdh mu'n Tighearna Criosd^ oir tha e 'na Righ a 
ta gràdhachadh iochdaranan uile, agus tha ioch- 
daranan uile ga ghràdhacha-san ; agus bheir mi 



30 RIGH NAN RIGH. 

ionnsaidh air so f heuchainn dhuibh le sèirbhis ceud 
cheann an latha so ; agus air an ath latha laimh- 
sichidh mi an earrann eile, Gu'm beil iochdaranan 
uile ga ghràdhacha-san, ma chaomhnas Dia mi 
chum a dheanamh. Tha naoi no deich do nithibh 
àraid anns am beil gràdh Chriosd da iochdaranan 
air a leigeil ris, agus tha e air fhoillseachadh gu 
h-iongantach. 

Anns a cheud àite, A ghràdh-san da iochdarain 
is gràdh e bh' ann o thùs. " Tha gràdh againne 
dhasan, do brìgh gu'n do ghràdbaich esan sinne an 
toiseach,' , (1 Eoin iv. 19.) " Tha gràdh againne 
dhasan," agus c'arson? " do bhrìgh gu'n do ghràdh- 
aich esan sinne an toiseach." Is e ghràdh-san an 
t.aobhar a tha dol air thoiseaoh, is e ar gràdh.ne 
an èifeachd a tha leantuinn. Mur deanadh esan 
ar cridheachan fhadadh le lasraichean a ghràidh, 
cha bhuilicheadh sinne riamh aon srad de ghràdh 
spioradail air Criosd: feumaidh esan tarrainn m'un 
urrainn dhuinne ruith : agus uime sin a deir an 
eaglais, Dàn i. 4. " Tarrainn sinn, agus a'd'dhèigh 
ruithidh sinn." A chàirdean, cha n-urrainn dhuinne 
ruith gu'n a bhi air ar tarrainn : feumaidh esan 
sinne tharrainn mu'n urrainn dhuinn ruith, agus an 
uair a tha esan a' tarrainn tha sinne ruith. Cha 
b'e ionmhuinneachd an duine a thug air Dia a 
ghabhail o's làimh ghràdhachadh agus a shàbhal- 
adh : tha Dia a' gràdhachadh a nàimhdean eadhon 
'nan staid pheacach, ge'd nach ann le gràdh toiieach 
a bhi gu math dhaibh anns an staid sin. 

O! a chàirdean, o'n a ghràdhaich Dia sinne 
an uair nach robh sinn coltach ris-an, bu chòir 
dhuinne spàirn a dheanamh gu bhi coltach ris an Tì 
a rinn sinne a ghràdhachadh mar so; cha'n urrainn 



RIGH NAN RIGH. 31 

ni naomh , sam bith a thoirt air, Dia a ghràdhacn- 
adh cho mòr ris a so, gu'n do ghràdhaich Dia esan 
cho mòr. Bha ministear aon uair a* gul aigbòrdan 
Tighearna, agus air do'n aobhar a bhi air f heòraich 
dheth, fhreagair e, " A chionn nach eil mi gràdh- 
achadh Chriosd na's mò." Gu dearbh, a chàirdean, 
bu chòir dha so doilghios a chuir oirnn gu'm beil 
sinn a' gràdhachadh cho beag, a ta air ar gràtlhach- 
adh cho mòr. Tha ràdh cliùiteach agaibh le Augus- 
tine, " Cha n-eil e gràdhachadh Chriosd idir, nach 
eil ga ghràdhachadh os-ceann na h-uile ni : is e so 
a' cheud ghràdh leis am beil Dia a' gràdhachadh a 
shluaigh : is gràdh e a ta ann o thùs." 

Anns an dara h-àite, Is Rìgh Criosd a tha gràdh- 
achadh iochdaranan le gràdh comharraichte, agus 
gràdh eadar-dhealaichte : tha gràdh coitcheann 
Chriosd air a sgapadh agus air a sgaoileadh chum 
nan uile chreutairean anns an t-saoghal; ach tha a 
ghràdh àraid, a ghràdh ro mhor agus saibhir, a 
mhàin socraichte air eaglais fèin. A nise, ma tha 
sibh a' feòraich dhiom ciod e gràdh comharraichte 
Chriosd ? ainmichidh mi e, agus gu'n ach ainm- 
eachadh dhuibh. 

(1.) Is gràdh e tha maitheadh. (2.) Is grdh e 
tha saoradh. (3.) Gràdh a tha gairm. (4.) Gràdfi 
a tha fìreanachadh. (5.) Gràdh a tha 'g uchd- 
mhacachadh. (6.) Gràdha tha naomhachadh. (7*) 
Gràdh a tha glòrachadh An ni e so tha mi 'g ràdh 
is gràdh àraid e ; cha n-e mhàin gu'm beil gràdh 
Chriosd na's millse na fion, ach na's fearr na beatha: 
tha e ro ionmhuinn, tha e gu lèir ionmhuinn : cha 
ni sam bith Criosd ach gràdh dhaibhsan is iad a 
ghràdh-san. 

Anns an treas àite, Tha Criosd a' gràdhachadh a 



32 RIGH NAN RIGH. 

naoinih le gràdh tearmuinn. " An dì-chùimhnich 
màthair a leanabh-cìche, gun iochd a dheanamh air 
mac a cuim ?" (Isaiah xlix. 15.) An di-chùimhnich 
màthair a leanabh cìche? Am beil e comasach 
gu'm biòdh màthair cho mi-chneasda, is gu'n dì- 
chùimhnicheadh i a leanabh maoth agus gun iochd 
$i dheanamh air mac a cùim ? Tha, deir an Tigh- 
aarna, faodaidh iadsan an dì-chùimhneachadh ach 
oha dì-chùimhnich mis' thusa. Faodaidh Dia sgur 
do bhi 'na Dhia cho luath ? s a sguireas e de bhi 
math : faodaidh e cho luath sgur do bhi beò, 's a 
sguireas e bhi gràdhachadh ; ni h-eadh, ni h-eadh, 
cha n-urrainn e an dì-chùimhneachadh ; an do dhì- 
chùlmhnich e Israel anns an Eiphit, no 'na eaglais 
fèin ann am Babilon, no Daniel ann an garaidh nan 
leòghan ? An do dhì-chùimhnich e an triùir 
chloinne anns an àmhuinn, na Ieremiah anns an 
t-sloc, na Ionah ann am broinn na muice-mara, na 
Peadar anns a' phrìosan, an do dhì-chùimhnich e 
iadsan ? Tha nah-aingidh 'g radh gu dearbh' gu'm 
beil an Tighearn a' dì-chùimhnicheadb. " Thrèig 
an Tighearn an talamh, agus cha n-eil an Tighearn 
a' faicinn." (Eseciel ix. 9.) Ach tha iad air am 
mealladh gu mòr. Tha trì m* ceithirdedh-earrannan 
sgriobtuir ann, a ni mi nochdadh gu fòil do bhur 
smuaintean foistinneach, a tha labhairt a mach gu 
h-iongantach gràdh tearmuinn Dhè d'a shluagh. 

Tha cheud ni ann an leabhar an Taisbean vii. 2, 
3. Tha sibh a' faotainn an sin aingeal d'am beil 
cumhachd air a thoirt gu dochann a dheanamh do'n 
talamh, agus do'n f hairge. A nise tha aingeal eile 
teachd, agus a' glaodhaich a mach, " Na dean doch- 
an do'n talamh, no do'n f hairge, no do na craobh- 
aibh.'' C'arson ? ciod e 'n t-aobhar? Anns an 



RIGH NAN RIGH. 33 

treas rann tha 'n t-aobhar air aithris, " Gus an cuir 
sinn seula air sèirbhisich ar Dè air clàraibh an 
eudain." — Na taomadh a mach bhur breitheanais 
orra, gus an dean sinn tearuinnte sèirbhisich Dhè. 
O ! cia cho iongantach 'sa tha 'n Tighearn a' dion a 
shluaigh ! Mar sin a rithist, ann an Eseciel ix. 5, 6. 
Chuir e daoine àraidh a sgrios an t-sluaigh aingidh 
sin, agus am measg na muinntir eile, tha 'n Tigh- 
earn a' gairm, agus ag' iarraidh air aon comharradh 
a chuir orrasan a ta 'g osnaich air son gràinealach- 
dan an f hearainn, agus air son a' chuid eile, deir e, 
sgrios iad, sean agus òg. 

O ! chàirdean, tha so a' cumail a mach gu 
h-iongantach gràdh tearmuinn Dhè d'a shluagh. 
Mar ann an Isaiah iii. 1 — 6. Tha 'n Tighearn a g' 
iarraidh air an Fhaidhe innseadh dhaibh ciod na 
bhreitheanais bhrònach a thigeadh orra, air rìgh- 
rean agus air na prionnsachan, air na daoine 
mòra, agus air na saighdearean. A nis\ a deir 
an Tighearn, " Abraibh ris an ionracan gur 
math a dh'èireas dha; oir toradh a ghnìomharran 
ithidh e," cha tig ni de so dlù dha. O ! cia 
cho iongantach 'sa tha so a' cliùthachadh gràdh 
tearmuinn Dhè. A rithist, ann an Isaiah xxvi. 20. 
" Thig O mo shluagh, imich a steach do d'sheòm- 
raichi'bh, agus druid do dhorsan mu' n cuairt dut ; 
falaich thu fèin càr tamaill bhig, càr tiota." C'arson 
so, O Thighearna ? C'uime, u gus an gabh a' 
chorraich thairis." Thigibh, deir Dia, tha mi cur 
romham mo bhreitheanais a chur an gnìomh air 
daoine aingidh ; uime sin " falaichibh sibh fèin car 
tamaill bhig> car tiotadh." Agus air an aobhar sin, 
a deiream, na deanadh cridhe aon duine a thrèig- 
sinn, cha n-eil e ach car tamail bhig, car tiota, agus 
an sin crìochnaichidh do thruaighean. A mhuinn- 



34 RIGH NAN RIGH. 

tìr ionmhuinn, an uair a tha na truaighean againne 
aig a' cheum a's airde, tha a chobhair-san aig a' 
cheum as faigse. Fior theinn duine is e fàth Dhè. 
An uair a tha Mordecai air isleachadh gu h-iomlan, 
bithidh Haman brùideil air a chrochadh. 

Ach, an sin, 'S a cheathramh àite, Tha Criosd a' 
gràdhachadh a shluaigh le gràdh ro threibh-dhir- 
each ; tha e g'an gràdhachadh le uile cridhe : ni- 
eadh, is iad gràdh anama iad, mar a ta e fèin a 
gairm dhiu. u Thug mi thairis gràdh m'anama do 
làimh a nàimhdean." (Ier. xii. 7-) Gràdh Chriosd 
da shluagh cha gràdh bilibh e, o' na fiaclan o'n taobh 
a mach; ach gràdh fior o'n chridhe o'n taobh a 
staigh. Tha criosd a' gràdhachadh a shiuaigh mar 
tha ? n t-Athair ga ghràdhacha- san ; agus cia mar 
a tha sin, an urrainn sibh innse ? Cha n-urrainn, 
na h-uile duine air talamh, no na tha de dh'ainglean 
air nèamh, an gràdh a tha 'n t-Athair a' toirt do 
Chriosd a chur an cèill ; agus gidheadh mar a ta 
Dia a' gràdhachadh Chriosd, mar sin a ta Criosd a' 
gràdhachadh a' shluaigh. Tha làn cheann-teagaisg 
agaibh air son so, is iad briathran Chriosd 
fèin iad. " Mar a ghràdhaich an t- Athair mise mar 
sin ghràdhaich mise sibhse:" O mhuinntir ionmh- 
uinn, cia cho neo-chrìochnach 'sa tha 'n t-Athair a 
gràdhachadh a Mhic, agus cia cho neo-chrìoch- 
nach 'sa tji' am Mac a' gràdhachadh a shluaigh ! 
C'uime,tha e g'an gràdhachadh mar a tha 'n t-Ath- 
air ga ghràdhachadh-san. O ! Thighearn, ciod an 
gràdh a tha 'n so ! Gu'n deanadh an Slànaighear 
am peacach a gràdhachadh : gu'n deanadh Criosd 
am peacach truagh a ghràdhachadh : agus mar so 
tha e. Och ! a mhuinntir ionmhuinn, tha creidich 
coltach ri litrichean òir air an gearradh air fior 
chridhe Chriosd. O ! an leud, an airde, am fad 



RIGH NAN RIGH. 35 

a th' aig gràdh Chriosd, deir ant t~ Abstol, tha e dol 
thargach uile eòlais. Marg'um biodh edh'easbhuidh 
briathran gu chur an cèill. lf Agus air gràdh Chriosd 
aithneachadh,achaidh thar gach uile eòlas." (Ephes. 
iii.19.) Margu'm biodh araon uireasbhuidh bhriath- 
ran, air agus briathraibh neo-chomasach gu gràdh 
Chriosd a chur an cèill ; ach gu cinnteach is èigin 
dha bhi ro mhòr; oir mar tha'n t-Athair ga ghràdh- 
achadh-san, mar sin tha esan g'an gràdhachasan. 
Mo thruaigne ! tha dream eile a! gràdhachadh nan 
naomh, ach cia mar a tha iad g'an gràdhachadh ? 
s'uime, cha n-ann le gràdh suilbhir ; cha n-eil iad 
g'an gràdhachadh air sod am math, ach air son am 
maoin ; tha e ni's mò air son an airgeid a tha 'nan 
sporanan,na air son a'ghràis a tha'nan cridheachan: 
tha iad a' gràdhachadh nan naomh mar a rinn na 
Samaritanaich air na h-Iudhaich; ceart mar a ni 
daoine ri'n uaireadairean grèine, cha n-amhairc iad 
idir orra ach an uair abhitheas a'ghrian a' dealradh: 
c'arson sin? Cha n-amhaircan saoghal uair sam bith 
air na naoimh ach an àm soirbheachaidh. An uair 
a bha na h-Iudhaich a' fàs gu h-ùrar agus a bha iad' 
'nan glòir, O ! ciod na càirdean mòr a bh' anns 
na Samaritanich dhaibh! Ach an uair a bha na 
h-Iudhaich bhochda fo àmhghar, an sin cha robh 
nàimhdean aca bu mhiosa na iad : C'uime, ach cha 
n-eil Criosd mar sin, tha e ga d v ghràdhachadh an 
uair a tha thu bochd, cho math s an uaira tha thu 
beartach ; cho math 'nuair tha thu ann ad luid- 
eagan, 'san uair a tha thu ann ad chulaidhean 
rìoghail; an uair a tha thu ann an an-shocair, cho 
math 'san uair a tha thu ann an soirbheachadh. 
Tha Criosd a' gràdhachadh a naoimh cho math air 
?roich, is ge do b' ann an lùthchairt ; oir an 



36 RIGH NAN RIGH. 

dream a ghràdhaicheas e gradhaicheadh e gu crìch 
iad, " Is fìrinneach an tì a thubhairt Chan-fhag 
agus cha trèig mi am feasd thu :" (Eabh. xiii. 5 ;) 
cha'n'f hag e am feasd thu ann an staid air bith, no 
ann an àit' air bith. O ! mhuinntir ionmhuinn, 
ciod an gràdh a tha 'n so ! Agus uime sin, sràbh 
air son na's urrainn an saoghal a dheanamh, no air 
son gràdh an t-saoghail ; tha e coltach ri gloine, 
gu h-ealamh air a bhristeadh ; tha fiamh a' ghàir' air 
a nis' agus cuiridh e gruaim air gu h-ealamh ; glaodh- 
aidh e Hosanna an diugh, agus am màireach, ceus- 
aibh e ! ach tha gràdh Chriosd o'n f hior chridhe. 

Anns a chùigeamh àite, Tha Iosa Criosd a' gràdh- 
achadh iochdaranan le gràdh caoimhneis. " Oir is 
ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal gu'n tug 
e aon ghin Mhic fèin, chum's ge be neach a chreideas 
ann nach sgriosar e, ach gu'm bi a' bheatha shiorr- 
uidh aige" ; agus, a deir Pòl," " Ghràdhaich e mi, 
agus thug se e fèin air mo shon/' — Tha 'n t- Athair 
a' toirt seachad a Mhic, agus tha 'm Mac ga thoirt 
fèin seachad, " a ghràdhaich mi, agus a thug e, 
fèin airmo shon :" (Eoin. iii. 16. Galat ii. 20,) na 
h-uile ni a rinn agus a d'fhuilig Criosd, is ann air 
mo shonsa : na h-uile ni tha aig Criosd is leams' 
iad. Och ! anaim, is leatsa gràdh Chriosd gu truas 
a gabhail diot ; is leatsa tròcair Chriosd gud shàbh- 
aladh : is leatsa gràsan Chriosd gud' dheanamii 
sgiamhach ; agus is leat a ghlòir gud' chrùnadh ; is 
leatsa cumhachd Chriosd a chum do dhion ; tha thu 
faicinn, esan a tha cinnteach à gràdh Dhè dha, tha 
e cinnteach à cumhachd Dhè air a shon : agus is 
leatsa gliocas Chriosd a chum do chomhairleach- 
adh : agus is leat ainglean-san chum do choimhid: 
agus a Spiorad-san a thoirt comhfhurtachd 



RIGH NAN RIGH. 37 

dhut : agus is leatsa fhacal-san chum do theagasg. 
Tha ceithir de bhuaidhean Dhè a tha 'nan taice 
mhòr do Chriosdaidhean. 

(1.) A Dhìlseachd. (2.) A Chumhachd. (3.) A 
Mhaitheas. Agus. (4.) A Ghliocas. 

Agus uime sin, amhuinntir ionmhuiunn, is e bhur 
dleasanas tighin beò air geallaidhean, am feadh a 
bhitheas cùlsean ag amharc coltach ri tighin docair 
n'ur n'aghaidh : Gràdh Criosd dhuibh is gràdh saor 
e. Na h-uile ni a thug e dhuibh tha e saor, tha 
ghràs saor, tha ghràdh saor, tha shlàinte saor, agus 
tha e-fèin saor. Agus tha aon bhraon de ghràs 
anns a' chridhe na's fearr na slàbhraidh òir mu'n 
mhuineal. A nis', a mhuinntir ionmhuinn, na h-uile 
ni a bhuilich Chriosd oirbh, tha e saor, agus uime 
sin is gràdh caoimhneis e. 

Anns an t-seathadh àite, Tha Criosd a' gràdh- 
achadh iochdaranan, le gràdh truacantais, a comh- 
fhulang leo 'nan uile dhoilghiosaibh agus fhulang- 
asaibh ; gu fìrinneach is comhfhurtachd mhòr so da 
rìreadh : " Nan uiìe àmhghar," deir an ceann- 
teagaisg, " bha esan fo àmhghar," (Isaiah xiii. 9.) 
Mar sin a deir an t-AbstoI. " Oir cha n-eil àrd 
shagart againn nach eil comasach air comh-f hul- 
angas a bhi aige r'ar n-anmhuinneachd," (Eabh. iv. 
15;) is e sin, tha ard-shagart againne a tha comh- 
fhulang le ar n-anmhuinneachd ; neach a ta ri gul 
ann ar deòir, agus a'g osnaich ann ar n-osnaich, agus 
ri bròn ann ay doilghiosaibh, agus a' fulang ann ar 
fulangasaibh : agus air an aobhar sin thuirt Criosd, 
" A Shauil, a Shauil, c'arson a ta thu 'gam gheur- 
leanmhuinnse ?" Och ! ciod an gradh milis a tha'n 
so ! gràdh truacantais agus a comh-fhulang leinn 
n'arn-uile dhoilghiosaibh agus fhulangasaibh. Bha 



38 RIGH NAN RIGH. 

Criosd an toiseach air a gheur-Ieanmhuinn le Pòl 
'na bnallaibh, agus an deigh sin bha e air a gheur- 
leanmhuinn ann am Pòl mar aon d'a bhallaibh. 

A nis' a mhuinntir ionmhuinn, tha losa Criosd a' 
gràdhachadh iochdaranan le gràdh truacantais, agus 
uime sin biodh t'f hulangais an ni is àill leo, tha 
Iosa Criosd mar gu'm b'ann a' giùlan roinn maille 
ruit. 

Anns an t- Seachdamh àite, Tha Iosa Criosd a' 
gràdhachadh a shluaigh le gràdh taitneach agus 
sòlasach, " Iadsan aig am bheii gràdh dhomh gràdh- 
aichidh mi." (Gnà. viii. 19.) — An sin " gabhaidh 
an Rìgh mòr thlachd ann ad àille." (Salm xl. 11.) 
a' labhairt an sin mu Chriosd ; gabhaidh an Rìgh 
mòrthlachd ann ad àille, le mòr thlachd agus sòlas. 
Agus uime sin, a mhuinntir ionmhuinn tha Criosd 
a' gairm d'a eaglais a ghràdh, achalaman, a bhean- 
ghràidh, aon àillidh-san. Och cia anabarrach sa 
tha Criosd a' gràdhachadh eaglais 1 Gu cinnteach 
tha Criosd a' giùlan gràdh mòr d'a eaglais agus 
uaith so a ta sibh a' leughadh ; " Tha Criosd ag 
imeachd am measg nan seachd coinnleirean òir, 
agus tha e 'g ionaltradh am measg nan lili, agus 
tha a thlachd maille ri cloinn nan daoine." — Ged a 
tha creidich bhochda nam flthich ann an sùilean an 
t-saoghail, gidheadh tha iad 'nan calamain ann an 
sùilean Chriosd; tha iad ro-luachmhor 'na bheachd- 
san : ged is e gràin anma dhaoine aingidh iad, 
gidheadh tha iad air an gràdhachadh gu mòr le 
Dia, tha e gabhail tlachd annta. — Gabhaidh an 
Rìgh mòr thlachd annta. 

Anns an ochdamh àite, Tha Criosd a' gràdhach- 
adh a shluaigh le gràdh siorruidh, agus gràdh nach 
bàsaich ; is gràdh e nach bàsaich gu bràth, nach 



RIGH NAN RIGH. 39 

f às fuar gu' bràth ; tha gràdh Chriosdcoltachritobar 
a' sruthadh gun sgur agus nach eil gu bràth air a 
tliiormachadh suas ; an dream a ghràdhaich e o 
shiorruidheachd, iad sin gràdhaichidh e gu siorr- 
uidh, agus is creidich iad. A nis' a mhuinntir 
ionmhuinn, nach caoimhneas mòr so a bhi air a 
ghràdhachadh ? An ann Eoin xiii. 1, " Tha e ga'n 
gràdhachadh eadhon gu's a chrìoch ;" cha n-ann 
car latha, mìos, no bliadhna, cha n-ann na bhoisg- 
eadh agus air falbh ; ach eadhon gu ruig a' chrìoch. 
Agus ann an leremiah xxxi. 3. A' labhairt an sin 
mu gràdb, tha e air a ghairm 'na gràdh siorruidh. 
" Gràdhaich mi thu," arsa Dia, " le gràdh siorr- 
uidh." Och, a mhuinntir ionmhuinn, is gràdh so a 
chaoidleas agus a dh-itheas agus a dh-òlas maille 
ribh, a laidheas sìos agus a dh-eireas suas maille 
ribh, a thèid a chum bhur leapa bàis maille ribh, 
do'n uaigh maiìle ribh, agus do nèamh maille ribh ; 
cuiridh na naoimh dhiù seud a' chreideimh, an uair 
a gheibh iad bàs, ach cha chuir iad dhiù seud a 
ghràidh ; oir fanaidh sin maille riu rè na siorruidh- 
eachd. Tha Dia a' gràdhachadh a naoimh le gràdh 
siorruidh. 

Anns an naoitheadh àite, Tha Criosd a' gràdh- 
achadh a naoimh le gràdh coitcheann ; tha ghràdh 
coitcheann da naomhaibh uile. O cha n-eil aon 
naomh nach eil Criosd a' gràdhachadh gu mòr ; 
gràdhaich e Lasarus bochd cho math ri Abraham 
saibhir, agus Iob dìblidh cho math ri Daibh- 
idh urramach ; tha e gràdhachadh nan naomh a's 
ì bochda cho math ris an dream a's saibhire, tha e 
g'an gràdhachadh uile co-ionnann : cha n-eil Dia 
na f hear leth-bhreth air pearsa. Och, c'àite a' nis' 



40 RIGH NAN RIGH. 

am beil rìgh coltach ri Criosd? — Tha iadsan a' 
gràdhachadh, an uaislean, is iad an luchd-gaoil iad ; 
ach tha Criosd a' gràdhachadh iochdaranan uile. 
Tha gràdh Chriosd a' ruigheachd a chum a naoimh 
uile : tha ghràdh coltach ri gathan na grèine, a tha 
ruigheachd do ghnà a n-ear, an n-iar, a' tuath, agus 
a deas, mar sin tha gràdh Chriosd a' deanamh. 

Anns an deicheamh àite, A ghràdh-san is gràdh 
smachdaichidh e. " An tì a's ionmhuinn leis an 
Tighearn, smachdaichidh se e, agus sgiùrsaidh e 
gach mac ris an gabh e." Eabh. xii. 6. 

Anns an aon àite deug, Gràdh Chriosd is gràdh 
stiùraidh e ; gheall e a shluagh a threòrachadh agus 
a stiùradh anns an t-slighe anns am bu chòir dhaibh 
imeachd. O, cuiribh na h-uile ni dhiù sin cuid- 
eachd, agus gu cinnteach is èigin dhuibh aideach- 
adh gu'm beil Iosa Criosd a' gràdhachadh a chuid 
iochdaran gu h-anabarrach mòr ; mar a bha e air 
a 'radh mu Lasarus, an uair a ghuil Criosd air a 
shon, chuir an sluagh a bha làthair am mìneachadh 
so air, " Feuch cionnas a gràdhaich se e !" O 
mhuinntir ionmhuinn, cionnas a ta Criosd g'ur 
gràdhachadh-sa a tha n'ur sluagh dha ! Tha e g'ur 
gràdhachadh gu neo-chrìochnach, eadhon thar 
tomhas. 

A nis', O mhuinntir ionmhuinn, air sgàth an 
Tighearn thugaibh fainear e, agus deanadh so bhur 
gràdh a tharrainn a mach da ionnsaidh-san. 

Ni mi, a' cheud chothrom a gheibh mi, tighin gu 
fheuchainn dhuibh an gràdh a tha aig iochdaran- 
an Chriosd dha ; ma bheir an Tighearna comas 
domh. 



RIGH NAN RLGH. 4} 



" Tha e gu lèir ionmhuinn" — Dan. v. 16. 

Bha cbèile gu deimhin tinn le gràdh, ach thug 
Criosd barrachd oirre ; oir bhàsaich esan air son 
gràidh. An uair a bha sinne 'n-ar peacaich, bhàs- 
aich Criosd air ar son, ars' an t-Abstol. Ghràdh- 
aich e sinn ni b'u mhò na bheatha fèin : seadh, cha 
robh an fhior bheatha aig Criosd tuilleadh a's 
luachmhor leis air ar son. Tha cuid a' sgrìobhadh 
mu eun da'n goirear am pelican, agus tha iad 
ag radh, Gu'm beil i 'beathachadh a h-alaich òig le 
fuil fèin. O ! chàirdean, is e Criosd am pelican 
againne, a dh'àraich agus a beathaich sinne lefhuil 
fèin. " Is biadh gu fìrinneach m'f heòil, agus is 
deoch gu fìrinneach m'f huil," arsa Criosd, (Eoin vi. 
55,) Thug fuil dhearg Chriosd air falbh ar cionta 
dearg-ne ; tha peacaich mar sgàrlaid dhèirg, le 
gràs air an deanamh nan naoimh cho geal ris 
a' bhainne : tha ar n-uile thròcairean luachmhor a 
teachd air snàmh d' ar n-ionnsaidh ann am fuil 
luachmhoir 

Bhrùchd Criosd gràdh a mach air gach cuisìe, 
bu bhraona gràidh a bhraona-fala; seadh, mar a 
b'f huiltiche' sann a b' ionmhuinne ; bha e ro-ghràdh- 
ach air a' chrann-cheusaidh, do bhrì an sin g'un do 
nochd e'm barrachd gràidh dhuinn. 

Air an latha mu dheireadh dh'fheuch mi dhuibh 
an gràdh mòr ata Criosd a' giùlan d'a iochdaranan 
uile ; agus b'e so brìgh mo bhriathran, Gu'm beil 
losa Criosd a' gràdhachadh iochdaranan le gràdh 
siorruidh agus do-àicheadh An ni a tha mi dol a 
dh'fheuchainn dhuibh a nis' is e so e, Gu'm beil 



42 KIGH NAN RIGR. 

uile iochdaranan Chriosd g'a ghràdhachadh-saia , 
agus ciod an seòrsa gràidh a ta ann. 

Tha gràdh nan naomh do Chriosd dian agus 
laidir : bithidh so air f haicinn gu soilleir, ma bheir 
sibh fainear an ni ris am beil an sgriobtur a' sàmh- 
lachadh gràdh nan naomh. A nise tha e air a 
choimeas ri ceithir nithibh. 

(1.) Ri euslainte. (2.) Ri bàs. (3.) Ris an 
uaigh. (4.) Ri teine. Ris na nithe sin tha gràdh 
a chreidich air a choimeas anns an sgriobtur ; labh- 
raidh mi umpa gu h-eagarra. 

Anns d cheud àite. Euslainte. Is e so a' cheud 
choimeas a ta cumail a mach neart gràidh a 
chreidich ; tha so air a' chur sìos ann an dà àite 
de'n leabhar so, Dàn Sholaimh ii. 5. " Cumaibh 
suas mi le còrnaibh, sgapaibh ubhlan mu m' thim- 
chioll, oir a ta mi tinn le gràdh." Agus ann an 
caibidil v. 8. " Cuiream mar f hiachaibh oirbh, a 
nigheanan Ierusaleim, ma gheibh sibh fear mo 
ghràidh, gu'n innis sibh dha, mar a ta mi tinn le 
gràdh." — Tha i air a' cur thairis, tha buaidh air a 
thoirt oirre, agus tha i eadhon air a h-èigneachadh 
le ghràdh agus le mhaise. O ! tha tart orm, tha 
mi fàilinneachadh, tha mi plosgartaich, tha fadal orm 
air a shon. O ! mhuinntir ionmhuin, tha 'n eaglais 
ro thinn, agus ullamh gu dol ann an neul ; cha 
robh Ahab riamh cho tinn air son fìon-lios, cha robh 
Sisera riamh na b'iarrtaiche air son bainne, no 
Daibhidh air son uisge, no Rachel air son cloinne, 
no Amnon air son a pheathar Tamar, na tha peac- 
aich bhochda bhrist-chridheach air son Chriosd.; 
an uair a gheibh Criosd a steach do'n chridhe, tha 
ItaiTainn nan aignidhean uile da ionnsaidh fèin. Tha 



RIGH NAN RIGH. 43 

mi cùimhneachadh air chòmhradh mna gràsmhoir, 
" Rug" mi, ars' ise, "naoidhnear chloinne, le urrad 
phèin ri mnathan eile, agus. fathast b'urrainn 
mi le'm' uile chridhe am breith uile laithean mo 
bheatha, chum's gu'm bithinn cinnteach a cuibhrionn 
ann an Criosd." O ! cia cho anabharrach sa tha 
creidich a' gràdhachadh Chriosd ! tha Daibhidh a 
gabhail iongantais da ghràdh fèin, " O cia h-ion- 
mhuinn leam do lagh-sa!" (Salm cxix. 97») Tha e 
gabhail iongnaidh de so : ciod an deothas leis 
am beil e gràdhachadh facail Dè. " O cia h-ion- 
mhuinn leam do lagh-sa I" mar sin tha 'chèile an so, 
cha n-e mhàin gu'm beil i g'a ghràdhachadh, ach tha 
i tinn le gràdh, ullamh gu bàsachadh air son gràidh. 
O, mhuinntir ionmhuinn, an so tha euslainte, cha 
n-ann a chum bàis, ach a chum beatha ; is euslaint 
itaghnàth a'toirt beannachaidh agus sonas mailieri, 
euslaint a bhitheas air a leigheas ieis-an, neach i se 
Lighich mòr nan anmannan. Is e so an ceud ni ; 
tha. i coimeas a' gràidh ri euslainte. 

Anns an dara h~àite. An ath ni leis ieis am beil i 
cumail a mach neart a gràidh do Chriosd, is ann le 
bàs : Tha so agaibh ann an Dàn. viii. 6. Tha i an 
sin ag innse dhuibh " gu'm beii a gràdh laidir mar 
am bàs." — A mhuinntir ionmhuinn, tiia f ios agaibh 
gu'm beil am bàs laidir, is e rìgh nan uabhas, agus 
uabhas nan rìgh : tha e ceannsachadh na h-uile 
seòrsa sluaigh, ard agus iosal, bochd agus beartach, 
sean agus òg, math agus oic, na h-ard-uachdarain 
a's mò, tha rìghrean agus iompairean, air an tilgeadh 
sìos leis a' bhàs : c'àite riamh an do chòmhnaich 
an dume sin a bha tuilleadh a's laidir air son a' 
bhàis ? N'am b'urrainn neart cur 'na.aghaidh, an 
sin sheachnadh Sampson e. N'am b'urrainn mòr- 



44 RIGH NAN RIGH. 

achd amharc thairis air, rachadh Nebuchadnesar àn 
uaithe : na'm b'urrainn àilleachd ionnsaidh thoirt 
air, an sin cha choinnicheadh Absalom riamh e ; 
n'am b'urrainn saibhreas a cheannach, sheachnadh 
Dibhes e. Aeh, mo thruaighe ! cha robh neach de 
na curaidhean sin cruadalach gu leòir air son a' bhàis, 
shaltair e air am muinealan uile : agus uime sin, O 
amhaircibh sibhse air a' bhàs mar an ceudna, mar 
ni is eigin dhuibh a choinneachadh ; amhaircibh 
oirbh fèin mar ni ris an eigin dhuibh dealachadh. 
A nise, leis a' so faodaidh sibh a bharalachadh ciod 
e gràdh, tha e laidir mar am bàs ; seadh, laidir da 
rìreadh. O cia laidir am bàs! Ni h-eadh, cha n-eil 
gràdh 'nan creideach do Chriosd laidir mar am bàs, 
ach ni's laidire n'am bàs ; mar a ta cuid do sgriob- 
turain a' foillseachadh — Tha gràdh a' chreidich 
do Chriosd ni's treise n'am bàs, " A ta dearbh- 
bheachd agam," arsa Pol, " nach bi bàs, no beatha, 
no aingil, no uachdaranachd, no cumhachdan, no 
nithe a ta làthair, no nithe a ta ri teachd, No airde, 
no doimhne no creutair sam bith eile, comasach air 
sinne a sgaradh o ghràdh Dhè a ta ann an Iosa 
Criosd ar Tighearn." (Rom. viii. 38, 39 ) — Am 
bàs, ged fhaod e sinne mharbhadh, cha n-urrainn e 
dochann a dheanamh dhuinn; ged fhaod am bàs ar 
cur do shloc an dorchadais, gidheadh, cha n-urrainn 
e ar cur do'n ionad dhòrainneach : ged f haod e ar 
beatha a thoirt air falbh, gidheadh, cha n-urrainn e 
ar gràdh a thoirt air falbh; thug na h-aintighearnan 
fuileachdach air falbh beatha nam martaireach air 
son Chriosd, ach cha b'urrainn dhaibh gu bràth an 
gràdh dhasan a mhilleadh. Thubhairt, aon de na 
ceud Chriosdaidhean an uair a thàinig e gu fulang, 
" O, cha bhàsaich mi ach aon uair air son mo 



RIGH NAN RIGH 45 

Shlànaighear, agus 'gun bheatha tuilleadh ri leagail 
sios ! O b'urrainn mi bàsachadh ceud uair air a 
shon !" O! mo chàirdean, gràdh is ni e a sheasas 
ni's faide, no gach uile nàmhaid, gach uile gheur- 
leanmhuinn, gach uile chunnart ; ni h-eadh, n'ara 
bàs fèin. — Ann an Tais. xii. 11. deir an ceann- 
teagaisg, " Cha do ghràdhaich iad an anma fèin 
gu bàs." Agus thuirt lob, " Ge do mharbh e mi, 
gidheadh earbaidh mi às :" mar gun abradh e, 
O, a Thighearn, ge do bheir thu air falbh mo 
shliochd, mo mhòrachd, mo shlàinte, mo mhaitheas, 
mo chàirdean; seadh mo beatha fèin, cha toir thu gu 
bràth air falbh mo ghràdh : ge do mharbh thu mi, 
gidheadh earbaidh mi asad. (Iob xiii. 15.) — Mar sin 
cha n-e mhàin gu'm beil gràdh laidir mar am bàs, 
ach ni's treise na'm bàs ; oir is e'n gràdh am fear 
buadhachaidh deireannach. 

Ans an treas àite, Ni eile leis am beil i cumail a 
mach neart a gràidh, agus a tairisneachd laidir do 
Chriosd ; is i an uaigh, agus tha so agaibh ann an 
caibidil viii. 6. Tha " e an-iochdmhor mar an 
uaigh." Is i an uaigh leabaidh an dorchadais, a 
tha ghnà ag iarruidh, agus nach eil am feasd air a 
sàsachadh, ach a shluigeas na h-uile ni a thig. Tha 
Criosd ag innseadh dhuinn, ann an Eoin iv. 14. 
f' Ach ge b'e neach a dh'òlas do'n uisge a bheir 
mise dha, cha bhi tart gu bràth air." Ciod, nach 
bi tart gu bràth air? Cha bhi gu bràth an deigh 
an t-saoghail, agus nithe saoghalta, ach tuilleadh 
agus tuilleadh an deigh Chriosd agus nèimh, " An 
tì a dh'òlas de'n uisge a bheir mise dha cha bhi tart 
gu bràth air." Cha bhi gu bràthan deigh nan nithe 
iosal bochd sin, ach an tuilleadh agus an tuilleadh 
an deigh Chriosd agus nèimh. 



46 RIGH NAN RIGH. 

Cha d'rinn duine acracb riamh fadal a gha- 
bhail air son arain, le barrach ciocrais, no duine 
tartmhor air son uisge, no duine lomnochd air 
son aodaich, no duine sanntach air son beart- 
ais, no duine tinn air son slàinte, no duine air a 
dbìteadh air son mathanais, na tha anamannan 
a tha gu tìrinneach gràsmhor a deanamh air son 
Iosa Criosd. " Tha tart air m'anam a'd dheigh," 
arsa Daibhidh ann an Salm xxxvi. 1. " Tha tart 
air m'anam a' d' dbeigh." C'arson a Dhaibhidh, 
cia mar a tha tart air t'anam an deigh Dbè ? C'uime, 
tha e 'g innse dhuibh ann an Sàlm xlii. 1. " Mar 
a thogras am tiadh chum nan sruth uisge, mar sin 
tha m'anam a' togairt a' t' ionnsaidhse, a DhèV — 
A nise thugaibh fainear, mo chàirdean, am fìadh 
bochd a th' air a ruagadh le coin, tha nàdur mar 
gu'm b'ann uile 'na lasair, ann an teas loisgeach, 
agus an sin tha e plosgartaich agus tartmhor, agus 
tha e ullamh gu bàsachadh air son uisge. A nis', 
arsa Daibhidh, " Mar a thogras fiadh chum nan 
sruth uisge, mar sin tha m'anam a' togairt a' t' ionn- 
saidhse a DhèV' — O an teine dian, tart Dhaibidh ! 
agus uime sin tha Asaph ag innse dhuibh ann an 
àite eile, " Co th'agam anns na nèamhaibh ach 
thusa? agus an coimeas riut cha n-eil neach air 
thalamh air am beil mo dheigh." (Salm lxxiii. 25.) 
Nach eil do dheigh air do mhnaibh, air do chloinn, 
air do shlàinte, air do bbeatha ? seadh, bha dheigh 
orra sin 'nan àiteachan fèin, ach cha bu ni sam bith 
iad an coimeas ri Dia. 

Tha mi cùimhneachadh mar labhair martaireacb, 
ri aon a dh' fheòraich dheth an robh e gràdhach- 
adh a mhnatha agus a chloinne 'nuair a bha 
iad a' gul làimh ris ? G'an gràdhachadh ! tha, 



RIGH NAN RIGH. 47 

ars esa, n'ara b 'òr an saoghal uile, agus e leamsa 
gu buil a dheanamh dheth, bheirinn seachad e gulèir 
gu tighin beò maille riusan, ge do b'ann am prìosan, 
gidheadh, an coimeas risan, cha n-eil mi g'an 
gràdhachadh idir. 

Och ! mo chàirdean, is eigin dhuinn saltairt air 
athair, agus ruith thairis air màthair gu teachd a 
dh' ionnsaidh Chriosd. Tha fios agaibh, Peadar, 
gu tighin a dh' ionnsaidh Chriosd, dh' imicheadh e 
air an uisge lom, na bu roghnaiche na seòladh, 
chaidh e air an fhàirge a dh' ionnsaidh Chriosd ; 
gu fìrinneach bha i 'na slighe chunnartaich, ach 
ghiùlain Peadar suas gu h-anabarrach math, am 
feadh a chùm a chreideamh suas, ach 'nuair a 
chaidh a chreideàmh fodha, an sin thoisich Peadar 
ri dol fodha cuideachd. Goirear fairge do'n t- 
saoghal ann an Daniel, agus anns an Taisbeanadh, 
agus is èigin dhuibh dol air na h-uisgeachan sin a 
dh'ionnsaidh Chriosd, agus a bhi cinnteach creid- 
eamh a chumail suas, agus an sin ni sibh a mach e ; 
ach ma dh' fhàilnicheas creideamh, bithidh sibh 
cinnteach adhol fodha. O! mhuinntir ionmhuinn, 
tha gràdh a' chreidich do-shasaichte coltach ris an 
uaigh ; cha n eil neach ach Criosd, cha n-eil 
neach ach Criosd, ars am martaireach ; agus mar 
a thuirt Augustine, O Thighearna, thoirair falbh na 
h-uile ni, a mhàin thoir dhomh thu fèin ! 

Anns a' cheatkramk àite, Tha gràdh air a 
choimeas ri teine, agus tha lasair ro gharg aige, 
ann an caib viii. 6. — A nis', a mhuinntir ionmhuinn, 
cha n-eil gràdh an naoimh do Chriosd a mhàin air 
a choimeas ri teine, air son a bhlàthas agus a 
theas, ach air son fhadaidh, agus a bhi fàs, agus a' 
lasadh — " 'Nuair a bha mi a' beachd-smuaineach- 



48 RIGH NAN RIGH. 

adh," arsa Daibhidh, " las an teine," (Salm xxxix. 
3.) Ciod an teine? C'uime, an teine anns a' chridhe, 
agus cha n-e an teine air an teinntean. Agus 'nuair 
a chaidh na h-abstoil a shearmonachadh an t-sois- 
geil, shuidh an teine air an teangannan, Gniomh. 
ii. 3. A nis', a mhuinntir ionmhuinn, mar a tha 
gràdh an naoimh air a choimeas ri teine anns an 
sgriobtur, mar sin gheibh sibh àmhgharaibh, agus 
geur-leanmhuinnibh, agus cunnartaibh, agus na 
nithe an-ìochdmhor sin a tha dol an co-chuideachd 
nan naomh bochda anns an t-saoghal so : agus tha 
uisgeachan agus tuiltean air a radh riu ann an Daniel 
ix. agus Salm lxix. agus Mata vii. Ach tha dà 
sgriobtur na's mò na coitcheann, ann an Tais. xvii. 
15. far am beil uisgeachan air a ghairm dhiù, " Na 
h-uisgeachan a chunnaic tu, far am beil an strìop- 
ach 'na suidhe, is slòigh agus coimthionail, agus 
cinnich, agus teanngannan iad." Tha 'n Spiorad 
ga f hosgladh do'r làimh ; agus tha làn sgriobtur 
eile agaibh ann an Tais. xii. 14. far am beil e air a 
ràdh an sin mu'n dràgon, Gu'n do thilg e mach 
mòran uisge coltach ri tuil an deigh na mna. A nise 
ciod e 'n tuil a ta 'n so ? c'uime, an tuil so is iad 
geur-leanmhuinnean fuileachdach agus tagraidhean 
ifrinneil. A nis/ a mhuinntir ionmhuinn, cia cho 
fada tha 'n dragon a sgeith a mach a h-uisge 
air an eaglais ? agus ciod uime a tha 'n t-uisge so 
uile air a thilgeadh a mach ? Is ann a mhùchadh an 
teine mu'm beil mi labhairt ; ach an urrainn iad 
a dheanamh ? Cha n-urrainn, mo thruaighe ! faod- 
aidh iad sgeith gus an tig an sùilean a mach às 
an ceann, agus a bhi uile gu diornhain, " Cha'n 
urrainn uisgeachan lionmhor an gràdh a mhùchadh, 



RIGH NAN RIGH. 49 

agus cha bhàth natuiltean e." (Dàn. viii. 7«) Cha'n 
'urrainn na h-uile gheur leanmhuinn fuileachdach 
agus àmhghar gràdh a mhùchadh : agus uime sin 
deanadh daoine aingidh cho lion tuil sa's àill leo 
a chur a mach, cha n-urrainn e gràdh nan naomh 
a bhàthadh. Cha do mhùch an t-iomlan de'n uisge 
a thilg Saul agus a chuideachd an deigh Dhaibidh 
a ghràdh fèin. Cha do mhùch, ars esan, " Ge do 
shiùbhail mi trid ghlinn sgaile a' bhàis cha bhi eagal 
uilc orm/' (Salm xxiii. 4.) Cha robh geilt air 
Daibhidh dol seachad air dorus a' bhàis. Cha 
b'urrainn an t-iomlan de na h-uisgeachan a thilg 
Herod agus na h-uachdarain air na h-abstoil a 
chaoidh an gràdh a mhùchadh. 

A nis/ a mhuinntir ionmhuinn, chì sibh an 
deigh do na h-abstoil a bhi air an sgiùrsadh gu 
teann, dh'imich iad air falbh a' deanamh gàirdeachais, 
agus a' deanamh gàirdeachais anns a' cheart ni so, 
gu 'n do mheasadh gu'm b'f hiù iad eas-urram f hul- 
ang air sath losa Criosd. Agus ann an Eabh. x. 
34. " Ghabh iad le luathghair ri creachadh am 
maoin " — Agus thuirt Pòl. " Cò sgaras sinn o 
ghràdh Chriosd? An dean trioblaid, no àmhghar, 
no geurleanmhuinn, no gorta ?" &c. (Rom. viii. 
35.) Creidibh, e mo chàirdean, is nithe deuchainn- 
each iad so uile, agus gidheadh a deir esan, " Cò 
sgaras sinn o ghràdh Chriosd ?" Cha sgar, cha 
sar, — . cha ghabh sin deanamh, cha n-eil ni 
sam bith a bhitheas gu bràth comasach air sinne 
sgaradh o ghràdh Chriosd ; air chor is nach eil 
gràdh a' chreidich air a dheanamh de leithid 
a stuth 'sa bhi air a mhùchadh leis an tuil so, 
tha na naoimh uile 'nan lasair air son Chriosd. 
Agus tha sinn a' faotainn an tuil mhòr sin a thaom 

F 



50 RIGH NAN RIGH. 

Nero agus Iulian a mach air na ceud Chriosdaidh- 
ean, Ciod, an do mhùch i teine ? — Tha mi cùimh- 
neachadh gu'n tuirt aon aca ; " Nam biodh 
agamsa deich cinn dh'f huiligeadh iad uile air son 
Chriosd." Agus thuirt neach eile, " Ged' bu 
duine gach fuiltean de'm cheann, dh'f huiligeadh iad 
uile air son Chriosd." — Mo thruaighe, ghlac na 
Criosdaidhean boehd ampiantan mar cho lion crùn: 
agus tha 'n sgriobtur ag innse dhuibh, nach " urrainn 
uisgeachan lionmhor an gràdh a mhiìchadh/ 

A nise mo chàirdean gràdhach, cuiribh na ceithir 
nithe sin cuideachd, agus tha e ro shoilleir, gu'm 
beil gràdh nan naomh do Chriosd dion agus laidir; 
fuiligidh iad an crochadh air a shon, fuiligidh iad 
an losgadh air a shon, ni iad ni sam bith air a 
shon, na piantan a's mo fhulang, na's roghnaiche no 
gu'n cailleadh esan am braon bu lugha d'a ghlòir. 
Ach their sibhse.c'arson a tha uile iochdaranan Dhè 
ga ghràdhachadh leis a' ghràdh so ? 

Air son dà aobhar, — air tùs A chionn gu'm 
beil e ga thoilltinn. An dara, Tha e g'a àithneadh. 
Annsa'cheudàite, ThaCriosda'toilltinnarghràidh: 
c'arson a tha sinn g'a ghràdhachadh ? c'uime, tha e 
ga thoilltinn oirn, ge do bhiodh e deich mìle uair 
na b'u mhò na tha e Mhuinntir ionmhuinn, 's esan 
a chruthaich sinn, 's esan a naomhaich sinn, 's esan 
a shaor sinn, agus a ghràdhaich sinn, 's esan a 
dh atharraich ar nàdur, agus a tha maitheadh ar 
peacaidh ; 's esan a rinn ar siothchaint, agus a 
chiùinich fearg Athar air ar son-ne, agus a dhioì 
fearg Athar air ar son-ne, agus a dhiol ceartas 
Athar air ar son-ne, agus a dh'oibrich fìreantachd 
shiorruidh air ar son-ne : 's esan a ghiùlain ar 
crann-ceusaidh, chum's gu'n caitheadh sinn a chrùn- 



RIGH NAN RIGH. 51 

san. Choisich e tre chuan fhulangais, air ar son- 
ne a thoirt mathanais a chum ar n'anmannan, agus 
nach eil an Criosd so a' toilltinn ar gràidh ? O gu 
neo-chrìochnach gu neo-chrìochnach ! Agus gu 
fìrinneach, mo chàirdean, mar is mò a rinn agus a 
dh'fhuilig Criosd air ar-son-ne, is an is ionmhuinne 
a bhitheas e dhuinne, 1 Eoin. iv. 9 — 19. 

Anns an dara h àite^ Mar a tha Criosd a' toilltinn 
ar gràidh, mar sin tha e ga iarraidh : tha Criosd ag 
iarraidh oirnn esan a ghràdhachadh os-ceann 
beatha, os-ceann mna pòsda,, os-ceann luchd-dàimh. 
Tha Criosd ag iarraidh oirn a ghràdhachadh thar 
nan uile. 

Co-chur. Tha mi nis' a dol air m'aghaidh chum 
co-chur na h-uile ruinn fèin, ni a's e an treas ni ann 
an òrdugh gu bhi air a laimhseachadh, agus ni mi 
trì nithe feumail dheth, air tùs, Air son Solais, an 
dara ni. Ceasnachadh, agns an treas ni, Earail. 

An toiseach nan uile, Am beil e mar sin gu'm beil 
Criosd g'ar gràdhachadh le gràdh siorruidh agus 
nach bàsaich ? C'uime, an sin, an so tha comh- 
fhuartachd air bhur sonsa a ta n'ur sluagh dhasan. 
Tha mi labhairt a nis' a mhàin ri'n leithidibh sin. 
" Thugaibh comfhurtachd, thugaibh comf hurtachd 
do mo shluagh-sa, dèir 'ur Dia," (Isaiah xl. 1,) agus 
thuird Criosd, " Na biodh bhur cridhe fo thriob- 
laid." (Eoin xiv. 1.) Cha b'àill le Criosd gu'm 
biodh a naomhaibh bochda fo thrioblaid ; agus a 
deir an t-Abstol '* deanaibh gàirdeachas a ghnàth," 
(1 Tesal. v. 16.} " Deanaibh gàirdeachas a 
ghnàth !" — Mo thruaighe ! cia mar is urrainn 
dhuinne gàirdeachas a dheanamh 'nuair a tha 
daoine ri dimeas oirnn, 'nuair a tha daoine 
g'ar maslachadh, agus g'ar mi-ghnàthachadh, agus 



52 RIGH NAN RIGH. 

g'ar geur-leanmhuinn, cia mar is urrainn sinn 
gàirdeachas a dheanamh ! ach èisdibh ciod a deir 
Criosd, " Is beannaichte bhitheas sibh, an uair a 
bheir daoine ana-cainnt dhuibh, agus a ni iad geur- 
leanmhuinn oirbh, agus a labhras iad gach uile 
dhroch fhacal ribh gu breugach air mo sgathsa. ,, 
(Mata v. 11.) Thugaibh fainear, Tha bennnachadh 
a' dol anns a' cheud àite, " Is beannaichte bhitheas 
sibh, an uair a bheir daoine anacainnt dhuibh, agus 
a ni iad geur-Ieanmhuinn oirbh." 

O mhuinntir ionmhuinn, is aobhar beannachaidh 
e, agus uime sin na bithibh air bhur tilgeadh sìos. Is 
aithne dhuibh ciod a bh' air a' ràdh o shean, " Anns 
an t-saoghal bithidh àmhghar agaibh : ach biodh 
deagh mhisneach agaibh thug mise buaidh air an 
t-saoghal." (Eoin xvi. 33.) O anaim bhochd ! is 
e so uile na bhitheas agad de dh-ifrinn, air an 
aobhar sin biodh deagh mhisneach agad, an so tha 
do dhroch nithe agad, tha do nithe matha ri teachd; 
an so tha do nithe searbh agad, ach tha do nithe 
milis ri teachd, an so tha do phrìosan agad, ach tha 
do lùchairt ri teachd, an so tha do luideagan agad, 
tha do thrusgan ri teachd: an so tha do dhoilghios 
agad, tha t' aoibhneas ri teachd : an so tha t' ifrinn 
agad, th*a do nèamh ri teachd : an deigh cùpain an 
àmhghair, thig cupan na slàinte : ni millsead a 
chrùin a bhios air a mhealltainn, dioladh air son 
searbhas a chroinn-cheusaidh a bha air a ghiù-lan. 

Bha neach air àm araid a d'ol seachad air ionad 
far an robh crois *na laidhe air an talamh, dh'òrduich 
e i bhi air a togail suas, agus f huair e mòran beart- 
ais agus ionmhais foipe. O chàirdean, fo na triob- 
laidean a's mò tha bhur n-ionmhasan a's mò 'nan 
laidhe, foighidin air son doilghios ; cruinnichidh 



IUGH NAN RIGH. 53 

sìol an doilghios air thalamh barr òrdha de dh'aoibh- 
neas air nèamh ; an dream a chuireas naomhachd 
ann an earrach am beatha, buainidh iad sonas ann 
am foghar nabith-bhuantachd. O ! mo chàirdean, 
na smuaintichibh gu bràth gu'm bi crìoch air bhur 
bròn, gu's am bi crìoch air bhur peacadh.— Tha 'n 
t-Abstol ag innseadh dhuinn, «« Oir a ta ar n-àmh- 
ghar eutrom, nach eil ach rè sealain, ag oibreach- 
adh dhuinne trom chudthrom glòire a ta ni's ro 
anabarraich agus sior-mhaireannach." (2 Cor. iv. 
17.) Braon de mhasladh ri cudthrom de ghlòir ! 
O ciod e seal gearr de phian ri siorruidheachd 
de shubhachas ? agus uime sin biodh deagh mhis- 
neach agaibh a naomhaibh, an so tha comh-fhurt- 
achd air bhur sonsa ; tha bhur làithean a's fearr ri 
teachd, is iochdarain sibhse a th' air ar gràdhach- 
adh gu h-iomlan, gu treibhdhireach, gu neo-chrioch- 
nach, le gràdh do-aicheadh. 

Feum. 2. Chum feum ceasnachaidh. 2. Am 
beil^e mar sin gu'm beil gràdh nan naomh do Chriosd 
dian agus laidir ? Uime sin, tha mi guidhe oirbh 
ceasnaichibh, agus dearbhaibh, agus rannsaichibh 
sibh fèin, cia mar a ta bhur cuislean a' bualadh an 
deigh Criosd ? O gu'n ceasnaicheadh sibh sibh 
fèin, chum 's gu'm bi fìos agaibh cò da'm buin sibh 
am feadh a tha sibh beò, agus c'àit' an tèid sibh an 
uair a gheibh sibh bàs, agus ciod a thig ribh tre 
bith-bhuantachd. O ! mo chàirdean, am beil sibh 
gu tinn le gràdh ? am beil sibh a' gràdhachadh 
Chriosd? air sgàth an Tighearna, mhuinntir ion- 
mhuinn, ceasnaichibh agus dearbhaibh, agus faicibh 
am beil sibh gu tinn le gràdh do Chriosd. 'S cùis 
eagail nach eil ach beagan anns an t-saoghal a tha 
tinn leis an euslaint so. Tha lionmhorachd tinn 



54 RIGH NAN RIGH. 

air son nithe urramach, anns nach eil ach nithe 
fuaimneach a chuir tosd air glòir-mhiann dhaoine; 
tha iomadaidh tinn air son òir agus airgeid, 
ni nach eil ach 'na salchar beag soillseach ; tha 
ìionmhoraclid gu tinn ai son fala, a tha 'g 
itheadh suas pobull an Tighearn mar aran ; leag- 
aidh Dia orrasan làmh an dioghaltais, a tha leagadk 
làmh an f hoirneart air a naomhaibh ; tha lion- 
mhorachdtinn le saobh-chreideamh,agus beulaithris 
talrnhaidh dhaoine; ni,anàite an anamannan athoirt 
do nèamh, a mheallas nèamh uatha; mo thruaighel 
tha lionmhoireachd tinn le'm fulangais : cò d'an 
ion eagal a ghabhail roimh 'n chrann-cheusaidh, a. 
tha cinnteach as a' chrùn ! ach O ! cia beag a ta 
ann a tha tinn le gràdh do Chriosd cia lion a ta. 
anns a ? cho-thional so a ta tinn le gràdh do 
Chriosd ! aii sgàth an Tighearn, na meallaibh sibh 
fèin, tha sibh a' faicinn gu'n robh a chèile ullamh 
gu dol an neul agus fàilneachadh, agus bàsachadh 
air son Chriosd. 

Anns an dara h-àite> Bha a gràdh laidir mar am 
bàs ; ni-headh, na's laidire na'm bàs : am beil do 
ghràdhsa mar sin O anaim? an urrainn thu prìosan 
f hulang air son Chriosd, losgadh air son Chriosd, 
crochadh air son Chriosd, na h-uile ni thrèigsinn 
air son Chriosd; an gabh thu do mhisneach dol air 
na tuinn air son Chriosd, mar a rinn Peadar? 
O mhuinntir ionmhuinn, air sgàth an Tighearn, 
seallaibh ribh fèin: tha mòran ann atha'g aidmheil 
gràidh do Chriosd ann am briathribh, ach na's mò 
a ta g'a àicheadh' nan gniomh ; cha robh Dia riamh 
na's mo ann am beòil, agus na's lugha ann an 
caithebeatha dhaoine. A Mhuinntir ionmhuinn, 
am beil bhur gràdh coltach ris an uaigh, nach eii 



RIGH NAN RIGH. 03 

gu bràth air a sàsachadh ! Am beil thu 'g èigheach 
amach na's mò air son Chriosd ? 0, thoir dhomhsa 
Criosd, agus gabhadh iadsan le'n àill an saoghal. 
Am beil an lasair so ann bhur n-anmaibh? Air 
sgàth an Tighearna dearbhaibh sibh fèin, buinibh 
gu treibhdhireach ri bhur n'anmannan. 

A nis' a mhuinntir ionmhuinn, thug mi dhuibh 
blàs air gràdh fior treibhdhireach, agus is beann- 
aichte iadsan a thilgeas an gràdh ann an uchd tait- 
neach an Cruithear. 

Feum. 3. Co dùinidh mi nis' an t-iomlan le facal 
Earail. — Ro mhath, mo chàirdean, 'nan searmon- 
aichinn an so gu madainn am màireach, ciod 
tuilleadh a's urrainn mi 'ràdh a thoirt oirbh Criosd 
a ghràdhachadh? tha e ro-ionmhuinn, tha e gu lèir 
ionmhuinn. Air an aobhar sin gràdhaichibh Criosd, 
gràdhaichibh Criosd, tha na h-uile aobhar gràidh 
annsan ; faodaidh aobhar shònraichte gràidh a bhi 
ann an daoine agus ann an ainglean ; ach tha mi 'g 
ràdh gu'm beil na h uile aobhar gràidh ann an Criosd : 
O, mo chàirdean, gràdhaichibh Criosd oir mar dean 
sibh e, tha mallachd uabhasach air a chur an cèill 
'n-'ur n-aghaidh ; cha n-eil nèamh, cha n-eil sonas, 
cha n-eii crùn a's eughrnais Chriosd; oir annsan tha 
gach uile iomlanachd a'gabhail còmhnaidh, tha uile 
ionmhais a' ghliocais agus an eòlais ann an Criosd, 
agus tha 'n t-Athair a' toirt seachad uile chaoimh- 
neas gràidh tre Chriosd. A mhuinntir ionmhuinn, 
nach eil e na's fearr a bhi snàmh ann an innealaibh 
uisge an aithreachais, no bhi losgadh ann an inneal- 
aibh-teine an dioghaltais: an dara h-aon s' eigin 
dhùibh fhulang; cha n-eil dòigh air teachd chum 
cala sgiamhach na glòire, ach ìe seòladh troimh 
chaol cumhann an aithreachais ; agus uime sin, 



56 RIGH NAN RIGH. 

abraidh an ni a's àill leibh, na's lugha na chreideas 
sibh anns an t-SJànaighear, bithidh bhur n-anm- 
annan truagh gu siorruidh : agus air an aobhar sin 
thugaibh fainear do na thubhairt mi, agus gu'n 
tugadh an Tighearn dhuibh tuigse anns na h-uile 
nithe. Gràdhaichibh Criosd na's mò na rinn 
sibh riamh, na's mò na gach uile, agus os-ceann nan 
uile, agus an sin bithidh sibh sona gu siorruidh. 



RIGH NAN RIGH. 

" Tha e gu lèir ioìimhuinn? — Dàn. v. 16. 

A mhuinntir ionmhuinn, tha fios agaibh cia cho 
fhada sa chaidh sinn air ar n-agbaidh air làtha 
an Tighearna mu dheireadh : chrìochnaich mi an 
seathamh nì sònraichte, anns am beil losa Criosd, 
Rìgh nan rìgh, a' dol os-ceann agus a' toirt barrachd 
air na h-uile rìgh eile : agus b'ann mar so, tha Iosa 
Criosd a' gràdhachadh iochdaranan uile, agus tha 
iochdaranan uile g'a ghràdhachadh-san ; agus dh' 
fheuch mi dhuibh gràdh iongantach Chriosd d'a 
; iOchdaranan, agus gràdh iochdaranan dhàsan ann an 
iomadach ni sònraichte. Tha mi nis' a' dol air 
m'aghaidh gu nithe sònraichte eile, anns am beil 
Criosd a' toirt barrachd air rìghrean na talmhuinn. 
Anns an t-seachdamh àite, Tha losa Criosd a 
deanamh iochdaranan fèin uile, cha n-eil iochdar- 
anan 'ga dheanamh-san. " Oir is ann leis-san a' 
chruthaicheadh na h-uile nithe a ta air nèamh, agus 
a ta air talamh," (Col. i. 16.) Leis-san, cò leis ? 



RIGH NAN RTGH. 57 

le Iosa Criosd, le Criosd bha na h-uile ni air an 
cruthachadh, " Bha e anns an t-saoghal, agus rinn- 
eadh an saoghal leis, agus cha d'aithnich an saoghal 
e," (Eoin i. 10.) Mar sin anns an treas rann, 
" Rinneadh na h-uile nithe leis ; agus as eugmhais 
cha d' rinneadh aon ni a rinneadh," Charobh ni air 
bith air a dheanadh as eugmhais Chriosd, agus 
rinneadh na h-uile nithe le Criosd. A mhuinntir 
ionmhuinn, tha Iosa Criosd a' cruthachadh iochd- 
aranan ; iha e deanadh iochdaranan ; agus a' toirt 
bith d'a iochdaranan fèin, " Oir annsan tha sinn 
beò, agus a' gluasad, agus tha air bith againn ;" tha 
e toirt dhuinn bith thri-fillte ; ar bith ann an staid 
nàduir, ar dara bith ann an staidgràis, agus ar treas 
bith ann an staid gìòire. — Is e so an seachdamh ni 
anns am beil Iosa Criosd a' toirt barrachd air na 
h-uile rìgh eile ; tha e deanamh iochdaranan fèin, 
ni nach urrainn aon neach eile dheanamh. 

An tochdamh àite, Is e Criosd a's beartaiche de 
na rìghrean uile : O ! mhuinntir ionmhuinn, tha e 
saibhir ann an gràdh, tha e saibhir ann an eòlas, 
saibhir ann am maitheas, saibhir ann an gliocas, 
saibhir ann an gràs, saibhir ann an glòir. Tha e 
cho saibhir ris an Athair fèin, tha saibhreas na 
diadhachd annsan, " Oir annsan tha uile iomlan- 
achd na diadhaehd a' gabhail còmhnaidh gu corp- 
orra," (Col. ii. 9.) Thugaibh fainear, mo chàird- 
ean, ann-san tha gach uile iomlanachd a' gabhail 
còmhnaidh, Cò dheth ? c'uime de'n diadhachd ; 
agus cha n-e mhàin mar sin, ach tha e gabhail 
còmhnaidh annsan gu corporra. Mo thruaighe ! 
mo chàirdean, ciod iad crùin phrìonnsachan, no 
crùn tri-fillte a' phàpa, an coimeas ri iomadh crùn 
Chriosd ? cha n-e aon, no dha, no trì crùin a th' aig 



58 RIGH NAN RIGH. 

Criosd, ach mòran chrùn air a cheann, " Agus tha a 
shùilean mar lasair theine, agus air a cheann bha 
mòran chrùn." (Tais. xix. 12.) Tha Criosd na's 
saibhire no rìgh sam bith, ni-headh, na's saibh- 
ire no na h-uile rìgh anns an t-saoghal, " oir tha e 
'na òighre air na h-uile nithibh." 'S esan an t-òighre 
a's mò air nèamh agus air thalamh. Eabh. i. 2. 

Air do'n tosgaire Spàinnteach tighin a' sheall- 
tainn air ionmhas Naoimh Marc ann a' Bhenice, a 
bhacho iomraiteach air feadh an t-saoghail air son 
òr-thasgaidh ainmeil, bhuail e air a smeuracadh a 
dh'fheuchainnan robhgrunnt idiraige; agus airdo'n 
reusan a bhi air f heòraich dheth, thuirte, "Thaòr- 
thasgaidh mo mhaighistir mòr-sa 'g eadra-dhealach- 
adh o t'òr-ionmhas-sa ann a so. cha n-eil grunntidir 
aig òr-thasgaidh-san mar a th' aig t'òr-thasgaidh-sa; 
a' ciallachadh tuill-mèine nan Innsean. Ach mo 
thruaighe ; ciod e ionmhas an Spàinntich uaibhrich 
ancoimheasriionmhasChriosd,agusciodiadashluic- 
mèine an coimeas ri sluic-mèine Chriosd ? ciod iad 
uile sheudan, agus daoimein, agus crùintean, agus 
sìatan-rioghail uile rìghrean natalmhuinn ancoimeas 
ri seudan Chriosd ; cha n-eil anns an iomlan de'n 
ìmpireachd Thurcach, arsa Luther, ach plaosg a 
ta Dia a' tilgeadh a chum nan chon, ni a tha 'na ear- 
rann mhòr de'n t-saoghal gu deimhin ; ach cha ni 
tuilleadh e na cnàimh, plaosg a tha Dia a' tilgeadh 
a dhionnsaidh nan con. O ! mo chàirdean, tha 
ionmhasan Chriosd cho lionmhor, cha n-urrainn 
dhaibh bhi air an àireamh, tha iad cho luachmhor, 
chan-urrainndhaibh bhi air am meas ; cho mòr, is 
nach urrainn dhaibh bhi air an tomhas. O ! an 
saibhreas neo-chrìochnach a th'aig ar Rìgh; sloc- 



KIGH NAN RIGH. 59 

mhèin òirCriosd, a's èigin dhuinn a chladhach gus 
ara faigh sinn nèamh. 

Anns an naoitheamh àite, Tha Chriosd a' toirt 
barrachd air na h-uile rìgh eiìe anns an ni so cuid- 
eachd : is rìgh e a tha chumachd iomlan os-ceann 
na h-uile cinneach, agus shluagh, agus threubhan, 
agus theangannan. A nis', amhuinntir ionmhuinn, 
is lagh a thoil-san : cha n-eil toil aon duine anns an 
t-saoghal iomchaidh air a bhi ? na lagh, ach tha toil 
ar Kìgh-ne làn iomchaidh. 

Anns an deicheamh àite, Is Rìgh Iosa Criosd a 
tha riaghladh thairis air anmannan agus cogaisean 
dhaoine, thairis air toil agus cridheachan dhaoine ; 
faodaidh rìghrean eile riaghladh thairis air cuirp 
dhaoine, ach cha n-f haod thairis air an cogaisibh ; 
cha bhuin sin ach do dh' aon neach an aon 
Dia bheò agus f hior. A nis' is e so glòir Chriosd, 
ni nach toir e do dh' aon neach eile: tha Criosd 
le 'chumhachd comasach air toil dhaoine a cheann- 
sachadh, agus cridheachan dhaoine, ge b'e air 
bith cho cheann-laidir agus cho chalma sa bha 
iad roimhe so. Cha n-urrainn uile chumhachd an 
tsaoghail so a' dheanamh : ge do bhiodh na h-uile 
rìgh, agus prionnsa, agus ìompaire 'san t-saoghal 
air an cur cuideachd, cha robh iad comasach air 
cridhe aon duine bhochd a cheannsachadh, faod- 
aidh iad a chorp a bhualadh, a chorp a leòn, a 
,horp a phianadh ; ach air son a' chridhe, tha 
mi 'g ràdh nach urrainn na h-uile rìgh agus 
eumhachdach a ta 'san t-saoghal, ni h-eadh, na 
h-uile aingeal air nèamh, cridhe peacaich bhochd a 
cheannsachadh; agus ni mò is urrainnefèin adhean- 
amh ; agus is e so glòir Chriosd gur urrainn e 
so a dheanamh. Obalr cridhe is e obair Dhè e. 



w 



RIGH NAN RIGH. 



Is e cruithear mòr a' chridhe, is èigin a bhi 'na 
fhear bristidh cridhe mòr, cha n-urrainn aon neach 
a dheanamh ach esan. 

Anns an aon àite deug, Is Rìgh Criosd aig nach eil 
feum air innealaibh sam bith: tha e dheanamh feum 
dhiù cuid a dh'uairibh, ach cha n-eil feum aig 
air aon sam bith : mo thruaighe ! a mhuinntir io.n- 
nihuinn, ciod a's urrainn rìghrean na talmhuinn 
a dheanamh as eugmhais innealaibh ? cia mar 
is urrainn iad an rìoghachdan a riaghladh as 
eugmhais innealaibh ? is eigin dhaibh an t-inneal. 
so a bhi aca an so, agus am fear eile an sud, no slàn 
leis a' chrùn agus leis an rìoghachd gu h-ealamh. 
Ach cha n-eil feum aig Iosa Criosd air aon sani 
bith, is urrainn e ni sam bith a dheanamh le chumh- 
achd fèin. Leis fèin sgrios e Pharaoh agus 
armailt mhòr anns a' mhuir ruaidh, (Ecs. xiv.) 
Leis fèin thilg e bun os-ceann Iericho, am baile 
mòr sin, (Ios. vii.) Leis fèin bhuail e an armailt 
mhòr de mhìie mhìltean dhaoine ; an armailt a's 
mò m'un do leugh sinn riamh, (2 Eachd. xiv.) 
Leis fèin thilg e bun os-ceann Amon agus Moab, 
agus sliabh Sheir, a chog an aghaidh Iudaih. — Na 
nithe so nise rinn e le' chumhachd fèin. 

Anns an dara h-àite, Faicibh ciod a rinn e le 
meadhonan laga : bhuail e na rìghrean timchioll 
Shodoim, eadhon le Abraham agus a theaghlach 
bochd. (Gen. xxiii.) Le meadhonan laga thijg 
e bun os-ceann an armailt chumhachdach sin aig 
na Midianaich le trì«cheud Ghideon. (Breith. vii.) 
Le meadhonan laga sgrios e'n Goliah mòr, eadhon le 
Daibhidh; agus Sisera mòr le mnaoi. Le meadh- 
onan laga sgrios e daingneach leis na Philistich, 
eadhon le Ionatan agus fear iomchair arm,(lSam. 



RIGH NAN RIGH. 61 

xiv.) A nise na nithe so rinn e le meadhonan laga 
agus mòran tuilleadh. 

A nis\ ann 'san treas àite, Faicibh ciod a rinn e an 
aghaidh mheadhonan ; c'uime, an aghaidh mheadh- 
onan shaor e an triùir chioinne o' losgadh, air dhaibh 
a bhi anns an teine, (Daniel iii.) An aghaidh 
mheadhonan theasairg e Ionas o bhi air a bhàthadh 
anns an f hairge. 

An aghaidh mheadhonan, shaor e Daniel o bhi air 
a shlugadh suas, air dha bhi an garaidh nan leògh- 
an. 

An aghaidh meadhonan, ghleidh e na.h-Israelaich 
o bhi air am bàthadh, air dhaibh a bhi anns an 
fhairge. 

Tha mi ? g ràdh gu'n d'rinn e na nithe so an agh- 
aidh mheadhonan. 

Agus dh'f haodainn fheuchainn duibh ciod a rinn 
e le raheadhonan neo-choltach,ach thèid mi seachad 
air a sin : ionnas mar sin gu'm beil sibh a' faicinn 
nach eil feum air bith aig ar Rìgh-ne air inneal- 
aibh, agus uime sin tha e gu h-iongantach a' toirt 
barrachd air na h-uile. 

Annsan dara h-àite deug, Is Rìgh Criosda bheir 
buaidh agus a cheannsaicheas bhur n-uile nàimh- 
dean : seadh, bhur n-uile nàimhdean, araon aim- 
sireil agus spioradail : tilgidh e iad bun os-ceann gu 
tùr. 

Tha ar nàimhdean ro lionmhor, agus ro threun : 
ard ann an cumhachd, agus ard ann an uabhar, 
agus sinne ro lag : faodaidh sinn labhairt gu math 
ann am briathran Dhaibhidh, — " Agus tha 
mise an diugh anmhunn, ge do tha mi ùngta a'm 
rìgh," (2 Sam. iii. 39.) Cia mar a Dhaibhidh ? 
anmhunn an diugh, agus gidheadh air do dhean- 

G 



62 RIGH NAN RIGH. 

amh a'd rìgh an diugh ? Seadh, a deir esan, " tha 
mic Sheruiah ro chruaidh air mo shon." C'uime, 
a chreidichibh tha sibhse uile 'n'ur rìghrean ann an 
seadh spioradail, tha sibh 'n'ur rìghrean, rìghrean 
air an taghadh ann an coltas eile ; ach fathast, a 
chridheachan bochda, tha sibh anmhunn, ge do tha 
sibh Vur rìghrean air bhur taghadh: tha mic 
Sheruiah ro-chruaidh air bhur son. 

♦ C'uime, ach mo chàirdean, Tha Iosa Criosd 'na 
Eìgh air rìghrean, Rìgh os-ceann uile rìghrean, agus 
thar uile rìgnrean, agus is èigin dha rìoghachadh 
gus an cuir e a nàimhdean uile fo chasan, " Is èigin 
gu'n rìoghaich e," (1 Corint. xv. 25.), is èigin dha 
mar ni nach eil dol às ann, thubhairt Dia e, gus 
an cuir e na h-uile nàmhaid fo chasan, cha n-e 
mhàin cuid, ach na h-uile. 

O ! is sgeula math so do naoimh, sgeul' oirdhearc, 
cò an rìgh a's urrainn so a dheanamh ach Criosd ? 
ciod an rìgh a's urrainn a nàimhdean uile a chur fo 
chasan ? cò an rìgh talmhaidh a's urrainn a nàimh- 
dean uile a cheannsachadh ? Mo thruaighe ! cha n- 
urrainn dhaibh an nàimhdean fèin a cheannsachadh ; 
oir thuit na rìghrean bu ro mhò soirbheachaidh 
mu'm beil sinn a' leughadh roimh an nàimhdean le 
dith neart: ghlaodh Richard a III. a mach 'na 
theinn, " Rìoghachd air son eich 1 rìoghachd air son 
eich !" agus gidheadh cha b'urrainn so uile a 
bheatha a shàbhaladh. 

Mo thruaighe, mo thruaighe! bhana rìghrean bu 
ro mhò soirbheachadh cho fada o nàimhdean an 
iochdaranan a cheannsachadh, is nach b'urrainn 
dhaibh an nàimhdean fèin a cheannsachadh ; ach is 
urrainn Iosa Criosd a nàimhdean uiie a cheannsach- 
adh : tha gach uile chumhachd air nèamh agus air 



RIGH NAN RIGH. 63 

talamh air a thoirt dhàsan, ann am Mata xxviii. 
18. Ionnas mar sin ma labhras e am facal, tha a 
nàimhdean uile air an tilgeadh bun os-ceann, eadhon 
ann an tiotadh. 

Anns an treas àite deug, Tha Criosd a' dol thairis 
air na h-uile rìgh eile anns an ni so : Is Rìgh e tha 
toirt da iochdaranan tiodhlacan is fearr agus is 
saibhire no rìgh sam bith eile ; ann an Eoin x. 27» 
28, " Tha mo chaoirichse," ars' esan, " ag èisd- 
eachd ri m' ghuth, agus is aithne dhomh iad, agus 
leanaidh iad mi : Agus bheir mi a' bheatha mhair- 
eannach dhaibh," — Tha 'n Dia glic' chum 's gu'n 
toir e cuireadh agus misneach do pheacaich bhochda 
chum naomhachd beatha, a' cur fa chomhair an sùl 
ath-dhioladh na duaise : chum's mar dean ceartas a 
reachdan ìmpidh a chur orra, gu'n dean ro oirdh- 
eirceas a gheallaidhean e : b'àill leis daoine a ghlac- 
adh le maghar òir. 

Thug òglach Abrahaim seudan airgeid, agus 
seudan òir do Rebecah, chum gu'n coisneadh e 
cridhe do dhTsaac, (Gen. xxiv. 22.) O ! na seud- 
an, na seudan oirdheirc a tha Criosd a' toirt 
do dh' anmanan bochda a chosnadh an cridhe 
dhasan, tha Criosd a' toirt dhuinn na h-uile nithe gu 
saibhir ri mhealtainn, ciod tuilleadh a's urrainn 
dhuinn iarraidh? 1 Tim. vi. 17» 

Mo thruaighe! cha n-eil daoine na talmhuinn a' 
toirt seachad ach gu suarach agus gu gann, ach tha 
Criosd a' toirt seachad gu saibhir, tha Criosd a' 
toirt seachad gu saor ; cha n-eil duine ann san 
t-saoghal a' toirt seachad cho saor ri Criosd ; tha 
Criosd a' toirt seachad gu bithchionta, na h-uile 
ìatha, gach aon uair tha e sgapadh sheudan chum 
anmannan bochda. Thug rìgh mòr Phersia tiodh- 
iacan, do dhithis de a luchd-fritheaiaidh do'n dara 



64 RIGH NAN RIGH. 

h-aon thug e eupan òir, do'n fhear eile pòg, agus 
esan aig an robh an cupan ghearain e ris an rìgh, 
gu'm b'fhearr pòg a chòmpanaich n'an cupan òir 
aige-san. O ! mo chàirdean, cha n-eil Criosd g-ar 
cur air falbh le cupan òir, ach tha e toirt dhuinn na 
pòige ; tha e toirt a thiodhlaicean a's fearr da 
mhuinntir ghràidh, tha e toirt a ghaoil a's fearr, 
aoibhneas a's fearr, a shìth a's fearr a thròcaire a's 
fearr. Och ! c'àite am beil rìgh coltach ris an Rìgh 
so ! Mo thruaighe ! faodaidh rìghrean talmhaidh 
ainmeannan mòr a thoirt seachad, no àite anns a 
ehùirt, agus a leithid sin ; faodaidh iad ainm a 
thoirt seachad an diugh, agus taod gu crochadh am 
màireach, mar ann an cùis Haman, faodaidh, iad 
coltas gàire a' chur orra an diugh, agus gruaim 
a chur orra a màireach; neach a phògadh an diugh, 
agus a mharbhadh am màireach ; ach cha n-eil 
Criosd a' deanamh mar sin, tha e toirt seachad an 
ni a's fearr do gach ni, a' cbuid is fearr d'a ghràdh, 
fhuil a'sfearr, cha n-efuiìa mheòir,ach fuilachridhe. 
O, mo chàirdean cia fada a ta Criosd a' toirt 
barrachd air na h-uile ann an toirt d'a iochdaranan 
na tiodhlaicean a's fearr ! O, mo chàirdean, ciod 
e an tiodhlaic nèamh? ciod e an tiodhlaic math- 
anas peacaidh ? tha ioghnadh orm cò an rìgh a's 
urrainn a leithid de thiodhlaicean a thoirt da 
shluagh ; agus ann an so tha 'n Tighearn Iosa a' 
toirt barrachd air na h-uile. 

Anns an àite mu dheireadh, Tha Criosd a' dean- 
amh uile iochdaranan saor ; cha n-eil aon iochdaran 
aige, nach eii 'nan daoine saora agus 'riam mnathan 
saora. Tha cuid de nithe ann a ta Criosd g'ar 
saoradh uaithe, agus cuid eile do nithe a tha e g'ar 
deanamh saor dheth ; cuid do nithe a tha e g'ar 
saoradh uaithe, agus ciod e sin ? c'uime, an ni sin 



RIGH NAN RIGH. 65 

mar bitheadhmaid air ar saoradh uaithe^a sgrios- 
adh sinn tre uile bhith-bhuantachd. 

Air tùs, Tha e g'ar saoradh o'n mhallachadh, am 
mallachadh mallaichte ; mar deanadh Criosd ar 
saoradh o'n mhallachadh, thigeamaid beò gu mall- 
aichte, agus bhàsaicheamaid gu ro mhallaichte, 
agus bhiomaid air ar damnadh gu siorruidh ; ach 
shaor losa Criosd sinn. — " Seasaibh gu daingean," 
arsa Pòl, " anns an t-saorsa leis an d'rinn Criosd 
saor sibh." Galat. vi. Agus a rithist — " Ma ni 
am Mac saor sibh, bithidh sibh saor da rìreadh." 
Eoin viii. 36 A rithist tha e g'ar saoradh o 
chionnt a' pheacaidh ; dhamnadh ar n-uabhar sinn, 
dhamnadh ar sannt sinn, dhamnadh ar mi-chreid- 
eamh sinn, mar deanadh esan ar saoradh 'o chionnt 
a' pheacaidh ; ach tha Criosd a' saoradh a shluaigh 
uaithe so uile. A rithist, shaor e sinn o chumh- 
achd an diabhoil, ionnas mar sin nach eil gnothach 
sam bith aig an diabhol ruinn. Agus tha e g'ar 
saoradh o lasraichean ifrinn, o shloc ifrinn ; ghearr 
Criosd air falbh cumhnant ceangail na h-ifrinn 
agus an damnaidh. Gnìomh. xxvi. 18. " Agus 
gu feitheamh r'a Mhac o nèamh, a thog e suas o na 
mairbh, eadhon Iosa a shaor sinne o'n fhèirg a 
ta ri teachd,''(l Tes. i. 10,) Is e sin, shaor Criosd 
sinn o lasraichean ifrinn. 

A rithist, shaor Criosd sinn o'n tràilleachd, o'n 
daorsa, o'n chuing. " Seasaibh gu daingean anns 
an t-saorsa leis an d'rinn Criosd saor sibh, agus na 
bithibh a rithist airbhur cuibhreachadh le cuing na 
daorsa." (Galat. v. 1.) Chan-eil sinn ni's mò'n ar 
coigrich agus 'n-ar coimhich, ach n-ar luchd aon 
bhaile ris na naomhaibh, agus 'n-ar muinntir teagh- 
laich Dhè," (Ephes. ii. 19 ) Agus tha Criosd fèin 



66 RIGH NAN RIGH. 

'ag innseatàh dkiin.n, ann am Mata. xi. 30. " Oir 
a ta mo chuingse so-iomchar, agus a ta m'uallach 
eutrom." An so tha againn uallach air uallach, 
agus cuing air chùing ; ach a deir Criosd, " Tha 
mo chuingse so-iomchar, agus a ta m'uallach eu- 
trom." Shaor Criosd sinn o'n tràilleachd, cha n-eil 
sinn fo'n lagh, ach fo ghràs ; tha sinn saor o na 
nithe sin, agus tha nithe eile ann a tha sinn air ar 
deanamh saor dheth, agus sin ann an nèamh, tha 
sinn uile air ar deanamh 'n-ar saor dhaoine agus 
'n-ar saor mhnaibh do'n Nuadh Ierusalem, agus 
tha sinn a' malairt an sin, agus tha còir cho math 
againn an sin ri naoimh sam bith eile : is luchd-aon 
bhaile sinn, saor dhaoine de nèamh,, cha n-e mhàin 
do nèamh, ach do na h-uile gheallaidhean agus na 
h-uile dilighe a tha naoimh a' mealtainn. 

A nise nach eil so 'na thròcair iongantaich a rinn 
ar Rìgh air ar soin-ne ; shaor e sinn o' na h-uile 
truaighe dhiù sin a' dheanadh ar sgrios gu siorruidh, 
agus rinn e sinn saor do na h-uile dlighe òirdheirc 
ciod air bith iad, is urrainn anman bochd' a' mheal- 
tainn. A nis', O ! cia cho fada a ta Criosd a' toirt 
barrachd air na h-uile rìgh eile ! uachdarain na 
talmhuinn cuiridh iad, faodaidh e bhith, uallaichean 
trom' air cogaisean dhaoine, agus air cuirp dhaoine, 
agus air oighreachdan dhaoine, ach cha n-eil Criosd 
a' cur aon de leithid sin a dh'uallach oirne ; cha 
n-eil, shaor Criosd sinne, agus cha n-eil sluagh sam 
bith cho saor, a chionn gu'n do shaor Criosd sinn 
air a' chrann-cheusaidh. Cheannaich Criosd daor 
ni's leòir e ; chosg e dhasan fhion-fhuil uasal. Dh'- 
f haodainn tuilleadh de nithe sònraichte ainmeach- 
adh, anns am beil Criosd a' toirt barrachd air na 
h-uile rìgh eile ; ach tha mi smuainteachadh gu'm 



RI^H NAN RIGH. 6? 

beil iad sin làn-fhoghainteach a chum a làn-dear- 
bhadh. 

Fheum. 1. — Cuiridh mi crìoch air a' cheann so le 
facal co-chur, agus mar sin crìochnaichidh mi an 
dara h-ainm so Rìgh nan rìgh. 

A cheud ni, Am beil e mar sin gu'm beil Criosd 
'na Rìgh tri-fillte, mar a dh'fheuch mi duibh ; agus 
am beil e 'na Rìgh a tha dol cho fhada thairis air 
uile rìghrean na talmhuinn ? O ! an sin, cia mar sam 
bith a thèid an saoghal, an so tha comhfhurtachd 
air son nan naomh gu'm beil e 'na leithid so de Rìgh. 
O ! ciod an tròcair a tha 'n so ? Ciod a' chomh- 
fhurtachd atha'n so do shluagh an Tighearna, gu'm 
beil Criosd 'na Rìgh os-ceann uile rìghrean agus 
thairis air uile rìghrean, agus gur èigin gu'n rìogh- 
aich e gus an cuir e a nàimhdean uile fo chasan? Is 
èigin da nàimhdean uile a bhi air an toirt a nuas 
agus air an deanamh 'nan stòl.chas dbasan. A 
nise bu chuidhe dha so comhfhurtachd a thoirt do 
shluagh Dhè, agus an teagasg gu feitheamh ri àm 
freagarach Chriosd, agus leigeil leis : dheanadh 
cuid de rìghrean talmhaidh nithe mòr, ach tha iad 
a dh'easbhaidh cumhachd ; ach cha n-eìl Criosd a 
dh'easbhaidh eumhachd ; oir thugadh dhasan gach 
uile chumhaehd air nèamh agus air talamh. A 
nise mo chàjrdean, nan creidibh sibh so da rìreadh' 
gu'm beil gach uile chumhachd gu beachdaidh air a 
thoirt do Chriosd ? gu cinnteach bhiodh e 'na 
dheoch bheathail g'ur n-ath-bheothachadh anns na 
h-amannan a's measa, agus anns na deuchainean is 
muladaiehe — An Tì, is e ar Slànaighear an Tì is e 
ar ceann, ar bràthair, ar caraid: is e Rìgh nan 
rìgh. Och ! mo chàirdean, an teagasg so mu 
chumhachd rìoghail Chriosd, tha e 'na theas^ras^ ro 



UO RIGH NAN RIGH. 

mhilis do bhuill Chriosd : Agus, tha mi guidhe 
oirbh, leigibh leis na smuaintean sin^a chuir mi far 
comhair bhur spioradan a ghiùlan suas. 

Dh'innis mi dhuibh a nise ciod an gràdh iomlan 
leis am beil Criosd a' gradhachadh iochdaranan : 
tha e 'na Rìgh nan rìgh, agus is urrainn dha ni sam 
bith a dheanamh as eugmhais innealan ; cha n-eil 
feum aig air neach 'ga chuideachadh a dheanamh 
oibre ; is urrainn e, ma's àill leis, na creutairean is 
ro shuaraiche a neartachadh, mar a ta na cuileagan, 
agus losgainn, agus burruis, agus fionnain-f heòir, a 
dheanamh oibreach ; air an aobhar sin leigibh leis 
na smuaintean sin drùdhadh air bhur n-anmannan. 
Na'n innseadh duine dhuibh gu'n robli bhur bràth- 
air no bhur piuthar thar fairge, air an ardachadh 
gu mòr urram, mar a bha Ioseph 'nuair a chual e 
gu'n robh athair beò, " Rachaibh," ars' esan, " suas 
chum m'athar agus innsibh do m'athair mo ghlòir-sa 
uile 'san Eiphit agus gach ni a chunnaic sibh, gu'n 
d'rinn Dia mis' am' uachdaran air an Eiphit uile, 
oir ni e gàirdeachas ris." A nise dh'innis mi dhuibh 
eachdraidh mu chumhachd Chriosd ; agus uime 
sin deanadh so bhur spioradan a chiùineachadh : 
" Bithibh sàmhach, agus tuigibh gur mise Dia," 
ars an Tighearn, (Salm, xlvi, 10) Is leòir dhuibh 
se a thuigsinn gur mise Dia, agus uime sin bithibh 
sàmhach, thugaibh fainear cò mi. 

Feum. II. — Anns an dara h-àite, Le dòigh earail, 
tha aon fhacal agam ri ràdh ris na naoimh, agus 
facal eile ri peacaich. 

Air tùs, Ri naoimh. — Ma tha e mar sin, gur e 
Criosd Rìgh nan rìgh, agus Rìgh os-ceann uile rìgh- 
rean, agus thairis air uile rìghrean. O ! an sin 
sibhse a tha 'nar sluagh do Dhia, sibhse a tha dlù 



RIGH NAN RIGH. 69 

agus ionmhuinn dhàsan, air am beil, agus anns am 
beil Criosd air a dhealbh agus air a thilgeadh ; O I 
gu'n tugadh sibh a' ghlòir uile 5 agus am moladh, 
agus an t-urram do Chriosd, agus socraichibh gu 
chliù ardachadh. Ghairm e sinn a dorchadas 
chum a sholuis iongantaich fèin, ars an t-abstol, a 
chur an cèill a chliù. O, mo chàirdean, bu chuidhe 
gu'm b'e so bhur n-ionnsaidh mhòr. O, gu'n oidh- 
eirpicheadh sibhse a ta 'g agairt càirdeis agus gràidh 
do Chriosd, ann bhur n-ionadaibh 3 Criosd ardach- 
adh. 

Anns an dara h-àite. Facal na dhà ris an aiteam 
sin nach eil 'nan iochdaranan do Chriosd : leigibh 
leam earalachadh oirbh creidsinn ann an Criosd, — 
a' dhlù-ghabhail, gabhail ris, deanaibh grèim air-san, 
bithibh maille ris, no mar dean sibh so' glaodhaidh 
sibh a mach aon latha mar a rinn an rìgh sin ann 
an teanndachd, " O ! rìoghachd air son eich," — 
rìoghachd air son Criosda." O, bheireadh tu deich 
mìle saoghal nam biodh iad agad ri'n seachnadh, air 
son cuibhrionn ann an Criosd. Mo thruaighe ! a 
pheacaich, ciod e an t-aobhar nach eil Criosd ni's 
measail agad ? Dealaichidh tu ri Criosd a roghainn 
air dealachadh ri dò mhionnaibh, ri do mhisg, agus ri 
do shalachar. O tha so brònach, " 's nach n-eil ainm 
air bith eile fo nèamh air a thoirt am measg dhaoine, 
tre'm faod sinn a bhi air ar slànachadh." 'S esan 
" Miann nan uile chinneach" agus cha n' urrainn 
dhuinn gu brath a bhi sona as eugmhais ; agus 
uime sin, air sgàth an Tighearna, mo chàirdean, mar 
a ta sibh a' gradhachadh bhur n-anama fèin dean- 
aibh grèim air-sàn, chum's gu'm bi e 'na Shlànai- 
ghear bhur n-anmannan, 'na aoibhneas bhur cridh- 
eachan, agus bhur n uile anns na h-uile: air sgàth an 



70 RIGH NAN RIGH. 

Tighearna, mo chàirdean, thugaibh faineare, sibhse 
a ta fathast a' seasamh a mach an aghaidh Chriosd. 
O gu'm b'urrainn mi ar brosnachadh a chum 
Chriosd ! O gu'm b'urrainn mi impidh a chur oirbh 
Criosd a' ghràdhachadh, agus iarrtais laidir a bhi 
agaibh an tòir air! 

Mo thruaighe ! a chàirdean, mar creid sibh 
agus dealachadh ri bhur n-euceartan, is èigin 
dhuibh dealachadh ri Criosd fa-dheireadh ; agus 
ciod an dealachadh brònach a bhitheas ann an 
dealachadh ri Dia, agus ri Criosd, agus ri nèamh? 
An uair a thig thu gu thuigsinn ciod a chaill thu 
le bhi deanamh grèim daingean air t-ana-miannaibh 
mùirneach : O ! cia cho brònach sa bhios ar còr ? 
Agus uime sin tha mi guidhe oirbh, smuaintichibh 
air 'na thrà, agus creidibh anns an t-Slànaighear 
chum gu'm bi bhur n-anmannan air an saoradh 
ann an latha Cbriosd. 



ÀN DIA CUMHACHDACH. 
Tha e gu lèir ionmhuinn. ì, —T)'kxì, v. 16. 

Teagasg, — Giim beil Iosa Criosd neo-chrìoch- 
nach agns ro ghràdhach. 

Chrìochnaich mi an dara h-ainm a th' air a thoirt 
do Chriosd anns an sgriobtur, " Rìgh nan rìgh." 
Tha mi nis' a' dol air m'aghaidh chum an treas, agus 

is e sin an dia cumhachdach Is e aon de dh' 

ainmeannan Chriosd, an dia cumhachdach : tha 



AN DIA CHUMHACHDACH. Jl 

e agaibh an sin ann an Isaiah ix. 6. goirear dheth 
mar an ceudna, an dia cumhachdach. 

Feuch nochd mi dhuibh o'n dara h-ainm gur 
Rìgh Criosd, i??g^os-ceann uile rìghrean agus Rìgh 
thairis air uilerìghrean,agusRìgh nan rìghrean, agus 
gu'm beil a reachdan ro chothromach, iochdaranan 
ro shona ; air dhaibh gun chìs sam bith eile a bhi 
air a leageadh orra ach gràdh agus eagal. 

Ach a nise tha an t-ainm so ga chumail a mach, 
cha n-e mhàin mar Rìgh mòr, ach mar Dhia mòr, 
fa chomhair nach eil na h-uile rìgh, agus rìoghachd 
ach mar bhraonaibh beag, no mar dhus mìn (Isaiah 
xl. 15*) O'n ainm so, an dia cumhachdach, 
leagaidh mi sios an earrann chòmhdaich so\ Gur 
Dia fior agus iomlan Iosa Criosd.— Gur Dia fìor 
agus iomlan Iosa Criosd 5 is e sin a' phùing air am 
buanaich mi. 

Tha dà sheòrsa sluaigh anns an t-saoghal, a tha 
'g àicheadh mo theagaisg, a tha 'g àicheadh diadh- 
achd Iosa Criosd, a tha 'g ràdh nach eil an 
dara pearsa de'n Trionaid 'na Dhia. 

Air tùs. Na h-Iudhaich mhi-chreideach ; na'n 
tigeadh Criosd mar a bha sùil aig na h-Iudhaich,mar 
ard-uachdaran mòr, gun speis do ni sam bith ach 
crùintean agus slatan-rioghail, agus saltairt air 
muinealaibh rìghrean, agus gu'm biodh aige uile 
uachdarain na talmhuinn gu feitheamh air a lùch- 
airt : tha mi 'g ràdh, ? nan tigeadh Criosd anns 
a' ghlòir shaoghalta, so, le inbhe, agus cumhachd 
an sin dh'fhaodadh e bhi, gu'n creideadh na h- 
Iudhaich ann ; dh'fhaodahh e bhith an singu'm be 
bu Dia dhaibh ; ach a nis', a mhuinntir ionmhuinn, 
do bhrìgh gu' n tàinig Criosd boehd agus suarach, 



72 AN DIA CHUMHACHDACH 

agus gu'n do chuir se e fèin ann an dimeas, agus 
gu'n do ghabh e air fèin riochd sèirbhisich,, mar a 
deir an sgriobtur. (Philip. ii. 7«) Cha do ghabh e 
air fèin ni sam bith d'a mhòralachd, ni sam bith d'a 
ghaisge, ach chuir se e-fèin ann an di-meas ; agus 
uime sin chuir na h-Iudhaich an suarachas e, agus 
dh'àicheadh iad e. Tha na Turcaich a'fanaid oirn 
air an latha 'n diugh le ar Dia air a cheusadh. O, 
ars iadsan, tha sibhse ag aoraoh do Dhia air a 
cheusadh ; agus their cuid de na cinnich, nach 

creideadh iadsan ann an Dia air a chrochadh O 

Iosa bheannaichte, mar so tha thusa air do mhas- 
lachadh agus air do dhi-meas leis ant-saoghhaimhi- 
chreideach, a chionn gu'n tàinig tu gu bochd, agus 
gu'n do bhàsaich thu gu nàrach air son ar pea- 
caidh-ne. — Iadsan a ta deanamh di-meas air bàs an 
Uain, mothaichidh iad gucinnteach fearg an Uain ; 
iadsan a ta tionndadh air falbh an cluas o' èisdeachd 
ri guth Chriosd a nise, tionndaidh Criosd air falbh 
a chluasan o èisdeachd r'an eigheach-sanlatha eile. 
Anns an dara hàite, Tha dream eile ann a tha 
'g àicheadh diadhachd Chriosd ; agus tha cuid de 
mhuinntir bhuaireasach annsan rìoghachd so, a tha 
? g radh, nach eil ann an Criosd ach duine a mhàin, 
agus gu'm beil na h-uile naomh cho mòr 'na Dhia ri 
Criosd : agus ni's faide, tha iad ag ràdh, gur toi- 
bheum ard Criosd a dheanamh |sco-ionann ri Dia. 
Iadsan nach aidich Criosd o cheud theachd, cha' 
n-aidich Criosd iadsan aig a dhara teachd ; iadsan 
nach toir ùmhlachd do dh* f hìrinn Dè a ta air a foill- 
seachadh o nèamh dhaibh, fuilingidh iad fearg Dhè 
aìr a foillseachadh o nèamh 'nan aghaidh. O, 
sibhse a luchd-toibheum.. tha sibhse ag ràdh, nach 
Dia am Mac, tha 'n t- Athair ag ràdh gur Dia e ; a 



AN DIA CUMHACHDACH. 



73 



nise, cò tha labhairt firinn, Dia no sibhse ? " biodh 
Dia fior, agus gach duine na bhreugaire." Gu'm 
beil e mar sin,bheir mi dhuibhtuilleadh do dhearbh- 
ainean soilleir. Tha sgriobtur soilleir g'a chum- 
ail a mach, gur Dia fior agus iomlan Iosa Criosd: 
Titus ii. 13, deir an t-Abstol an sin, "Air dhuinn 
sùil a bhi againn ris an dòchas bheannaichte sin, 
agus foillseachadh giòire an Dè mhòir, eadhon ar 
Slànaighear Iosa Criosd : " Thugaibh fainear, 
cha n-e mhain gu'n goirear Dia do Chriosd an so, 
ach an Dia mòr. O, a naomhaibh, an tì a thàinig 
o nèamh g'ar deanamh fireanta, thig e mar an 
ceudna o nèamh g'ar deanamh glòrmhor,— -" air 
dhuinn sùil a bhi againn ris an dòchas bheannaichte 
sin, agus foillseachaidh glòire Iosa Criosd :" cha 
n-e sin a mhain, ach goirear Dia Cumhachdach 
do Chriosd mar an ceudna ; ni h-eadh, cha n-e 
mhain Dia Cumhachdach, ach *a rithist, " Dia os 
ceann nan uile, beannaichte gu siorruidh,'' tha 
Criosd'na Dhia beannaichte gu siorruidh, (Rom. ix. 
5.) Cha n.e mhain beannaichte gu siorruidh, ach 
f4 an Dia fior,' , (1 Eoin v. 20.) Goirear do dh' Iosa 
Criosd an sin ; an Dia fior agus a' bheatha mhair- 
eannach, cha n-e mhain an Dia fior, ach Dia gu 
saoghalnan saoghal. (Eabh. i. 8.) Thugaibh fainear 
sin. Ach ris sJ Mhac a deir e, " Tha do rìgh 
chathair, a Dhè, gu saogbal nan saoghal." 

Tha 'n t-Athair fèin a' gairm Dia do'n Mhac, 
agus uime sin is math a dh'fhaodas sinne a dean- 
amh. Ris a Mhac thubhairt e, " Tha do rìgh- 
chathair, a Dhè, gu saoghal nan saoghal." — Mar so 
tha sibh a' faicinn an teagasg air a chòmhdach gu 
h-iomlan, gur e Iosa Criosd an Dia fior agus iom- 
lan. Ach, a mhuinntir ionmhuinn, do-bhrìgh gu'm 

H 



74 AN DIA CUMHACHDACH. 

beil diadhachd Chriosd air a' chur an teagamh cho 
mòr aig an àm so, agus air bhi dha so na aon de na 
pùincean is cudthromaiche agus is sònraichte anns 
an diadhachd, uime sin bheir mi dhuibh cuid de 
smaointean, no làn-dearbhainean, no argamaidean, 
chuni ar daingneachadh an aghaidh a' mhearachd 
mhòir so a chaidh ainmeachadh roimh. Air tùs, 
Gur Dia fior agus iomlan Iosa Criosd, Tha e a' 
thaobh aimsir co-shiorruidh ; a thaobh nàduir, aon- 
bhitheach, a thaobh inbhe, co-ionann ri Athair. 

Anns d cheud àite, A thaobh aimsir, co-shior- 
ruidh, *' Agus a nis, Athair, glòraich thusa mise 
maille riut fèin, leis a' glòir a bha agam maille riut 
mu'nrobhan saoghalann." (Eoinxvii.5.) — Tha sibh 
a' facinn an so, mo chàirdean, bha Criosd ann mu'n 
robh an saoghal ann, bha Criosd ann o shiorruidh- 
eachd, o'n toiseach. O shiorruidheachd chuireadh 
suas mi, o'n toisea*ch, mu'n robh an talamh ann." 
(Gnà. viii. 23.) Agus uime sin goirear do Chriosd 
an t-Athair siorruidh, (Isaiah ix. 6.) Mar sin 
ann an Tais. i. 8, tha Criosd an sin a' labhairt 
uime fèin, " Is mise Alpha agus Omega, an 
toiseach agus an deireadh, a ta, agus a bha, 
agus a ta ri teachd, an t-Uile-chnmhachdach." 
Thugaibh fainear, mo chàirdean, is e Criosd an Tì 
ceudna roimh aimsir, ann an aimsir, agus an deigh 
aimsir ; a bha, agus a tha, agus a ta ri teach. — A' 
nise a mhuinntir ionmhuinn, cha n urrainn neach 
air bith a bhi siorruidh ach Dia; ach tha Criosd 
siorruidh, agus air an aobhar sin tha e 'na Dhia', 
agus co-shiorruidh ri Athair. 

Anns an dara h-àite. Tha e thaobh nàduir aon- 
bhitheach : " Mise agus an t-Athair, is aon sinn," 
arsa Criosd, (Eoin x. 30.) " Tha triùir a tha dean 



AN IHA CUMHACHDACH. 75 

amh fianais air nèamh, an t-Athair, am Facal, agus 
an Spiorad naomh : agus an triùir sin is aon iad," 
(1 Eoin v. 7) Thugaibh fainear an so, is aon iad, 
(Eoin xiv. 8.) An uair a tha Philip ag iarraidh 
an t-Athair f haicinn a deir e, " A Thighearn, foill- 
sich an t-Athair dhuinne, agus is leòir leinn e," a 
deirCriosd, annsan naoidheamhagus'sandeicheamh 
rann, < c An tì a chunnaic mise, chunnaic e'n 
t-Athair." — Cia mar sin ? " Nach eil thu creidsinn 
gu'm beil mise anns an Athair, agus an t-Athairann- 
amsa ? Ionnas mar sin gu'm beil fhios agaibh 
gu'm beil Criosd ni's mò na duine mhàin ; is aon 
e maille ris an Athair. — O, mo chàirdean, 's esan 
Theanthropos, Dia-dhuine. Ma ni sibh am Mac 
'na dhuine mhàin, is eigin dhuibh an t-Athair a 
dheanamh mar sin cuideachd. 

Anns an treas àite. Tha a thaobh inbhe co- 
ionnann ris an Athair, " Neach air bhi dha ann an 
cruth Dhè, nach do mheas e 'na reubainn e fèin bhi 
coltach ri Dia." (Philip. ii. 6.) Cha do smuain- 
tich Criosd e bhi 'na lughdachadh 's am bith air 
glòir Athar, a bhi co-ionan ri Athair ann an 
glòir. — Agus ni's faide gheibh sibh gu'n d'àithn an 
t-Athair dhuinn na h-uile urram a bhuineas do 
Dhia, a thoirt do'n Mhac mar an ceudna. — Tha làn 
cheann-teagaisg agaibh air a shon, ann an Eoin r. 
23. " Chum 's gu'n tugadh na h-uile duine urram 
do'n Mhac amhail mar a ta iad a' toirt urraim do'n 
Athair. An tì nach eil a' toirt urraim do'n Mhac 
cha n-eil e foirt urraim do'n Athair a chuir uaithe 
e." Agus cha n-e mhàin gu'm beilso airàithne do 
dhaoine, ach do dh' ainglean mar an ceudna, mar a 
d'f haodas sibh fhaicinn an an Eabh. i. 6. " Agus a 
rithist, 'nuair a tha e a tabhairt a 1 cheud ghin a 



70 AN DiA CCMHACHDACH. 

steach do'n t-saoghal, a deir e, Agus deanadh uile 
aingil Dè aoradh dha." Air an aobhar sin tha e 
soilleir do gach sùil gu'm beil Criosd a thaobh 
inbhe cc ionann ris an Athair; oir dh'àithn an 
t-Athair dhuinn an t-urram ceudna a thoirt do 
Chriosd, a tha dligheach dhasan : mar sin cha 
1 toibheum idir e, gu cinnteach cha n-e, Criosd a 
dheanamh eo-ionann ri Dia ; oir annsan tha saibh- 
reas na diadhachd, agus tha uile iomlanachd na 
diadhachd a' gabhail còmhnaidh gu corporra 
annsan': mar a dh'fhaodas sibh fhaicinn, (Col. 
ii. 9.) Is e so a' cheud argamaid. Tha e thaobh 
aimsir co-shiorruidh, a thaobh nàduir aon- 
bhitheach, a thaobh ard-inbhe co-ionann ris an 
Athair. 

Anns an dara h-àite, Leagaidh mi sìos an argam- 
aid so a chòmhdach diadhachd Iosa Criosd : thug- 
aibh fainear obair a' chruthachaidh ; gu cinnteach 
's èigin dhasan a rinn nèamh agus talamh a bhi 'na 
Dhia; aidichidh sibh so, mar sin a deir an Tighearna 
fèin. " Mar so their sibh riu. Na dèe nach d'rinn 
na nèamhan no 'n talamh, sgriosar iad a mach o'n 
talamh, agus o bhi fo na nèamhan so." (Ier. x. 
11.) — Ach a nis, a mhuinntir ionmhuinn, rinn Iosa 
Criosd na nèamhan agus an talamh, agus o bhi na 
h-uile nithe a ta annta, agus uime sin is Dia e : 
Faicibh beagan sgriobturan air son so, " Rinneadh 
na h-uile nithe leis; agus as eugmhais cha d'rinn- 
eadh aon ni a rinneadh." (Eoin i. 3.) Thugaibh 
fainear, is e so le Criosd, A rithist (Col, i. 16.) 
" Oir is ann leis-san a chruthaicheadh na-h-uile 
nithe a ta air nèamh, agus air taìamh faicsinneach 
agus neo-fhaicsinneach, ma's ard chatharichean 
iad, no tighearnais, no uachdranachda, no cumh- 



AN PIA CUMHACHDACH. 77 

achda ; is ann leis-san agus air a shon a chruth- 
aicheadh, na h-uile nithe." Mar sin a' rithist ann 
an Eoin i. 10. " Bha e anns an t-saoghal, agus 
rinneadh an saoghal leis, agus cha d'aithnich an 
saoghal e." — A nise, mo chàirdean, na'm biodh 
Criosd ni bu lugha na Dia, cha b'urrainn e 
nèamh agus talamh a dheanamh, agus airanaobhar 
sin 's esan Dia na glòire, an Dia mòr a tha nise 'na 
shuidhe air an rìgh-chathair : oir chruthaich esan 
na nèamhan agus an talamh, agus na h-uile ni a 
ta annta. 

Anns an treas àite, Gur e Iosa Criosd an Dia 
fior agus iomlan, tha e soilleir, ma bheir sibh fain- 
ear na gnìomhan agus na miorbhuilean a rinn e 
ann an laithibh f heòla ; an so tha argamaid eile 
nach gabh cur airchùl a chòmhdach diadhachd Iosa 
Criosd. — Bha 'n fhairge agus na gaothan umhal 
dha, thàinig na deamhnabh a mach às an dream 
anns an robh iad, fhuair na doill am fradharc, 
dìVimich na bacaich, chuala na bodhair, labhair na 
balbhain, bha na lobhair air an glanadh, bha na 
mairbh air an dùsgadh, bha na daoine tinn' air an 
leigheas. O, cò b'urrainn so a dheanamh ach Dia, 
mar dh'fhaodas sibh fhaicinn, (Mata xxvii. 54.) 
Ach faodaidh sibh a radh, gu'n d'rinn na h-Abstoil 
miorbhuilean mòra, agus gidheadh cha bu dèe iad. 
C'uime, tha e fior rinn iad miorbhuilean mòra ; ach 
ciod an t-ainm anns an d'rinn siad iad ? Am b'ann 
'nan ainm fèin, agus le'n cumhachd fèin ? Cha n-ann, 
mo chàirdean, tha iad fèin 'ag aideachadh a' cheart 
atharrach sin, (Gnìomh. iv. 10.) Tha iad ag innse 
dhuibh, nach ann 'nan cumhachd fèin, ach ann an 
ainm agus ann an cumhachd Iosa Criosd. Mar sin 
(Gniomh. iii. 12 — 16.) 'Nuair a bha 'n sluagh 



78 A DIA CUMHACHDACH. 

uile làn iongantais mu'n ni a rinneadh, Fhreagair 
Peadar iad ag radh, — " Fhearabh Israeil, c'arson 
a ta iongantas oirbh mu'n ni so ? no c'arson a ta 
sibh a geur-amharc oirnne, mar gu b'ann le'r 
cumhachd no ar naomhachd fèin a thugsinn air an 
duine so imeachd ?" cha n-ann, cha n-ann, oir tha 
Peadar ag innse anns an t-seathadh-rann-deug, cia 
mar a shlànaicheadh e, " Agus tre chreideamh 'na 
ainm neartaich e an tì so, a tha sibhse a' faicinn, 
agus a's aithne dhuibh : seadh, thug ainmsan agus 
an creideamh a ta da thrid, dhasan an t-slàinte 
iomlan so 'n-ar lathairse uile." Ionnas mar sin, a 
ìnhuinntir ionmhuinn, gu'm beil so 'na h-argamaid 
laidir a chòmhdach diadhachd Chriosd ; rinn iad 
miorbhuilean mòra 'na ainm,agus lechumhachd rinn 
a dheisciobuil miorbhuilean mòra. Agus leis a so 
thoilich Iosa deisciobuil Eoin, 'Nuair a chuir Eoin 
d'a ionnsaidh a dh'f heòirich dheth, " An tusa an 
tì ud a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri 
neach eile ? Fhreagair losa agus thuirt e riu, 
" Imichibh agus innsibh do dh' Eoin na' nithe a ta 
sibh a' cluinntinn agus a' faicinn : A ta na doill 
a' faighinn an fhradhairc, agus na bacaich ag 
imeachd." A nise, tha mi 'g radh, nach b'urrainn 
na nithe mòra sin a bhi air an deanadh le neach sam 
bith ach le Dia mòr ; agus air an aobhar sin cha n e 
mhain gur e Iosa Criosd Mac an duine, ach Mac 
Dhè, eadhon Dia beannaichte gu siorruidh. 

Ach, sa cheathramh àite, Thugaibh fainear gu'm 
beil aoradh diadhaidh dligheach do Chriosd: A nise 
tha fhios agaibh, gu'm beil aoradh iomchaidh do 
Dhia a mhàin. " Deanaibh aoradh dhasan a rinn 
nèamh, agus taìamh, agus an fhàirge, agus na 
tobraichean uisge. ' (Tais. xiv. 7-) Tha aoradi» 



AN DIA CTJMHACHDACH. Jì) 

a mhain iomchaidh do Dhia 'na aonaiv A nise, mo 
chàirdean, tha na h-uile gniomh aoraidh a bhuineas 
do Dhia an t-Athair, air a thoirt do'n Mhac Iosa 
Criosd ; tha e air aithne do dh'ainglean agus do 
dhaoine araon aoradh a thoirtdhasan, dodh'ainglean 
cho math ruinne, " Deanadh uile aingil Dè aoradh 
dha:" (Eabh. i. 6. Philip. ii. ]0.) " Chum do 
dh'ainm losa gu'n lùbadh gach glùn, do nithibh a 
ta air nèamh, agus do nithibh a ta air talamh," 
Thugaibh fainear, mo chàirdean, is èigin do nithibh 
a ta air nèamh, cho math ri nithibh a ta air talamh 
aoradh a dheanamh do Chriosd ; agus a deir Criosd 
fèin, l< Tha sibh a' creidsinn ann an Dia, creidibh 
annamsa mar an ceudna," (Eoin xiv. 1.) Mo 
chàirdean, le labhairt mu'n dream sin a tacreidsinn 
ann an Dia, a deir e, u Tha sibh a' creidsinn ann 
an Dia, creidibh annamsa mar an ceudna." — 
A nise, mo chàirdean, tha e air aithne dhuinn ùr- 
naigh a dheanamh ri Criosd, Criosd a chliùthachadh, 
creidsinn ann an Criosd, urram a thoirt do Chriosd, 
agus aoradh a thoirt do Chriosd ; agus uime sin 
rinn na naoimh ùrnaigh, ag radh, a Thighearn Iosa, 
glac mo spiorad, mar a rinn Stephan. lonnas mar 
sin gu'm beil sibh a' faicinn gu'm beil aoradh dligh- 
each do Chriosd, araon o ainglean agus o dhaoine, 
agus uime sin 's èigin gur Dia e. 

Anns d! chùigeamh àite, Tha geallannan soilleir 
mu theachd Chriosd fo'n t-Seann Tiomnadh. Cha 
luaithe a bha 'n duine air tuiteam, na bha Criosd 
air a ghealltainn. " Ni siol na mna ceann na 
nathrach abhruthadh." Roin^h-innisnafaidheanuile 
mu'n Mhesiah, Isaiah, Ieremiah, DanieL Hosea, 
Malachi^ agus a' chuid eile dhiu, cia cho breugach 
sa bhiodh e air a chasaid, agus cia cho tàireil sa 



80 AN DIA CUMHACHDACH. 

bhiodh e air a ghnàthachadh, agus bithidh nas leòir 
a so a dhìteadh nan Iudhach ana-creideach, agus 
gu'n deanamh tosdach ann anlatha mòr na cunntais. 
Dh'f haodainn briathran na'm fuidhean ceudna a 
thoirt dhuibh, ach faodaidh sibh f£in am faotainn ; 
rannsaichibh an Seann-Tiomnadh agus gheibh sibh 
iad uile a' labhairt beagan no mòran mu IosaCriosd. 
Mar so dhearbh mi gu soilleir, le sgriobtur soilleir, 
agus argamaidean do-aicheadh ; gur Dia fior agus 
iomlan Iosa Criosd. Thèid mi nis' air m'aghaidh 
chum an f heum agus a cho-chur aige ruinn fèin. 

Fheum. I. Bithidh a' Cheud fheum air son fios- 
rachadh a thoirt seachad : ma tha e mar sin gur 
Dia fior agus iomlan Iosa Criosd : an sin, ge do tha 
so 'na fìrinn iongantaich do chuid, gidheadh tha i 
'na fìrinn fhallain, ge do tha 'n diomhaireachd 
domhain, gidheadh tha 'n diadhachd fior, gu'n 
d'rinneadh esan a rinn duine 'na dhuine, fulang le 
duine, agus air son duine. " Gun amharas," ars' 
an t-Abstol, " is mòr run-diomhair na diadhachd ;" 
ciod en run-diomhair ? " dh'f hoillsicheadh Dia 
san fheoil. ,, (1 Tim.iii. 16.) Gun amharas, gun 
teagamh idir, run-diomhair mòr, ars' an t-AbstoI, 
" Dh'f hoillsicheadh Dia san fheòuV' 

Tha na diadhairean a' coimeas feòil-ghabhail 
Iosa Criosd, ri trusgan air a dheanamh le triùir 
pheathraichean, agus aon dhiu g'a chaitheadh : mar 
sin bha làmh aig an triùir phearsa 's an Trionaid ann 
an trusgan feòla Chriosd, ach is e'n dara pearsa 
chaith e : b'esan Dia air fhoillseachadh 's an f heòil 
agus tha so na rùn-diomhair mòr. Agus gu fìrinn- 
each mochàirdean, is diomhaireachd mhòrdo shonas 
a bhi air a dheanamh na mhallachadh, (Galat. iii. 
J3.) Dhasan a rinn na h-ainglean, a bhi air a 



AN DIA CUMHACHDACH. 81 

dheanamh na b'isle na na h-ainglean, (Eabh. ii. 9.) 
An Cruith-ear a bhi air a dheanadh na Chreu- 
tair: dhasan aig an robh saibhreas nan uile ann 
fèin, a bhi air a dheanamh bochd. O ! is diomh- 
aireachd mhòr so, an Tì nach urrainn nèamh nan 
nèamh a chumail, gu'm biodh a ghlòir air a' còmh- 
dach anns na luideagan feòla; gu'n gabhadh an Dia 
mòr air fèin mìr do thalamh : gu'm biodh esan a ta 
crochadh na talmhuinn air neo-ni, an crochadh air 
crann-ceusaidh eadar dà ghadaiche : gu firinneach 
diomhaireachd mhòr ; gu'm biodh an Tì a ta dean- 
adh tairneanach anns na neòil, air a chuir 'na laidhe 
ann am prasaich ; gu'n deanadh an Tì a tha 
riaghladh nan reull, na cìochan a dheothal. O ! 
diomhaireachd mhòr, gu'm biodh Tighearna Abra- 
haim air a dheanamh 'na Mhac do dh'Ahraham ; 
gu'n gabhadh Dia Abrahaimair fèin siol Abrahaìm, 
ciod an diomhaireachd a ta so ? bha e air a dhealbh 
ann an innigh a mhàthar, chum's gu'm biodh e air 
ath-ghabhail do dh'uchd Athar. Air an aobhar sin, 
a deir an t-Abstol, " gun amharas, is mòr run- 
diomhair na diadhachd, dh'f hoillsicheadh Dia 's an 
fheòil." Rinneadh Mac Dhè 'na mhac duine, 
chum's gu'm bitheamaide mic dhaoine truagha air 
ar deanamh 'n ar mic Dhè. 

Ach, 'san dara h-àite, An e Iosa Criosd an Dia 
fior agus iomlan ? Is e so mo dhara comh-dhùnadh, 
Gur Dia luachmhor Iosa : is mil e anns' a' bheul, 
maise anns an t-sùil, aoibhneas anns a' chridhe, 
agus ceòl anns a' chluais. u Rachadh an uile airgead 
am mugha maille riu, a ta meas na tha do dh -òr 
anns an t-saoghal cho luachmhor ri aon latha do 
chomunn maille ri Iosa Criosd" ; arsa Morair mòr 
roimhe so,'nuair a bha e air a bhuaireadhle airgead. 



82 AN DIA CUMHACHDACH. 

O ! mo chàirdean, is iad buill Chriosd muinntir 
a's ro shona, is iad sòlasan Chriosd is ro mhillse, is 
i duais Chriosd a's ro airde, is iad reachdan Chriosd 
a's ro fhior-ghlaine, is i glòir Chriosd a's ro-mho, 
is e gràdh Cnriosd a's ro f hìrinniche, is e saibhreas 
Chriosd a's ro luachmhoire, 's esan glòir Dhè, parras 
nan aingeal, maise nan nèamh, Fear-saoraidh 
dhaoine ; ann an Eabh. L 3. goirear an sin dheth, 
" dealradh glòire Athar," 's esan an seud beartach 
ann an cisde na glòire, 's esan an nèamhnaid 
lainnireach, còsam bith aig am beil e cha n'urrainn 
e bhi bochd, ach cò sam bith a ta g'a dhìth cha 
n'urrainn e a bhi beartach. 

Anns an treas àite, Ma tha Criosd 'na Dhia fior 
agus iomlan, an sin is iad buill Chriosd a's ro mhò 
agus a's ro shona de na h-uile ; mas e Criosd aon 
Mhac Dhè Uile-chumhaehdaich, is iad creidich a 
mhàin nigheanan an Dè Uile-chumhachdaich. Tha 
sibh a' leughadh mu nigheanan Dhè, ann an Sàlm 
xlv. 10 — 13. Is e Criosd an Rìgh, is iad creidich 
abhan-rìgh; is e Criosd am fear-nuadh-pòsda, is 
iad creidich a bhean-nuadh-phòsda ; is e Criosd an 
t-Uan, is iad creidich a' bhean, (Tais. xxi. 9.) Ciod 
a their mi ? tha na h-ainglean ann an glòir ann an 
staid ro-ghlòrmhor, agus leigibh lea^n innse dhuibh, 
tha creidich ann an Criosd na's airde no na 
h-ainglean,is seirbhaisich iadsan,thasinnen'ar buill; 
is iadsan càirdean an fhir-nuaidh-phòsda, is sinne 
a' bhean-nuadh-phòsda; tha 'n glòir phearsanta aca- 
san, tha'n ghlòir ceudna againne, athaobh brigh, ri 
Iosa Criosd, " Thug mise dhaibhsan," arsa Criosd, 
44 a' ghlòir a thug thusa dhomsa," (Eoin xvii. 22.) 
Tha creidich na's dlùithe do'n rìgh-chathair no na 
h-ainglean ; agus tha so a' labhairt a mach gu h- 



AN DIA CUMHACHDACH. 83 

iongantachgu'mbeil sinnna's airde nona h-ainglean, 
Ann an Tais. v. tha na ceithir beathaichean na's 
dlùithe do'n rìgh-chathair no na h-ainglean. 

O ! mhuinntir ionmhuinn, cia mar a tha creidich 
air an ardachadh ! cia ard a ta sinn air ar deanamh, 
duslach agus luaithre bhochd a bhi os ceann nan 
aingeal ! agus is e so an sonas a's ro mhò a ta sinn 
a' faotainn le Criosd a gabhail air fèin ar nàduir, a 
chum ar n-anamannan a shàbhaladh. 

A rithist, cha n-e mhàin gur e buill Chriosd is ro 
mhò de na h-uile, ach is ro shona de na h-uile mar 
an ceudna : tha ar staid ath-nuadhaichte cho math 
ann an Criosd is a bha i cho olc ann an Adhamh. 
O, mo chàirdean, cha robh sinn na bu mhò air ar 
mallachadh a mach à Criosd, no tha sinn air ar 
beannachadh ann an Criosd ; tha Criosd cho làn 
beatha, s a bha Adhamh cho làn bàis ; tha Criosd 
cho làn millseachd dhuinn, s a bha Adamh de 
shèirbhe. Gu firinneach, anaim, ma tha thù 
'g radh gur leatsa Criosd ; labhraidh mis' a rithist, 
agus their mi, Anaim tha 'n ni sin agad is mò luach 
na èirig rìgh ; an ni sin a tha ni's mo luach no na 
h-uiie ni a gheall an diabhol do Chriosd, an uair a 
nochd e dha uile rìoghachdan an domhain. O ! 
sonas nan creideach bochda ! " cha n-eil dìteadh 
sam bith do'n dream sin a th' ann an Iosa Criosd," 
arsa Pòl, (Rom. viii. 1.) Air an aobhar sin tha iad 
sona. 

Ach, s a cheathramh àite, Is Dia fior agus iom- 
lan Iosa Criosd. An sin, tha sinn a' toirt uaithe 
so, gu'n robh gràdh agus mathas Dhè do'n chinne- 
daonna ro mhòr. Gu'n tigeadh Iosa Criosd o 
nèamh a ghabhail ar nàduir air fèin, ch-um's gu'm 
biodhamaide 'n-ar luchd-comh-pairt do nàdur na 



84 AN DIA CUMHACHDACH. 

diadhachd ; ghabh Criosd air fèin ar nàire, chum 's 
gu'm biodhmaide 'n-ar luchd-combpairt d'a ghlòir 
Is fiach aon bhraon d'afhuilsan fairge d'ar fuil-ne, 
agus gidheadh bhàsaich e ar bàs-ne, chum's gu'n 
tigeamaide beò à bheatha san, dh'fhuilig e an ifrinn 
againne, chum's gu'm mealamaide a nèamh-san. 
O ! cia cho mòr 'sa ghràdhaich e sinne ! Dh'fhuilig 
e na piantaibh bu ro ghoirte, chum 's gu'm meal- 
amaide na sòlasan is millse. Tha na sgriobtuirean 
'ag innse dhuinn gu'n tàinig esan leumnnichjthàinig 
e le leithed sin do dheagh-ghean, thàinig e san 
leumnaich; marathafhiosagaibh'nuairadh'imicheas 
duine san leumnaich faocìaidh sibh aithneachadh 
gu'n bi e le deagh-ghean : thàinig, san leum- 
naich agus a toirt sithidh, " Feuch, tha ea' teachd 
a leumnaich air na beanntaibh a' toirt sithidh air 
na tulaichibh." (Dari. ii. 8.) A' leumnaich, arsa 
Gregori, cia mar sin ? C'uime, a deir e, o'n rìgh- 
chathair do'n bhroinn, o'n bhroinn do'n phrasaich, 
o'n phrasaich chum a' chroinn-cheusaidh, agus 
uaithe sin a dh'ionnsaidh na rìgh-chathrach a rith- 
ist ; b'e so a leum. O ! mo chàirdean, o ! mo 
chàirdean, cia mòr a dh'fhuilig Iosa air son creid- 
ich bhochda, bha e air a chrochadh air a' cKrann 
cheusaidh air sliabh Chalbhari, chum's gu'n suidh- 
eadh e air an rìgh-chathair ann an sliabh Shioin. 

Feum. II. — Anns an dara hàite, Le dòigh earail ; 
airtùs. Dopheacaich,dodh-ana-creidich,do dhaoine 
gun ghràs tha beagan fhacal agam ri radh. O ! 
mo chàirdean, o ! mo chàirdean, air leam nach 
urrainn mi gun a dheanamh d'ar taobh-sa, mar a 
rinn Criosd aon uair a thaobh lerusaleim, 'nuair a 
thàinig e'm 'fagus do'n bhaile, ghuil e thairis air. — 
Gu fìrrinneach, a phecareh, tfa'a do staid 'na staid 



AN DIA CUMHACHDACH. 85 

guil ; is staid thruagh do staid ; tha thu a'd Iaidhe 
fosgailte do'n uile fhèirg, na h-uile dioghaltas, na 
h-uile mallachd fo nèamh. O pheacachaibh bochda 
Iruagha, nach urrainn dhuibh trunsaghabhail dhibh 
fèin ? Gun gabhadh Tighearna nèimh truas dhibh. 
An d'rinn Iosa Criosd tighin o nèamh da'r n'ionn- 
saidhse a pheacachaibh agus nach tig sibhse amach 
às bhur peacadh gu thighin adh'ionnsaidh Chriosd. 
An tàinig Criosd o uchd Athar, agus arìgh-chat';iair 
fhàgail, agus a chrùn, agus a ghlòir uile, gu tighin 
do shaoghal bochd caillte ; agus bàsachadh agus 
fulang an so air son peacaich bochda chaillte : agus 
ciod, a pheacachaibh, nach dean so drùthadh sam 
bith oirbh ? Leigibh leam innse dhuibh, a chàird- 
ean, thàinig Criosd do'n t-saoghal, gu'n reuson no 
crìoch sam bith eile, ach a mhàin a bhàsachadh air 
son peacaich bhochda. B'e rùn mòr Chriosd peac- 
aich bhochd' a shàbhaladh. Mo chàirdean mur 
toir sibh creideas dhomhsa, amhaircibh anns an 
sgriobtur, agus an sin gu cinnteach creididh sibh e, 
" Is fior an radh so," deir an t-abstol '* agus is fiù 
e air gach aon chor gabhail ris, gu'n tàinig Iosa 
Criosd do'n t-saoghal a thearnadh pheacach." (1 
Tim. i. 15.) Thugaibh fainear, mo chàirdean, 
thàinig e do'n t-saoghal a thearnadh pheacach. 
Chrochadh Criosd air a' chrann-cheusaidh, agus bha 
e 'ann am pèin uine mhòr ionnasgu'n doghlaodh e 
'mach, " mo Dhia, mo Dhia, c'arson a thrèig thu 
mi ?" agus air cromadh a chinn da, thug e suas a 
spiorad : agus mar sin bhàsaich e air a' chrann- 
cheusaidh, a chum peacaich a thearnadh : b'ann air 
son pheacach bochda a bha na h-uile cruaidh-chas, 
na h-uile uireasbhuidh na h-uile deuchainn agus 
fulangasaibh ris an do thachair e ; b*ann air sgàth 
l 



86 AN DIA CHUMHACHDACH. 

peacaich bhochd a bha e. Dh'fnuilig Criosd an 
truaighe agus abochdainn so uile air son pheacach ; 
agus nach àill leibhse ar mionnachadh, agus ar misg, 
agus ar n-aingidheachd f hàgail, air son Chriosd ? 
oir tha e fèin ris a' ghearan so nuair a tha e 'g'radh, 
" Gidheadh cha n-àill leibh teach a m' ionnsaidhse, 
chum gu'm faigheadh sibh beatha." (Eoin v. 40.) 
Agus a deir Dia ann an àite eile, " C'arson a 
bhàsaicheas sibh' O thaigh Israeil ?" O ! an latha 
brònach, brònach, a tha teachd oirbh ! cionnas is 
urrainn duibh so a fhreagairt fa chomhair Dhè Uile 
chumhachdaich, gu'n deanadh Iosa Criosd, Rìgh 
nan rìgh, teachd do'n t-saoghal, agus e-fèin athilg- 
eil sìos cho mòr, gu bhi ann an staid shuaraich, 
agus gidheadh nach deanadh so drùthadh air bitb 
oirbhse ? O! cò ghabhas truas dhibh an uair a bhith- 
eas sibh air ar damnadh, an uair a bitheas sibh ag 
ulfhartaich agus a' beucaich ann an ifrinn, nach 
gabhadh truas dhibh fèin ? Och air sgàth an Tigh- 
earna, thugaibh fainear gu'n tigeadh Dia agus gu'n 
gabhadh e ar nàdur, agus gu'n gabhadh e ar luid- 
eagan, chum*s gun caitheamaide a chulaidh-san ; 
agus ciod, am fearr leibh fuireach ann bhur peac- 
annan agus bàsachadh, na teachd a' dh'ionnsaidh 
Chriosd air son beatha ? O ! a pheacaich, air sgàth 
an Tighearna, cuir dhiot do luideagan bochda, 
chum gu'm faod thu a chulaidhean ionmhuinn san 
a chuir ort. 

Leugh mi mu Alasdair Uaibhreach, an uair a 
thigeadh e' chum baile a ghlacadh, bu ghnà leis 
coinneal a lasadh agus a chur suas, agus na'n gèiU- 
eadh iad mu'n rachadh a choinneal sin às, bhiodh 
tròcair aca, ach ma sheas iad a mach gus an raeh- 
adh a' choinneal as cha'n fhaodadh dùil a bhi aca 



AN DIA CHUMHACHDACH. 87 

ri ni sam bith ach crochadh, tarrainn, agus an 
spionadh 'nan ceithreamhnan, O ! mo chàirdean, tha 
Criosd a' cur suas coinnle dhuibhse, agus ma's àili 
leibh tighin a staigh an diugh, bithidh tròcair agaibh, 
no mar tig cha bhi aon tròcair. Na'n deanadh na 
h-uile aingeal agus naomh air nèamh tuiteam air an 
glùinibh, agus a ràdh, Och ! a Tighearna, deònaich 
do'n creutair bochd so aon bhraon do thròcair air 
a shon, cha bhiodh suim air a gabhail dheth, cha 
n èisd an Tighearn iad an deigh do latha na slàinte 
dol seachad : agus uime sin, air sgàth an Tighearn, 
thugaibh fainear gu'm beil binn air a thoirt amach 
air daoine, cha n-e mhàin air son meud an cionnta, 
ach air son an lunhdaireachd ma an ceudna ; faod- 
aidh daoine dol am mugha air son a bhi 'nan sèirbh- 
aisich neo-tharbhach, cho math is air son a bhi nam 
peacaich a ta gràineil. Air leam gu'm bu chuidhe 
dhuibh urrad thlachd a ghabhail anns na h-àintean 
sin a ta ceangal naomhachd, isanns na geallaidhean 
sin a ta toirt dearbh-chinnt air sonas ; ma dh'f hàgas 
latha na tròcair sibh gu'n ghràs. gheibh latha a bhreith- 
eanais sibh gu'n chainnt ; ge do dh'f haod sibh cur 
an aghaidh a breitheanais a ta e cur fa'r comhair, 
gidheadh cha n-urrainn dhuibh gu bràth cur an 
aghaidh a' bhreitheanais a leagas e oirbh : cha 
n-eil dòigh air seasamh fa chomhair Chriosd, ach 
le seasamh ann an Criosd. Cha n-eil eagal air 
daoine ain-diadhaidh roimh fhèirg,a chionnnach eil 
iad a mothachadh fèirge ; do bhrigh gu'm beil am 
peacadh gu'n pheanas a bhi air a dheanamh air, 
tha iad a' saoilsinn nach eil aon pheanas air 
son am peacannan ; do brìgh gu'm beil esan a 
dol air aghaidh ga'n caomhnadh, tha iadsan a 
dol air an aghaidh g'a bhrosnachadh-san ; mar a 
tha csan a' cur r'am beatha, tha iadsan a' cur 



88 AN DIA CUMHACHDACH. 

r' a n ana-mhiannaibh ; a chionn gu'm beil esan ro 
thròcaireach, bithidh iadsan ro pheacach ; a chionn 
gu'm beil esan ro mhath, bithidh iadsan ro olc ; a 
chionn gu'm beil ceartas a dùnadh a shùl, tha daoine 
a saoilsinn gu'm beil e dall ; a chionn nach eil e 
toirt achmhasan dhaibh air son am peacannan uime 
sin tha iad a' saoilsinn gu'm beil e gabhaii tlachd 
dhiù 'nam peacannan, Diolaidh ceartas, co-stri 
na tròcair a chaidh a mhi-ghnàthachadh : mar is 
faide a ghiùlaineas Dia leis, gu'n leasachadh fhaot- 
ainn, is ann is goirte a bhuaileas e an uair a thig e 
chum breitheanais. 

O ! a pheacaichibh, ge do tha faighidin Dhè 
buan, cha n-eil i bith-bhuan ; mar eil sanas air a 
thoirt dhuibh le gunnacaiseamachd Dhè, bithidh 
sibh air bhur caitheadh ; mar is faide a ta Dia a 
toirt mu'n cuairt a làimhe, is ann a's truime a bith- 
eas a' bhuille an uair a thig i ; " thug mi dh'i ùine 
gu aithreachas," ciod a leanas ? " feuch, tilgidh mi 
i ann an leabaidh, agus iadsan a tha deanamh 
adhaltrannais rithe ann an àmhghar mòr," ( Tais. ii. 
21, 22.) An latha a thòisicheas ann an tròcair 
faodaidh e crìochnachadh ann am breitheanas. Tha 
Dia tosdach cho f hada is a leigeas ar peacannan 
leis a bhi sàmhach : ach bitheadh fios agaibh, gu'm 
beil aig Dia soithichean fèirge air an lionadh de 
chorraich, air son soithichean feirge air an ullach- 
adh chum sgrios : mur dean tròcair Dhè sibhse a 
tharrainn gu h-aithreachas, fuadaichidh breitheanas 
Dhè sibh gu sgrios : cha bhi fairge an damnaidh 
air a deanamh blasda le braon de thruacanas. 

O, a pheacachibh, an dara cuid iarraibh a mach 
Slànaighear a chum bhur saoradh o f hèirg Dhe, no 
faighibh a mach gualainn gu'ur giùlan suas fo f hèirg 
Dhè. O, gu'n tugadh sibh fainear bhur sligheach- 



AN DIA CUMHACIIDACH. 89 

an ; nach dubhairt Dia 'na fhacal tre shèirbhis- 
each Pòl, nach tèid fear anacainnt, no misgear, no 
fear striòpachais, no adhaltranaiche, a steach do 
rìoghachd nèimh ? agus mar so tha cuid dhibhse ; 
tha fios aig Dia air, agus tha fios aig bhur cogaisibh 
fèin air, agus gidheadh tha sibh ri brionnal baoth 
ruibh fèin, agus a' labhairt sìth ruibh fèin, 'nuair 
nach eil Dia a' labhairt aon fhacal sìth ruibh. (), a 
pheacaichibh, smuaintichibh uime so mu n dùin sloc 
an dubh-aigein a bheul oirbh : O, n-a deanaibh ni's 
faide Dia agus bhur slàinte fèin a dhearmad, 
" Cionnas a thèid sinne às, ma ni sinn dimeas air 
slàinte cho mòr :" (Eabh. ii. 3.) Ma ni sibh dimeas 
air an t-slàinte mhòir, cha n-urrainn dhuibh dol às 
o'n damnadh mhòr ; mar a deir Asaph " Smuain- 
ichibh a nis' air so, sibhse nach cùimhnich Dia ; air 
eagal gu'n reub mi às a' chèile gu'n neach ann a 
theasairgeas." (Salm l. 22.) 

Anns an dara h-àite, A chreideachaibh, leigibh 
dhomh a guidhe oirbhse seasabh daingean, agus a 
chumail gu daingean an ni a ta agaibh cheana. 
" Bi-sa firinneach gu bàs, agus bheir mise dhut crùn 
na beatha." (Tais. ii. 16, 25.) — Tha crùn aig air son 
luchd-ruith, ach mallachd air son luchd-ruith air 
faìbh. Mar a tha sibh ag amharc air son sonais 
cho fada sa bitheas bith aig Dia air nèamh : mar 
sin tha Dia ag amharc air son naomhachd cho fada 
sa tha bith agaibhse air talamh. — " A mheud 's a 
shiùbhlas a rèir nariaghailt so, sìth orra, agus tròcair 
air Israeil Dè." (Galat. vi. 16 ) Guimeachd ann 
an ceum air bith eile air talamh, cha n-eil ann ach 
dol air seacharan air bhur slighe do nèamh : am 
feadh a ta sibh air an taobh so do shiorruidheachd, 
is èigin duibh slat rìoghail nan gràs a chumail n'ur 
làmhan, gus an cuir Dia crùn na glòire air bhur 



90 AN DIA CUMHACHDACH. 

ceannsa : is e so an daoimean lainnireach a tha air 
a chur ann an crùn an abstoil. " Chòmhraig mi an 
deaghchòmhrag, chrìochnaichmi mothuras, ghleidh 
mi an creideamh." (2 Tim. iv. 7.) O chreidich! bith- 
idh e' na shonas, 'na ghlòir, 'na urram dhut latha eile, 
ma bhitheas tu air t-fhaotainn fìrinneach anns an 
latha so. O na tionndaibh bhur cùil air fìrinnean 
Dhe\, mar a rinn tuilleadh 'sa chòir, n'ur laithibh- 
ne ; chaidh iad o aon aidmheil chum na h-uile, gus 
an tàinig iad fa dheireadh o' na h-uile aidmheil, 
gu bhi gu'n aidmheil idir : bha toiseach an duine 
sin ann an cealgaireachd, da'n deireadh tuiteam air 
falbh : caoin-shuarachas mu dhiadhachd is e sin an 
ath cheum gu tuiteam air falbh o dhiadhachd. 

O ! na deanaibh 'na cloich thuislidh esan a rinn 
Dia 'na chloich air son togail : mur dean slabhraidh 
òir an dleasanais bhurcurnail, ni slabhraidh iarruinn 
an dorchadais bhur ceangal ; ma mhi-bhuilicheas 
sibh bhur saorsa ann an aon saoghal, caillidh sibh 
bhur saorsa ann an saoghal eile ; nam biodh sibh 
air deanamh uiread chogais ann bhur saorsa, is a 
bha do shaorsa agaibh air son bhur cogais, bhiodh a 
chùis gu math. Cha robh an t-anam sin riamh air 
a thoirt an dàimh ri Criosd, nach robh riamh air a 
choisrigeadh do Chriosd ; cha n-eil dòigh airduais 
hij t-sonais a ghlacadh, as eughmhais rèis na naomh- 
achd a ruith. 

O ! air sgàth an Tighearna, na toisichibh anns an 
Spiorad, agus crìochnachadh anns an f heòil. O na 
cuiribh bhur làmh ris a' chrann, agus amharc 'n'ur 
deigh; na bithibh fior do dh-athair nam breug, agus 
breugach dodh-Athair na firinn, cumaibhdlùri Mac 
Dhè, ri facal Dhè, ri òrduighean Dhè ; ri latha Dhè, 
ri ministearan Dhè, ri sluagh Dhè, agus bithidh 
sibh tearuinte. " Agus na sgìthichibh do mhHth 



AN T-AITIIAIR SIORKUIDH. 91 

a dheanamh : oir ann an àm iomchaidh buainidh 
sibh, mur fannaich sibh." (Galat. vi. 9.) Trusaidh 
ìni suas na h-uile leis an ràdh sin aig Ignatius, 
'* Iadsan a chumas dlù riu-san nach eil a' cumail dlù 
ris an fhìrinn, cha sealbhaich iad gu bràth rìogh- 
achd Dhè." 



AN T-ATHAIR SIORRUIDH. 
" Tha e gu lèir ionmhuinn." — Dàn. .v. 16. 

Teagasg, — Gum beil Iosa Criosd 
neo-chrìochnach agus ro ghràdhach. 

Is e'n duine òirdheirceas a' chreutair, is e an naomh 
òirdheirceas an duine ; is e gràs òirdheirceas an 
naoimh, is e glòir òirdheirceas a' ghràis. 

Tha mi nis' a dol air m'aghaidh chum a cheath- 
ramh ainm. agus is e sin an t- Athair Siorruidh ; 
air son so faicibh Isaiah ix. 6. 

A mhuinntir ionmfiuinn, dh'fheuch sinn dhuibh 
o'n treas ainm, an dia naomha gu'm beil Iosa 
Criosd'naDhia fioragus iomlan/naDhiaCumhachd- 
ach, cumhachdach maille ri Dia, cumhachdach mar 
Dhia, an Dia mòr, agus cumhachdach ; ach a nis 
tha 'n ceathramh ainm so ga chumail a mach ga 
bhi 'na Athair : cha n-e mhàin 'na Athair, ach 'na 
Athair Siorruidh ! " An t-Athair Siorruidh." 

An earrann chòmhdaich a leagas mi sìos o'n ainm 
so, is e so, Gur e Dia ann an Criosd Athair siorr- 



92 AN T-ATHAIR SIORRUTDH. 

uidh a' chreidich. — Chum's gu'n soilleirich mi suas 
a phuinc so, leagaidh mi sios na fìrinnean sin. 

Air tùs, Gu'n d'rinn Dia ann an Criosd an t- 
Athair Siorruidh e fèin a ghintinn annainne, agus 
sinne ann-san ; 's esan araon "ceannard agusfear- 
crìochnaichidh ar creideimh,'' (Eabh. xii. 2.) S'e 
ceannard agus fear-crìochnaichaidh ar n-aoibhneis 
uile, ar siothchaint uile, ar beatha uile, ar slàinte 
uile : tha e 'na Athair a sior-ghintinn agus d'a thoirt 
fèin a mach annainn ; tha a sholus annainn, tha a' 
ghràdh-annainn, tha a nàdur annainn, tha a ghliocas 
annainn, tha a chumhachd agus a neart annainn : 
" as a làn-san f huair sinne uile, agus gràs air son 
gràis," (Eoin. i. 16.) Sinne creidich abha anns an 
àm a chaidh seachad, tha sinn ann anns an àm a ta 
làthair, agus anns an àm rì teachd : sinne a bha ann, 
sinne a ta ann, sinne a birheas an deigh so, gheibh 
sinn a lànachd-san. Agus air an aobhar sin, goir- 
ear dheth, an t-Athair Siorruidh. 

'S esan a' Ghrian, is sìnne na gathan ; 's esan an 
Tobar, is sinne na sruthanan ; 's esan an Fhreumh, 
is sinne na geugan ; 's esan an Ceann, is sinne na 
buill ; 's esan an t-Athair, is sinne a chlann. Agus 
uaithe so tha e, gu'n goirear a ghineil-san do 
chreidicb : u Is sinn gineil Dè": ars' an t-abstol. 

Anns a' chruthachadh thugDia sinn dhuinn fèin, 
ach anns an t-saorsa thug se e fèin dhuinne ; tha e 
'na chaoimhneas na's mò a bhi air iompachadh na 
bhi air a chrùthachadh; seadh, tha e fada na's fearr a 
bhi gu'n bhith idir no bhi gu'n bhith nuadh ; is iad 
na nuadh-chreutairean a mhàin a ta 'nan òighreach- 
an air an nuadh Ierusaleim. 

Annjs an dara h-àite, Tha Dia ann an Criosd a 



AN T ATHAIR SIORRUIDH. 93 

gairm a chloinne uile Ie ainm fèin : — tlia e cur ainm 
fèin orra. 

Am beil sibh a' toirt fainear, mo chàirdean, 
" Sgrìobhaidh mi ainm mo Dhèorra/' ann an Tais. 
iii. 12. Tha na naoimh air an gairm diadbaidh o 
Dhia ; Criosdaidhean o Chriosd ; spioradail o'n 
Spiorad ; agus nèamhaidh o nèamh, do bhrìgh gu'm 
beil an caithe-beatha an sin, do-bhrìgh gu'm beil an 
Ceann an sin, agus guròighreachan iad air nèamh. — 
Mar sin tha na h-aingidh air an gairm diabhlaidh, 
o na deamhnaibh agus an sluagh mallaichte, o na 
mallachdan ; agus saoghaltaich, o'n t-saoghal; agus 
peacaich, o'n pheacadh. O an t-eadar-dhealachadh 
mòr a tha eadar ainmeannan nan naomh agus ainm- 
eanna nan aingidh ! — Goirear coin do na h-ain- 
diadhaich,nathraicheannimhe, mucan, droighinagus 
madraidh allda, a tha 'g imlich suas, agus a'deothal 
fuil nan neo-chionntach ; ach goirear seudan do na 
naoimh, ionmhasaibh, rìghribh calmain, lilidhibh, 
agus oighreachan air rìoghachd na glòire ; agus 
uaithe so tha e, gu'n d'rinn cuid do dhaoine matha 
tuilleadh uaill 'nan ainm Criosdaidh, no 'nan ainm 
iompaire ; agus a smuainich e bhi na urram bu mho 
a bhi 'na bhall do Chriosd, no bhi na rìgh air rìgh- 
chathair, na urram bu mhò a bhi na aon do mhuinntir 
bheag Chriosd, na 'na aon de mhuinntir mhòr an 
t-saoghail. Da rìreadh, mo chàirdean, is fearr 
cridhe glan na òighreachd mhòr, is fearr naomhachd 
an leth a staigh na sonas an leth a muigh ; is fe'arr 
Criosd gun urram na urram gun Chriosd ; is fearr 
diadhachd as ugmhais soirbheachaidh na soirbh- 
eachadh as eugmhais diadhachd ; is fearr mathas 
às eugmhais mòralachd na mòralachd às eugmhais 
mathais — Is e so an dara. 



94 AN T-ATHAIR SIOKRUIDH. 

Ann 's an treas àite, Tha Dia ann an Criosd 'na 
Athair a tha caomh agus làn de thruacantachd a 
thaobh a chloinne: an uair a bha sinne làn fala, an 
sin bha esan làn de thruacantachd : tha Criosd na's 
caomhala mu chorp diomhair, na bha e mu chorp 
nadurrach ; dh'fhuilig e d'a chorp nadurrach a bhi 
acrach, a bhi tartmhor, a bhi sgìth, crochadh air a' 
chrann-cheusaidh, fhiul a dhortadh air a! chrann- 
cheusaidh, fulang air a' chrann-cheusaidh, a bhi air 
a lot agus air a tholladh le tàirnibh air a' chrann- 
cheusaidh. O chaidh e tre an fhuirneis a chuni 
sinne a chrmail às na lasraichean. Ach a nise 
thugaibh fainear, mo chàirdean, air son a chorp 
diomhair, O cia cho caomh is a tha e ! Tha e g'an 
gràdhachadh, tha e gabhail truais dhiù, tha e 'g 
amharc orra le tlachd, tha e g'an giùlan 'na uchd, 
agus d'am fuiaisgeadh air a ghlùinean. O isiadsan 
maise a shùilean,aoibhneas a chridhe; cha n-urrainn 
e fhulang a bhi faicinn eucoir g'a dheanamh orra, 
a bhi faicinn ainneart g'a dheanamh orra agus air 
am mi-ghnàthachadh, tha na h-uile buille a gheibh 
iadsan a' dol gu ruig a dhearbh chridhe ; " À Shauil, 
a Shauil, c'arson a ta thu 'g am gheur-lean- 
mhuinnse ?" Tha sibh a' faicinn cia cho caomh 'sa 
tha Criosd ma chorp diomhair. Is e so Ionas 
againne, a thilg e-fèin do dh-f hairge fèirg' Athar, 
chum sinne a shaoradh o sgrios, agus dh'fhosgail e 
geatachan nèimh chum sinne a leigeil a steach do 
shlàinte. — Is e so an treas. 

'& a" cheathramh àite, Is Athair Dia ann an Criosd 
e a tha tasgaidh suas air son a chloinne : tha e toirt 
diiaibh nieigin ann an sealbh, ach sùil ri tuilleadh 
ri shealbhachadh à so suas, beagan ann an làimh, 
agus cuibhrionn mhòr ann an dòchas. 



AN T-ATHAIR SIORRUIDH. 95 

Anns a cheud àite, Tha e toirt dhaibh ni eigin 
ann an làimh ! tha e cur a mach air ar son, tha e 
toirt dhuinn an àilidh a tharrainn ar n-anail ann, 
agus an talamh gu gluasad air; tha e toirt dhuinn 
na grèine, a' ghealach, agus na reulltan, gaoth, 
uisge, agus teine : tha e toirt dhuinn iasg na fairge, 
beathaichean na talmhuinn, agus eunlaith an adhair. 
— Tha 'n duine bochd a' tighin beò le bàs ; tha ar 
beatha nadurrach air a coimhid le bàs a' chreutair, 
agus ar beatha spioradail le bàs ar Slànaighear 
ìonnas gu'm faodmiràdh, gu'm beil sinn a' tighin beò 
lè bàs. Is e dleasanas duineseirbhis a dheanamh do 
Dhia, o'n rinn Dia an saoghal uile chum seirbhis a 
dheanamh dhasan, mar thuirt an t-Abstol, " Atha 
toirt duinn nan uile nithe gu saìbhir r'am meal- 
tainn." (1 Tim. vi. 17.) Thugaibh fainear, cha 
n-e mhàin gu'm beil e toirtduinn cuiddo nithe ach 
na h-uile nithe ; cha n-e mhàin na h-uile nithe, ach 
nan uile nithe gu saibhir r'am mealtainn. 

Annsan dara h-àite^ Is Athair Dia ann an Criosd 
a tha tasgaidh suas air son a chloinne. " Cia mòr 
domhaitheas, athaisgthudhaibhsan d'an eagal thu!" 
tha Daibhidh a gabhail iongantais dheth, (Salm 
xxxi. 19.) " Cia mor do mhaitheas a thaisg thu !" 
Thugaibh na briathran mar an ceudna fainear. " O 
so a mach taisgear fa'm' chomhair crùn fireantachd." 
(2 Tim. iv. 8.) Ciod, a mhàin air do shonsa a Phòil ? 
Ni-headh, cha n-ann air mo shonsa mhàin, ** ach 
dhaibhsan uile mar an ceudna leis an ionmhuinn a 
theacndsan." — Mar sin a rithist, u cha n-f haca sùil, 
a^ r us cha chuala cluas, agus cha tàinig ann an cridhe 
duine." (1 Cor. ii. 9.) C'arson, mo chàirdean, 
ciod e so nach faca sùil, nach cuala cluas, agus nach 
tàinig ann an cridhe duine ! C'uime, thugaibh fai- 



9G AX T ATHAIR SIORRUIDH. 

near — " Na uithe a dh'ullaich Diadhaibhsan aig am 
beil gràdh dha." — O mhuinntir ionmhuinn, tha Dia 
a' toirt d'a chloinn a chuibhrionn a's ro fhearr a 
chuibhrionn a's ro shaibhire a chuibhrionn a's ro 
mhò : is leosan na h-uile nithe, is leosan beatha, is 
leo bàs, is leo nithe a ta làthair, agus is leo nithe a 
ta ri teachd ; is leo Dia, is le Criosd, is ieo an 
Spiorad, is leo nèamh, agus ciod tuilleadh is urrainn 
a bhi aca? Tha Dia a' toirt d'a chloinn anns an 
t-saoghal so talann de ghràs, agus annsan t-saoghal 
ri teachd talann de ghìòir: caithidh iadsan crùn 
Chriosd shuas, a ghiùlaineas a chrann-ceusaidh a 
bhos. (1 Corint. iii. 21—23.) 

Anns a' chùigeamh àite, Tha Dia ann an Griosd 
a dion agus a seasamh a chloinne o' n nàimhdean, 
agus o Shàtan, agus o'n pheacadh, o'n t-saoghal, 
o'n mhallachadh, agus o'n dara bàs, ni is e ifrinn, 
" An tì a bheir buaidh cha chiurrar leis an dara 
bas e" (Tais. ii. 11.) Faodaidh creideach buile 
a' bhàis a mhothuchadh, ach cha mhothaich e gu 
bràth gàth a' bhàis ; faodaidh an ceud bhàs a chorp 
a thoirt gu truailleachd, ach cha toir an dara bàs 
anam gu bràth chum damnaidh : ge do dh fhaodas 
e bhi beò gu bàsachadh, bàsaichidh e bàs a thig 
beò ; an tì a ta chòmhnaidh ann an Criosd, cha 
ghabh e comhnaidh gu bràth ann an ifrinn. Tha 
Dia a dion a chloinne o na huile eucoir agus 
ainneart. " Cha do leig e le duine sam bith eucoir 
a dheanamh orra, agus smachdaich e rìghrean air 
aji son." Salm cv. 14. Guidheam oirbh, thugaibh 
fainear gu math an labhairt, a' chàirdean, ma leagas 
rìghrean air na naoimh làmhan an fhoirneart ; 
l^agaidh Dia air rìghrean Iàmhan an dioghaltais. 
Smachdciichidh e rìghrean air an son : ma ni rìgh- 



AN T-ATHAIR SIORRUIDH. 97 

rean eucoir air na naoimh bhochd' air son Chriosd, 
smachdaichidh Criosd rìghrean air son nan naomh; 
niar sin a deir facal Dè. " Iadsan a tha nan dèe 
an làthair dhaoine, cha n-eil annta ach daoine an 
làthair Dhè." Ma thilgeas daoine naoimh do 
phrìosan air son an diadhachd, tilgidh Dia iadsan 
do dh' ifrinn air son an aingidheachd. u Oir 
dh'ullaicheadh Tophet o shean; eadhon air son a*n 
rìgh tha sin air ullachadh" (Isa. xxx. 33.); dìreach 
margun abradham Faidhe co-shoilleir, gu'm b' ann 
gu h-araid air son daoine mor a bha ìfrinn air a 
huliachadh. 

O mo chàirdean, tha ifrinn air a h-ullachadh 
air son dhaoine mòra cho math ri daoine suarach. 
Iadsan air am beil Dia a buileachadh thròcarean 
mòra ma mheudaicheas iad ann an droch-bheartan 
mòra, cuiridh Dia peanas mòr an gnìomh orra. 
Cionnas a bhios iadsan comasach air an cinn a 
thogail suas an làthair Chriosd, a tha togail suas an 
cinn'na aghaidh-san? "Sheasrìghrenana talmhuinn 
suas, agus chruinnicheadh nah-uachdarain an ceann 
a chèile, an aghaidh an Tighearna, agus an aghaidh 
a Chriosd," (Gniomh. iv. 26.) Bheir Criosd binn 
air na h-uile binn a th' air dol seachad. An tì a 
their " Thigibh, a dhaoine beannaichte," their e 
mar an ceudna, 4t Imichibh uam, a shluagh 
mallaichte." Is e so an cìiigeamh. 

Anns an seathamh àite, Is Athair Dia ann an 
Criosd a ta teagasg, agus ag oileanachadh a 
chloinne: — " ^gus bithidh do chlann uile air an 
teagasg leis an Tighearn ;' (Isa. liv. 13.) Bithidh 
uile chlann Dè air an teagasg le Dia ; tha Dia a 
teagasg a chloinne uile ; agus ciod a tha e teagasg 

K 



98 AN T-ATHAIR SIORRUIDH. 

dhaibh ? C'uime, am measg nithe eile tha e teagasg 
g'a chloinn na seà leasain so. 

Anns a cheud àite, Tha e teagasg dhaibh iad 
fèin àicheadh, Leagaidh fior chreideach sìos ana- 
mhiannan air àithne Chriosd, agus a bheatha air 
son Chriosd. 

Anns an dara h àite, Tha Criosd a' teagasg 
dhaibh a bhi toilichte. An so tha leasan diadhaidh 
eile a tha Criosd a' teagasg d'a chloinn. Dh'f hògh- 
luim Pòl an leasan so, mar thuirt e fèin " Oir 
dh'fhòghluim mi, ge b'e staid am beil mi, a bhi 
toilichte." (Phil. iv. 11.) Bithidh creideach 
toilichte fearg duine a ghiùlan air son an Tì, a 
ghiùlain fearg Dhè air a shonsan. 

'aS' an treas àite, Tha Diomhanas a' chreutair; 
a'teagasg dhuinn, gur diomhanas na h-uile nithe a 
ta bhos, agus cràdh spioraid. 

Anns a' cheaihramh àite, Olcas a' pheacaidh. 

Anns a chùigeamh àite, Cealgaireachd a' chridhe. 
Ier. xvii. 9. 

Anns an t-sheathamh àite, An t-eòlasceart air fèin. 

O ! Chriosdaidhean, an dh'f hòghluim sibhse na 
leasain so ? An sin bitheadh bhur n-uile ghniomh- 
arra coltach ri Criosd agus gluaisibh mar a ta esan 
agaibh 'na eiseimpleir ; chaith e bheatha a' teagasg 
dhuinne cia mar a chaitheamaid ar beatha, agus 
bhàsaich e a theagasg dhuinne cia mar a bhasaich- 
eadh sinn ; an tì nach lean eiseimpleir beatha 
Chriosd, cha bhi e gu bràth air a shàbhaladh le 
feartan bàis Chriosd. Mar is esan an fhreumh air 
H'm beil an duine naomh' a fàs, mar sin is e an 
riaghailt leis an dearbhair an duine naomh' : mar 
bi e 'na lorg Iacob dhutsa ga'd threròachadh do 



AN T-ATHAIR SIOKKUIDH. 99 

nèamh, cha bhi e gu brath 'na fhàradh Iacob 
dhuts gu d' thogail suas do nèamh. Bu chòir 
dhuinn a bhi cho toileach a bhi air ar riaghladh le 
Criosd, is a tha sinn cho toileach a bhi air ar 
sàbhaladh leis. Rinn Dia aon Mhac coltach ris na 
h-uile, chura 's gu'n deanadh e a mhic uile coltach 
ri aon. Mar e beatha Chriosd do chuibhrionn, 
tha thu màrbh ann am peacadh agus ann an 
eu-ceartaibh, agus mar sin b'fheumail dut a ghuidhe 
gu'n cluinneadh tu guth Mhic Dhè, agus gu'm 
bitheadh tu beò, agus cha n-ann dhut fèin, ach 
dhàsan a dh'fhuilig am bàs agus a dh'èirich a 
rithist (Eoin v. 25.) Is e so an seathamh. 

Aìins an Useachdamh àite y Is athair Dia ann an 
Criosd a ta cur air a chloinn uile, iomhaigh ion- 
mhuinn Iosa Criosd : tha iad coltach ris gu ruig 
an fhior bheatha ; mar a bha air a ràdh mu chlann 
Chonstantine, bha iad coltach ri'n athair gu ruig a 
bheatha. — Mar sin faodaidh sinn a radh mu chreid- 
ieh, tha iad coltach ri Criosd gu ruig a' bheatha : 
cha n-f huilig Dia do dhuine air bith trusgan seirbhis 
Chriosd a chaitheadh aig nach eil coltas Chriosd 
'san taobh a staigh dheth. ** Ach air bhi dhuinne 
uile, le aghaidh gu'n fhalach ; ag amharc mar 
ann an sgàthan air glòir an Tighearna, tha sinn air 
ar n-atharrachadh chum na h-iomhaigh ceudna, o 
ghlòir gu glòir, mar le Spiorad an Tighearna.'* 
1 Cor. iii. 18. 

O mo chàirdean ! ciod an seud òirdheirc a t« 
ann an gràs ! Tha Tighearna nan gràs a' gairm 
glòir dheth. « 4 O ghlòir gu glòir/* is e sin, o aon 
tomhas gràis gu tomhas eile ; is e gràs glòir a' cath- 
achadh, agus glòir is gràs e air buadhachadh : 
gràs is glòir e air toiseachadh, agus glòir is gràs e 
air a dheanamh foirfe ; is e gràs an ceud cheum do 



100 AN T-ATHAIR SIORRLIDH. 

ghlòir, is e glòir an ceum a's ro airde de ghràs ; is 
e gràs am fros, is e glòir am blàth ; is e gràs am 
fainne, is e glòir an daoimean lainnireach anns an 
f hainne ; is e gràs an naoidhean glòrmhor, agus is 
e glòir duinefoirfe a' ghràis : is e gràs an t-earrach, 
is e glòir am foghar. Is e anam an duine a chiste, 
is e gràs Dhè an seud; tilgidh Criosd air falbh a 
chiste far nach faigh e an seud. An tì a dh'aisig 
sinne anns an iomhaigh, aisigidh e sinn a chum 
iomhaigh fèin. Ts e so an seachdamh ni sònraichte. 

Anns an ochdamh àite, Is Athair Dia ann sn 
Criosd nach bàsaich gu bràth ; tha aithrichean eile 
màrbh agus air imeachd, tha ar n-Athair Abrabam 
màrbh, tha ar n-Athair Isaac, màrbh tha ar n-Athair 
Iacob màrbh, agus tha dream eile màrbh agus air im- 
eachd. O ! ach Dia, ann an Criosd is Athair e 
bhitheas beò gu siorruidh, a gràdhaicheas gu sior- 
ruidh, a rìghicheas gu siorruidh. 'S es-an Athair 
na siorruidheachd, ann an siorruidheachd, o shior- 
ruidheachd gu siorruidheachd, (Gnà. viii. 22 — 30.) 
Bha e ann do ghnàth, tha e ann do gnàth, agus bith- 
idh e ann do ghnàth, agus cha n-urrain gun e bhi 
ann do gnàth, (Tais. i. 8.) Is e Criosd an tì ceudna 
roimh aimsir, ann an aimsir, agus an deigh aimsir, 
(Eabh. xiii. 8.) " losa Criosd an dè, agus an diugh, 
agus gu siorruidh an tì ceudna. Oir is ann uaithe- 
san agus tridsan, agus air a shonsan, a ta na h uile 
nithe.'' Rom. xi. 36. 

'San naoitheamh àite. Is Athair Dia ann an Criosd 
a ta smachdachadh a chloinne: na h-uile a's ion- 
mhuinn leDia smachdaichidhe, ged nach toighleisa 
bhi smachdachadh. Bha aon Mhac aig Dia as eug- 
inhais peacaidh, ach cha robh mac idir aig' as eug- 
ìnhais doilghios ; bha aon Mhac aig as eugmhais 
truailleachd, ach cha robh mac idir aig as eug- 



AN T-ATHAIR SIORRUIDH. 101 

mhais smachdachaidh. " Oir an tì a's ionmhuinn ìeis 
an Tighearn, smachdaichidh se e, agus sgiùrsaidh 
e gach mac ris an gabh e," (Eabh. xii. 6.) " Mheud 
as is ionmhuinn leam, cronaicheam agus smachd- 
aicheam," (Tais. iii. 19.) Tha àmhgharan nam bean- 
nachd dhuinn, an uair a bheannaicheas sinn Dia 
air son nan àmhghar; tha Criosd ag innse dhuinn, 
Gur èigin do'n tì a bhitheas 'na dheisciobul dhasan, 
e fèin àicheadh, a chrarin-ceusaidh a thogail, agus 
esan a leantainn," (Mata xvi. 24.) Tha fèin cheith- 
ir fillte ann, a's eigin a bhi air àicheadh air son 
Iosa Criosd, air neo cha n-urrainn dhuibh a bhi 
air ar gairm na'r deisciobuil dhasan. 

(1.) Fèin pheacach. (2.) Fèin-nàdurrach. (3.) 
Fèin-fhìreantachd. Agus (4.) Fèin bhuannachd. 

Tha Fèin-pheacach ri bhi air a sgrios, agus tha 
fèin-nàdurrachd, ri bhi air àicheadh, cha n-urrainn 
dhuinn sinn fèin a mhealtainn gus an àicheadh sinn 
sinn fèin ; tha Dia cho fada o bhualadh a chloinne 
air son neo-ni, is a tha e o bhualadh a chloinne gu 
neo-ni. 

An Co-chur, Am beil e mar sin gur e Dia ann 
an Criosd Athair Siorruidh a' chreidich ? O, an sin, 
ciod am math a ta cho milis ri Criosd ! agus ciod 
a ta na olc cho mòr ris a' pheacadh ? O gràdhaich- 
ibh Criosd nas mò, agus fuathaichibh am peacadh 
na's mò : tha Criosd a' toirt beatha maille ris ; 
beatha ghràis, beatha chomhfhurtachd, beatha 
ghlòire, ach a ta peacadh a' toirt bàis maille ris, 
bàs cuirp, bàs anma, bàs an so, agus bàs an deigh 
so. O tha fuil Chr iosd a' labhairt nithe a's fearr na 
fuil Abeil ; tha fuil Abeil a' glaodhaich air son 
dioghaltais, ach tha fuil Chriosd a' glaodhaich air 
son tròcair. 'S esan an nèamhuaid ro luachmhor, air 




102 AN N-ATHAIR SIOKRUIDH. 

son do reic an ceannaiche beartach na bha aige, 
agus cheannaich e i, agus a fhuair tuilleadh aoibh- 
neis anns an neamhnaid so, na bha aige riamh leis 
na h-uile ni a bha e sealbhachadh roimhe. O aìr 
an aobhar sin leigibh leam a ghuidhe oirbhse a ta 
'n 'ur cloinn dhasan, esan a ghràdhachadh agus 
seirbhisa dheanamh dhasan : 's esan bhur n-Athair 
Siorruidh, uime sin deanaibh a thoil air thalamh, 
mar tha na h-ainglean a' deanamh air nèamh ; cha 
n-urrainn duibh gearan nach faigh sibh tròeair; bha 
e cho math dhuibh, is nach robh easbhuidh oirbh 
ann an ni air bith, agus am bhi sibhse gann dhasan 
anns gach ni. 

" Bheir mac onoir d'a athair, agus seirbhiseach 
d'a mhaighistir, ma's Athair mise ma ta, c'àit' am 
beil m'onoir ? agus raa's maighistir mi, c ait' am beil 
m'eagal ?" (Mal. i. 6*) Mar athair, is amhail a 
bhios urram air athoirt dhasan air son a mhathais. 
O ciod e am beagan sin a ta e 'g iarraidh oirbh, ris 
an ni sin a tha e toilltinn uaibh ì mar eil urram 
dligheach dhasan, na biodh e, air a bhuileachadh 
air ; ma tha e dligheach dha, na biodh e, air aich- 
eadh ; ma tha Dia a' deanamh nithe mòr' air son 
a chloinne, cha ghabh e ri nithe beag o chloinn fèin. 
Faicibh a' ghaoir a th'aig Dia an aghaidh a 
chloinne fèin. " Cluinnibh O nèamhan agus tabhair 
èisdeachd O thalaimh I" Ciod an t-aobhar ? " Dh' 
altruim mise, agus thog mi suas clann, agus rinn 
iadsan ceannairc a'm aghaidh." (Isa. i. 2.) Mar is 
dlùithe an dàimh, is ann a's mò a' chomain : tha 
Criosd ann an dàimh riu mar a tha tighearna ri 
shèirbhisich, mar a ta athair ri ehloinn, mar a ta 
prionnsa ri iochdarain, mar a ta ceann ri bhuill ; 
far an dlùirhe an dàimb, is ann an sin a's mò am 
brosnachadh. Tha e na ni na's taitniche ceannair- 



AN f-ATHATR SIORRUIDH. 103 

cich fhaicinn air fas 'nan cìoinn, na tba e clann 
fhaicinn air fàs 'nan ceannairceich. 

Cò a' mhàthair is urrainn f hulang do na bilibh sin 
a their a cìochan a fuil a deothaì ? O Chriosdaidh- 
ean, tha sibh ni's mò aithnichte do Dhia na dream 
eile, agus uime sin feumaidh sibh esan aideachadh 
ni's mò na dream eile ; cha n-eil sibh ag amharc 
ri urrad shoillse o losgadh coinnle is a ta sibh o 
dhealradh na grèine ; na ri urrad uisge o shileadh 
an t-soitheach uisge, is o sgaoileadh o chèile neul ; 
dhaibhsan da'n tugadh mòran, iarrar moran uatha. 
Cha n-eil sùil aig Dia ri mòran far nach eil ach 
beagan air a bhuileachadh, ni mò a ghabhas e ri 
beagan far am beil mòran r'a f haotainn. " Cluinn- 
ibh am facal so a labhair an Tighearn 'nur n-agh- 
aidh, O chlann Israeil, Is sibhse mhàin air an do 
ghabh mi eòlas do dh' uile theaghlaichibh na 
talmhuinn." (Amos iii. 1, 2.) Dh' àrdaich Dia 
sibhse os-ceann na h-uile eiìe, agus uime sin is èigin 
dhuibhse tuilleadh a dheanamh air son Dhè na 
dream eile. Bha e na chron mor do Heseciah nach 
robh a thoirt-air-ais, freagarach do na nithe afhuair 
e. O chreideacha, leigibh leam a ghuidhe oirbh 
mòran a dheanamh, gràdhachadh gu mòr, mòran a 
thoirt seachad, iomadh ùrnuigh a dheanamh, air 
dhuibh a bhi faicinn gu'n dh'fhuair sibh mòran. 

Trusaidh mi suas na h-uile, le facal comhf hurt- 
achd dhuibhse a chlann De. O, mo chàirdean, is 
e Dia ann an Criosd bhur n-Athair, bhur n-Athair 
gràdhach, bhur n-Athair Siorruidh, agus is sibhse 
a chlann ; uime sin na biodh eagal oirbh, èiridh 
gu math dhuibh an so, agus an deigh so :. (i Na. 
biodh eagal ort, a threud bhig ; oir is e deagh thoil 
bhur n-Athar an rìoghachd a thoirt duibh." Luc. 



104 PKIONNSA NA SITHE. 

xii. 32. " Cha chum e math air bith uathasan a 
ghluaiseas gu h-ionraic." (Salm lxxxiv. 11.) Bheir 
e seachad gràs agus glòir dhuibh; is e gràs an 
tinne* airgeid a tha tarrainn tinne òir na glòire 'na 
dhèigh. 



PRIONNSA NA SITHE. 

" Tha e gu lèir ionmhuinn" — Dàn. v. 16. 

Teagasg, — Gu'm beillosA Criosd, neo-chrìochnach 
agus ro ghràdhach. 

Ge be air bith àit' am beil Crosd 'na shagart air son 
saorsa, tha e 'na phrionnsa air son uachdaranachd ; 
ge be air bith àit' am beil e 'na Shlànaighear, an 
sin tha e 'na uachdaran ; far am beil e 'na thobar 
sonais, an sin tha e 'na thobar naomhachd ; far am 
beil e 'na Fhear.saoraidh, an sin tha e 'na f hearglan- 
aidh ; ge be air bith àit' am beil e toir uallachthar druim 
a' chreutair, an sin tha e leagail cùing air muineal 
a' chreutair. «* Oir is e an Tighearn ar breitheamh, 
is e an Tighearn ar fear-tabhairt lagha; is e an Tigh- 
earn ar Rìgh ; tearnaidh e sinn," Isaiah xxxiii. 22. 

Thèid mi nis' air m'aghaidh chum a' chùigeamh 
ainm aig Iosa Criosd, ni is e Prionnsa na Sìthe ; 
Isa. ix. 6. 

Is e sonas eaglais Dè, ged' nach urrainn daibh 
sìth a thoirt, gidheadh, faodaidh iadsìth fhaotainn; 

* Àilbheag. 



PKIONNSA NA SITHE. 105 

ge'd nach urrainn dhaibh a suidheachadh air talamh 
gidheadh faodaidh iad a h-iarraidh o nèamh : is i sìth 
prìomh mhath na h-uile shuaimhneas eile mhealair 
leinn ; tha gach tròcaireile a' deothal an teachd-an- 
tir o chìochan na sìthe : is i màthair na h-uile soirbh- 
eachaidh ; mar a bha anam sean Iacoib ceangailt' 
ann an anam an leinibh Beniamin, mar sin tha na 
h-uile sonas pàisgte suas ann an sìth ; is i àgh nan 
naomh air talamh, agus glòir nan aingeal air nèamh. 
An uair a ghuidheadh na sean Eabhraich sonas 
do neach san bith, ghnàthaich iad a mhàin am 
facal so, Sìtk gu robh dhuibh. 

O'n ainm so aig Criosd, leagaidh mi sìos an dà 
earrann chòmhdaich so. 

Anns a cheud àite, Gur Rìgh siothchainteach 
Rìgh Shion. 

Anns am dara h-àite, Gur e an Tighearn Iosa 
Criosd Prionnsa na sHhe, aobhar agus bunait sìth 
d chreidich. 

Tha 'n dà phuinc sin 'na laidhe làn anns na 
briathraibh, cha labhair mi ach a mhàin air an 
phuing mu dheireadh, se sin ri ràdh. Gur e Iosa 
Criosd Prionnsa na sìthe, aobhar agus bunait sìthe 
a' chreidich- 

Ann an leudachadh air, feuchaidh mi dhuibh 
ceithir nithe. 

(1.) 'S esan Fear-thoirt a steach na sìthe. (2.) 
Fear-dheanamh na sìthe. (£>.) Fear-thoirt seachad 
na sìthe, Agus, (4.) 'S esan Prionnsa na sìthe, 
no am Prinsa siothchainteach. 

Anns d cheud àite. Is e Iosa Criosd fear-thoirt 
a steach na sìthe. Thug e stigh sìth shiorruidh 
tre fhìreantachd, agus cha n-ann le claidheamh, 
<c Sìth air talamh, agus deagh ghean do dhaoin- 



106 - PRIONNSA A SITHE. 

ibh." (Luc. ii. 14.) C'arson a bha Aran 'na 
Beatha acrach, ach a chum gu'm beathaicheadh 
e na h-acraich le aran na beatha ? C'arson a bha 
Fois e fèin sgìth, ach a thoirt fois do'n sgìth ? C'ar 
son a bha Prionnsa na sìthe ann an trioblaid, 
ach a chum gu'm biodh sìth aig an dream a ta 
fo thrioblaid? Cha b'urrainn neach ach iomhaigh 
Dhe sinne aiseag a chum iomhaigh Dhè ; cha 
b'urrainn neach ach Mac gràdhach Dhè sinne a 
dheanamh gràdhach do Dhia ; cha b'urrainn neach 
ach aon ghin Mic Dhè sinne a dheanamh n'ar mic; 
cha b'urrainn neach ach gliocas Dhè sinne a 
dheanamh glic ; cha b'urrainn neach ach Prionnsa 
na sìthe, Dia na sìth, agus sìth Dhè a thoirt 
dh'ionnsaidh peacaich bhochd ; agus uime sin 
goirear dheth " ar siothchainte," Ephes. ii. 14. 

O ciod am math a ta cho mhilis ri Criosd ! agus 
ciod a tha 'na olc cho mòr ris a' pheacadh ! tha 
cheud ni g'ar toirt a chum aoibhneis agus sioth- 
chaint, tha 'n ni mu dheireadh g'ar toirt a chum 
an-aoibhneis agus truaighe. Is e so a.' cheud ni. 

'S an dara h-àite, 'Sesan Fear dheanamh na sìthe, 
cho math ri Fear-thoirt a steach na sìthe. 'S esan 
fear-dheanamh na sìthe eadar Dia agus daoine : is 
e am peacadh an crann aimhreite mòr eadar Dia 
agus an t-anam ; is e am peacadh balla an sgaraidh 
eadar Dia agus sinne, agus tha Prionnsa na sìthe a 
deanamh sìth eadar Dia agus sinne. Dh'ioc e na 
fìachan uile, agus thug e as an t-slighe na h-uile 
connsachadh, agus dhubh e mach an sgrìobh- 
adh, agus bhris e sìos balla-meadhonach an eadar- 
dhealachaidh^ agus chairich e suas am bealach mòr 
a bha eadar Dia agus duine ; " Bha Dia ann an 
Criosd a' deanamh an t.-saoghail rèidh ris fèin," 



PRIOKNSA NA SITHE. 107 

(2 Corint. v. 19.) Ann an Criosd ; agus mar an 
ceudna ann an àite eile. u Ach a nis' ann an Iosa 
Criosd, tha sibhse a bha roimhe so fad o làimh, air 
bhur toirt am fagus trid fola Chriosd ;" (Ephes. ii. 
13.) O pheacachaibh, is e Criosd fear-deanamh ar 
sìthe, tha Prionnsa na sìthe a' deanamh sìth eadar 
Dia agus sinne; tha e deanamh Dhè rèidh ri daoine, 
agus daoine ri Dia ; ionnas mar sin ge do dh'fhaod- 
adh Dia gu ceart a bhi diombach oirn' gidheadh 
'na Mhac tha e làn-toiìichte leinn : tha e na's toil- 
ichte le creideach air sgàth Chriosd, na bha e mi- 
thoilichte leis air son a' pheacaidh. 

Anns an treas àite, Is e Iosa Criosd Fear- 
thabhairt na sìthe ; mo thruaighe ! peacaich bochda 
cha n-eil aon sìth againn ri ainglibh, cha n-eil aon 
sìth ri cogais, no ri aon a chèile, gus an toir 
Prionnsa na sìthe dhuinn i : " Tha mi f'àgail sìth 
agaibh, mo sìths' a ta mi tabhairt duibh," ars' ar 
Tighearn ri dheisciobluibh, (Eoin. xiv. 27«) O, 
nio chàirdean, tha e toirt dhuinn sìth ri Dia. 
"Tha sìth againn ri Dia trid ar Tighearn losa 
Criosd/' (Rom. v. 1.) Tha Criosd a' toirt dhuinn 
sìth, nach urrainn an saoghal a thoirt uainn ; cha 
n-urrainn trioblaid shaoghalta buaidh a thoirt air 
siothchaint nèamhaidh. 

Anns d cheathramh àite, Is esan Prionnsa na 
sìthe no am Prionnsa siothchainteach : mar sin cha 
n e mhàin gu'n goirear sìth dheth, ach Prionnsa na 
Sìthe. Da rìreadh, mo chàirdean, tha e na shìth 
uile do chreideach. " Is sligheannan subhachais a 
sligheannan, agus is sìth a ceumannan uile," (Gnà. 
iii. 17-) Thugaibh fainear, is sìth a ceumannan 
uile. 

A nise, ciod iad na ceumannan sin. Ainmichidh 



108 PRIONNSA NA SITHE. 

mi sin dhuibh. (I.) Ceum an aithreachais. (2.) 
A chreideimh. (3.) Na firinn. (4.) Na fèin-aich- 
eadh. (5.) Na h-ùrnhlachd. (6.) Na naomhachd. 

1. Is iad sin ceumannan eadar.dhealaichte de 
shìth, agus eeumannan siothchainteach : O mo 
chàirdean, cha n-eii aon sith vì fhaotainn ach ann 
an ceumannan na sìthe ! mar a ta uile oibre mòr agus 
iongantach, mar sin is sìth agus subhachas uile 
shligheannan. 

2. A shoisgeul, is soisgeul sìth e, is tròcair mhòr 
soisgeul na sìthe a mhealtainn ; ach is mo an tròc- 
air sìth an t-soisgeil a mhealtainn. 

3. Is sìth a luach saoithreach-san, " Siubhlaidh 
e ann an sìth." (Isa. lvii. 2.) An so goirear sìth' 
de dh'aoibhneas nan nèamh. Bithidh fior mhic na 
sìth agus mic shioth-chainteach na fìrinn air an 
crùnadh le sìth ; siubhlaidh iad ann an sìth. Agus 
mar so, a mhuinntir ionmhuinn, rinn mi gu h-aith- 
ghearr, seadh, lan-dhearbh mi a' phuinc. — Gur e 
Iosa Criosd aobhar agus bunait sìth a' chreidich. 

Fheum. I. A nis' a chum co-chur na puince. 
Bheir mi nuas e gu ceithir cbinn. (1.) Chum 
tiosrachaidh. (2.) Chum ceasnacbaidh. (3.) Chum 
earail. (4.) Chum sòlais. 

1. Le dòigh fiosrachaidh : An so faodaidh sinn 
fhaicinn ciod am feum mòr a th'againn air Iosa 
Criosd. OChriosdaidhean ! An e Iosa Criosd aobh- 
ar agus bunait air siothchaint uile ? An sin cha n-eil 
còir no ceartas againn gu siothchaint, ach tre 
Prionnsa na sìthe. Cha n-eil aon sìth againn ri 
Dia, ach " trid ar Tighearn Iosa Criosd ;'* ars' an 
t- Abstol : tha sinn air ar deanamh rèidh ri Dia ann 
an losa Criosd ; agus tha sinne bha fad as, arsa Pòl, 
air ar toirt am fagus tre fhuil Chriosd. Tha sinn 



PRIONNSA NA SITHE. 109 

a mhàin taitneach anns a' Mhac ghràdhach ; ionnas 
mar sin, a mhuinntir ionmhuinn, is ann uile ann au 
Crìosd, agus troimh-san, tha ar sìth againne. Duine 
gu'n Chriosd is duine gun sìth e ; cha n-eil sìth aige 
ri Dia ; cha n-eil sìth aige ri ainglean, cha n-eil sìth 
aige ri chogais ; gus am bi sinn na'r càirdean do 
Chriosd is nàimhdean dhuinn fèin sinn. Tha e 
fior, faodaidh duine aingidh sìth a labhairt ris fèin, 
ach cha n-eil Dia a' labhairt aon lideadh de shìth 
ris ; faodaidh esan sìth a' labhairt ris fèin gus an 
tuit e ann an lasraichean siorruidh : is e Dia a 
nàmhaid, is e eas-caraid an diabhol, tha na h-aing- 
lean ga fhuathachadh, tha na h-uile creutair a 
glaodhaich air son dioghaltais air-san. " Cha n-eil 
sìth, deir mo Dhia, do na h-aingidh," ^lsa. lvii. 
21 ;) cha n-eil, aon f hacal, cha n-eil braon do shìth 
do neach a tha mach a Criosd ; air an aobhar sin, 
O chàirdean ! thugaibh fainear am feum a th'agaibh 
air Prionnsa na Sìthe. 

2. Tha e toirt fios dhuinn, gur e sìth a bhi againra 
ri ar Dia agus ri ar Cruithear ni a's ro mhillse agus 
is ro f hearr anns an t-saoghal. O cia neo-chrìoch- 
nach milis sìth ! Ciod is millse na sìth? Mo 
thruaighe ! cha n-eil 'san òr ach duslach, cha n-eil 
ann an toileachas-inntinn ach nithe faoin, cha n-eil 
ann an tuigse ach boisge, cha n-eil ann am maise 
ach osag, cha n-eil ann an urram ach gleòdhraich, 
cha n-eil ann am beatha ach deatach : O ! ach tha 
sìth na's fearr na'n ni a's ro-mhillse, agus na's fearr 
na'n ni a's ro f hearr dhiù sin uile. 

(1.) Do-bhrìgh an neach aig am beil sìth ri Dia, 
faodaidh e tighin le dànachd a dh'ionnsaidh Dhè 
(Eabh. iv. 16.) (2.) An tì aig am beil sìth ri Dia, 



110 PRIONNSA NA SITHE. 

tha comh-chomunn agus comunn aige maille ri Dia. 
" Gu fìrinneach tha ar comunn-ne ris an Athair, 
agus r'a Mhac Iosa Criosd." (1 Eoin i. 2.) (3.) 
An tì a tha 'n sìth ri Dia, is mac e do Dhia ; is i 
sìth do na h-uile ni eile, is ro mhillse ; O ! is fion 
i gu comh-fhurtachd a thoirt dhuinn, agus aran 
g'ar beathachadh, bheir i air duine tighinn beò gu 
sòlasach, agus bàsachadh gu suilbhireach. 

3. Ma's e Iosa Criosd, Prionnsa na Sìthe., aobhar 
agus bunait ar siothchainnt' uile ; c'uime, ari sin, an 
tì a ta dh'easbhuidh Prionnsa na Sìthe, tha e dh- 
easbhuidh na h-uile nithe matha ; se an duine is ro 
thruaighe anns an t-saoghal a ta as eugmhais 
Chriosd : tha e dh'easbhuidh rèite ri Dia, còir ann 
an Criosd : tha e dh'easbhuidh seulachadh agus 
comh-fhurtachd an Spioraid ; tha e dh'easbhuidh 
fireanachadh, naomhachadh, agus uchdmhacach- 
adh ; tha e dh'easbhuidh mathanas peacaidh, agus 
saorsa o uachdaranachd a' pheacaidh ; tha e dh- 
easbhuidh an deagh-ghean sin is fearr na beatha, 
an t-aoibhneas sin a tha do-labhairt agus làn do 
ghlòir, agus an creideamh sin, a tha braon dheth 
ua's mò luach na èirig rìgh : tha e dh'easbhuidh an 
fsaibhreas sin nach tèid am mugha, na dearbhainn- 
ean sin air son nèimh nach fàiìnich, an gràdh sin 
nach bàsaich, an rìoghachd sin nach gluaisear. O 
mhuinntir ionmhuinn ! cia iomadh ni a ta dhìth air 
an anam bhochd sin, a tha dh'easbhuidh Chriosd ! 
" Tha e dòrainneach, agus truagh, agus bochd, agus 
dall, agus lomnochd/' (Tais. iii. 17) Is nèamhnaid 
Criosd, cò air bith aig am beil e, cha n-urrainn da 
gu bràth a bhi bochd, agus cò air bith a taga dhìth, 
cha n-urrainn e gu bràth a bhi beartach ; nan dean- 



PRIONNSA NA SITHE. 111 

adh daoine ach na h-uile ni fhaicinn anns an 
Neamhnaid ro luachmhoir so, an sin reiceadh iad na 
h uile ni air a shon. 

4. Ma's e Iosa Criosd aobhar agus bunait ar 
siothchaint' ; an sin is e ar gnothach is mo faotainn 
ann an deagh-ghean ri Prionnsana Sìthe ; iarraidh 
mòran deagh-ghean an Uachdarain, deir an Sgriob- 
tur, ach O iarraibh-sa deagh-ghean a' Phrionnsa 
so : anamaibh bochda, as eugmhais-san cha n-eil 
tròcair, cha n-eil sìth, cha n-eil gràs, cha n-eil glòir, 
cha n-eil nèamh, cha n-eil crùn, cha n-eil beatha 
mhaireannach : Oir is i so a' bheatha mhaireannach, 
eòlas a bhi aca ortsa an t-aon Dia fior, agus air, 
Iosa Criosd a chuir thu uait," Eoin xvii. 3. 

Feum. II. — Le dòigh ceasnaichidh, agus fèin- 
àicheadh. Is e sinn-fèin a dhearbhadh, an rathad 
aithghearr a chum eòlas fhaotainn oirn fèin. O 
Chriosdaidhean, am b'àill leibh bhur Dia f haicinn ? 
Seallaibh suas, nam b'àill leibh sibh-fèin f haicinn 
seallaibh a steach. 'Se beachd-smuaintinn an 
sgàthan anns am faic sibh Dia. Tha e na's mò 
chudthrom eòlas a bhi againn air staid ar cridheachan, 
na eòlas a bhi againn air staid na rìoghachd. Agus 
air an aòbhar sin, tha mi guidhe oirbh ceasnaichibh 
sibh-fèin ; chum's gu'm bi fhios agaibh cò da'm 
buin sibhamfeadh a ta sibh beò, agus c'àit an tèid 
sibh an uair a gheibh sibh bàs, agus ciod a thig 
ruibh tre'n uile bhith-bhuantachd. O mo chàirdean ! 
thugaibh sibh-fèin a dh'ionnsaidh na deuchainn, 
agus dearbhaibh sibh-fèin, agus faicibham beil sibh 
anns a' chreideamh, agus an creideamh annaibhse. 
Creideamh is gràs e, nach urrainn duine a bhi air 
a shàbhaladh as eugmhais, a^us cha'n urrainn da'ne 
i bhi air a dhamnadh aii^ am beil e. 



112 PRIONNSA NA SITHE. 

O faicibh cò dhiu a tha sibh san t-slighe aimh- 
leathan a ta treòrachadh gu beatha, no anns an 
t-slighe leathann a ta treòrachadh gu bàs ; cò dhiù 
a ta bhur cridheachan 'nan cathraichean do dhroch- 
bheart gu suidhe annta, no nan rìgh-chathraichean 
do ghràs gu riaghladh orra ; cò dhiù is sibh aon do 
mhnathan pòsda Chriosd, no strìopaichean an 
diabhoil ; cò dhiù a ta sibh na'r n-òighreachan air 
nèamh no air ifrinn ; cò dhiù is sibh daor-dhaoine 
Shàtain, no saor-dhaoine Dhè. Is e feun-rannsachadh 
an t-slighe gu foirfeachd. u Oir chì sibh-fèin bhur 
gairm a bhràithrean, nach iomadh cumhachdach, 
nach iomadh uasal." (1 Cor. i. 16.) Is aineamh le 
daoimein lainnireach òighreachd mhòir, a bhi air a 
shuidheachadh ann am fainne òir a' chridhe ghràs- 
mhoir. Faodaidh duine bhi mòr maille ri Saui, agus 
gun ghràs ; saibhir maille ri Dibhes agus truagh ; 
is iad an dream is ro bheartaiche gu minig is ro 
bhochda, agus is iad an dream is ro bochda mar is 
tric is ro bheartaiche : O cia iomadh anam mar 
shnaithean lom a dhìth gràis a dh'f haodas a bhi air 
fhaotainn fo thrusganan sioda, agus culaidhean 
purpuir ? iadsan a ta caitheadh am beatha ni's ro 
isle maille ri Dia, gheibh iad bàs ni's ro airde ann 
am fabhor Dhè; sealladh dhinn fèin ann an gràs, 
bheir e gu cinnteach sinn gu sealladh dhinn fèin 
ann an glòir, cha dean na peacannan sin am feasd 
ifrinn air ar son, a bha 'nan ifrinn dhuinn. 

Feum. III. — Ach is mithich dhomh nise mo 
chòmhradh a thionndadh chum earail ; agus O ! gu'n 
tugadh sibh misneach dhomh le bhur rùn suidhichte 
gu bhi umhal do m' theachdaireachd air an latha 
so ; is e sin, bbur sìth a' dheanamh ri Prionnsa na 
Sìthe, chum's gu'm bi sibh n'ur fior mhic do shìth, 



PRIONNSA NA SITHE. 113 

agus n'ur mic shiothchainnteach na fìrint), chum 's 
gu'm bi sibh fìreanta an làthair Dhè, agus naomh' 
an làthair dhaoine ; chum's gu'n dealraich sibh gu 
glòrmhor ann an glòir : agus a chum gu'm faod sibh 
sìth a bhi agaibh ri Dia agus ri ainglibh, agus ri 
bhur cogaisibh fèin, agus ri aon a chèile. Ro 
mhath, mo chàirdean, Ciod a ta sibh ag radh ann 
am freagairt ri'm theachdaireachd? An e Prionnsa 
na Sìthe a bhios agaibh 'na ghràdh agus 'na Thigh- 
earna : bhur neach a's ro dhlùithe agus is ro ionmh- 
uinn-ne, bhur n-aoibhneas agus bhur tlachd ? Am 
pòg sibh am Mac, an dean sibh bhur sìth ri Dia na 
Sìthe, agus bhur n-anmannan agus bhur caitheadh- 
beatha a' thoirt suas gu bhi air an riaghladh leis-an ? 
Na nithe sin tha mi 'g earalachadh oirbh a dhean- 
amh, agus tha dùil aig Dia riu uaibh. Ach a chum's 
gu'm fan an earail so maille ruibh, dùblaichidh mi 
i le cuid do smuaintean cudthromach. 

Anns a cheiid àite, Thugaibh fainear mathas agus 
deagh-ghean Dhè a thaobh dhaoine ; thug Dia 
dhuibh meadhonan saibhir, chum's gu'n dean sibh 
bhur sìth, agus gu'n deanadh sibh gu diongmhalta 
i ri Dia. Air tùs, Thug e dhuibh an lagh agus an 
soisgeul. 'S an dara h-àite, Thug e ùine agus 
cothrom dhuibh gu tìal. 'S an treas àite, Tròcair- 
ean agus àmhgharan ; tròcairean g'ur tarrainn, agus 
àmhgharan g'ur n-iomain. 'Sa cheathramh àite> 
Thug e dhuibh searmonaichean an leth a staigh agus 
an leth a mach araon ; le searmonaichean au leth 
a mach, tha mi ciallachadh ministeirean Chriosd, a 
ta guidhe oirbh, agus a' cur impidh oirbh air sgàth 
Chriosd, sibh a bhi air bhur deanamh rèidh ri Dia, 
agus bhur sìth a deanamh ri Dia: le searmonaichean 
an leth a staigh, tha mi ciallachadh bhur cogais feiiu 



114 TRIONNSA NA SITHE. 

a tha toirt breith oirbh, agus g'ur cronachadh, agus 
a' toirt achmhasain dhuibh air son bhur peacannan 
agus bhur gràinealachd. 'Sa' chùigeamk àite, — 
Thug e dhuibh àintean agus geallannan, àintean 
a'g àinte dhuibh deanadh, agus geallannan, g'ur 
deanadh cinnteach à duais ghlòrmhor air son bhur 
deanadais. 'S an t-seathadh àite, An Spiorad 
agus mothachadh air bhur cionnta, (i Cha bhi mo 
Spiorad 'a strì 'ris an duine a ghnà." (Gen. vi.) 
O ! cia fada a sheasas sibh a mach an agaidh 
Dhè ? Ciod a ta agaibh ri ràdh an aghaidh so ? Cia 
mar is urrainn duibh so a fhreagairt, an uair a 
nochdar sibhse agus mise an làthair cathair-breith- 
eanais Dè? Am beil ni sam bith agaibh ri ràdh an 
aghaidh so ? Och ! bithidh bhur crìoch brònach, 
na's lugha no ni sibh bhur sìth ri Dia tre bhi 
creidsinn 'na Mhac, agus gluasad ann an ùmhlachd 
d'a shoisgeul, oir cha n-eil dòigh eile air a bhi ann 
an sìth ri Dia, " oir as eugmhais naomhachd cha 
n-f haic neach air bith an Tighearn." Agus air an 
aobhar sin (air do Dhia na nithe sin a' thoirt dhuibh, 
chum's gu'n dean sibh, bhur sìth, agus gu'n deanadh 
sibh sin gu diongmhalta ris-an) an neach a chaitheas 
a bheatha ann am peacadh as eugmhais aithreachais, 
bàsaichidh eann am peacadh as eugmhaismathanais. 
Is e so a J cheud ni. 

Anns an dara k-àite, Tha Dia ga'r cuireadh agus 
ga'r tàladh gu tighinn agus bhur sìth a dheanamh 
risan. " Ho ! gach neach air am beil tart, thigibhse 
chum nan uisgeachan ; agus esan aig nach eil argead 
thigibh, ceannaichibh agus ithibh ; seadh thigibh, 
ceannaichibh gun airgead agus gun luach, fion agus 
bainne." Isaiah Iv. 1. 

A mhuintir ionmhuÌLii, an so tha trì uairean 



PRIONNSA NA SITHE. 115 

tkigibh anns an rann so, a dh'f heuchainn toil neo- 
chrìochnaeh Dhè gu peacaich bhochd a shàbhaladh. 
H Agus a deir an Spioraid agus a' bhean nuadh- 
phòsda, Thig. Agus abradh an tì a chluinneas, 
Thig. Agus thigeadh an neach air am beil tart, 
(an so tha tri uairean thig a rithist anns an rann so.) 
Agus ge b'e neach leis an àill, gabhadh e uisge na 
beathagu saor." (Tais.xxii. 17.) Ciod,am beil neach 
idir tartmhòr 'n'ur measgsa? Am beil tart air 
neach idir air son Criosd, air son gràis, agus air 
son nèimh ? Ma thig sibh, mo chàirdean, an so 
faodaidh sibh gràs a bhi agaibh, agus tròcair, agus 
sonas. A nis/ air sgàth an Tighearn, thugaibh 
fainear ciod uime a ta so uile, ach a chum 's gun 
dean sibh bhur sìth ri Dìa ? An gairm Dia nèimh, 
agus nach èisd sibhse ? Ciod, am fearr leibh fuir- 
each ann bhur peacannan agus bàsachadh annta, 
na dol a dh' ionnsaidh Chriosd air son beatha? 
O ! mo chàirdean, rachaibh a dh' ionnsaidh 
Prionnsa na Sìthe air son sìth, chum's gu'm bi sìth 
agaibh ; mar gabh sibh bhur peacannan chum bhur 
cridheachan, a chum gu'm bi sibh air bhur n-iris- 
leachadh air an son, cuiridh Dia iad as bhur leth, 
agus is èigin duibh bhi air bhur damnadh air an 
son. 

An treas ni is e so : is èigin duibh an dara cuid 
blasad de mhathas Dè, no d'a chorraich cha n-eil 
duine, bean, na leanabh na'r measg, do nach èigin 
comh-pàirteachadh do'n dara ni, no do'n ni eiie ; is 
e aoibhneas na doilghios bhur cuibhrionn an ùine 
ghearr; an dara cuid leir sgrios no sòlas ; mur bi 
sibh na'r craobhan a' ghiùlan toraidh, is èigin duibh 
a bhi na r crionaichean air son losgaidh : mar eil 
sibh air son toraidh, is èigin dhuibh a bhi air soi> 



116 FRIONNSA NA SITHE. 

nan lasraichean ; mur dean sibh snàmh ann an 
oibrichean-uisge an aithreachais, loisgidhsibh ann an 
obair theine an dioghaltais; mur tèid sibh agus 
bhur sìth a dheanamh, ri Dia, chum's gu'm bi nèamh 
agaibh, thèid sibh do dh'ifrinn air son sìth a dhear- 
mad ; an dara h-aon dhiù is èigin duibh a dheanamh. 
O ! mo chàirdean, chuirmi beatha agus bàs, nèamh 
agus ifrinn, milis agus searbh fa'r comhair air an 
latha so. An dean sibh bhur sìth ri Dia, no nach 
dean ? An tèid sibh fathasd air, 'ur n-aghaidh anri 
an slighe na h-aingidheachd, a bristeadh a reachdan, 
a cur doilgheas air a Spiorad ? Am bàsaich sibh 
bàs nadurrach mu'n tig sibh beò beatha spioradail ? 
dt'irim uime sin, ma chaitheas sibh bhur beatha mar 
sin, agus bàs f haighinn mar sin, bithidh sibh air bhur 
damnadh maille ris an t-sluagh mhallaichte, agus 
peanas air a dheanamh oirbh le peanas ifrinn, agus 
mar sin air bhur cur do dh' ifrinn le uallaichean 
fèirg'air bhur dromannan. Bithidh bhur cuibhrionn 
anns an loch sin a ta dearg.lasadh le teine agus 
pronnusg, ni a's e an dara bàs. " Ge b'e chreideas, 
bithidh e air a shaoradh, ach ge b'e nach creid, 
ditear e/' deir ar Tighearn, (Marc xvi. 16.) O ! mo 
chàirdean, is fearr aithreachas a dheanamh agus 
gun dol a dhìth, no dol a dhìth as eugmhais aith - 
reachais ; uime sm amhaircibh ris cho math sa's àill 
leibh. Am beil sibh comasach air coinneamh a 
chumail ri Dia? Mo thruaighe ! mo thruaighe! 
cha n-eil an saoghal uile ach coltach ri boinne uisge 
ann an coimeas ri Dia : agus uime sin deanaibh 
bhur sìth ris-an. 44 Cionnas a thèid sinne as ma ni 
sinn dimeas air slàinte cho mùr." Eabh. ii. 3. 

Aims a cheathramh àile> Thugaibh fainear ciod 
a bheireadh an sluagh mallaichte ann an ifrinn air 



PRIONNSA NA SITHE. 117 

son nan tairgseachan de thròcair a ta a nis' air a 
thàirgse dhuibhse, gu cinnteaeh bheireadh iad 
deich mìle saoghal nam biodh iad aca, air son nan 
cothroraan a ta sibhse a mealtainn. Nan abradh 
Dia ri creutairean truagha bochd a ta fulang ann 
an ifrinn raar a ta e 'g ràdh ruinne, " Thigibh a 
m'ionnsuidhse, agus bheir mise suaimhneas dhuibh." 
O ! cia cho dùrachdach 's a ruitheadh iad agus a 
ghlacadh iad am facal a mach a beul Dhè ! Och, a 
mhuinntir ionmhuinn ! tha na deamhnaibh tuilleadh 
a's eòlach air truaighe, gu tròcair a dhiùltadh nam 
bitheadh i air a tàirgse dhaibh. Ach, mo thruaighe ! 
mo thruaighe ! creutairean truagha, bochda, air an 
dìteadh, cha n-eil braon do thròcair air an son : 
cha n-eil,urrad agus boinne do dh-uisge air an son, 
cha n-eil ? aon bhoinne uisge a dh'fhuarachadh an 
teangannan loisgeach. O, gu'n tugadh sibh fainear 
so, agus bhur sìth a dheanamh ri Dia mu'n tig 
am bàs, ni a dh'fhaodas a bhi 'n ath-oidhch' air son 
natha dh'fhios agaibh : ma chailleas sibh bhur tìm 
luachrahor chaill sibh bhur n-anmannan. OJ uime 
sin deanaibh bhur sìth ri Dia, chum's nach bi e air 
a ràdh umaibh, mar a bha e air ràdh aon uair mu 
Ierusaleim, " O gu'm b'aithne dhut, eadhon dhutsa, 
air bheag sam bith ann ad latha so fèin, na nithe a 
bhuineas do d'shìth ! ach a nis' a ta iad falaichte o 
d' shùilibh/' (Lucas xix. 42.) An so bha facal 
guil, facal brònach do dh'Ierusaleim. Mothruaighe! 
a nise tha e air f halach o 'n sùilibh ; tha 'n aimsir 
luachmhor acasan air imeachd ; cha n-eil sìth ri 
f haighinn : agus air an aobhar sin, tha mi guidhe 
oirbhse, mar gu'm bithinn air mo dhìteadh, agus 
a'g iarraidh mo bheatha ; mar sin tha mi guidhe 



118 PRIONNSA NA SITHE 

oirbhse ann an innigh Chriosd, agus air sgàth bhur 
p-anamannan, deanaibh bhur sìth ri Dia. 

Anns sa chùigeamh àile, Thoir fainear gu 
cùramach lionmhorachd dopheacannan eadhon na's 
lionmhoire na falt do chinn, nogainmeamh air tràigh 
na màra, no na reulltan anns na speuran, a tha do- 
àireamh ; arsa Daibhidh, '- Ni's lionmhoire tha iad 
no falt mo chinn," (Salm xl. 12.) Mo thruaighe! bu 
leòr aon do d' pheacannan gu d' chuir fodha an ifrinn 
gu siorruidh: Ciod a bhuannachd a ta Dibhes a 
faighinn an ifrinn do na h-uile cùirm shoghail a bh' 
aige air talamh ? O ! smuaintichibh air an àm sin, 
anns nach bi nàire oirbh do ni sam bith ach bhur 
n aingidheachd, agus nach dean sibh glòir ann an 
ni sam bith ach ann bhur naomhachd. 

Tha 'm peacadh, coltach ri nathair ann am broill- 
each a ta sàthadh a gath, no coltach ri gadaiche 
ann an seòmar uaigneach a ta ri goid, no coltach ri 
pùinnsean ann an goile a ta puinnseanachadh, no 
coltach ri claidheamh anns an innigh a ta màrbh- 
adh : tha cuid ann an ifrinn cheana air son nam 
peacannan ceudna anns am beil thusa a caitheadh 
do bheatha, agus ma chaitheas tu do bheatha agus 
mu bhàsaicheas tu as eugmhais Chriosd, bithidh tu 
an ùine ghearr maille riu, air an aobhar sin, deirim, 
dean sìth ri Dia. 

Anns an t-seathadh àite, Thugaibh fainear gu'm 
beil tuilleadh searbhadais a' leantuinn pheacannan 
crìoclinaichte, na bha riamh de mhillseachd ann an 
cur pheacannan an gnìomh : sibhse nach eil a' 
faicinn ni sam bith ach ro mhath 'na chur an gnìomb, 
cha 'n fhuiiig sibh ni sam bith ach truaighe 'na 
chomh-dhùnadh ; tha e na's fearr sòlasa' pheacaidh 



PRIONNSA NA SITHE. 119 

a tboirt thairis an so, na dol fo phian a ? pheacaidh 
an deigh so : sibhse a ta peacachadh air son bhur 
buannachd, cha bhuannaich sibh gu bràth le bhur 
peacannan ; an neach aig am beil spèis do dh'obair 
a pheacaidh ri dheanamh, cha toir e spèis gu bràth 
da thuarasdal gu bhi aige. Tha 'm peacadh araon 
nàrach agus millteach, cuiridh e gu nàire daoine 
anns an t-saoghal so, agus damnaidh e iad anns an 
t-saoghal eile, tha e coltach ri Iudas, air tùs a 
chuireas fàilte oirnn, ach fa-dheòigh a bhrathas sinn; 
no coltach ri Delilah, a' ghàireas 'n-ar n-eudann, 
agus a brathas do làimh ar nàimhdean sinn. ! a 
pheacaichibh, smuaintichibh air a so, agus trèigibh 
bhur peacannan, chum 's gu'm faod sibh an 
Slànaighear a choinneachadh, agus bhur sìth a 
dheanamh ris. 

Anns an t-seachdamh àiie, Thugaibh fainear am 
breitheanas trom a tha 'n crochadh os bhur ceann. 
Tha sibh na'r laidhe sgaoilte fo h-uile bhreitheanas 
anns a' bheatha so, agus fo phiantan, na beatha ri 
teachd. Och ! sibhse a' pheacachaibh, tha na laith- 
ean a dlùthachadh oirbh, anns am bi truaighe agaibh 
gun tròcair, doilghios gun chobhair, pian gun socair, 
peanas gun truas, agus dorruinn gun chrìoch, mar 
dean sibh aithreachas. " Foillsichear an Tighearn 
Iosa o nèamh, maille r'a ainglibh cumhachdach. 
Ann an teine lasarach a' deanamh dioghaltais air an 
droing aig nach eil eòlas air Dia, agus nach eil 
umhal do shoisgeul ar Tighearna Iosa Criosd. 
Muinntir air an deanar peanas le sgrios siorruidh 
o làthair an Tighearnaagus o ghloir a chumhachd." 
(2 Tes. i. 9.) O ! deanadh so èisdeachd bacadh 
a chuir air a' pheacach bhochd. 

Anns an ochdamh àiie. a^us 'san àite mn dheir- 



ì 20 PRIONNSA NA SITHE. 

eadh, Mar dean aon de na h-argamaidean no na 
smuainteanan roimhe so, ìmpidh a chur oirbh, g\i 
bhur sìth a dheanamh ri Prionnsa na sìthe, gidheadh, 
leigibh leis an aon so a dheanamh, guidheam 
oirbh : agus is e sin, togradh agus toil Dè gu 
Criosd a thoirt seachad, agus toil Chriosd gu e fèin 
a thoirt dhuibh. O ! pheacachaibh, am beil Dia 
toileach a Mhac a thoirt seachad, agus am beil 
sibhse toileach gabhail ri Mhac? Thugaibh fainear 
toil Dè, " Feuch, tha mi a'm' sheasamh aig an 
dorus, agus a' bualadh : ma dh'èisdeas neach sam 
bith ri m' ghuth, agus gu'm fosgail e'n dorus, thig 
mi a steach d'a ionnsaidh, agus gabhaidh mi mo 
shuipeir maille ris, agus esan maille riumsa." 
(Tais. iii. 27.) Beachdaich air so a pheacaich, 
"Feuch,thami a'm' sheasamh," Còthu? mise aigam 
beil nèamh r'a thoirt seachad; mise aig am beil crùn 
r'a thoirt seachad ; aig am beil na h-uile aoibhneas 
r'a thoirt seachad ; mise aig am beil mi-fèin ri'm 
thoirt seachad, tha mi a'm sheasamh agus a' bualadh. 
Am beil sibh a' faicinn so, a pheacachaibh bochda. 
Cò an tì a ta 'na sheasamh aig dorus bhur cridhe- 
achan agus a' bualadh? Cò e ? is e Rìgh nan naomh, 
Prionnsa na sìthe, an Dia Cumhachdach: agus nach 
fosgail sibh dha ? Ciod, am beil sibh neo-thoileach 
a bhi air bhur sàbhaladh, dol do nèamh, agus a bhi 
sona gu siorruidh ? Ciod, am beil sibh neo-thoileach 
a bhi air bhur saoradh o Shàtan, o'n pheacadh, agus 
o lasraichean ifrinn ? Ma tha sibh toileach an sin 
deanaibh bhur sìth ri Dia, oir tha Dia toileach 
nèamh fhosgladh air bhur son, ma thasibhse toileach 
bhur cridheachan f hosgladh dhasan ; tha esan 
toileach bhur sàbhaladh, ma tha sibhse ach toileach, 
a bhi air bhur sàbhaladh ; tha esan toileach Criosd 



AN T-AON TAGHTA LUAGHMHOR. 121 

a' thoirt seachad, ma tha sibhse toileach Criosd a 
ghabhail : agus air an aobhar sin, anama bochda, 
leigibh leis na smuaintean sin bhur brosnachadh 
gu dol air son beatha a dh'ionnsaidh Thighearna na 
beatha, gu dol air son sìth' a dh'ionnsaidh Prionnsa 
na Sìthe, gu dol air son gràis a dh'ionnsaidh Dhe* 
nan gràs. 



AN T-AON TAGHTA LUACHMHOR. 
" Tha e gu lèir ionmhuinn." — Dàn. v. 16. 

Teagasg, — Gum beil Iosa Criosd, 
neo-chrìochnach agus rò ghràdhach. 

Cò is urrainn a bhi sgìth do shearmonachadh, no 
dh'èisdeachd, no leughadh, no dh'f hòghlum Chriosd? 
cò a ta cho luachmhor agus cho ionmhuinn ? is e 
Mahomet gràdh nan Turcach; is e Maois gràdh nan 
Iudhach ; is e 'm Pàp gràdh nam Pàpanach ; ach 
is e Criosd gràdh a' chreidich. 

Ni mi nise tionnsgnadh air seadhamh Ainm 
cliùiteach agus ionmhuinn Chriosd, An t-aon 
taghta luachmhor ; tha so agaibh ann an 1 
Phead. ii. 6. 

O'n ainm oirdheirc so, cuiridh mi sios dà earrann 
chòmhdaich. 

Teagasg. 1. Gur e losa Criosd, an t-eadar- 
mheadhonair, aon taghta Dhè an Athar. Guidh- 
M 



122 AN T-AON TAGHTA LUACHMHOR. 

eam beachdviichibh, mo chàirdean, tha dream 
taghta tri-tìllt' aig Dia. 

Anns a chend àite, Iosa Criosd an t-aon taghta, 
" Feuch m'òglach, a chumas mi suas; m'aon taghta," 
ars' an t-Athair a' labhairt mu Chriosd. Isaiah 
xlii. 1. 

Anns an dara k~àite, Na h-ainglean taghta ; 
" Sparram ort am fianuis Dè, agus an Tìghearna 
losa Criosd, agus nan aingeal taghta." 1 Tim. v. 21. 

'S an treas àite, Na naoimh taghta, " Uime sin 
cuiribhse umaibh (mar dhaoine taghta Dhè naomha 
agus ionmhuinn,) innigh thròcaire." Colos. iii. 
12. 

Ach mo thruaighe ! ciod iad na h-ainglean taghta, 
no na naoimh taghta, ris an aon thaghta luach- 
mhor ! is e Iosa beannaichte, a mhàin an t-Aon 
Taghta Luachmhor, agus luachmhor do'n mhuinntir 
thaghta. 

Ach cha sheas mi air a' phuinc so, ach thèid mi 
air m'aghaidh chum an dara h-aon. 

Teagasg II. Agus is e sin an ni so, Gu'm beil 
Criosd air a cheusadh agus air a ghlòrachadh, ro 
luachmhor do na h-ùile naomh creideach. 

Ann an làimhseachadh napuince luachmhoireso, 
feuchaidh mi dhuibh cùig nithe. (1.) Gu'm beil e 
iuachmhor. (2.) Gu'm beil e ro luachmhor. (3.) 
Gu'm beil e uile luachmhor. (4.) Gu'm beil e ghnà 
uachmhor. Agus, (5.) C'arson a tha e cho luach- 
mhor. 

Anns d cheud àite, Gu'm beil e luachmhor : tha 
Iosa Criosd luachmhor air trì dòighean ; do Dhia, 
do dh'ainglean agus do naomhaibh. 

Air tùs, Do Dhia an t-Athair ; agus tha so air 



AN T-AON TAGHTA LUACHMHOR. 123 

fhoillseachadh leis na thuirt Dia an t-Athair e-fein 
mu'n Mhac, " M'aon taghta, anns am beil tlachd 
aig, m'anam." (Isaiah xlii. 1.) An so tha sibh 
a' faicinn, a Chriosdaidhean, ciod a deir Dia mu 
Criosd, tha anam Dhè a* gabhail tlachd ann am 
Mhac Dhè. Mar sin a rithist. " Is e so mo Mhac 
gràdhach, am beil mo mhòr thlachd." (Mata iii. 
17.) Thugaibh so fainear, cha n'e mhàin toilichte, 
ach làn thoilichte. O ! cia cho luachmhor sa tha 
Criosd do Dhia an t-Athair. 

An Tighearna Iosa, ge do bha e 'na dhuine 
dhoilghiosan agus eòlach air bròn, cha robh e 'na 
dhuine peacach ; bha smachdachadh aige, ach cha 
robh truailleachd aige, esan a bha 'na shlighe do 
mhuinntir eile, cha deach e fèin riamh as an t-slighe. 
Is èigin do dhTosa Criosd a bhi luachmhor do'n 
Athair, a chionn nach do chuir e riamh miothlachd 
air ann an ni sam bith, ach gu'n do thoilich e anns 
na h-uile ni e, tha Criosd an sin a' labhairt uime 
fein, " tha mi deanamh a ghnà nan nithe sin a's 
taitneach leis," (Eoin viii. 29.) O ! chàirdean, 
bithidhe'na ghlòirdhuibh, 'nachrùn duibh, 'naurram 
duibh, agus 'na shonas làtha eile, ma ni sibh air an 
latha so na nithe sin a's taitneach le Dia : mar sin 
rinn Criosd an so, " tha mi deanamh a ghnà nan 
nithe sin a's taitneach leis." Chaidh Criosd mu'n 
cuairt a' deanamh math ; (Gnìomh.x. 38.) Cha dh' 
fhuirich e do ghnà ann an aon àite, ach chaidh e 
mu'n cuairt a' deanamh math. Agus gu firinneach 
mo chàirdean, mur robh sluagh air an deanamh n'a 
b' f hearr le theachd-san, dh' f haodadh iad a choire 
a chur orra fèin, oir chaidh esan mu'n cuairt a 
deanamh math. Mar nach robh e riamli ri droch 
oibreachadli ; c!ia robh e riamh gu'n a bhi ri oibreach- 



124 AN T-AON TAGHTA LDACHMHOR. 

adh math ; mar a dh' fhosgail e na sgriobturan a 
dh' ionnsaidh ar tuigse, mar sin dh' f hosgail e ar 
tuigse dh' ionnsaidh nan sgriobturan. Is e sin a 
eheud ni. 

Anns an dara h-àite, Tha e ro luachmhor do na 
h-ainglean cho math is do'n Athair ; bha na h-aing- 
lean ro aoibhneaeh aig breith Chriosdan Tighearna ; 
shèinn iad moladh do Dhia gu h-ard, (Luc. ii. 13, 
14.) Faicibh ciod an t-aoibhneas agus a bhuaidh- 
chaithream leis an do shèinn iad aig breith Chriosd ; 
O ! cia cho luachmhor sa tha Criosd do na h- 
ainglean taghta ? tha na h-ainglean a' toirt aoraidh 
dha arèir àithne Dhè, a ta 'g ràdh, " Deanadh uile 
ainglean Dè aoradh dha." (Eabh. i. 6.) Tha aoradh 
air a thoirt do Thighearna nan sluagh, le sluagh do 
dh'ainglean "Deanadh uileainglean Dè aoradh dha." 
Tha na h-ainglean a' miannachadh beachdachadh 
air rùintean-diomhair soisgeul a ghràis ; mar a dh' 
fhaodas sibh f haicinn, (1 Pead. i. 12.) Tha na 
h-ainglean ge d' a tha iad glòrmhor tre 'n uile bhith- 
bhuantachd, a' beachdachadh air rùn-diomhair 
Chriosd. O ! mo chàirdean, tha na h-ainglean 
dèigheil air eòlas f haotainn air na nithe sin a tha 
daoine a diùltadh f hiosrachadh. 

Anns an treas àite, Tha na h-ainglean a' seas- 
amh 'na làthair mar luchd- frithealaidh a' deanamh 
sèirbhis do Dhia, agus dhaibh-san abhuineas do Dhia ; 
an uair a dh' iarras e orra imeachd, imichidh iad ; 
agus tighinn, thig iad ; deanaibh so, agus ni iad e : 
tha iad a' deanamh iarrtais u h, CSalm ciii. 20.) Is 
e Iosa Criosd Cruithear nan aingeal Tighearna 
nan aingeal, Prionnsa nan aingeal, Ceann nan 
aingeal ; (Col. i. 16.) Tha mac Dhè ro luachmhor 
do dli' ainglean Dè. Am beil sibh a' faicinn, mo 



ÀN T-AON TAGHTA LUACHMHOR 125 

chàirdean, cia cho luachmhor sa ta Criosd do dh' 
ainglean Dè ! agus is math a dh'f haoclas e, oir da 
rìreadh is seud ìuachmhor e ann an ciste a' ghràis. 

Anns a' cheathramh àite Tha Iosa Criosd luach- 
mhor do na naoimh, cho math is da Athair agus 
do na h-ainglean, Tha làn cheann-teagaisg freagarr- 
ach agaibh da so, Ci Dhuibhse uime sin a ehreideas, 
tha eluachmhor. ,, (I Phead. ii. 7.) Tha e luachmhor 
da rìreadh dhaibh-san a chreideas, agas cha n-eil 
iongnadh ann ; 's esan na h-uileaig a' chreideach. 
A nis' an ni sin is e na h-uile ni do neach, is èigin 
dha bhi luachmhor : is e Criosd a chuid uile, 's 
esan na h-uile ni a ta aige, se na h-uile ni a ta e 
mealtainn : is e Criosd na h-uile ni is fiù e ; 's 
esan na h-uile ni a ta iad ; cha naoimh iad no ni 
coltach ri naoimh as eugmhais-san, cha n-eil ni sam 
bith ac' as eugmhais-san ; ciod air bith is fiù iad, 
is esan a ta toirt orra gur fìù iad e ; cha n-f hiù e'n 
t-saothair do neach a bhi beò, na's lugha na tha e 
beò ann an Criosd ; is e Criosd buannaehd a' chreid- 
ich, am feadh a ta e beò agus an uair a bhàsaicheas 
e ; ionnas mar sin ciod air bith ni math a ta aig a' 
chreideach, is èigin dha ràdh, air son an ni so tha 
mi ann an coinain Chriosd. Is leibhse na h-uile 
nithe, agus is le Criosd sibhse, agus is leDiaCriosd. 

A nise, mo chàirdean, leigibh dhomli cunntas na's 
mionaidiche a' thoirt dhuibh mu ìuach a' Chriosd- 
aidh^ agus cunntas riochdaii air oighreachd ; agus 
gu h-uile air aghaidh feuchaidh mi dhuibh gur e 
Criosd luach nan uile ni dheth sin : Ciod e an ni 
sin a ta deanamh a' chreidich cho luachmhor agus 
cho oirdheirc ? C'uime, is iad a leithid so ; (1.) 
Tha e 'na dhuine beò. (2.) Tha e 'na dhuine a ta 
faicinn. (3.) Tha e 'na neach urram;ich. (4.VTha 



126 AN T-AON TAGHTA LUACHMHOR. 

cuid mhòr do dh' aoibhneis aige, agus dòchas ri 
tuilleadh. (5.) Tha e fìreanta agus naomha ; agus ann 
an aon fhacal, tha e air a shàbhaladh fa-dheòigh. 

Is iad sin nithe a ta deanamh a' Chriosdaidh 'na 
neach cho òirdheirc, agus cha n-eil ni dhiù sin aige 
ach tre Chriosd, agus tha na h-uile de so aige 
mhàin tre Chriosd. 

Afins d cheud àite. Is e so ro-oirdheirceas a 
Chriosdaidh, gu'm beil e 'na dhuine beò: cha n-eil 
duine air talamh a's urrainn (ann an seadh spiorad- 
ail) a bhi air a ghairm 'na dhuine beò, ach creid- 
each ; tha na h-uile dhaoine 'nan daoine marbha, 
ach iadsan a ta creidsinn. Tha fhios agaibh gu'n 
robh e air a ràdh mu'n mhac stròghail, am feadh sa 
bha e caitheadh a bheatha 'na pheacannan, bha e 
marbh, " Oir bha mo mhac so marbh, agus tha e 
beò a rithist ; bha e caillte, agus fhuaradh e:" an 
uair a chreid e, an sin bha e beò. A nise, mo 
chàirdean, mar a ta e ann an nithe nàduir, is e 
beatha ni is ro luachmhoire leinn a th'againn, 
a craicionn air son craicinn, eadhon gach ni ta aig 
duine bheir e air son anma r" is fearr le duine 
dealachadh r'a theachd-an-tìr no r'a anam, a chionn 
gu'm beil anam cho luachmhor leis. A nis', a 
mhuinntir ionmhuinn, ma tha beatha nadurrach na 
ni cho ion-mhiannaichte, ciod e beatha spioradail, ni 
da'n goirear anns an sgriobtur beatha Dhè ? A nis' 
is e an creideach an t-aon duine a ta beò, tha gach 
duine eile marbh gu spioradail ; ach anise, cionnas 
a ta 'n creideach a' teachd gu beatha ? Cò leis a tha 
e beò ? C'uime, is ann tre Iosa Criosd ; '• Tha mi 
air mo cheusadh maille ri Criosd : gidheadh a ta 
mi beò ;" (Gal. ii. 20.) Ciod, air do cheusadh agus 
gidheadh beò ? Seadh, bha Criosd air a cheusadh 



AN T-AON TAGHTA LUACHMHOB. 127 

agus gidheadh tha e beò, agus mar sin rinn Pòl ann 
an sàmhla agus do rèir Chriosd ; " tha mi beò," 
ars' esan, " ach cha mhise, ach Criosd a ta beò 
annara : agus a bheatha a ta mi nis' a caitheadh san 
fheòil, caitheam i tre chreideimh Mhic Dhè." 
lonnas m.ar sin nach gairm Pòl d'a bheatha a' chuid 
fèin, ach a mhain mar a tharrainn e i o Chriosd. 
Tha Criosd beò annsan ni's mò no tha e fèin beò. 

Anns an dara h-àìte. Tha ro-oirdheirceas a 
chreidich a' laidhe anns an ni so, gur e an duine 
a ta faicinn : is e an sealladh a ta cur eadar- 
dhealachadh eadar duine agus duine ; tha e 'na ni 
brònach a bhi air a bhreith dall, no bhi air adhalladh 
an deigh do dhuine a bhi air a bhreith. A nis' tha 
na h-uile dhaoine an daracuid air am breith dall, no 
air an dalladh an deigh dhaibh a bhi air am breith, 
no an dà chuid. A nis' a mhuinntir ionmhuinn, 
am b'àill, leibh fios a bhi agaibh cia cho luachmhor 
is a ta 'n sealladh ? Feòraichibh do dhuine dall a 
b'urrainn faicinn aon uair. Tha sinn a' leughadh 
mu dhuine bochd a tiiàinig 'na ruith a dh'ionnsaidh 
Chriosd, agus a ghlaodh a mach, an uair a 
dh'fheòraich Iosa dheth " Ciod is àill leat mise a 
dheanamh dhut ?" " A Thighearn, mi dh'f haotainn 
mo f hradhairc.' , A nise mo chàirdean, ma's e ann 
an nàdur, air do shealladh ar sùl a bhi againn gu'm 
beil e na ni a dh'fhàgas sinn gu ro mhòr ni's 
òirdheirc na bhitheamaid air dhòigh eile as eug- 
mhais, an sin cia mòr an luach bu chuidhe dhuinn 
a chur air an t-sealladh spioradail so a bhuineas 
d'ar n-anmannan: Is urrainn dhuinn mòran na's 
fearr sùilean ar cinn a sheachnadh, 'na sùilean ar 
tuisge: a nis', ann an seadh spioradail, cha n-eil 
duine ann a tha faicinn ach creid(3ach ; cha n-fhaca 



128 AN T-AON TAGHTA LUACHMHOR. 

aon -duine Criosd gu slàinteil, ach iadsan a chunnaic 
e o bhi creidsinn ; tha gach duine ach creideach a' 
gluasad an dòrchadas ; ni-headh, tha e ann an 
dòrchadas. Tha 'n t-Abstol ag innseadh ni-eigin 
freagarach d'a so. " Oir bha sibh uaireigin 'nar 
dòrchadas, a nis' tha sibh 'nar solus san Tighearna." 
Eph. v. 8. 

Anns an Tighearna IosaCriosd, tha sibh a'faicinn 
gu'm beil creideach a' faicinn, agus cia mar a tha e 
air teachd g.u bhi faicinn, i.s ann anns an Tighearn' 
a tha e faicinn : bha e cho dorcha ri muinntir eile, 
agus cho dall ri muinntir eile, gus an robh e anns 
an Tighearna, agus cha luaithe a bha e anns an 
Tighearna, no bha e 'na sholus anns an Tighearna. 
ls e so an dara. 

Anns an treas àite. Tha ro òirdheirceas a' 
chreidich 'na laidhe ann an so, Gu'm beil e 'na 
dhuine ro sgiamhach agus urramach. A nise tha 
mais' agus urram an t-saoghail so, 'nan nithe aig 
am beil buaidh air inntinnean dhaoine g'an glacadh 
agus g'an eigneachadh, agus tha nah-uil' ach creid- 
ich 'nan daoine duaichnidh ; cha n eil maise no 
grinneas annta air son am bitheadh iad air an 
iarraidh. Ach a nise tha 'n creideach 'na dhuine 
ro ionmhuinn sgiamhach ; tha e mar sin ann an 
làthair Dhè. " Agus chuir mi seud rìmheach air 
t' eudann, agus cluas-fhainneachan ann ad chluas- 
aibh i" (Esec. xvi. 12 — 14.) Agus mar sin tha e 
dol air aghaidh, agus ag ràdh, '« Agus bha thu 
ro-mhaiseach, agus dh'fhàs thu suas gu bhi 'n ad 
rìoghachd." Ach a nise thugaibh fainear cionnas 
a thàinig i chum na maise so anns an ath rann ; 
" Agus chaidh iomradh a mach am measg nao 
cinneach air son do mhaise : oir bha sin iomlan tre 



AN T-AON TAGHTA LUACHMHOR. 129 

mo sgèimh-sa a chuir mi ort, ars' an Tighearna 
Dia," cha n-e mhàin gun robh i maiseach ann an 
làthair an Tighearn, ach bha mar an ceudna a 
maise aice o'n Tighearn : mar a ta iad mar so 
gràdhach agus tàitneach ann an sealladh Dhè, tha 
iad mar sin mar an ceudna ann an sealladh deagh 
ainglean agus naomhaibh. Oir ged is glòrmhor an 
t-ionad nèamh, cha n-eil na h-ainglean ga mheas 
suarach feitheamh air iomhaighean Chriosd an so 
gu h-iosal, is e sin, feitheamh air creidich agus gu 
bhi 'nan luchd-coimhid do'n Tighearn an so air 
thalamh ; "Nach spioradan frithealaidh iad uile, air 
an cur amach chum frithealaidh dhaibh-san a bhios 
'nan oighreachaibh air slàinte ?" ( Eabh. i. 14.) 
Ach cha n-e so uile na tha iad a' deanamh air an 
son, cha n-fhàg siad iad an uair a gheibh iad bàs, 
ach bheir iad leo na h-anmannan ionmhuinn sin 
agus giùlainidh siad iad do dhùthaich na's fearr no 
bha 'n saoghal so riamh dhaibh ; oir cha bharail 
mhi-choltach idir so nach eil aon chreideach a ? dol 
do nèamh, nach eil a' dol ann le gàirdeanaibh nan 
aingeal ; (Lucas xvi. 22.) Ann an chosamhlachd 
Dhibhes agus Lasaruis, — " Thàrladh gu'n d'fhuair 
an duine bochd bàs, agus gu'n do ghiùlaineadh leis 
na h-ainglibh e gu uchd Abrahaim," is e sin do 
nèamh. O ciod an t-urram a tha aig creidich aig 
rm bàs, gu'm beil eadhon na h-ainglean glòrmhor a' 
& ùlan an anmannan do nèamh : agus tha iad mar an 
.eudnaro ionmhuinn agus urramach ann am beachd 
nan uile dheagh dhaoine? Is e'n fhìrinn e, is gann 
a ta duine air bith 'na chuideachd iomchaidh air 
son chreideach, ach creidich ; agus uime sin a deir 
an t-abstol, "Nacuing-cheanglar gu neo-chothrom- 



Ì30 



AN T-AON TAGHTA LUACHMHOR, 



ach sibh maille ri mi-chreidich" is e sin creidich 
maille ri ana-creidich. 

A nise ni daoine matha togail mhòr ri creideach, 
ged bu choigreach dhaibh e air na h-uile dòigh gu 
corporra ; tha iad ro-ghràdhach mu aon a chèile 
san t-saoghal so, agus b'fhearr leo fulang maille ri 
cheile, na 'm beatha a chaitheadh maille ri daoine 
aingidh ; (Salm xxvi. 9 — 12.) A nise, tha so a' dean- 
amh a' chreidich cho òirdheirc, is gu'm beil e 
mar so sgiamhach agus urramach ann an làthair 
Dè, agus dheagh ainglean, agus dhaoine matha A 
nis' tha' mhaise agus an t-urram so uile aca o 
Chriosd ; faicibh an rann a bh' againn roimhe, 
" dhuibhse a chreideas, tha e 'na urram, ,, mar sin 
faodaidh am facal a bhi air a ghnàthachadh ; is e 
Criosd nì urramach esan ann an sealladh Dhè, agus 
ann an sealladh dheagh ainglean agus dheagh 
dhaoine : agus a mhaise agus an t-urram sin uile a 
th' aca, is ann tre Chriosd, 's esan an luach anns na 
h-uile dòigh. 

Anns a' cheathramh àite, Is e an ni a tha dean- 
amh a' chreidich òirdheirc gu*m beil aoibhneas aige: 
na h-uile dhaoine eile cha n-eil aoibhneas idir aca, 
ach an ni sin nach fiach a bhi aig neach : mo thru- 
aighe ! aoibhneas a' chealgair, ciod e, ach fuaim 
droighnich fo phoit ? Ach a ? nise tha aoibhneas 
aig creideach nach bean aon duine ris, agus ni mò 
à chomhpàirticheas aon duine dheth : ach cia mar, 
c'àit' am beil an t~aoibhneas sin aige? C'uime, o'n 
Tighearna agus anns an Tighearna. " Na nithe so 
labhairmi ribh,chum's gu'mfanadh mo ghàirdeachas t 
annaibh ;''— tha e aca o'n Tighearna: tha iad a' 
deanamh gàirdeachais anns an Tighearna. " Oir is 



ANT-AON TAGHTA LUACHMHOR. 131 

sinne an timchioll-ghearradh, a ta deanamh aoraidh 
do Dhia 'san Spiorad, agus a' deanamh gàirdeach- 
ais ann an Iosa Criosd, agus nach eil a cuir muin- 
ghinn 'san fheòil :" arsa Pòl. 

Anns a chùigeamh àite, Am beil dòckas aca ? Is 
ann 'o Chriosd : agus da rìreadh cha n-eil dòchas 
aig neach ach aca, oir tha bhi gun Dia, agus as 
eugmhais Chriosd, agus as eugmhais dòchais, air an 
cur cuideachd. (Ephes. ii. 12.) Ach a nise tha 
dòchais mhath aig a' chreideach, agus tha so ga 
chumail suas iomadh uair. Mheas Alasdair Uaibh- 
reach so na ni cho foghainteach, is an uair a thug e 
do'n duine so dùchannan iomlan,agus do neach eile 
ionmhasan ro mhòr, agus a bha e air fheòraich dheth 
ciod. a ghleidheadh e air a shon fèin ? thuirt esan, 
gleidhidh mi dòchas. Oir mheas e gu'm bu leòir 
do dh'anam cho foghainteach agus cho mòr ri anam- 
san, dòchas a bhi aige ris an ni sin a bheireadh air 
a dheanamh ciod air bith a bha e comasach air a 
dheanamh, nam b'urrainn neach sam bith a smaoin- 
teachadh. Ni dòchas, tròcair, agus aoibhneas, agus 
siothchainnt, duine a thoirt tre mhìle chruaidh-chàs. 
A nise tha' n dòchas so aig a' chreideach, ac'h is ann 
o Chriosd a ta e aige, " Criosd annaibhse, muin- 
ghinn na glòire." 

Anns an t-seadhamh àite, Am beil iad glic, am 
beil iad fireanta, am bheil iad naomha, agus gu'n 
neach mar sin ach iadsan ? Tha gach peacach 'na 
amadan ; agus uime sin goirear mar ainm dheth 
anns an sgriobtur duine amaideach : tha e ri 
cluiche an amadain na h-ùine uile a tha e caitheadh 
a mach a eagai Dè ; an ùine uile a th* air a caith- 
eadh a' cur an gniomh a' pheacaidh, is ùine i a th' 
air a caitheadh ri amaideachd. A nise tha 'n creid- 



132 AN T-AON TAGHTA LUACIIMHOR. 

ach 'na dhuine glic, agus tha e 'na dhuine fireanta, 
agus 'na dhuine naomha, ach cia mar a tha e tighin 
gu bhi mar so a nise ? gabh cunntas dheth ann an 
1 Cor. i. 30. Guidheam beachdaichidh an so a 
nis', is e Criosd na h-uile aig a' chreideach ; " Ach 
uaithe-san a ta sibhse ann an Iosa Criosd, neach a 
rinneadh dhuinne le Dia 'na ghliocas, 'na f hìreant- 
achd, 'na naomhachd, agus 'ha shaorsa." 

Ionnas mar sin gu'm faic sibh ma tha creideach 
'nà dhuine glic, faodaidh e buidheachas a thoirt do 
Chriosd air a shon ; ma tha e 'na dhuine fireanta, 
matha e 'na dhuine naomh, faodaidh e buidheachas 
a' thoirt do Dhia air a shon. Oir tha Esan o Dhia 
air a dheanamh dhuinne 'na ghliocas, 'na fhìrean- 
tachd, 'na naomhachd, agus 'na shaorsa." 

Anns an àite mu dheireadh^ Ann am facal, tha iad 
air an sàbhaladh: agus d'a rìreadh is e so am fàbhor, 
seadh, am fàbhor a's mo do'n chuid eile uiie ; am 
beil iad air an sàbhaladh ? agus gun neach air an 
sàbhaladh ach creidich : *« Oir, Ge b'e chreideas 
agus a bhaistear, saorar e, ach ge b'e nach chreid, 
dìtear e." (Marc xvi. 16.) Tha 'n creideach ann 
an staid slàinte cheana, agus tha na mi-chreidich 
ann an staid damnaidh : a thaobh nàduir tha sinn 
uile 'nar cloinn fèirge ; a nis' is e creideamh ann 
an Iosa Criosd am meadhon a dh'òrduch Dia a 
chum ar saoradh o bhi 'nar cloinn fèirge. A nis' 
an tì a tha creidsinn chaidh e seachad air a so, cha 
bhi esan air a dhìteadh, bithidh e air a shaoradh, 
agus cionnas a tha esan a J tighin gu bhi air a shaor- 
adh ? Is ann tre Criosd, tre bhi creidsinn ann an 
Criosd. O ! cò e an Slànaighear ach Criosd ? A 
bhi ann an Criosd is nèamh e gu h-iosal, agus a 
bhi maiHe ri Criosd is nèarnh e gu h-ard ; ach cha 



AN T AON TAGHTA LUACHMHOR. 133 

n-eil aon dòigh air a bhi maiìle ri Criosd gu h ard, 
mur robh sinn ann an Criosd a bhos. 

Mar so chì sibh, a mhuinntir ionmhuinn, ciod air 
bith e a ta deanamh a' chreidich cho oirdheirc agus 
cho luachmhor, is e Criosd a ta ga dheanamh airidh 
uile : tha e aige uile o Chriosd, is e Criosd a chuid 
uile anns na h-uile. A nise cuiribh so uile cuid- 
eachd, agus faicibh am beil aobhar mòr sam bith 
gu'm biodh Criosd luachmhor do chreidich. 

Anns an dara h-àite, Mar a tha Iosa Criosd 
luachmhor, mar sin tha e ro luachmhor. O mo 
chàirdean ! tha ainglean luachmhor, tha naoimh 
luachmhor, tha càirdean luachmhor, tha nèamh 
luachrahor, ach tha Criosd, an Slànaighear, deich 
mìle uair na's luachmhoire na iad sin ; b'fhearr le 
creideach Criosd a bhi aige as eugmhais nèimh, 
no nèamh as eugmhais Chriosd : " Cò thagam 
anns na nèamhaibh ach thusa? agus an coimeas 
riut cha n-eil neach air talamh air am beil mo 
dhèigh," (Salm lxxiii. 25.) Deanadh creideach 
nèamh agus talamh a rannsachadh, agus gidheadh 
cha-n faigh e ni sam bith ri choimeas ri Dia. 
Gu bhi coltach ris-an, is e ar sonas ; agus gu tighinn 
am fagus dhàsan, is e ar naomhachd. Chi sibh, a 
mhuinntir ionmhuinn, gu'm beil beatha luachmhor, 
tha saorsa luachmhor, tha slàinte luachmhor, tha 
sìth luachmhor, tha biadh agus aodach luachmhor, 
thaòragus airgead luachmhor, tha riòghachdan agus 
crùintean luachmhor ; gu deimhin tha iad, nan àite 
fèin, ach cha ni sam bith iad ann an coimeas ri Iosa 
Criosd. Thugaibh fainear mo chàirdean, ciod a 
deir an t-Abstol, " Seadh gun amharas, agus mea- 
sam na h-uile nithe 'nan calldach, air son ro oir- 
dheirceiseòlais losa Criosd mo Thighearna." (Phil. 



134 AN T-AON TAGHTA LUACHMHOR. 

ìii. 8.) Measam na h-uiie nithe 'nan calldach ; ni 
h-eadh, cha n-e sin uile, " measam gur aolach iad 
chum gur e mo bhuannachd Criosd." Ciod e ar 
beatha ach deatach ? Agus ciod e ar beatha ach 
caol-bhealach tro' am beil sinn a ? siubhal ? Is e 
mhàin an tì a's rofhearr, is urrainn na beann- 
achdana's ro-fhearr a bhuileachadh; .0 cia cho math 
's a tha Dia a chreidich, nach eil a mhàin a giorr- 
achadh a chuairt air a shon, ach a' deanamh a 
chuairt milis dha ! O, is e Criosd na h-uile aig a' 
chreideach, agus uime sin tha e na's luachmhoire na 
na h-uile, tha na h-uile ni aig ann an Criosd, agus 
gun ni sam bith amach a Criosd: cha n-eil a leithid 
do ni ann is creideach as eugmhais'San. Tre 
jhreideamh tha còir againn ann an Criosd, tha 
còir againn ann an Dia, agus le còir a bhi againn 
ann an Dia, tha còir againn air na h-uile nithe : is e 
creideachant-aon duinebeannaichte, an t-aon duine 
sona, an t-aon duine beartach, " Sealbhaichidh an 
tì a bheir buaidh na h-uile nith mar òighre." (Tais. 
xxi. 7.) O ciod an òighreachd ghlòrmhor a dh'ionn- 
saidh am beil iadsan air am breith, a ta air am 
oreith a rithist ! Is leosan na h-uile nì, agus 
sealbhaichidh iad na h-uile nì mar òighre : ciod 
tuilleadh is urrainn dhaibh iarraidh ach na h-uile ? 
Is leosan na h-uile nì a ta aig Criosd, is leosan a 
^hliocas chum an teagasg, is leosan a ghràdh gu 
rruas a ghabhail dhiù, is leosan a spiorad gu comh- 
ihurtachd a thoirt dhaibh, is leosan fhìreantachd 
chum am fireanachadh, is leosan a chumhachd 
chum an dion, agus is leosan a ghlòir a chum an 
crùnadh. O mo chàirdean ! cha n-urrainn Criosd 
gun a bhi ro luachmhor do chreideach, a chionn 
k^ur ann o Chriosd a tha uile comhfhurtachd luach- 



AN T-AON TAGHTA LUACHMIÌOR. I'ÒO 

mbor a' teachd. Tha 'n Tighearn losa na's maisiche 
no an neach a's ro mhaisiche, na's millse no an 
neach a's ro mhillse, na's dlùithe no 'n neach a's ro 
dhlùithe, na's ionmhuinne, no 'n neach 's ro ion- 
mhuinne, na's saibhire no 'n neach as ro shaibhire, 
agus na's fearr no 'n neach a's ro f hearr. Do na 
h-uile is e'n t-Aon taghta luachmhor is ro Suach- 
mhoire. 

1 . Do bhrìgh gur e an tiodhlaic a's ro mhò is 
urrainn Dia a thoirt seachad, na a's urrainn sinne 
f haotainn. " Is ann mar sin a ghv&dhaich Dia an 
saoghal, gu'n tug e aon-ghin Mhic fèin," tha so 
na's mò no ge do bheireadh e dhuinn an saoghal 
uile ; oir cha n-eil aig Dia ach aon Mhac co- 
ionnann ris fèin, agus cha comas dha tuilleadk 
mhac a bhi aige 'san dòigh so ; ach is urrainn Dia 
saoghail a' dheanamh aig a thoil : an tiodhlaic so 
is e Dia fèin e, agus cha n-urrainn Dia tiodhlaic as 
mò na e fèin a thoirt dhuinn. Faodaidh sinne a 
ràdh, mar a thubhairt neach ri Cesar an uair a thug 
e dha duais mhòr, " Tha so 'na thiodhlaic ro mhòr 
dhomhsa ri ghabhail ;" ars'esan, "ach chan eil e tuill- 
eadh is mòr dhomhsa ri thoirt seachad/' arsa Cesar. 

2. Do bhrigh gur esan an tiodhlaic a's ro bheart- 
aiche a bha riamh air a' thoirt seachad, oir is e 
Criosd na h-uile anns nah-uile. Ma thug e dhuinn 
Criosd, bheir e dhuinn na h-uile ni eile, (Rom. 
viii. 36 ) 'S esan an t-aon ni feumail, a tha toirt 
da'r n'ionnsaidh na h-uile ni ; seadh, 's esan tiodh- 
lacadh Dhè ; " Nam b'aithnedhut tiodhlacadh Dhè, 
ars' ar Slànaighear, agus cò e ta 'g ràdh riut. 
Thoìr dhomh deoch, dli'iarradh tu air-san, agus 
bheireadh e uisge beò dlmt." (Eoi'n. iv. 10.) C'arson 
a ghoireartiodhlacadh Dhe do Chriosd ? Gu cinnt- 



136 AN T-AON TAGHTA LUACHMHOR. 

each thug Dia dhuinn tuilleadh thiodhlacan na 
h-aon : is fior, ach niar a ta a' ghrian na's mo luach 
no na reulltan uile, mar sin tha 'n tiodhlaic so a' 
toirt barrachd orra uile ; a rèir an t-sean-f hacail. 
" Cha n-eil sinn a' beannachadh Dhè air son reulltan 
an uair a ta a' ghrian a' dealradh ;" oir an uair a ta 
a' ghrian a' dealradh, cha n-eil na reulltan am fradh- 
arc idir. 

3. A chionn gur esan an tiodhlaic a's ro shon- 
raichte a ta aig Dia ri thabhairt : tha e toirt thiodh- 
laic eile measgta do dhroch dhaoine agus do dhaoine 
matha ; ionnas mar sin nach aithne do dhuine sam 
bith aon chuid gràdh, no fuath, le ni sam bith a ta 
fa chomhair, (Ecles. ix. 1.) Bha 'n sporan aig 
ludas, agus bha an duine saibhir a' caitheadh a 
bheatha gach latha gu sòghail, an uair a bhiodh 
Lasarus toilichte le sprùileach ; ach cha toir Dia 
gu bràth an tiodhlaic so do neach sam bith ach 
dhaibh-san a tha e gràdhachadh le a ghràdh is ro- 
ionmhuinne, le ghràdh sònraicht^, agus le ghràdh 
siorruidh. 

'Nan tugadh prionnsa gaol do bhaintighearna 
mhòir, aig am biodh seud a b'fhiach muillion, 
dh'fhaodadh e bhith gu'n sgapadh e buinn airgeid, 
na cuid eigin do chomharran faoine de chaoimh- 
neas do na sèirbhisich : ach an seud saibhear a ta 
Dia a' thoirt da chèile ; is e Criosd. Faodaidh 
Abraham searrag bhainne a thoirt do dh'Ismael ; 
ach bha 'n òighreachd aig Isaac. 

4. Is e an Tighearn Iosa an tiodhlaic a's ro 
oirdheirce do na h-uile neach ciod air bith e : is 
tiodhlaic Criosd a th' air a thoirt do ro bheagan, 
an so, aon, agus aon eile an sud ; tha muillionan do 
mhuillionan a' dol am mugha air son nach aithne 



AN T-AON TAGHTA LUACHMMOR. . 137 

dhaibh, agus nach eil iad ag earbs' ann an Criosd. 
O ! ciod e an seud oirdheirc Criosd ! Ged is fiù ar 
n-anmannan tuilleadh na saoghal, gidheadh cha 
n-fhiù saoghal do dh-anmannan Criosd ; is esan 
a ni beannaichte sinn ann am beatha, sona ann am 
bàs, agus glòrmhor an deigh bàis. 

ù. Is e an Tighearn losa tiodhlaic a's ro mhìllse 
do na h-uile neach eile ; oir ma bheir Dia dhuinn 
a Chriosd, an sin bheir e dhuinn na h-ùile tiodhlaic 
eile 'na ghràdh, agus tha iad air an deanadh nam 
beannachadh air an fàgail miiis dhuinn : ladsan aig 
am beil am math so cha bhi math sam bith a dhìth 
orra ; " Bithidh easbhuidh air na leòghain òga, agus 
bithidh acras orra ; ach orra-san a dh'iarras an 
Tighearna cha bhi math air bith a dhìth" (Salm 
xxxiv. 10.) A nise cuiribh so uile cuideachd, agus 
chì sibh Criosd a bhi ro luachmhor. 

Anns an ireas àite, Tha e gu lèir luachmhor. 
Dh'innis mi dhuibh an latha mu dheireadh gun robh 
Criosd luachmhor ; agus da rìreadh dh'innis mi 
dhuibh an f hìrinn ; oir cha n iad mo bhriathran-sa 
mhàin, ach briathran Dhè, air an aobhar sin tha iad 
fior: tha e uile luachmhor, cha n-eil ni sam bith 
ann an Criosd ach ni a ta luachmhor; tha e so- 
ghràdhach agus ion-mhiannaichte : is lànachd agus 
is millseachd e, mòrachd agus mathas, solus, beatha, 
agus sonas. Tha creidich a' mealtainn na h-uile 
nithe ann an Criosd : anns na h-uile nithe 's esan 
aoibhneas beathaa' chreidieh, agus beatha aoibhneis 
a' chreidich. O ! mo chàirdean, tha Criosd luach- 
mhor, tha e fior luachmhor, tha e roluachmhor, tha 
e ghnà luachmhor, the e gu leir luachmhor do'r 
anam a ta creidsiim. 

I. Tha ainm luachmhor, tha e air a ghairm 'i.h 



138 AN T-AON TAGHTA LUACHMHOR. 

ehloich luachmhoir, (Isaiah xxviii. 16.) Goirear do 
Chriosd an sin clach luachmhor. (2.) Tha fhuil 
luachmhor, (1 Pead. i. 19.) Goirear d'a fhuil an 
sin Fuil luachmhor ; seadh, agus is math a dh- 
fhaodas i sin, oir is fiach braon d'a fhuil-san cuan 
d'ar fuil-ne; agus gidheadh bhàsaich e ar bàs-ne, 
chum's gu'n caitheamaid a bheatha-san. (3.) Tha 
Creideamh Chriosd luachmhor, (2 Pead i. 1.) 
Goirear do Chreideamh an sin creideamh luach- 
mhor, tha 'n grainne is lugha de chreideamh 
na's mo luach no na h-uile òr a ta anns an 
Boinn-Eòrpa. (4.) Tha 'gheallannan luachmhor, 
(2Pead. i. 4.) " Ti id an tugadh dhuinn geallannan 
romhòragus luachlnhor.' , Goirear do gheallannan 
Chriosd geallannan mòr agus luachmhor. Cia mar 
mòr, agus cia mar luachmhor ? Tha iad mòr air son 
farsainneachd, agus luachmhor air son an ro oir- 
dheirceis. (5.) Tha 'thiodhlacan agus a ghràsan 
luachmhor, " Is luachmhoire i na seudan, agus cha 
n-eil gach ni a's urrainn thu mhiannachadh r'an 
coimeas rithe," (Gnà. iii. 15.) so an ni a tha air a 
ràdh mu ghliocas, ni is e cuid da thiodhlacan. (6.) 
Tha 'bhuill luachmhor, " A chionn gu'n robh thu 
luachmhor ann am shealladh, fhuair thu urram/' 
(Isaiah xliii. 4.) An so chì sibh gu'm beil buill 
Chriosd air an gairm luachmhor. — Tha creideach 
gu deimhin 'na fhitheach ann an sealladh an t-saogh- 
ail, ach 'na chalaman ann an sealladh Chriosd : is 
aolach agus saichar na naoimh do rèir beachd an 
t-saoghail ; ach am beachd Dhè tha iad 'nan 
seudan agus 'nan neamhnaidean ; tha daoine gu'n 
gìiràs ag amharc air sluagh Dhè mar dhream a 
clmireadh air chùl, ach bheir Dia rìoghachdan 
ujiiiian 'n an èirig ; faodaidh na h-aingidh daoine 



AN T-AON TAGIITA LUACHMHOR, 15$ 

buaireasaeh a ghairm do na naoimh ; ach tha 
Dia a' gairm daoine luachmhor riubha. Da- 
rìreadh, mo chàirdean, cha robh anns an luchd- 
fanaid agus an luchd-sgeig aig sluagh Dhè ann an 
linnibh eile, ach daoine neo-theoma làimh ris an 
luchd-fanaid agus ris an luchd-sgeig aig sluagh Dhè 
'n-ar linn-ne ; ro mhath, tha àm a' teachd, anns an 
dean Criosd gàire ris na daoine ain-diadhaidh, air 
son a bhi gàireachdaich ri ain-diadhachd a nise. Ged 
is e naomhachd an ni sin air am beil peacach a' dean- 
amh tarchuis gidheadh is e naomhachd an ni sin a 
chrùnas an Slànaighear ; mar a tha dùil agaibh-sa ri 
sonas o Dhia gu h-ard, mar sin tha dùil aig Dia 
ri naomhachd uaibhse a bhos oir " as eugmhais 
naomhachd cha-n fhaic neach sam bith an Tighearna," 
agus deir Dia fèin, " Bithibhse naomh' oir a ta mise 
naomh" uime sin, bithibhse diadhaidh mar na daoine 
diadhaidh, ma's àill leibh gu'n comhpairtich sibh 
dan sonas 'san t-saoghal ri teachd. (7.) Tha mas- 
ladh Chriosd luachmhor ; " A meas gu'm bu mhò 
an saibhreas masladh Chriosd na ionmhas na h-Ei- 
phit." (Eabh. xi. 26) Guidheam oirbh thugaibh 
fainear, cha n-eil e air a ràdh an so, gu'n do mheas 
Maois pearsa Chriosd, no buill Chriosd, no soch- 
airean Chriosd no glòir Chriosd, 'nan saibhreas na 
bu mhò no ionmhas na h-Eiphit? ach is ann a tha 
q air a ràdh gu'n do mheas e gu'm bu mhò an 
saibhreas masladh Chriosd na ionmhas na h-Eiphit; 
O! a mhuinntir ionmhuinn, tha 'n ni a's ro-mheasa 
a bhuineas dhasan na's fearr na'n ni a's ro f liearr a 
ta 'san t-saoghal ; tha crann-ceusaidh Chriosd 
na's millse na crùn an t-saoghail ; tha masladh 
Chriosd 'na shaibhreas na's mò na ionmhais na 
h.Eiphit. " A meas gu'm bu mliì" ^i sàibhreas mas 



(40 AN T-AON TAGHTA LUACHMHOR. 

.adh Chriosd na ionmhas na h-Eiphit." An cead- 
aich sibh dhomh innseadh dhuibh an ni sin a ta ro 
bheagan a' creidsinn ; agus is e so, gu'm beil àmh- 
gharan math agns luachmhor. Is beag a tha creid- 
sinn an firinn so, gu'm beil àmhgharan math a^us 
luachmhor ; agus leigibh dhomsa innseadh dhuibh, 
is firinn mhòr e : ni mi so soilleir dhuibh. 

A nis, a mhuinntir ionmhuinn, ma's urrainn mi 
dhearbhadh gu'm beil àmhgharan agus maslaidh air 
son Chriosd math agus luachmhor, ni a's e a' chuid 
a's measa dheth, an sin co-dhùnaidh sibh maille 
riumsa, gu'm beil Chriosd uile luachmhor. 

1. Is èigin dha sin a bhi math a tha teachd o'n 
aon Tì mhath ; a' nise tha àmhgharan a' teachd o 
Dhia, neach tha 'na aonar math : " Bha mi a'm' 
thosd, cha d' f hosgail mi mo bheul," arsa Daibhidfb : 
C'arson ? " a chionn gur tusa a rinn e." (Salm 
xxxix. 9.) Bha mi tosdach agus cha do labhair 
mi ; C'arson a Dhaibhidh ? A chionn gur e Dia a 
rinn e. 

2. Is èigin d'a sin a bhi math a bha air fhulang 
leis a mhath bu ro mhillse : a nise bha àmhgharan 
air am fulang le Criosd neach is e am math a's ro 
mhillse : " Bha e 'na dhuine dhoilghiosan, agus 
eòlach air bròn," Isaiah liii. 3 

3. Is èigin dha sin a bhi math a dheasaicheas agus 
a dh'ullaicheas sinn air son òighreachd ghlòrmhor, 
am math siorruidh. A nise tha àmhghar a deanamh 
so: " Is math dhomhsa gu'n robh mi ann an àmh- 
ghar." Mo chàirdean, am beil sibh a' creidsinn 
rìgh Daibhidh? An creid sibh Daibhidh an Criosd- 
aidh ? an creid sibh Daibhidh an naomh ? An creid 
sibh Daibhidh duine a rèir cridhe Dhè fèin > C'uitne, 
iha e 'g innseadh, Gu'm bu " mhath dhasan gu'n 



ANT-AON TAGHTA LUACHMHOU. 141 

robh e ann an àmhghar.'' Amhaircibh anns an 
t-seadhamh rann air ais o so, agus chì sibh an 
t-aobhar, oir ars' esan " Mu'n robh mi ann an àmh- 
ghar, chaidh mi air seacharan ; ach a nise tha mi a' 
gleidheadh t'fhacail." (Salm cxix. 67 — 7*-) 

Freagairt ro thaitneach ; agus air an aobhar sin, 
H is math dhomhsa gu'n robh mi ann an àmh- 
ghar.'' Mar a rithist, " Oir a ta ar n-àmhghar eu- 
trom, nach eil ach ri sealain, ag oibreachadh 
dhuinne," (2 Cor. iv. ]7-) Ciod a tha iad ag oib- 
reachadh ? " trom chudthrom glòire a ta ni's ro ana- 
barraich agus sior-mhaireannach." Am beil fhios 
agaibh ciod a tha iad ag oibreachadh dhuinn ? 
C'uime trom chudthrom glòire a ta ni's ro anabarr- 
aich agus sior-mhaireannach. 

O Chriosdaidhean ! fo bhur trioblaidibh is mò 
tha bhur n-ionmhais a's mò 'nan laidhe : tha àmh- 
gharan math, ach cha n-eil iad taitneach, mar 
thuirt Pòl, " Ach cha mheasar smachdachadh air 
bith am feadh 's a ta e làthair sòlasach, ach doil- 
ghiosach : gidheadh, ? na dheigh sin bheir e uaithe 
toradh siothchail na fireantachd^ do'n droing a ta 
gu dligheach air an cleachdadh ris :" (Eabh. xii. 
11.) tha 'm peacadh taitneach, ach cha n-eil e math : 
ach tha ni's mò de dh-olc ann am boinne do 
thruailleachd, no th' ann am fairge do dh'àmhghar. 
Tha Dia tre àmhghair a' sgaradh a' pheacaidh 
a tha e fuathachadh, o'n anam a ta e gròdhach- 
adh cho ro ionmhuinn : leis an àmhghar a's mò, 
tha Dia a' teagasg dhuinn an oilein a's mò : agus 
an uair a tha 'n creideach 'na laidhe fo làimh 
an tì a tha g'a chur fo àmhghar, tha e 'na laidhe 
anns a' chridhe sin a ta ga ghràdhachadh ; tha 



142 AN T-AON TAGHTA LUACHMHOR. 

creidichairan ceusadhleis an t-saoghaKchum'sgu'm 
bi iad air an ceusadh do'n t-saoghal ; tha 'n f heòil 
'na nàmhaid do dh'fhulangas, a chionn gu'm beil 
fulangas 'na nàmhaid do'n fheòil, faodaidh i duine a 
dheanamh 'na chùirtear talmhaidh, ach cha dean i 
duine gu bràth 'na f hianais nèamhaidh ; iadsan nach 
giùlain cùing Chriosd air am nuinealan, cha ghiùl- 
ain iad gu bràth crann-ceusaidh Chriosd air an 
dromannan : ach tha creideach a' socrachadh 
cia mar chuireas e mais air a' chrann-cheus- 
aidh, ni's mò na mar sheachnas e an crann-ceus- 
aidh : cha n-eil neach sam bith cho misneachail 
ris an dream sin a tadiadhaidh: cha tuit creideach 
gu bràth 'na chadal, air son Iosa, gus an tuit e 'na 
chadal ann an Iosa : tha cuid a' deanamh glòir anns 
an ni sin is e an nàire, agus am bi nàire oirnne às 
an ni sin is e ar glòir ? Tha e ? na onoir a bhi air 
as-onorachadh air son Iosa Criosd. Innis dhomh, 
O chreidich nach eiì Criosd le chrann-ceusaidh, na's 
fearr no an saoghal le 'chrùn ? An saoil, thusa a 
Chriosdaidh, ge do bhiodh an àmhuinn teth, seadh, 
seachd uairean ni's teotha, is ann a chum thusa a 
dheanamh seachd uaireanna's fearr: ni deuchainn- 
ean teinteach Criosdaidhean òrdha, thug ampeac- 
adh iomadh creideach a dh'ionnsaidh fulangais, agus 
ghleidh fulangas iomadh creideach o pheacachadh : 
iadsan a bhitheas air an geur-leanmhuinn an so air 
son a bhi caitheadh am beatha gu math 5 bithidh iad 
air an crùnadh an deigh so air son bàsachadh gu 
math : ni call ar cinn, slighe a clìi' fhaotainn ar 
crùin : deasaichidh Dia ar soithiehean le uisge an 
àmhghair, niu'n doirt e staigh fìon na glòire. Leis 
a so chì sibh, a mhuinntir ionmhuinn, gu'm be 1 



AN T-AON TAGIITA LUACIIMHOR. 14.1 

masladh Chriosd ìuacnrnhor. Tha e na's fearr a 
bhi air a ghleidhead ann an uisge sàillt' na lobhadh 
ann am miì. 

Anns d cheathramh àite, Tha Iosa Criosd do ghnà 
luachmhor do chreidich, tha e na's luachmhoire 
dhaibh na mìle saoghal ; a chionn gu'm beil e ghnà 
maille riu 'nan uile dheuchainnibh, agus 'nan uile 
thrioblaidibh ; agus 'nan uile theanntachdaibh, agus 
'nan uile àmhgharaibh. " 'Nan uile àmhghar bha 
esan fo àmhghar." O mo chàirdean, cò nach fuilig- 
eadh maille ri leithid so do chòmpanach ? " An uair 
a shiubhlas tu trid nan uisgeachan, bithidh, mise 
maille riut ; agus trid nan àibhnichean, cha tig iad 
tharad ; an uair a dh'imicheas tu tre an teine, cha 
loisgear thu, agus cha dean an lasair grèim ort." 
(Isa. xliii. 2.) Am beil sibh a' faicinn so a Chriosd- 
aidhean, tha e maille ruibh anns an teine, anns an 
uisge, anns a' phrìosan ; anns gach-uile ionad, agus 
aig na h-uile am : " Cha'n f hàg, agus cha trèig e 
am feasd sibh," (Eabh. xiii. 5.) Tha e 'g itheadh 
'sag'òl agus a' cadal maille ruibh ; tha e laidhe sios, 
agus ag èiridh suas maille ruibh : Goirear caraid 
dheth, agus da-rìreadh 'se ar caraid a's fearr : " Is 
e so fear mo ghràidh-sa, agus is e so mo charaid, a 
nigheanan Ierusaleim." Dàn. v. 16. 

(1.) Tha Iosa Criosd 'na charaid dìleas. (2.) 
Tha e 'na charaid crionna. (3.) Caraid cùramach, 
no caraid a tha 'g ullachadh .(4.) Caraid truacanta. 
(5.) Caraid seasmhach. (6.) Caraid gràdhach. (7-) 
Caraid siorruidh. 

Tha e g'ar gràdhachadh gu crìch, agus cha n-eil 
crìoch air a ghràdh; an tì a thug dhuinn iomhaigh 
fèin, tha e gràdhachadh iomhaigh fein annainn : thug 
losa Criosd e-fein dhuinne, agus air ar son-ne, tha 



144 AN T-AQN TAGHTA LUACHMHOR. 

e g'ar gràdhachadh ann fèin, agus mar e-fèin. O! 
ciod an caraid milis a ta ann an Criosd ! thug Dia 
ann an toirt dhuinn Chriosd, fhior chridhe air ar 
son-ne. A nis, a mhuinntir ionmhuinn, cia mar is 
urrainn Iosa Criosd gun a bhi ghnà luachmhor do 
chreideach, a tha mar so do ghnà maille ri creid- 
each ? 

Anns a' ckùigeamh àite, agus anns an àite mu 
dheireadk, C'arson a ta losa Criosd cho luachmhor 
do chreidich ? 

Air tùs, Do bhrigh gur e beatha a' chreidich ; 
" Nuair a dh'fhoillsichear Criosd, neach a's e ar 
beatha-ne an sin bithidh sibhse mar an ceudna air 
bhur foillseachadh maille ris ann an glòir." (Col. 
iii. 4.) Tha beatha tri-fillt' a' sruthadh o Chriosd; 
beathado ghràs,beatha do chomh-fhurtachd, beatha 
do ghlòir. 

Anns an dara k-àite, Tha Criosd luachmhor do 
chreidich, do bhrigh gur e an solus: mothruaighe! 
mo thruaighe ! gus am bi sinn ann an Criosd is 
èigin dhuinn a bhi ann an dòrchadas. Is ann 'na 
sholus-san, a ta sinne a' faicinn soluis, " Mosgail, 
thusa a tha d' chadal, agus èirich o na mairbh, 
agus bheir Criosd solus dut." Ephes. v. 14. 

Anns an treas àite, Tha Criosd luachmhor do 
chreidich, do bhrigh gur e am biadh : " Oir is 
biadh gu firinneach m'fheòil, agus is deoch gu 
firinneach m'f huil ;" (Eoin vi. 55.) O ! ciod 
am biadh taghta a tha aca-san gu beathachadh air, 
aig am beil Criosd gu beathachadh air ! Och ! 
anaim, ciod air bith thu, aig nach eil Criosd gu 
beathachadh air, cha n-eil 'na t'aran ach aran a 
thèid a dhìth. 

Anns d cheathramh àife, Tha Criosd luachmhor 



AN T-AON TAGHTA LUACHMHOR. 145 

do chreidich, do bhrìgh gur e an neart ; gabh 
duine a tha mach a Criosd, cha n-eil neart aige 
gu cur an aghaidh, na gu buaidh a thoirt air 
ni sam bith ; gu h-àraid air a' pheacadh ; " as 
m'eugmhais-sa/' arsa Criosd, " cha'n urradh sibh 
aon ni a dheanamh ;" (Eoin xv. 5.) " Oir air 
dhuinne bhi fathast gun neart, an àm iomchuidh 
bhàsaich Criosd air ar son." A bhi gun Chriosd, 
agus a bhi gun neart is aon ni e. 

Anns cC chùigeamh àiie, Tha Iosa Criosd 
luachmhor do chreidich, do bhrigh gur esan am 
fìreantachd agus an naomhachd. 

~Ann 'san t-seathadh àite, Tha Iosa Criosd 
luachmhor do chreidich, do bhrigh gur esan an 
cuibhrionn ; is e uabhas a nàimhdean e, agus 
cuibhrionn a shluaigh fèin. 

Dh'fhaodainn ann am beagan nithe sònraichte 
an creideach fhosgladh gu mionaideach, agus 
toiseachadh le cheann, agus f heuchainn dhuibh ; 
na h-uile ni is aithne dha do nithe Dhè gu'm beil 
e an comain Chriosd air an son ; " Oir is e Dia a 
thuirt ris an t-solus soillseachadh a dorchadas, 
a dhealraich ann ar cridhe-ne, a thoirt soluis eòlais 
glòire Dhè, ann an gnùis Iosa Criosd." Na h-uile 
eòlas mu Dhia, gach uile sholus soisgeil, na h-uile 
eòlas mu nithe spioradail, tha e uile againn o 
Chriosd. Ma bheir sinn fainear an creideach 'm 
chridhe, ma gheibh sinn an sin cridhe briste, 
cridhe truacanta, cridhe math agus ionraic, cridhf 
co-cheangail nuadh ; cia mar a thàinig e gu s 
a bhi aige ? tha e aige mhain uaithe-san, anns 
am beil an co-cheangal nuadh air a dheanamh, 
agus is e sin Criosd. Thugaibh fainear an creid- 
each 'na ghràsan, mar a ta creideamh, agus gràdh, 

o 



146 AN T-AON TAGHTA LUACHMHOR. 

agus faighidin, agus irisleachd, agus a' chuid eile ; 
tha e aig uile o Chriosd, " As a lan-san fhuair 
sinne uile, agus gràs air son gràis." (Eoin i. 16) 
Cha n-eil aon ghràs ann nach eil againn o Chriosd. 
Thugaibh fainear e 'na chaitheadh-beatha> tha e 'na 
dhuine ionraic agus ceart. Co rinn eadar dealach- 
adh air-san ? C'arson nach eil e cho làn do chuir 
chealgach ri daoine eile ? C'uime, cha d'f hòghlum 
esan Criosd mar so : tha Criosd. a' teagasg dha a 
bheatha a chaitheadh air mhodh a's naomha no tha 
daoine eile a' deanamh : ionnas mar sin ma tha 
creideach na's fearr na muinntir eile anns an ni 
so, faodaidh e ràdh, buidheachas do Chriosd, oir 
roimhe so chaith mi mo bheatha cho diomhain 
ri daoine eile ; ach a nise cha d'fhògìum mi 
Criosd mar so. Thugaibh fainear an creideach 'na 
shochairean, 's esan mac Dhè, agus isann trid Mhic 
Dhè* Iosa Criosd a tha esan 'na mhac do Dhia. 
" A mheud 's a ghabh ris, thug e dhaibh cumhachd 
a bhi 'nan cloinn do Dhia, eadhon dhaibh-san a ta 
creidsinn 'na ainm," (Eoin. i. 12.) Ionnas mar sin 
ma's e mhac Dhè, feumaidh e buidheachas a thoirt 
do Chriosd air a shon ; ma tha e 'na aon de'n 
teaghlach rìoghail, 'na aon do'n ghinealach thaghta, 
feumaidh e buidheachas a thoirt do Chriosd air a 
shon ; oir is ann annsan, agus da thrid-san 'na 
aonar, a tha na h-uile ni math againn a tha sinn a 
mealtainn. Thugaibh fainear e 'na chomh-fhurt- 
achd : cha n-eil aon latha math aige, nach ann o 
Chriosd a tha e aige ; am beil comh-fhurtachd aige 
ann an òrduighean, ann an comunn nan naomhagus 
ann an ùrnaigh ? Feumaidh e buidheachas a thoirt 
do Chriosd air son so uile. 

Agus mar so leig mi ris duibh an Criosdaidh, agus 
dh'fheuch mi dhuibh gur e Crisod na h-uile anns 



AN T-AON TAGHTA LUACHMHOR. 147 

na h-uile ; ciod air bith a's fìach an creideach tha 
e an comaine Chriosd air a shon. 

Anise cuiribh so uile cuideachd, agus faicibh ciod 
an t-aobhar mòr a ta gu'm biodh Criosd luachmhor 
do chreidich ; agus am beil iongantas sam bith gu'm 
biodh na h anmannan sin air lasadh le gràdh mar 
so dhasan, is nach eil iad a meas nach fiach d'an 
anmaibh a bhi beò ach air a shon-san, agus ann- 
san agus air a sgàth-san. O mo chàirdean, tha 
aobhar ro mhòr aig creidich a bhi cur luach agus 
meas cho ard air Criosd, neach, is e an uile anns na 
h uile. 

Co-chur. Bithidh a' cheud fheum air son ceas- 
nachaidh agus fèin-dhearbhaidh : Chuala sibh gu'm 
beil Criosd luachmhor, luachmhor do Dhia, do dh' 
aingiibh, agus do naomhaibh. Ach a nis,' O anaim, 
am beil e luachmhor do t' anam-sa ? ma tha e luach- 
mhor dhutsa, an sin tha na h-uile ni a tha luach- 
mhor dhàsan luachmhor dhutsa. 

O, gu'n deanadh daoine ach buntainn gu firinn- 
each ri'n anmannan fèin ! tha mòran a' labhairt 
mu ghràs, ach is beag a tha blasad do ghràs : cha 
n-eil na h-uile aon a gluasad coltach ri Criosdaidh, 
a labhras coltach ri Criosdaidh ; tha mòran d'an 
aithne ciod a tha gu bhi air a dheanamh ; ach gu 
bràth cha dean iad e ; tha mòran a' caitheadh aodach 
suaithchiontais Chriosd agus a' deanamh tràilleal- 
achd an diabhoil ; tha mòran aig am beil làmhan 
cho gheal ri oluinn, agus an cridheachan cho dubh 
ri ifrinn ; tha mòran a' saoilsinn iad-fèin a bhi do ? 
do nèamh cho cinnteach is ge do bhiodh iad cheana 
a' chòmhnaidh ann ; tha mòran a saoilsinn gu'n 
èirich gu math dhaibh an deigh so, a chionn gum beil 
e cho math maille riu 'an so ; tha mòran a laidhe 
sios le leithid do dhòchais air an leapaichean tàimh, 



148 AN T-AON TAGHTA LUACHMHOR. 

aignachnach bi dhànachd laidhe sios leo 'nan leap- 
aichibh duslaich : tha raòran ag amharc fìreanta, 
a tha mhàin fireanta 'nan amharc : ach a mheud sa 
mealladh dream èile le taisbeanacìh breige donaomh- 
achd, meallaidh siad iad-fein le taisbeanadh breige 
do shonas. Cuimhnichibh, a Chriosdaidhean gu'm 
bi còta na caorach air a thoirt bharr druim a mhad- 
aidh-allaidh. Mar bi ni sam bith air a dheanamh le 
bhur n-anmannan air nèamh, cha bhi ni sam bith 
air a dheanamh air son bhur n-anmannan air 
talamh ; cha n-eil dòigh air ruigheachd air bhur 
slàinte, ach le bhur slàinte oibreachadh,, a mach. 

Cha n-eil Dia a* ceangal suas neach sam bith ann 
an banntaibh na beatha, ach iadsan a ta 'nan òigh- 
reachan air beatha ; cha n-eil dòigh air beatha a 
chaitheadh nach eil deagh-bheusach, agus an sin 
bàs fhaghinn a ta fireanta. O air an aobhar sin 
ceasnaichibh sibh-fèin. Cuiridh mi far comhair 
ceithir cheisdean gu bhi air am fuasgladh le bhur 
cridheachan-fèin. 

(1.) Ciod a chòir ata agaibh annsan ? (2.) Ciod 
na cumhachdan a ta agaibh uaithe-san? (3.) Ciod 
na rùintean a ta sibh a giùìan dhasan ? (4.) Ciod 
an t-ullachadh a ta sibh a deanamh air a shon-san ? 

O, Chriosdaidhean, gu'n tugadh sibh fainear gu 
math do na nithe cudthromacn sin ! Innis dhomh, 
O! anaim, cioda f huair Iudas le bhuntain cheaìg- 
ach ? cha d'fhuair ni sam hì*h ach taod, anns an 
robh a chorp air a chrochadh ; agus teìne, anns an 
robh anam air a losgadh. Ged' fhaod an talamh 
duine aingidh a chumail beò, gidheadh cha ghabh 
nèamh duine aingidh air dha bàs fhaighinn. Deirim, 
air an aobbar sin, ceasnaichibh sibh-fèin. 

Anns an dara h-àite, Labhraidh mi beagan le 
dòigh earail, agus comh-dhùnaidh mi. 



AN T-AON TAGMTA LUACHMHOK. 149 

Aìr iùs. Ma ta Iosa Criosd cbo Iuachmhor, O 
an sin, fosglaibh dorus bhur n-aigne dhasan, chum 
's gu'm fosgail esan dorus na slàinte dhuibhse ; fos- 
glaibh do Dhia na glòire, chum 's gu'n dean esan 
sibhse glòrmhor. Feuch a ta Dia'na sheasamh aig 
dorus bhur cridheachan, agus a' bualadh, " Feuch, 
tha mi a'm' sheasamh aig an dorus, agus a' bualadh ; 
ma dh'èisdeas neach sam bith ri m' ghuth, agus 
gu'm fosgail e'n dorus, thig mi a steach d'a ionn- 
saidh, agus gabhaidh mi mo shuipeir maille ris, 
agus esan maille riumsa." (Tais. iii. 20.) Tha e 
hualadh le fhacal, le shlait, le Spiorad, le thròcair- 
aibh, le bhreitheanasaibh, le chomh-fhurtachdaibh, 
agus tha so uile a chum gu'n tig esan a staigh 
agus gu'n gabh e shuipeir maille ruibh. A nis, a' 
pheacachaibh, nach fosgail sibhse dorus bhur cridhe 
do Chriosd, chum 's gu'm fosgail esan dorus nèimh 
dhuibhse ? Ma dhùineas sibh a mach Criosd as 
bhur cridheachan, dùinidh esan sibhse a mach a 
nèamh, agus ciod a gheibh sibh leis a sin ? O, mo 
chàirdean, tha òr aige gu'r deanamh saibhir, flon gn 
misneach a thoirt dhuìbh, aran gu'r beathachadh, 
fireantachd gu sibhse fhìreanachadh, tròcair gu'r 
sàbhaladh, sonas gu'r crùnadh. 

Anns an dara h-àite. Bitheadh na h-uile ni a ta 
luachmhor do Dhia luachmhor dhuibhse. (].) Mac 
Dhè. (2.) Leabhar Dhè. (3.) Latha Dhè. (4.) 
Orduighean Dhè. (5.) Ministearan Dhè. (6) 
Sluagh Dhè. 

O ! biodh iad so luachmhor dhuibh ; tha sluag-h 
Dhè ro-luachmhor dhuibh ; tha naomh cho glòr- 
mhor 'na thruaighe is mò, sa ta peacach truagh 'na 
ghlòir is mò. Gu'n tugadh Dia beannachadh do na 
chaidh a liubhairt. 



150 AN T-IONGANTACH. 

AN T-IONGANTACH. 

" Tha e gu leir ionmhuinn." — Dàn. v. 16. 

Teagasg, — Gu^mbeillosK C^iosd, neo-chrìochnack 
agus ro ghràdhack. 

A bhi ann an staid gràis, is e gu'n a bbi truagh 
ni's mò, is e bhi sona gu siorruidh. Is e creideamh 
a dh'aonas Criosd agus anmannan naomhaichte 
cuideachd air talamh ; agus is e gràdh a dh'aonas 
Dia agus anmannan air an glòraca.dli cuid- 
eachd air nèamh. O ! a chreideacha, is sibhse 
a mhuinntir luachmhor sin air nach eil an saoghal 
airidh; tha tuilleadh glòir aig Iosa air a thoirt dha 
o aon naomh, na tha e faighinn o'n t-saoghal uile a 
bharrachd. Cha n-e mhàin gu'n dlighear leinn ar 
sèirbhis do Chriosd, ach dlighear leinn sinn-fèin 
dha mar an ceudna. 

Ni mi nise tòiseachadh air seachdamh ainm 
chliùteach ar Tighearna Iosa Criosd, ni is e Iong- 
antach. Is e so aon do dh' ainmeannan ionmh- 
uinn losa Criosd ann an Isa. ix. 6. " Agus goirear 
mar ainm dheth, Iongantach." A phuing a leagas 
sinn sios agus o'n labhair sinn is e so, — 

Teagasg. Gu'm beil Slànaighear a' chreidich 
'na Shlànaighear Iongantach. 

Tha e Iongantach ann an sùilibh nan aingeal 
uile agus nan naomh air son gràidh. Tha 'n 
saoghal agus deamhnaibh le eagal, a' gabhal iong- 
antais dheth. 

Air son fosgla : dh na puing' òirdheirc so, gabh- 
aibh na nithe àraid sin. — (1.) Tha Criosd Iongant- 



AN T-IONGANTACH. ] 51 

ach 'na nàdur. (2.) Tha e Iongantach 'na phearsa. 
(3.) Tha e Iongantach 'na theachd \san fheò.il. (4.) 
Tha e Iongantach 'na naomhaibh. (5.) Tha e 
longantach 'na dhreuchdaibh. (6.) Tha e Iongant- 
ach 'na mhiorbhuilibh a dh' oibrich e. (7.) Tha 
e longantach 'na irioslachd. (8.) Tha e Iongant- 
ach 'na bhuaidh-làraich. (9-) Tha e Iongantach 
'na dhol suas. (10.) Tha e Iongantach 'na ardach- 
adh. (11.) Tha e Iongantach 'na oibreachadh a 
thaobh a naomhaibh. 'S an àite mu dheire&dh, 
Tha e Iongantach 'na theachd gu breitheanas. 

Tha cuid aig am beil tuilleadh ùine na a th' aca 
do' ni air an labhair iad, ach a nise tha tuilleadh 
agamsa do ni air an labhair mi 'na th' agam do 
dh'ùine; uime sin is èigin dhomh mòran do nithe 
luachmhor a leigeil seachad, le dìth ùine luachmhoir. 
A mhuinntir ionmhuinn, cha làimhsich mi ach aon 
do na nithe àraid sin, agus is e sin an seachdamh. 

Gum beil Iosa Criosd longantach ann an irios- 
lachadh. 

Is e so an ceann air am buanaich sinn a nis', agus 
gu firinneach is e so aon is mò do na h-iongantas- 
aibh uile ; gu'm biodh esan a bha cho àrd air a 
thoirt cho iosal ; gii'm biodh esan a bha cho saibhir 
air fàs cho bochd ; gu ? m bàsaicheadh Tighearna na 
beatha, agus gu'm fasadh, an Dia mòr 'na naoidh- 
ean, agus a'm Facal Siorruidh gu'n chomas facail a 
iabhairt ; gu'm biodh esan a rinn an lagh air a 
dheanamh fo'n lagh ; gu'm biodh esan a bha ni 
b'òirdheirce no na h-ainglean uile, air a dheanamh 
na b'u lugha agus na b'ìsle no na h-ainglean. O ! 
sibhse ainglean mar a ta sibh a' gabhail iongnaidh 
de so, gu'm biodh Tighearna nèimh agus na talmh- 
uinn air a dheanamh 'na shèirbhiseach d'a sheirbhis- 



152 AN TIONGANTACH. 

ichibh fèin ! " Ach chuir se e-fèin ann an dimeas, 
a' gabhail air fèin dreach sèirbhisich," (Philip. ii. 7.) 
Is eigindha so a bhi iongantach, do na h-uiie aingeai 
air neamh. 

Ach gu dol air m'aghaidh, Sa' cheud àite, Ghabh 
Criosd air fèin, ar nàdur-ne, (Eabh. ii. 6.) Cha 
b'urrainn Dia cromadh n'a b'ìsle no bhi air a dhean- 
arnh 'na dhuine, agus cha b'urrainn duine a bhi air 
ardachadh ni b'airde na bhi air aonadh ri Dia. An 
ti a rinn roimhe duine 'na anam a rèir iomhaigh 
Dhè, rinn e nise dha fèin corp a rèir iomhaigh 
duine ; duine a bhi air a dheanamh coltach ri Dia 
tha e 'na iongantas, ach Dia a bhi air a dheanamh 
coltach ri duine tha e na iongantas na's mò : Ach 
c'uin a bha e an uair a ghabh Iosa Criosd air fèin 
ar nàdur-ne ? An uair a bha e ann an neo-chiontas, 
saor o na h-uile truaighe agus bochduinn ? Cha 
n-ann ; ach an uair a bha e aig a' cheum a b'ìsle an 
deigh an tuiteam, an uair a bha e ro bhochd, ro 
dhòrainneach, ro làn do dh' fhuil, ro mhallaichte, ro 
pheacach, ro anmhunn. " Oir air dhuinne bhi 
fathast gun neart, an àra iomchaidh bhàsaich Criosd 
air son nan daoine neo-dhiadhaidh." 

A nise mo bhràithrean, gu'n gabhadh Iosa Criosd 
air fèinar staid-ne, ar n-anmhuinneachd, armallach- 
adh, ar nàdur, an uair a bha e mar so iosal, mar so 
bochd, mar so dorainneach: O! is iongantas nan 
iongantas so, agus gidheadh tha sibh a' faicinn gu'n 
d'rinn IosaCriosd mar so. O, isleachadhiongantach, 
a'm b'èigin do Dhia ar n-anmhuinneachd aghabhail 
airfèin? An do ruith sinnecho fada air clàr-cunntais 
an dioghaltais, is nach b'urrainn, neach sam bith 
dioladh a thoirt ach Dia fèin ? Nach faodadh e 
ainglean no a naoimh a chur uaithe, ach a'm b'èigin 



AN T-IONGANTACH, 153 

dba fèin teachd agus gun atharrach ? Cha'n fhaod- 
adh, cha'n fhaodadh ; cha b'urrainn ainglean no 
naoimh a dheanamh ; ach ma shàbhalas Criosd 
sinn, is èigin dha fèin teachd agus bàsachadh air ar 
son. 

Ann an dara h-àite, Thainig irioslachd ar 
Slànaighear a nuas ro iosal. 

Anns a ckeud àite. Bha e air a bhreith o mhaigh- 
din bhochd, gun a bhi ann am meas no 'n urram 
sam bith. Nach robh baintighearna na bean-uasal 
idir ann an Ierusalem, air son a' Phrionnsa mhòir 
so nèimh agus na talmhuinn gu bhi air a bhreith 
leatha, ach gu'm b'eigin dha bhi air a bhreith c 
mhaighdin bhochd dhi-mheasaich ? Seadh, gu cinn 
teach, bha mnathan uaisl' an lionmhoireachd ann 
an Ierusaleim, ach cha do ghabh an Tighearn' 
Iosa Criosd sùim do na beartaich na's mò no do na 
bochdan. 

Anns an dara h-àite. Bha e air f hoillseachadh do 
bhuachailiean bochda, agus cha n-ann do dh'iom- 
pairean agus do rìghrean, cha n-ann do dh'uachd- 
arain agus do dhaoine mòra, cha n-ann do ollaimh 
agus do dhaoine fòghluimte, cha n-ann do Chesar 
san Ròimh. Deirim, nach deach na h-ainglean 
agus an sgeul aoibhneach agus an naidheachd 
mhath sin a chuir an cèill do Chesar san Ròimh, 
ach do bhuachaillean bochd anns na h-achaibh, 
Luc. ii. 8—10. 

Anns an treas àite. Bha e air a bhreith ann 
an stàbull, (Luc. ii. 7«) Cha n-ann an taigli 
maiseach no ann an lùchairt, cha n-ann an seòmar ; 
cha n-ann, ach ann an stàbull far an robh eich agus 
ainmhidhean air am biadhadh. 

Anns a' cheathramh àite. Bha e air a phasgadh 



154 AN T-IONGANTACH. 

suas ann an luideagan, agus air a chuir 'na laidhe 
ann am prasaich, cha bu luideagan do dh'anart 
grinn no do shìod iad, cha robh aodach airgeid na 
òir ann, na culaidhean luachmhor, ach aodach 
bochd agus suarach, coìtach ri luideagan duine 
bhochd. A nis, a mhuinntir ionmhuinn, cuiribh so 
uile cuideachd, agus innsibh dhomh ciod a ta na's 
iongantaiche no e ? O ! irisleachd, irisleachd, cia 
mòr do shaibhreas a ta mar so air a chliùthach- 
adh dhuinne ! tha thu toileachadh dhaoine, a'dean- 
amh ainglean aoibhneach, agus a' cur dheamhnaibh 
gu h-amhluadh, agus a' toirt a' Chruithear do'n 
phrasaich. O, Iosa mhilis, thug thu buaidh air a' 
bhàs le bàsachadh ! 

Anns an treas àile, An treas iongantas ann an 
irisleachd Chriosd is e so ; rinneadh bochd e. Gu'n 
d'rinneadh esan a bha cho beartach cho bochd ; 
gu'm biodh esan a bha 'na Thighearna nan uile, 
gun ni sam bith aige ; an Tì a rinn nèamh agus 
talamh gun àite còmhnaidh aige leis fèin ; an Tì a 
tha toirt chrùintean, buaidh, beatha, glòire do 
dhream eile, gun chrùn sam bith aige fèin an 
so ach crùn droighinn : Bha ni bu mhò aig na 
sionnaich agus aig an eunlaith na bha aig Iosa 
Criosd. " A ta tuill aig na sionnaich, agus nid aig 
eunlaith an adhair ; ach cha n eil aig Mac an duine 
ionadanns an cuir e a cheann fodha." (Mata viii. 
20.) Bha tuill aig na sionnaich anns an cuireadh 
iad an cinn fopa ach cha robh àit' aig Criosd anns 
an cuireadh e a cheann fodha. Mar a bha e air a 
bhreith ann an taigh duine eile, mar sin bha e air 
a thiodhlaiceadh ann an uaigh duine eile." Oir is 
aithne dhuibh," ars an t-abstol, " gràs ar Tighearna 
Josa Criosd, ge do bha e saibhir, gidheadh gu'n 



AN T-IONGANTACH. 155 

d'rinneadh bochd e," (2 Cor. viii. 9.) " Gidh- 
eadh gu'n d'rinneadh bochd e," seadh, bochd d'a 
rìreadh, agus cho bochd is nach robh peighinn aige. 
Their sibh, gu'm beil duine ro bhochd aig nach eil 
peighinn ; gu fìrinneach b'e leithìd sin do neach a 
bha ann an Criosd ; cha robh sgillinn aige a dh'ioc- 
adh cìs gus an dh'fhuair se e a beul èisg, (Mat. 
xvii. 270 Agus an uair a bha e gu marcachd ann 
am mòrachd do dh'Ierusaleim, cha robh carbad, cha 
robh each na beathach aige bu leis fèin ; b'èigin 
dha marcachd air asal duine eile, (Mat. xxi 2.) 
O ! sibhse a naoimh bheannaichte, gabhaibh iong- 
antas agus biodh iongnadh oirbh ris a so, nach esan 
de'alradh Dhè, pàrras nan aingeal, maise nan nèamh, 
fear-saoraidh an duine, fear-sgriosaidh a' bhàis agus 
Rìgh nan naomh. Agus gu'm biodh e air a dhean- 
amh cho bochd air ar son-ne ! O ! tha so iongant- 
ach do dh'ainglibh agus do dhaoinibh. 

Ann sd cheathramh àite, An ceathramh iongantas 
ann an irisleachd Chriosd is e so, gu'n do dhoirt e 
f huil sea uairean air son pheacach bochda ; agus 
tha so 'na iongantas mòr. 

Anns d cheud àite, Be'n ceud uair, 'nuair a bha e 
air a thimchioll-ghearradh aig ceann ochd laithean 
a dh' aois. O ciod e an t-Iosa beannaichte a ta 
so? Ciod? — ullamh air son na h-iobairt cheana ; 
Gun e bhi ach na h-ochd laithean a dh'aois — agus. 
gu'n dhoirt e fhuil, air son slàinte anmannandhaoine 
càiilte ! 

Anns an dara h-àite, Be'n darna h-uair, an uair a 
bha e an cruaidh-ghleachd anma anns an lios. Tha 
Mata a'g innseadh dhuinn, gun do " thòisich anam 
air a bhi brònach, agus ro•dhoilghiosach;' , (Mat. 
xxvi. 37.) " Thòisich e air abhith fo uabh-chrith, 



156 AN T-IONGANTACH. 

agus fo anabarra bròin ;" (Marc xiv. 33.) " Air a 
bhi fo àmhghar, (Eoin xii. 27-) " A nise tha 
m'anam fo àmhghar ; agus ciod a their mi ? 
Athair, saor mi o'n uair so." Fo àmhghar, O 
Thighearna, ciod e so ? Thusa a cheanglas suas 
tonnan uaibhreach na fairge, agusa thionndaidheas 
cridheachan rìghrean mar shruthaibh uisgeachan; 
thusaa leag bunaitean na talmhuinn,agusa sgaoil na 
nèamhan mar sgàile, thusa a tha ri tairneanaich anns 
na neòil ; thusa a ta cumail suas nan uile ni le 
facal do chumhachd ; agus ciod so, thusa fo 
àmhghar? Och, an t-uabhas, an t-uabhas, am 
bròn a rinn grèim air anam Chriosd ! Arsa Lucas, 
gu'n robh e ann an cruaidh ghleachd anma. " Agus 
air bhi dha ann an cruaidh-ghleachd anma chuir 
e fallas dheth," Ciod ? cha b'e fallas nàdurrach, 
ach fuil, — bha e ann am fallas fala uile thairis, 

O ! mar a thàinig Criosd a snàmh d'ar n-ionn- 
saidh-ne ann am fuil, agus nach eil deuragainne ri 
shileadh, air son nan sruth sin uile d'a fhuil- 
san ? Dh'ith sinne na dearcan goirte, agus bha 
dèisinn air f hiaclan-san ; streap sinne sa' chraoibh, 
agus ghoid sinn am meas toirmisgte, agus chaidh 
esan suas am fàradh a' chroinn-cheusaidh, agus 
bhàsaich e : O ! cia ionmhuinn b'u chòir dha bhi 
n'ar sealladb Q Bu chòir dhuinn a chrann-ceusaidh a 
chaitheadh n'ar cridheachan agus a thasgaidh suas 
mar a rinn Maois air a mhana anns a' phoit. Is e 
crann-ceusaidh Chriosd (deir neach àraidh) an iuch- 
air òir a ta g'ar leigeil-ne a steach do pharras, agus 
tha 'n t-aingeal leis a chlaidheamh lasarach air a 
thionndadh a mach. Dh'ionnlaid fhuil-san air 
falbh ar peacannan. 

Ach, 'san treas àite, Dhoirt e fhuilair ar soin-ne 



AN T-IONGANTACH. 157 

an uair a bha a ghialan air an teumadh agus air an 
reubadh : spionadh an fhionnaidh, mar tha am 
faidhe a' labhairt, " Thug mi mo dhruim do'n 
luchd-bualaidh ,agus mo ghialan dhaibh-san a spion 
am fionuadh." (Jsa. l. 6.) Tha cuid ambarail, gu'n 
robh gialan Chriosd air an reubadh gu ruig fhior 
smig,agus gu'n robh fheusag air a spionadh dheth : 
bha 'n dà chuid ro-choltach ri bhi fior : cha b'urr- 
ainn a h-aon dhiu a bhi gun mhòran fala : oir tha 
sinn a' leughadh gu'n dh'fhalaich na saighdearan a 
shùilean, agus an sin bhuaiì iad e 'san aghaidh, agus 
dh'iarr iad air fàisneachd a dheanamh cò e a 
bhuail e; rinn iad cùis ghàire dheth, (Luc. xxii. 64.) 
O mar a bha 'n aghaidh sin aige-san air a reubadh 
agus air a còmhdach le fùil, a bha na bu dealraiche 
na' ghrian ! Esan a bha n'a bu mhaisiche na clann 
nan daoine ; an Tì is e daoimean mòr lainnireach 
agus dealrach fàinne na glòire. mar a bha esan 
air a chomharrachadh agus airaspuacadh thairis le 
fuil ! O ! sibhse a luchd a' chridhe chruaidh, sibhse 
a luchd a' chridhe raig, (agus da-rìreadh tha sinn 
uile tuilleadh is rag) mar dean breitheanas agus an 
t-òrd bhur cridheachan a bhriseadh, leigibh legràdh 
agus tròcair a dheanamh. Amhairc air Criosd, agus 
abair, An dh'f huilig thu so air mo shonsa, agus nach 
gràdhaich mise thusa, O Thighearna ! agus nach 
dean mi, sèirbheis dhut, agus ùmhlachd a thoirt 
dhut, agus urram a thoirt dhut ? Mar sin abair, 
agus mar sin dean, agus gu'n abradh an Tighearna 
gu ma h amhlaidh a bhitheas,- — Ach an sin. 

Anns d cheathramh àite, Dhoirt Criosd f huil an 

uair a bha 'n crùn do'n droighinn dheilgneach air 

a chuir air a cheann, (Mat. xxvii. 29.) Tha 

cuid do na h-aithrichean ag ràdh, gu'n dh'fhuair 

p 



158 AN T-IONGANTACH. 

e tri-deug agus tri fichead lot 'na cheann, gu cinn- 
teach cha b'urrainn gu'n mhòran fala tigliinn às: 
O ! ciod an sealladh a bha so, a bhi 'g amharc air 
a' cheann sin aige-san, a bha mar an t-òr ro-fhin- 
ealta, mnr a tha chèile chumail a mach e bhi ; a nise 
còmhdaichte le droighinn, agus reubta le droighinn ! 
gu'n deanadh esan an crùn deilgneachdo dhroigh- 
inn geur a chaitheadh a bha airidh air crùn na 
glòire ! 

Anns a chùigeamh àite 9 An cùigeamh uair a dhoirt 
e fhuil b'e an uair a bha a làmhan agus a' chasan 
air an tairgneachadh ris a' chrann-cheusaidh: na 
casan maiseach sin aige-san a thàinig a' toirt sithidh 
air na tulaichean, a toirt leis sgeul aoibhneach na 
sìthe agus na slàinte ; a toirt sithidh, arsa Gregori, 
o'n righ-chathair do'n chreat.hail, o'n chreath- 
ail a dh'ionnsuidh a' chroinn-cheusaidh, agus o'n 
chrann-cheusaidh chum na rìgh-chathrach a rithist. 
O mar a bha na làmhan beannaichte sin aige-san 
air an tairgneachadh agus air an deanadh daingean 
risa' chrann-cheusaidh! Osibhse a spioradan beann- 
aichte, amhaircibh a nuas o nèamh, agus faodaidh 
sibh eadhon an t-Uile-chumhachdach fhaicinn a' 
dol air a ghlùinean aig casan dhaoine. O sibhse 
ainglean ! cia mar bu chuidhe dhuibhse ioghnadh 
a ghabhail dheth so, bhur Tighearn agus bhur 
maighistir fhaicinn ga àicheadh fèin cho fada, is 
gu'n do ghabh e air fèin dreach seirbhisich ! il Cliì 
sinn Iosa, ars' an t-abstol, a rinneadh rè uine bhig 
ni b'isle no na h-ainglean." Chum bàs fhulang, 
cha dVinneadh an Cruithear a mhàin 'na chreut- 
air, ach na b'isle na cuid do na creutairean a rinn 
e. O sibhse naoimh bheannaichte ! C'arson nach 
eil' ioghnadh oirbh ris an iongantas so ? a bhi faic- 



AX T IONGAMACH. 159 

inn maise nan nèamh, pàrras nan aingeal, dealradh 
giòir an Athar, Fear-saoraidh an duine, ga irisleach- 
adh mar so agus a' gabhail air fèin nàdur duine, air 
son slàinte anma an duine. 

Anns an t-seadhamh àite, agits ann san àiie. mu 
dheireadh, Dhoirt Criosd fhuil an uair a bha 'n 
t sleagh air a tilgeadh 'na thaobh, as an tàinig a maeh 
air ball fuil agus uisge, (Eoin xix. 34.) Tha cuid ag 
ràdh, gu'n robh an saighdeàr a' lot Criosd leis an 
t-sleigh 'na dhuine dall ach air do dh'f huil Chriosd 
frasacìh a mach air a shùilean, dh'aisig i a fhradharc 
dha, agus rinneadh e 'na dhuine iompaichte, 'na 
shearmonaiche, agus na mhartaireach. Their sibh 
leigheas ro-iongantach, gu'n tigeadh fuilas an lèigh, 
agus gu'm biodh a' bhuaidh sin aig fhuil-san, gu'm 
bitheamaid uile air ar saoradh tre bhi creidsinn. 
Tha leigheachan an cumantas h'al mu f huil dhaoine 
eile, ach caòmhantach air am fuil fèin ; ach cha 
n-eil a' chùis mar sin maille ris an leigh againne, 
ann an àite fuil a thoirt as an duine eusian anns a 
ghàirdean, is ann a thàinig fuil as a thaobh fèin : 
C'arson a tha thu frasadh a nuas t'fhala, agus sJ 
teachd a snàmh ann a t' f huil ? Nach leòir aon 
bhraon? Tha aon bhraon, deir Luther, na's luach- 
nihoireno nèamhagus talamh. Ogràdh gun tomhas! 
O saorsa iongantach ! Gu'n gabhadh Dia air fèir. 
anmhuinneachd duine, tha sin iongantach da rìr- 
eadh ! Is leòir le rìgh mathanas a thoirt do mheirl- 
each, ach gu'rn bàsaicheadh an rìgh fèin air son an 
droch dhuine, tha sin do-labhairt ! Mar so rinn ar 
Tighearna beannaichte, ar Slànaighear beannaichte: 
bhàsaich e chum's gu'm faodadh sinne bhi beò : 
chaidhe agus dh'fhuilig e 'na chruaidh-ghleachd, 
chum's gu'n " cumadh e suas sinn le còrnaibh, agus 



160 AN T IONGANTACH 

gu'n sgapadh e ùbhlan m'ar timchioll ;'* dh'fhuilig 
e a phian bu ro-mhò, chum's gu'm mealamaide an 
subhachas a's ro-mhò. O ciagràdhach, cia gràdh- 
ach a bha Criosd 'na fhulangas! " Cò nach tugadh 
gràdh dhutsa, O Rìgh nan naomh?" A Chriosdaidh, 
thoir fainear cia mòr a rinn do Thighearn agus do 
Shlànaighear gràdhach fhulang agus dol fodha air 
do shonsa. O fhuil luachmhor, tha i gar saoradh, 
tha i g'ar glanadh, tha i g'ar n-ionnlad, tha i g'ar 
fireanachadh, tha i g'ar naomhachadh tha i g'ar 
n-aiseag do Dhia, agus g'ar toirt do nèamh. 

Anns sa chùigeamh àite, Iongantas eile ann an 
irisleachd Chriosd is e so, dh'f huilig e 'na anam, 
" A ta m'anam ro-bhrònach, eadhon gu bàs," (Mata 
xxvi. 38,) arsa Criosd. 

O ciod am facal a bha so Dia ga labhairt ! " A 
ta m'anam ro bhronach, eadhon gu bàs !'' Air son 
duine a radh mar sin cha' b' iongantas e, ach Dia a 
radh mar sin, O is iongantas mòr so da-rìreadh ! 
B'e fulangas anma anam nam fulangas: thug Criosd 
anam suas air son ar n-anma-ne anam.san an àit ar 
n-anma-ne. 

Dh'fhuilig lionmhoireachd do na sèirbhisich 
fhìrinneach 'nan cuirp, mar a bha na mairtirich a 
bh' air an cràdh-phianadh, agus air an losgadh, agus 
air an sàbhadh às a chèile : ach bha mòran saorsa 
aca ? nan anmaibh, bha 'n anmannan làn do mhòr 
aoibhneas spioradaiì agus do chomhf hurtachd. Ach 
a nise cha n-e mhàin gu'n dh'f huilig Iosa Criosd 
'na chorp, ach 'na anam mar an ceudna, agus is e 
sin an ni a ta deanamh an iongantais na's mò, gu'n 
dh'fhuilig Criosd 'na anam. Dh'òl e cupan an 
àmhghair, chum's gu'm faodadh sinne cùpan an t-sòlais 
òl ; bhlais e 'm bàs air ar son-ne, chum's gu'm 



AN T IONGANTACII. 161 

blaiseadh sinne beatha trid san; bha e air a thrèig- 
sinn, chum's nach bisinne air ar trèigsinnamfeasd. 

Anns an t-seathadh àite, Iongantas ann an iris- 
leachd Chriosd is e so, gu'm fuiligeadh e na h-uirr 
ead f hanaid a bhi air a dheanamh air ; bha fanaid 
air a dheanamh air mar chaidh a dheanamh ait 
ISamson leis na Philistich, an uiir a bha shùilean 
air an cuir a mach. Agus gu tìrinneach tha so 'na 
iongantas mòr. 

(1.) Ma bheir sinn fainear cò e Criosd. (2.) Ma 
bheir sinn fainear cò iadsan a rinn fanaid air. 
B'esan Dia, an Dia-dhuine, cha robh anntasan ach 
duslach agus luaithre. 

(1.) Thilg iad smugaid air. (2.) Dh'fhalaich iad 
a shùilean. (3.) Chrùn iad e le droighinn. (4.) 
Chuir iad slat-chuilc 'na làimh an àite slat-rioghail. 
(5.) Chuir iad uime aodach purpuir. (6.) Lùbiad an 
glùinibh dha ann an di-meas. (7-) Bheannaich iad 
dha, ag ràdh, " Fàilte dhut, a Rìgh nan lùdhach." 
(8.) Thug iad air a' chrann-ceusaidh fèin a ghiùlan, 
air an robh e gu bhi air a chrochadh, mar is gnà 
le luchd-droch-bheart imeachd le taod mu'n cuairt 
air am muinealan chum peanais : mar sin thug iad 
air-san an crann ceusaidh a ghiùlan. (9.) Thugiad 
ana-cainnt dha, a' crathadh an cinn. (10.) Cheus 
iad e maille ri dà ghadaiche, agus esan sa mheadhon, 
mar gu'm b'esan prionnsa nam meirleach, an ciont- 
ach bu mhò dhiù uile. (11.) Rinn iad buaidh* 
chaithream thairis air 'na thruaighe. Mar so cha 
dh'Yhàg iad riamh e gus an dh'fhàg unam an 
saoghal : agusso uile rinn iad ann an di-meas dlia, 
chum's gu'n deanadh iad a bhàs ni bu chràitiche 
ivgus ni b'u nàraiche. O mo chàirdean, cha n- 



162 AN T-IONGANTACH. 

iongantas beag so, ma bheir sinn fainear mar a bha 
fanaid air a dheanamh air Iosa Chriosd. 

Anns an t-seachdamh àite^ Jongantas 'na irisleachd 
be so, dh'fhuilig e mòran o Athair; an so tha iongan- 
tas mu labhras sibh mu iongantais. Cha dh'fhuilig 
e mhàin o Iudhaich agus o Chinnich o Sgrìobh- 
aichibh, agus o Phairisichibh o Iudas agus o Philat, 
o dhaoin' aingidh agus o dheamhnaibh ; ach dh' 
f huìlig e mar an ceudna o Athair ; agus is e so an 
ni a ta deanamh an iongantais na's mò, " Ach b'i 
toil an Tighearna a bhruthadh ; chuir e fo àmhghar 
e. v (Isa. ltii. 10.) Thugaibh fainear, shaoileadh 
neach, na'n caomhnadh Dia neach sam bith, gu'm 
b'e Mhac e, a Mhac fèin, a Mhac gràdhach aon- 
ghin Mhic fèin, Mac a bhroillich, agus gidheadh 
cha do chaomhain Dia e chuid bu lugha, " An tì 
nach do chaomhainn a Mhac fèin, ach a thug thairis 
e air ar son-ne uile," (Hom. viii. 32.) Thugaibh 
fainear so, cha do chaomhainn Dia esan, ach thug 
e thairis e air ar son-ne. Ma thig Iosa Criosd 
agus ar peacannan a ghabhail air fèin, cha chaomh- 
ainn Dia esan, ach leigidh e mach iomlanachd a 
cheartais, agus ceartas gus an t-iomlan air-san^ gus 
an d'ìoc e'n f heòirling dheireannach do cheartas. 
O Iosa bheannaichte, an deach thu fo na h-uirread 
de thruaighe air son a' pheacaidh a chuir sinne an 
gnìomh, air son an oilbheum a thug sinne seachad, 
air son na ceannairc a rinn sinne ? an sin ciod 
an t-aobhar neo-chrìochnach a th' againn air do 
ghràdhachadh, agus a bhi umhal dhut, agus urram 
a thoirt dhut ! Oir mar is mò a rinn agus a dh' 
fhuilig esan air ar son-ne, is ann is ionmhuinne a 
bu chòir dha bhi dhuinne. 



AN T-IONGANTACH. 163 

Anrì san ochdamh àite, An t-iongantas rnu dheir- 
eadh a dh'ainmicheas mi is e so, ehunnaic Criosd 
roi-Iaimh na h-uile ni deth so, agus ghabh e os- 
làimh gu toileach e chum an cinne-daonna a' 
shàbhaladh : bha fhios aige mu'n tàinig e o nèamh, 
ciamara dheanamh muinntir a dhùcha, na h-lùdh- 
aich, a ghnàthachadh, agus gu'm brathadh aon do 
mhuinntir a theaghlaich fèin e: " Oir b'aithne do 
dh'Iosa o thus, cò iad nach robh a' creidsinn, agus 
cò a bhrathadh e," (Eoin vi. 64,) .cha robh ni 
sam bith ann an còm na h-aimsir nach robh air 
thoiseach ann an còm Chriosd ; b'aithne dha e bho 
thùs, ars' an sgriobtur. A nise gu'mbiodh roimh- 
eolas aig Iosa Criosd air na h-uile ni do'n truaighe 
ro-iongantach so a dh'fhuilig e, gidheadh gu'n 
tigeadh e gu saor, gu toileach, agus gu h-aoibh- 
neach o nèamh, a bhàsachadh agus a dh'fhulang 
air son thruaghanan bochda mar sinne; an so 
tha iongantas ainglibh agus dhaoine, " Feuch, 
ataim a' teachd," arsa Criosd, 4t a dheanamh do 
thoiìse, O Dhè" 4< Feuch, ataim a teachd/' (Eabh. 
x. 9.) agus ciod e an ni a bha e ri dhean- 
amh ? C'uime, gu fulang air son duine bochd, gu 
duine bochd a shaoradh. Am beil sibh a' faicinn 
an so, mo chàirdean, ciod an gràdh mòr a dh'iom- 
chair Criosd da shluagh : seach gu'm biodh iad ann 
an ifrinn, agus air an damnadh, thigeadh Iosa Criosd 
o nèamh agus dh'fhuiligeadh e na h-uile ni de 
so air an son, ge do b'aithne dha roimhe cia mar a 
bhiodh e air a ghnàthachadh : O is iongantas mòr 
so, a Chriosdaidhean gràdhach ! Air leam gu'm bu 
chuidhe da leithid so do nèamhnaid dealradh n'ar 
sùilibh-ne. Tha sinn a seòladh do ghlòir, cha 
n-ann air chuaintean sàillt' ardeuraibh,achairfairge 



J()4 Aì\ T-IONGANTACH. 

dhearg fala Chriosd. Gufirinneach tha e iongant- 
ach ri smaointeachadh cho mòr sa rinn e air ar son- 
ne, agus chò beag s a tha sinne a' deanamh air a 
shon-san : mar is mò a bha f hulangas-san, is ann 
is mò a bha ar peacannan-ne: mar is mò a bha a 
chràdh-san, is ann is mò bu chòir d'ar gràdh-ne a 
bhi dhàsan. Ni mi do'n phuing so feum chum 
fiosrachaidh agus earail. 

Fhenm I. Am beil e mar sin, gu'm beil Slàn- 
aighear a chreidich 'na Shlànaighear iongantach ? 
An sin tha e toirt fios duinn air ochd nithibh. 

' Sa cheud àite, Is e so mo cheud cho-dhunadh o 
na chaidh a ràdh. Gun robh fulangas Chriosd 
(anns na dh'fhuilig e o dhaoine 'na chorp, agus 
anns na dh'fhuilig e o Dhia 'na anam) ro mhòr : 
cha n-e mhàin gu'n dh'fhuilig e cràdh 'na chorp, 
ach cruaidh-ghleachd 'na anammar an ceudna. Och, 
an f hàirge do dh'fhulangasan, an fhàirge do dhoil- 
ghios, an fhàirge do diYf huil, an fhàirge do dheòir 
a choisich ar Slànaighear trid, a' theachd a thoirt 
sìth adh'ionnsaidh ar n-anmannan, slàinte dh'ionn- 
saidh ar n-anmannan, gràs agus glòir a dh'ionn- 
saidh ar n-anmannan ! Dh'fhuiiig e bho dheamh- 
naibh, dh'f huilig e 'na ainm, dh'f huilig e 'na bhuill, 
dh'fhuilige 'na chorp, dh'fhuilig e 'na anam ; be'n 
t-aobhar ar peacaidh-ne, a chrìoch ar slàinte-ne. 
Ma dh'amhairceas sibh tre eachdraidh a bheatha, 
gheibh sibh an t-iomlan do bheatha làn bròin agus 
truaighe : bha e air a gheur-leanmhuinn, bha e air 
a bhuaireadh, bha e air a mhaslachadh, bha e air a 
chasaid gu breugach, bha e air a bhrath, bha e air 
a ghlacadh, bha e air a cheusadh. Ciod a their 
sinn? An abair sinn tuilleadh ? Ciod tuilleadh 
is urrainn a bhi air a ràdh ? Bha e làn doilgheis, 



AN T IONGANTACH. 165 

tbug e ainm o dhoilghios ; goirear d'ar Tighearn 
Iosa Criosd duine dhoilghiosan, " Na dhuine 
dhoilghiosan, agus eolaeh air bròn." (Isa. liii. 3). 
A nise thugaibh breth, mo chàirdean, cò dhiù a bha 
beatha Chriosd làn dhoilghiosan, no nach robh • 
thug e ainm o dhoilghios. O Iosa mhilis, bha 
t' fhulangas mòr da rìreadh. Is e so mo cheud 
cho-dhùnadh. 

Annsan dara h-àile, Dh'fhuilig Criosd leis fèin. 
Bha e 'na aonar 'na f iiulangasaibh ; cha d'iomchair 
aon chuid aingil na naoimh roinn sam bith maille 
ris 'na f hulangasaibh ; cha d'iomchair dh'òl e an 
cupan searbh 'na aonar : ghlan esan 'na aonar ar 
peacaidh-ne ; c < Ghlan e ar peacaidh-ne d'a thrid 
lein/' (Eabh. i. 3.) Cha robh neach sam bith aig 
Criosd a chuideachadh uallach trom a ghiùlan 
maille ris, dh'iomchair e-fèin 'na aonar e. Ach, a 
mhuinntir mo ghràidh, ge do dh'f huilig ar Tigh- 
earna Iosa Criosd leis fèin, gidheadh cha dh'f huilig 
e air a shonfèin ; dh'fhuilige air ar son ne, dh'fhuil- 
ig e air son an ni sin a thoill sinne ; " Gu deimii- 
in ar n-anmhuinneachd ghiùlain e, agus ar doil- 
ghiosan dh'iomchair e ; ach shaoil sinne gu'n robh e 
air a bhualadh, air a smachdachadh le Dia, agus air 
a chlaoidh : aeh lotadh e air son ar peacaidhne, 
bhruthadh e air son ar n-aingidheachdan ; leag- 
adh air-san smachdachadh ar sìth, agus le a 
chreuchdaibh-san sblànaicheadh sinne," (Isa. liii.4, 
5.) Am beil sibh a' faicinn an so a Chriosdaidh- 
ean, cia lion air ar son-ne ta an so ? Ar n-anmhuin- 
neachd, ardoilghiosan, ar peacaidhean, ar?i~aingidh- 
each, ar sìth ; tha ar cùig uairean agaibh an so. Mar 
sin a rithist. u Rinneadh bochd e air bhur sonsa :'' 
2 Cor. viii. 9. 



166 AN T 10NGANTACH. 

Thugaibh fainear, air bhur sonsa, no air ar son- 
ne is e an t-aon ni e. Mhuinntir ionmhuinn, bha 
e air a bhreith air ar son-ne, " Rugadh dhuinne 
duine-cloinne ;'' bha e air a thoirt air ar son-ne, 
kt Thugadh dhuinne mac," (Isa. ix. 6.) " Bha e 
air a dheanamh 'na mhallachadh, air ar son-ne," 
(Gal. iii. 13.) Tha 'n sgriobtur ag innseadh 
dhuinn, gu'n robh e air a dheanamh 'na mhallach- 
adh, ach b'ann air ar son-ne ; bha e air a thoirt 
thairis air ar son-ne uile. 

" An tì nach do chaomhainn a Mhac fèin, ach a 
thug thairis e air ar son-ne uile," (Rom. viii. 32.) 
() chàirdean ! b'ann air ar son-ne a bha na nithe 
sin uile ; air a dheanamh 'na mhallachadh air ar 
son-ne, air a dheanamh na ìobairt pheacaidh air ar 
son ne, air a thoirt thairis air ar son-ne, agus a tha 
e nis air nèamh a'deanamh eadarghuidhe air ar son- 
ne : (Eabh. vii. 25.) Ionnax mar sin, mo bhràith- 
rean, na h-uile ni a dh'f huilig ar Tighearn Iosa, cha 
b'ann air a shon fèin a' bha e, ach b'ann air ar 
son-ne a bha e ; dh'fhuilig ar Slànaighear beann- 
aichte air ar son-ne, chum's nach fhuiligeadhsinne. 
— Is e so an dara co-dhùnadh. 

Anns an treas àite, Is e mo threas co-dhùnadh, 
gu'mbeile na's mòdo Chriosd ni sambithfhulang, na 
do na h-uile duine agus aingeal na h-uile ni fhulang. 
Guidheam oirbh thugaibh fainear mo chàirdean, 
nan deanadh na h-uile rìgh agus iompaire an rìgh- 
chathraichean f hàgail, an crùin, an rìoghachdan, an 
slatan rioghail, an glòir, an urram, agus an culaidh- 
ean rìoghail, agus gu'm biodh iad air teachd agus 
staid Lasaruis bhochd a ghabhail orra, gu dol air 
an aghaidh gu suarach, agus am beatha a chaitheadh 
gu h ainiseach, agus bàsachadh gu nàrach. C'uime. 



AN T-IONGANTACH. 167 

cha bhiodh so uile cho mòr ri losa Criosd, Mac 
Dhè, an ni bu lugha a dh'fhuilig e fhulang. A 
nise na's faide, deiream, ge do bhiodh na h-uile 
aingeal air nèamh, agus na h-uile duine air thalamh 
air teachd agus fulang, agus air bàsachadh deich 
mìle bàs, cha bhiodh e cho mòr, sa bha e do Chriosd 
ni sam bith f hulang ; a chionn gur creutairean 
iadsan, 's es-an am Maighistir ; ? s iadsan na h-iochd- 
arain, 's es-an an t-Uachdaran ; tha iadsan suarach, 
tha es-an Cumhachdach ; 's es-an Rìgh nan rìgh, 
agus Tighearn nan tighearn. 

" Cha do mheas e 'na reubainn e fèin a bhi 
coltach ri Dia," (Phil. ii. 6.) A nise deirim, 
nach biodh a leth uirread iongantais, ge do bhiodh 
na h-uile aingeal air nèamh, agus duine air tlialamh, 
air teachd agus fulang, sa bha ann am Mac 
Dhè a theachd agus e fèin irisleachadh, agus a bhi 
umhal ga bàs, eadhon bàs a' chroinn-cheusaidh. ! 
's e so iongantas nan iongantas ; bha fhulangas 
iongantach, bha irisleachd iongantach, bhdifhoigh- 
idin iongantach, bha a ghràdh iongantach ; cha 
b'urrainn duine sam bith gràdh bu mhò a nochdadh ; 
ghràdhaich e sinn ionnas gu n do bhàsaich e air son 
gràidh. A nise, tha mi guidhe oirbh, thugaibh 
fainear an co-dhùnadh so, — Gu'm beil e na's 
mò do dh' Iosa Criosd ni sam bith fhulang, na do 
na h-uile dhuine agus aingeal na h-uile ni fhul- 
ang. Agus da-rìreadh, mo chàirdean, leigibh leam 
innseadhdhuibh,thami ganndo bhriathran gu labh- 
airt, na gu chur an cèill ; oir tha araon bhriathran 
tearc agus uireasbhuidh ann am briathran chum an 
ni so a chuir an cèiil. . 

Anns a' cheathramh àite, Is e so mo cheathramh 
co-dhùnadh, Ciod an staid thruagh anns an robh 



168 AN T-IONGANTACH. 

sinne, gu'ra b'èigin d'ar Tigbearn agus d' ar 
Slànaighear losa Criosd so uile f huìang, so uile a 
ghiùlan, dol fo so uile air son pheacach bochda? 
Ciod an staid thruagh anns an robh sinn an saoil 
sibh ? Gu cinnteach bha truaighe an duine ro mhòr, 
gu'm feumadh e leithid so do shaorsa : O ! ciod am 
bealach a rinn am peacadh eadar Dia agus sinne, 
gu'm feumadh Mac Dhè tighinn o nèamh chum na 
talmhuinn a dh'fhulang so uile ? O! mo chàirdean, 
um peacadh ciurramach, am peacadh ciurramach 
tha mi 'g ràdh, mhill e sinn ; spuinn am peacadh 
sea seudan o gach neach, agus tha gach seud dhiù 
sin ni's luachmhoir e na nèamh agus taiamh: Am 
b'àill leibh fios a bhi agaibh ciod ia-d na seudan a 
rinn am peacadh a spuinneadh uainn ? Innsidh 
mise dhuibh iad, agus an sin theirsibh leamsa, gu'n 
robh sinn ann an staid ro thruagh. 

(1.) Tha e g' ar spuinneadh do dh'iomhaigh Dhè. 
An saoil sibh nach bu sheud luachmhor so ? spuinn 
e sinn tha mi 'g radh do dh'iomhaigh Dhè agus 
tharrainn e anns an duine dealbh an diabhoil ; Is e 
mi-run sùil an diabhoil, is e ain-tighearnas làmh an 
diabhoil, is e toibheum teanga an diabhoil, agus is 
e eealgaireachd ladhar-sgoilt' an diabhoil. (2.) 
Tha 'm peacadh g' ar spuinneadh d' ar dàimh 
cloinne, agus 'g ar deanamh n'ar tràillean do'n 
diabhol, tràillean do'n pheacadh, 'nar tràillean do'n 
t-saoghal, agus 'na'r tràillean dhuinn fèin ; is e so 
seud eile a chaill sinn. (3.) Tha e 'g arspùinneadh 
d'ar càirdeas ri Dia, agus 'g ar deanamh n'ar nàimh- 
dean do Dhia, agus na'r nàimhdean do Chriosd, 
nàimhdean d'ar n'anam fèin, agus nàimhdean do na 
h-uile ni a ta math. (4.) Tha e g'ar spuinneadh 
cTar comh-chomunn agus d'ar comunn ris an Ath 



AN T-IONGANTACH. 16^ 

air, ris a' Mhac agus ris an Spiorad ; agus g'ar 
deanamh 'n-ar coigrich agus 'n-ar coimhich. (5.) 
Tha e g' ar spuinneadh d'ar còraichean agus d'ar 
sochairean, do nèamh agus do nithe nèamhaidh, 
agus g'ar deanamh 'n-ar cloinn fèirge agus 'n-ar 
n-oighreachan air ifrinn. (6.) Tha e g'ar spuinneadh 
d'ar n-urram agus d'ar glòir, agus g'ar deanamh 
gràineil agus truagh ; mar a dh'f haodas sibh fhaic- 
inn, " O bhonn na coise gu ruig an ceann, cha n-eil 
fallaineaehd ann ; ach lot, agus bruthadh, agus 
creuchd lobhta." Isaiah i. b\ 

A nise mo chàirdean, cuiribh so uile cuideaehd, 
agus an sin faicibh cò dhiù a tha no nach eil sinn 
truagh a thaobh nàduir, agus nach robh feum againn 
air Slànaighear a theachd agus ar saoradh o'n 
truaighe so anns an robh ar n-anmannan air dol 
fodha l A nis' an so tha ar sonas, a Chriosdaidh- 
ean, ann an Criosd tha na seudan sin againn a rithist 
a chaill sinn anns a' cheud Adhamh ; iomhaigh 
ghlòrmhor Dhe, ar daimh-cloinne : ar càirdeas, ar 
comunn, ar dlighe, agus ar glòir agus ar n-urram, 
tha na h-uile ni againn a rithist, le a bhi air ar 
cruthachadh ann an losaCriosd. O mochàirdean. 
bha f n duine ann an staid ro bhrònach, thug an 
duine e-fein gu staid bhrònach, bha ar staid 'na 
staid truaighe. 

An cùigeamh cò-dhùnadh is e so. Thug Iosa 
Criosd beatha d'ar n-ionnsaidh-ne, ach thug sinne 
bàs da ionnsaidh-san : beatha do ghràs, beatha do 
cho-fhurtachd, beatha do ghlòir ; thug esan gp)ir 
d'ar n-ionnsaidh-ne, ach thug sinne nàire da ionn- 
saidh-san ; thug esan saibhreas d'ar n-ionnsaidh-ne, 
ach thug sinne bochduinn da ionnsaidhsan ; thug 
Q 



ÌJO AN T-IONGANT At'H. 

esan aoibhneas d'ar n-ionnsaidh-ne, ach thug sinne 
doilghios da ionnsaidhsan ; doilghios air muin 
doilghis : chuirsinn an crùn droighinn air a cheann- 
san : chuir esan crùn na glòire air nacinn againne. 
Shaoil sinne an talamh a bhi tuilleadh is math air a 
shon-san, agus cha leigeamaid leis a bhi beò an so, 
ach chuir sinn gu bàs e, ach cha n-eil esan a saoil- 
sinn nèamh a bhi tuilleadh is math air ar son-ne : 
bithidh sinne an cunnart nàire a ghabhail esan aid- 
eachadh an làthair dhaoine, ach cha n-eil nàire air- 
s«in sinne aideachadh an làthair Athar, agus aing- 
lean naomha ; dhìt sinne esan, ach tha esan g' ar 
fireanachadh-ne. O mo chàirdean, smuaintichibh 
air bhur mi-chaoimhneas dhàsan, agus deanadh na 
smuainteanan mu chaoimhneas agus mu a ghràdh 
neo-chrìochnach dhuibhse, bhur n-aigneadh a tharr- 
ainn a mach as a dheigh-san. Is e sin an cùigeamh. 

Mo sheathadh co-dhùnadh is e so. Tha aobhar 
ro mhòr aig na h-uile creideach Dia a bheannach- 
adh air son Iosa Criosd: thug Dia an t-Athair esan 
dhuinne ; nach robh 'n-ar càirdean dha, ach 'n-ar 
nàimhdean : dhuinne, nach robh 'n-ar mic, ach 
'n-ar tràillean : dhuinne, nach robh J n-ar n-ainglean, 
ach 'n-ar daoine : dhuinne, nach do ghràdhaich Dia, 
ach a dh'fhuathaich e : Och ! nach ann againn a 
tha'n t aobhar Dia a bheannachadh air son Iosa 
Criosd ? " Is ann mar sin a ghràdhaich Dia an 
saoghal, gu'n tug e aon-ghin Mhic fèin, chum's 
ge b'e neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach 
gu'm bi a' bheatha shiorruidh ai^e.^ (Eoin iii. 16.) 
O ! mo chàirdean, ciod an tiodhlaic a ta ann an 
losa Criosd. 

Anns an t-seachdamh àite. Ma tha Iosa Criosd 
cho iongantach, O, an sin, cia truaillidh an ni e, cia 



AN T IONGANTACH. ljì 

suarach an ni e do chridheachan dhaoine ni sam 
bith a roghnachadh roimh losa Criosd ? Guidheam 
oirbh, agus iarram oirbh uile sibh a thoirt aire do'n 
cho dhùnadh so. Gu cinnteach, mo chairdean, ma 
thalosa Criosd cho iongantach, cho luachmhor, cho 
ionmhuinn, cho saibhir, cho mhilis, agus cho oir- 
dhearc ; O an sin tha e na ni ro ghràineil, na ni 
aingidh, na ni truaillidli, ni sam bith aroghnachadh 
ro' Iosa Criosd. O ! faodaidh mi labhairt le 
bròn cridhe, gu'm beil iad tuilleadh is lionmhor anns 
an t-saoghal a ta ga chur-san an suarachas, agus 
nach eil a' deanamh ni sam bith dheth, agus nach 
eil ga ghràdhachadh idir, agus a tha roghnachadh 
gach ana-mhiann truaillidh air thoiseach air-san : 
ged nach eil ni sam bith na's mallaichte na so, cha 
n-eil ni sam bith na's coìtcheann na e, a Chriosdaidh- 
ean ; daoine a bhi roghnachadh na nithe is gràin- 
eile ro' Chriosd. 

Air iàs. Tha 'n duine saoghaltach aingidh, a 
roghnachadh salachar an t-saoghal ro' Iosa Criosd, 
is urrainn e èisdeachd agus ùrnaigh, leughadh agus 
trasgadh f hàgail, clium an saoghail a leantainn : tha 
e roghnachadh an òir ro' Dhia, talamh, ro' neamh, 
buannachd ro' ghlòir, a chuid airgeid truaillidh 
ro 'n t-Slànaighear. O, thusa a shaoghaltaich 
aingidh, a shaoghaltaich dhòrainneich an urrainn 
do d' shaibhreas t-anam a shàbhaladh ? Leig leam 
fheòraioh. dhiot. An urrainn do d' shaibhreas do 
shaorad'a o i±rinti ? An urrainn do d' shaibhreas do 
thoirt do nèamL, air dhut a bhi g'a roghnachadh 
ro' Chriosd.? O ! thig an Tighearn Iosa ann an 
teine lasara,a dheanamh dioghaltais air an leithidibh 
sin, agus ansin bithidh fhios agad air do chosg, agus 
\ir do phèin, agiif air do dhòrainn, nach urrainn do 



572 AN T-IONGANTACH. 

shaibhreas do chumail a mach à ifrinn : nach mòr 
is lugha na sin a bheir e t-anam do nèamh an sin 
chi thu t-amaideachd an uair a bhitheas e tuilleadh 
is anmoch. 

Anns an dara h-àite. Misgearan, tha misgearan 
aingidh, a' roghnachadh am poitearachdro' Chriosd 
tha'm misgear a' raoghnachadh a chuid stòp air tho- 
iseachair-samtha'mmisgear a' coiseachd tro'fhairge 
do dhibh a dh'ionnsaidh uaighe ; is urrainn e suidhe 
latha, na òidhche iomlan, annsan taigh-leanna, agus 
air leis nach eil ann ach ùine bheag; ach uair ann an 
seirbhis Dhè, O cia cho fad sa mhothaicheadh e 
sin? O! thusa a mhisgear, tha thu tionndadh od % 
chùpain ro luath, tha cupan aig Dia Uile-chumh- 
achdach air do shon-sa, ach cha n-e cùpan do 
dh'fhion-milis, nacùpan do bheòr, ach cùpan do dh' 
fhèirg a dh'òlas tu fad siorruidheachd, ni a tha na's 
measa na luaidhe theth òl sios 'na d' sgòrnan. Tha 
do dhibh aige an so, cha n-e mhain òl gu phathadh 
a chasg, ach gu òi thar tomhas, gus an dean san 
abair e ni nach fios da : bithidh beag na's leòir aige 
ann an ifrinn, cha n-eil aon taigh-òsda na taigh- 
leanna an sin ; cha n-eil, cha n-eil, braon uisge 
ri fhaotainn an ifrinn uile thairis : O chreutair 
thruaigh ! mairidh tu beò ann an lasraichean loisg- 
each, agus leanaidh do theanga ri d' ghial, agus 
ge do bheireadh tu mìle saoghal air son aon bhraon 
uisge, cha n fhaigh thu e. Agus air an aobhar sin, 
guidheam oirbh, ma tha neach sam bith da'n leith- 
idibh sin an so, ann an ainm Dhè èisdibh agus 
gabhaibh eagal, agus na deanaibh ni's mò de 
dh-aingidheach. O ! cha bhithinn ann a t'àite 
air son deich mìle saoghal ; agus gidheadh cha 
n-urrainn mi gu'n innigh thruacant' a bhi agam 



AN T-IONGANTACH. 



i;a 



mu'd thimchiolì, a tha ga'm cho-eigneachadh gu 
labhairt mar so, air dhomh fìos a bhi agam air do 
staid na's fearr na th' agad fèin. O ! na'm b'urrainn 
thu ach labhairt ri d' cho-mhisgearan a ta nis' 
ann an ifrinn. O ciod an eachdraidh eagalach a 
dhinnseadh iad dhut mu 'n losgadh, agus am 
fulangas, agus am pian, agus an dòrainn ; tha cuid 
ann an ifrinn cheana air son nam peacannan ceudna 
anns am beil thusa caitheadh do bheatha ; agus ma 
chaitheas tusa do bheatha agus ma bhàsaicheas tu 
as eugmhais Chriosd, bithidh tu an ùine ghearr 
maille riu. 

Aìins an trcas àite. Fear na'm mionnaibh, tha 'm 
fear-mionnachaidh toi-bheumach, a' roghnachadh 
a mhionnaibh ro'Chriosd. Isurrainn mòran mionn- 
achadh air an Cruithear agus air an Tì a rinn iad, 
agus labhairt gu h-uaibhreach agus sealltainn gu 
h-ard, agus gluasad le tàir, mar nach biodh Dia ann 
gu peanas a chur an gnìomh, mar nach biodh ifrinn 
ann gu'n cuir ann a dh'fhulang dioghaltais teine 
siorruidh. Ro mhath leig leani innseadh dhut, O 
thusa f hir nam mionn ! a ta nis' a' gabhail tlachd 
ann am mallachadh, bithidh tu an ùine ro ghearr 
wir do chur le mallachd do dh'àite mallaichte, 
w - Imichibh uam, a shluagh mallaichte, dh'ionnsaidh 
an teine shiorruidh,'' their Criosd ri leithid sin do 
dhaoine, 

Anns an àite mu dheireadh. Tha 'n duine uaibh- 
reach a' roghnachadh uabhair ro' Chriosd; na'm 
biodh deise do dh'aodach grinn 'na laidhe air an 
dara làimh, agus Criosd air an làimh eile, b'fhearr 
ieis an duine uaibhreach an deise aodaich a chur 
air na esan. O ! tha mi guidhe oirbh, mo chàirdean, 
thugaibh fainear cia truaillidh agus gràineil an ni, 



174 AN T-IONGANTACH. 

ni sam bith a roghnachadh ro' Chriosd ! " Smuain- 
ichibh a nis' air so," ars' an Salmadair, " sibhse 
nach cùimhnich Dia; air eagal gu'n reub mi as a 
chèile, gun neach ann a theasairgeas." O chreutair 
thruaigh ! smuainich air an sgriobtur sin. Tha thu 
a'd laidhe sgaoilte do na h-uile breitheanas anns a' 
bheatha so, agus do na h-uile pian anns a' bheatha 
a ta ri teachd, sibhse uile a mhuinntir aingidh a ta 
roghnachadh ni sam bith ro' Chriosd. 

Anns an ochdamh àite, An co-dhùnadh mu 
dheireadh is e so, Ma tha Iosa Criosd cho iongant- 
ach, O an sin bu chòir do gach neach a ta cluinn- 
tinn uime, a smuainteachadh gur ni ro uabhasach 
dol mearachd air. 

O Chriosdaidhean agus a chàirdean ! thugaibh 
fainear dha ; gu cinnteach'is eigin do staid an duine 
no na mnatha sin a bhi brònach da rìreadh, a thig 
beò agus a bhàsaicheas as eugmhais Iosa Criosd. 
O chreutair bhochd \ cha meil an diabhol ach 
ag amharc ri sealladh o Dhia gu tighinn agus do 
reubadh a'd bhloighdean, agus t-anam a tharrainn 
do dh'ifrinn. A chreutair bhochd, tha t'anam ann 
an cunnart na h-uile uair air a bhi air a ghlacadh 
le bàs, agus a bhi air a ghiùian na phrìosanach do 
dh'ifrinn. O mo chàirdean, guidheam oifbh, am 
beil sibh sl smuainteachadh agus a' toirt fainear 
maille ribh fèin, ciod e an ni brònach dol am mear- 
achd air Criosd. Gus am beil duine annsan, cha 
n-eil ni sam bith aige ; cha n-aithne dlia ni sam 
bith, chan-eil e mealtuinn ni sam bith,cha nurrainn 
e ni sam bith a dheanamh, agus cha n-eil e iom- 
chaidh air son ni sam bith, agus cha-n f hiù e ni sam 
bith, Gnà. x, 2. 

O tha mi guidhe oirbh, gu'n tugadh sibh 



SI-ABHRAIDH OIR A' CHREIDICH. ] *JÒ 

fainear gu cudthroniacli do na h~uile truaighe, gur 
e sin an truaighe a's ro-mho dol am mearachd air 
Criosd : cha chomasach dhuinn gu bràth calldach 
an anma bhochd sin a chaoidh a chailleas Tosa 
Criosd : tha na h-uile calldach air a phasgadh suas 
anns an aon challdach sin. Agus air an aobhar sin 
tha mi guidhe oirbh uile, araon math agus olc, ath- 
smuaintichibh maille ribh fèin ciod an staid bhròn- 
ach anns am beil an neach a theid air seacharan air 
Criosd. 



SLÀBHRAIDH ÒIR A' CHREIDICH. 

Thainig mi nis' a dh'ionnsaidh an dara feuma, 
agus is e sin feum chum earail a thoirt : agus an so 
ni mi Slàbhraidh òir, do dh' fhichead tinne air 
Bon chreideach chum a caitheadh mu'n cuairt 
da'm muinealan. 

^ (ì.) Eisdibh na daoine a's rò fhearr. (2.) Leugh. 
aibh na leabhraichean a's rò f hearr. (3 ) Gleidhibh 
a' chuideachd a's rò f hearr. 

1. Eisdibh na daoine a's rò fhearr. O ! mo 
chàirdean,èisdibhministear dheanamh anmasaibhir, 
ministear bhùannachd anma, agus mimstear ranns! 
achaidh anma, aon a dh'f hoillsicheas uile chomhairle 
Dhè, agus a bheir a dhlighe do'n Athair, a dhlighe 
(io'n Mhac, a dhlighe do'n Spiorad Naomha j aon 
a ni nithe cruaidhe furasda, agus nithe dorcha 
soilleir. Tha mòran ann, fuodaidh mi ràdh le bròn 
agus a chum an naire, an àite nithe cruaidh , a 



176 SLABHRAIDH OIR a' CHREIDICH. 

dheanamh furasda do'n t-sluagh, a tha deanamh 
nithe furasdacruaidh dhaibh, agus a' deanamh nithe 
soilleir dorcha : a' labhairt ann an teanga choimhich 
nach eil an sluagh a tuigsinn idir: agus so uile a 
dh'oibreachadh iongantais diomhain umpa fèin anns 
a' mhuinntir aineolaich : ach cia neo.choltach ri 
Criosd, agus ris na faidhean, agus ris na h-abstoil, 
a ta iad sin, leigidh mi leibh fèin breth a thoirt. 

Tha so mar gù'n deanadh duine sgàlan cho ard 
ri turaid, 'nuair a tha obair air a deanamh air an 
làr. Goirear iasgairean do mhinistearan ; a nise, 
tha fhios agaibh nam paisgeadh iasgairean an cuid 
lion ri chèile, nach ghlacadh iad ni sam bith ; ach 
na'm b'àill leo an t iasg a ghlacadh, feumaidh iad an 
cuid lion a sgaoileadh. Tha 'n sàmhla so soilleir. 
Is fearr cridhe air a naomhachadh na teanga airgeid, 
is fearr cridhe làn do ghràs binn-mhothachail na 
ceann làn do bharailean; faodaidh eòlas baraileach, 
ceann duine a dheanamh neo-shuidhichte, ach gu 
bràth cha dean e cridhe duine naomha ; an ni sin is 
ro mhò a chioglas cluasan, is e is lugha a chuidicheas 
spioradaneuslainteach: Cionnasata sinn gu labhairt 
ri Dia agus a bhi beò,nach mòr is lugha gu labhairt 
o Dhia agus ris an t-sluagh, chum's gu'm bi iad beò? 
Cia naomh a b'f heumail dhaibh-san a bhi, a tha tarr- 
ainndlùdoDhianaomha? Tha ainglean air angairm 
do mhinistearan, do bhrigh gu'm bu chòir dhuinn a 
bhi mar ainglean 'n-arcaithe-beatha,ach ma thuiteas 
HÌnglean tha iad a' tionndadh 'nan deamhnaibh. O 
bu chòir dhuinn a bhi naomha mar na h-ainglean 
naomha. 

Is e amaideachd an t-searmonachaidh a shàbhalas 
anmannan, ach cha n-e searmonachadh amaideach ! 
Theagaisg Criosd iad a rèir mar a b'urrainn iad a 



SLABHRAIDH OIR A* CHREIDICH. 177 

chluinntinn, agus a rèir mar a b'urrainn iad a gbiù- 
lan, (Marc iv. 33.) Bba Pòì urramach air an ni so, 
" Ach b'f hearr leam cùig facail a labhairt san eag- 
lais le m'thuigse, chum gu'n teagaisginn daoine eile 
mar an ceudna, na deich mile facal ann an teangaidh 
choimhich " Faodaidh duine a bhi na sgoileir mòr, 
agus a bhi na pheacach mòr. Be Iudas am fear- 
bratha, Iudas an searmonaiche : agus uime sin, mo 
chàirdean, leigibh leam a ghuidhe oirbh, air sgàth 
bhur n-anmannan bochda, èisdibh na ministearan a 
tha teachd ni's faigse do Chriosd, do na faidhean, 
agus do na h-abstoil. 'S esan an searmonaiche a's 
ro fhearr, a tadeanamh an ro thuilleadh matha, agus 
a choisneas an ro thuilleadh anmannan. Faodaidh 
sibh dol o dhaoine dh'ionnsaidh firinn, ach cha'n 
f hao'd sibh dol o f hìrinn a dh'ionnsaidh dhaoine : 
oir cha n-eil anns na daoine a's ro fhearr ach 
daoine air am feothas. 

2. Leugaibh na leabhraichean a's ro fhearr, oir 
anntasan gheibh sibh na nithe a's ro f hearr ; agus 
co-shìnibh na nithe a ta air a' labhairt ann an leabh- 
raichibh dhaoine, ris na nithe a ta air a sgrìobhadh 
ann an leabhar Dhè. 

3. Gleidhibh a' chuideachd a's ro f hearr ; bithibh 
tric maille riusan a tha tric maille ri Dia; gluaisibh 
maille riusan a ta gluasad maille ri Dia. c; Gu 
fìrinneach tha ar communn-ne ris an Athair, agus 
r'a Mhac Iosa Criosd," (1 Eoin. i. 3.) Trèigibh na 
h-uile droch cuideachd, agus ceanglaibh sibh f èin 
ri cuideachd mhath ; biodh iad 'nan cnmpanaich 
roghnaichte dhuibh, a rinn Criosd 'na chòmpanach 
raoghnaichte dhaibh ; cuiribh ni's dlùithe d'ar 
cridheachan, an dream as dlùithe da chridhe-san ; 
giùlanaibh ann bhur n-uchd le gràdh, an dream a 



178 SLABHRAIDH OIR A* CHREIDICH. 

bhitheas air an giùlan leis na h-ainglibh gu uchd 
Abrahaim : biodh luchd-gràidh Chriosd 'nan luchd- 
gràidh agaibhse ; cò maille ris am bi creidich ach 
tnaille ri creidich ? Tha fios agaibh ciod e an sean 
fhacal. — Eoin do dKaon iteach cruinnuhidh iad 
cuideachd. " Agusan uairleigeadh as iad,thàinig iad 
a dh'ionnsaidh am muinntir fè'm." (Gniomh. iv.23.) 
Gufirinneachcha n-eil neach sambith'nachuideachd 
iomchaidh air son creidich, ach creideach ; naomh 
agus peacach fhaicinn a co-chòrdadh maille ri 
chèile, is e am beò agus am marbh f haicinn a cum- 
ail taighe cuideachd ; ge do th'a daoine feòlmhor 
beò gu nadurrach, gidheadh tha iad marbh gu 
spioradail ; is fearr a bhi maille ri Lasarus ged is 
ann an luideagan na bhi maille ris an duine shaibhir 
'na chulaidhean sgiamhach. " An tì a shiubhlas le 
daoinibh glic, bithidh e glic ; ach sgriosar compan- 
ach nan amadan, (Gnà. xiii. 20 ) O gabhaidh 
còmhnaidh far am beil Dia a' gabhail còmhnaidh, 
deanaibh iad 'nan còmpanaich dhuibh air thalamh, 
a bhitheas 'nan còmpanaich agaibh air nèamh. Is 
e so a' cheud tinne. 

II. Beachdaichibh gu tric, smuaintichibh gu 
tric air na ceithir nithe deireannach : am bàs n. a 
ta ro chinnteach am breitheanas ni a ta ro theaim, 
ifrinn ionad a ta ro bhrònach, neàmh ionad a ta ro 
aoibhneach.. 

I. Beachdaichibh air a' bhàs, ni a ta ro chinnteach : 
4< Tha e air òrduchadh do dhaoine bàs f haotainn aon 
uair," (Eabh. ix. 27.) As an duslach bha duine air 
a dhealbh, do'n duslach bithidh duine air a philleadh. 
Gu smuainteachadh air a' bhàs is bàs e do chuid a 
dhaoine; ach amhuinntir ionmhuinn, beachdaichibh 
sibhse air a' bhàs : ni smaointean mu'n bhàs, am 



SLABHKAIDH OIR a' CHREIDICH. 179 

peacadh a' chur gu bàs : is e crìoch na h-uiìe comh- 
fhurtachd bàs an aingidh agus toiseach na h-uile 
truaighe, ach bàs nan daoine diadhaidh is leigeil 
a mach e do pheacadh agus do bhròn, agu.s leigeil 
a staigh do shìth agus do shonas : bithidh suaimh- 
neas an naoimh gun choimeas, an uair a bhitheas 
piantan a' pheacaich do-iomchair : an uair a theid 
anam a' chreidich a mach à uchd fèin, thèid e gu 
uchd Abrahaim ; an uair a gheibh creideach bàs, 
tha e fàgail uile dhroch-bheart 'na dheigh, agus a' 
giùlan a mhatha maille ris ; an uair a gheibh peacach 
bàs, tha e 'giùlan a dhroch-bheart maille ris, agus 
a' fàgail a mhatha 'na dheigh ; tha 'n dara h-aon a 
dol o olc gu math, an t-aon eile o mhath gu olc. 
An uair a dh'f'hàgas duine naomh' an saoghal, tha 
f heòil a' pilltinn do'n duslach, agus tha Spiorad 
a' pilltinn gu fois ; an uair a dh'f hàgas peacach 
an saoghal so, tha chorp a dol a dh'ionnsaidh 
chnuirnhean gu bhi air a chaitheadh, agus tha anam 
a dol do lasraichean gu bhi air a phianadh ; tha 'n 
dara h-aon a dol gu uchd Abrahaim, an t-aon eile 
gu uchd Bheelsebuib ; am moll do'n teine, agus an 
cruithneachd do'n t-sabhal. O ! air sgàth an Tigh- 
earna, beachdaichibh air a' bhàs. An uair a thig 
sibh do'n t-saoghal, cha n-eil sibh ach a' tighinn be > 
gu bàsachadh a rithist ; an uair a thèid sibh a mach 
as an t-saoghal, cha n-eil sibh ach a bàsachadh gu 
tighin beò a rithist ; an neach a chaitheas a bheatha 
gu math, cha n-urrainn e bàsachadh gu h-olc ; esan 
a tha dearbhta a beatha neo-chrìochnach, cha n-eil 
sùim aige cia cho luath sa bhàsaicheas e : ach an 
neach a chaitheas a bheatha as eugmhais eagail, 
bàsaichidh e as eugmhais dòchais : esan aig nach 
eil gràs 'na chridhe sa' bheatha so, cha bhi aon sìth 



180 SLABHRAIDH OIR a' CHREIDICH. 

fhior aige 'nabhàs; tha sean pheacach na's dlùitlie 
d'a dhara bàs, no tha e d'a dhara breith ; tha chorp 
na's dlùithe do thruailleachd no tha anam do 
shlàinte. Tha 'm bàs a' deanamh nam beann a's 
ro airde cho ipsal ris na glinn is isle : tha culaidhean 
nam prionnsachan agus luideagan nan daoine bochd 7 
araon air an tasgaidh le chèile ann an tasg-thaigh 
na h-uaighe. Is e 'n t-aobhar mu'n beil daoine 
a' deanamh cho beag ullachaidh air son a* 
bhàis, nach eil iad ach ri beag smaointeach mu 
thimchioll; an uair a mhothaicheas iad am peac- 
adh a' deanamh greim orra, an sin tha eagal 
orra gu'm beil am bàs a tarrainn am fagus. Is 
leabaidh an uaigh gu fois a ghabhail innte, ach 
cha bhùth i chum malairt. An uair a theicheas 
an t-anam aig a' bhàs o chòmpanach gràdhach, 
cha choinnich iad ni's mò gu latha mòr a' mhòid 
dheireanaich. An uair a thasibha' cur dhibh bhur 
n-aodaich, smuaintichibh air cur dhibh bhur pàill- 
iunnaibh ; bithibh a' dol d'ar leapaichean mar gu'm 
biodh sibh a dol d'ar n-uaighean, agus dùinibh 
bhur sùilean anns an t-saoghal so^, mar a b'àiil leibh 
am fosgladh anns an t-saoghal eile ; an uair a ta sibh 
a crupadh eadar na lian-bhrataibh Ieapa, an sin 
smuaintichibh mu 'ur n-anard bàis. Cùimhnichibh, 
a' Chriosdaidhean, gur urrainn Dia bhur pilleadh 
do'n duslach cho furasd 'sa b-urrainn dha bhur 
toirt as an duslach : is e'n diugh bhur latha gu bhi 
beò, faodaidh gur e maireach bhur latha bàis. 
Ni beachdachadh mu'n bhàs bhur uìlachadh air 
son bàis. 

2. Beachdaichibh air a' bhreitheanas, ni a ta ro 
theann : " Is èigin duinn uile bhi air ar nochdadh 
an làthair cathair-breitheanais Chriosd; chum gu 



SLABHRAIDH OIR A* CHRLIDICH. 181 

faigb gach neach na nithe a rinn e sa' choluinn, a 
rèir an ni a rinn e, ma's math no olc e :'' (2 Cor. 
v. 10.) Iadsan nach tig an làthair a chathair- 
thròcair, bithidh iadair anco-èigneachadh gu teachd 
an làthair achathair-bhreitheanais, iadsan nach èisd 
f hacal mothaichidh iad a chlaidheamh ; iadsan a ta 
gun ghràs san latha so, bithidh iad gun chainnt san 
latha sin : am beil sibh a' toirt an aire dhomh, mo 
chàirdean, aig deireadh, an t-saoghail; thèid as do 
chèill an leithidibh sin, le bhi faicinn na talmhuinn 
'na lasair, na nèamhan a' leaghadh, na reulltan a' 
tuiteam, na h-uaighean a' fosgladh, am breitheanas 
a' luathachadh, a' ghrian agus a' ghealach ri bròn, 
agus Criosdagus ainglean an a' teachd; an Tì*a thig 
a dhùsgadh natn màrbh, thig e mar an ceudna a 
thoirt breth an na mairbh. O ! mo chàirdean, 
bithidh an latha mòr do pheacaich mhòra 'na latha 
uabhasach, an uair a chi iad Chriosd a' teachd anns 
na neòil, aig am beil pearsa duine, ach cumhachd 
Dè, air dha bhi air a chrùnadh le mòralachd, agus 
air a choimhid le ainglibh, agus air a shèideadh le 
corraich, agus air a neartachadh le cumhachd, gus 
na h-uile rìgh agus uasal, ard agus iosal, bochd agus 
beartach, a thoirt a chum a mhòid; agus an sin bheir 
e breth orra, cha n-ann a rèir gilead an gnùisean, 
ach a rèir duibheid an coguisean. An Tì a bha air 
a choimhid a dh'ionnsaidh a' chroinn-cheusaidh le 
buidheann shaighdearan, bithidh e air a choimhid 
a dh'ionnsaidh cathair-breitheanais le còmhlan do 
dh' ainglean. Sibhse nach eil a' toirt fainear ni sam 
bith mu a theachd, cionnas a ta sibh a' smaointeach- 
adh cunntas a thoirt seachad aig a' theachd ? Air 
sgàth an Tighearna, beachdaichibh air a bhreith- 
eanas faodaidh smuainteachadh mu'n bhreitheana 1 *, 



182 SLABHRAIDH OIR A* CHREIDICH. 

mo chàirdean, a thoirt oirbh gu'n seas sibh anns a' 
breitheanas : iadsan a ta nis' a toirt breth orra fèm 
'nan cùirtean diomhair fèin, cha bhibreth air a thoirt 
orra le Criosd aig a' chùirt-cheartais f hollaiseach. 
3. Beachdaichibh air ifrinn, ionad a ta ro bhròn- 
ach : O mo chàirdean, tha nèamh na ionad anns 
am beil na h-uile aoibhneach, agus tha ifrinn na 
ionad anns am beil na h-uile ni brònach ; ann an 
nèamh cha n-eil ni sam bith ach sonas, agusann an 
ifrinn cha n-eil ni sam bith ach àmhghar. " Cuirear 
na h-aingidh gu h-ifrinn, na cinnich uile nach 
cùimhnuich Dia" (Salm ix. 17«) Thugaibh fainear, 
mo chàirdean, " cuirear na h-aingidh gu h-ifrinn " 
O an t-ionad uabhasach ! far am bi an diabhol na 
f hear-coimhid a' phrìosain, ifrinn am prìosan damn- 
adh am peanas, bithbhuantachd an ùine, pronnusg 
an teine, daoine agus spioradan an connadh, so 
fhulangbithidhe do-iomchair, asheachnadh bithidh 
e do-dheanta. Is e so latha fad-fhulangais Dhè, 
se sin latha fad-f hulangais an duine, an sin feumaidh 
iad fulang : eadhon pian f hulang gun f hois, agus 
cràdh gun socair, dòrainn gun chrìoch, doilghios 
gun chobhair, agus truaighe gun tròcair. Air sgàth 
an Tighearna, beachdaichibh air ifrinn : O ciod na 
h-ifrinnean a ta n ifrinn ! call Dhè, call Chriosd, 
call nan uile ni : agus is eigin gur e piantan gun 
chrioch,gun sgur agus do-leigheas an cuibhrionn. O 
nach smuaintich sibh gu tric mu ifrinn ; ma thèid 
thu sios do dh'ifrinn aon uair, an deigh mìle bliadhna 
bithidh tu cho fada o theachd a mach 'sa bha thu 
aig do cheud dol a steach innte. Tha dòigh air 
duine a chumail a mach a ifrinn, ach cha n-eil aon 
dòigh air duine fhaotainn a mach a ifrinn. Faod- 
aidh an cruithneachd agus am moll fàs araon cuid- 



SLABHRAIDH OIR a' CHREIDICH. 183 

eachd, ach cha laidh iad cuideachd araon : ann an 
ifrinn cha bhi aon naomh a'm ìneasg na'm muinntir 
sin a ta ifo labhas ; agus ann an nèamh cha bhi aon 
pheacacn am measg an dream sin a ta air an glòr- 
achadh. Cha bhi fairge an damnaidh air a deanamh 
milis le aon bhraon do thruacantas. An gabh sibh 
truas do neach a ta dol a dh'ionnsaidh na h-ealaig 
a chuir dheth a chinn, agus nach gabh sihh truas 
do neach a ta dol do'n t-sloc ? Ciod e amjiosrach- 
adh brònach a ta sin, far am beil each dubh a' bhàis 
a' dol air thoiseach, agus each dearg na fèirge a 
leantainn 'na dheigh ? O is èigin do'n ni sin a blii 
brònach an uair a thig aon bhàs air muin bàis eile. 
Faodaidhstaidduine anns a' bheatha so a bhi urram- 
ach, agus gidheadb faodaidh a staid a thaobh beatha 
eile a bhi sgriosach ; tha Lasarus bochd a' dol do 
nèamh, an uair à tha Dibhes saibhir a dol do 
dh'ifrinn. Is fearr dol do nèamh bochd, na dol do 
dh'ifrinn saibhir. O mo chàirdean ! rachamaid do 
nèamh le smuainteachadh, chum's nach tèid sinn gu 
bràth do dh'ifrinn ìe dìteadh. 

4. Beachdaichibh air nèamh, ionad a ta ro 
aoibhneach. " Thigibh, a dhaoine beannaichte 
m' Atharsa, sealbhaichibh mar òighreachd an rìogh- 
achd a ta air a deasachadh dhuibh o leagadh 
bunaite an domhain." (Mat. xxv. 34.) Is ionad 
nèamh anns am beil na h-uile aoibhneas air a 
mhealtainn, subhachas gun dubhachas, solus gu'n 
dorchadas, milìseachd gu'n searbhas, beatha gu'n 
bhàs, fois gu'n saothair, pailteas gu'n bhochdainn. 
O, ciod an t-aoibhneas a thig a steach do'n chreid- 
each, an uair a dh'imicheas e steach do dh aoibh- 
neas a mhaighistir ! Cò nach saoithricheadh air son 
giòire leis an dìcheall a's ro-mhò? agus nach feith- 



Ju4 SLABHRAIDH OIR a' CHREIDICH 

eadh air son glòir leis an f haighidin is ro-mhò ! O 
ciod na nithe glòrmhor a ta ann an glòir! Righ- 
chathraichean-glòire, crùintean glòire, soithichean 
glòire, cndthrom glòire, riòghachd ghlòire ; ann an 
so tha Criosd a' cur a' ghràis air a chèile, ach an 
sud cuiridh e a ghlòir air a chèile ; ann an nèamh 
tha 'n crùn air a dheanamh air an son, agus air 
nèamh bithidh an crùn air a chaitheadh leo ; anns 
a' bheatha so tha cuid do nithibh matha aig na 
creidich, ach tha chuid eile agus a' chuid is ro- 
fhearr air achomhid air son na beathari teachd. O 
mo chàirdean ! beachdaichibh air nèamh, oir ni 
beachdachadh mu nèamh sinne nèamhaidh; an uair 
a tha ar smuainteach agus ar caithe-beatha air 
nèamh, an sin tha sinn a' mealtainn nèimh air thal- 
amh ; a bhi ann an Criosd is nèamh e bhos, agus a 
bhi maille ris is nèamh e shuas : cha n-urrainn bith 
na's fearra bhi air ar son-ne, na sinne bhi maille ris 
a bhith a'sro-fhearr. " Oir dhomhsa bhi beò is e sin 
Criosd ; agus bàs f haighinn is buannachd dhomh 
so." (Phil. i. 21.) Bha Pòl air a dheanamh 
toilichte gu fuireach tamull à nèamh, chum's gu'n 
tugadh e anmannan eile do nèamh ; bha bheatha 
dhaibh-san ro fheumail, ach bha bhàs dhasan ro 
tharbhach. Biodh ar staid ciod air bith cho mòr, 
is ifrinn e as eugmhais-san ; agus biodh ar staid 
ciod ar bith cho olc, is nèamh e maille ris-an ; 
" Bfhearr leam a bhi ann an ifrinn maille ri 
Criosd no bhi ann an nèamh as eugmhais" arsa 
Luther. Gu firinneach bhiodh ifrinn fèin 'na 
nèamh nam biodh Dia innte, agus bhiodh nèamh 
na h-ifrinn nam biodh Dia as : Is e an ni sin a ta 
f agail nèimh cho làn do dh'aoibhneas, gu'm beil e 
os-ceann nan uile eagal, agus is e an ni sin a ta 



SLABHRAIDH OIR a' CHREIDICH. 185 

fàgail ifrinn cho lan uabliuinn, gu'm beil i air a 
dn.iideadh suas o na h-uile dochas. Snàmhaidh 
soithichean nan gràs ann am fairge na glòire : an 
so cha leòir an talamh uile air son aon duine, ach 
an sin is leòir aon nèamh air son nan uile dhaoine 
a bhios air an saoradh o mheasg dhaoine le Criosd; 
chì creideach le sùil a ta air a glanadh.an ni achi ean 
ùine ghearr le a sùil a ta air a glorachadh ; faodaidh 
siun labhairt mu mhòrachd ar crùintean, ach cha 
bhi f hios gu bràth againn air cudthrom ar crùintean 
gus am bi iad air an càradh air ar cinn. Is e soan 
dara tinne. 

III. " Suidhichibh faire bhur caithe-beatha le 
Grian na fireantachd ;" — Mal. iv. 2. 

Bithibh beò ann an litrichibh soilleir, agus 
gleidhibh leabharaichean bhur caithe-beatha ghan o 
bhuill dhubha agus o shalachar, chum's gu'm bi na 
litrichean aca air an leughadh leis na h-uile, agus 
thugaibh suas iochdar bhur caithe-beatha a 
dh'ionnsaidh mullach bhur soluis. Is ann an sin 
a mhàin a ghìuaiseas uaireadair bhur caithe- 
beatha gu h-ionraic, an uair a ta e air a suidheach- 
adh le gathan Grian na fìreantachd. " Dh'fhoill- 
sicheadh gràs slàinteil Dhè do na h-uile dhaoine 
a' teagasg dhuinn gach mi-dliiadhachd agus ana- 
mhianna saoghalta àicheadh, agus ar beatha a 
chaitheadh gu stuama, gu cothromach, agus gu 
diadhaidh anns an t-saoghal so làthair." Titus ii. 
11,12. 

Iadsan nach gèill do theagasg gràis, cha mheal 
iad gu bràth slàinte gràis. O, caithibh bhur 
beatha air dhòigh is gu'm faod am facal a thug 
slàinte a dh'ionnsaidh bhur n-anmannan, bhur n-an- 
mannan a thoirt a dh'ionnsaihh slàinte, chum's gu'm 



186 SLABHRAltfH OIR a' CHREIDICH. 

bi sibh 'n-ar leithidibh do sheudaibh gràis, is a bhios 
air an glasadh suas an an ciste na glòire. Cha n-eil 
Athair na soiilse a' gabhail tlachd sam bith ann an 
clann an dorchadais : "Gu ma h-ann mar sin a 
dhealraicheas bhur solus an làthair dhaoine," (Mat. 
v 16.) Is eigin dhuinn dealradh ann an gràs mu'n 
dealraich sinn ann an glòir. Iadsan a tha 'g amh- 
arc air son nèimh air ullachadh, bu chuidhe dhaibh 
am beatha a chaitheadh mar gu'm biodh iad ann an 
nèamh cheana. 

Tha ceithir nithe ann a ta deanamh creutair 

nuadh : — Solus. — Beatha Naomhachd agus 

Deagh oibre. Feumaidh clann an t-soluis armachd 
an t-soluis a chuir orra. 

Cha n-urrainn mi gu'n bheachdachadh gu bròn- 
ach air neo-sheasmhachd luchd-aidmheil lobhta. 
Bithidh iomadh hosannah aig Criosd air a cìiùthach- 
adh, ach aig Criosd air a dhìteadh bithidh iomadach 
luchd-ceusaidh ; ach is urrainn fior chreideach dol 
maille ri Criosd a dh'ionnsaidk a chroinn, far am 
beil e ri bhi air a cheusadh, cho math 'sa's urrainn e 
dol maille ris a dh'ionnsaidh na rìgh-chathrach 
far am beil e ri bhi air a ghlòrachadh. Och, cia 
neo-fhreagarach a ta caithe-beatha cuid do 
luchd-aidmheil ri solus luchd-aidmheil? Is aithne 
dhaibh mòran, ach is beag a ni iad ; is aithne 
dhaibh am math a tha aca r'a dheanamh, ach cha 
dean iad an ni is aithne dhaibh ; labhraidh iad mu 
nithibh a tha shuas, ach tha iad a gràdhachadh 
agus an toir air na nithe tha bhos. Cha n-e 
ciod a their duine idir, ach ciod a ni an duine 
a dhearbhas an duine : a radh gu'n dean sinn, 
a^rus gun a dheanamh, cha n-eil ann ach sin fein 
a mhilleadh. Thugaibh an aire, a chàirdean, nach 



SLABHRATDH OIR a' CIIREIDICH. 187 

toir sibh sibh-fèin do dh'ifrinn le briathran nèamh- 
aidh. Ciod e a th' aig an t-saoghal an aghaidh 
luchd-aidmheil ach so, gu'rn beil iadsan a tha 'g 
eigheach an aghaidh uabhair ni's mò 'na dream eile, 
iad fein cho uaibhreach ri dream eile ; tha iad a'g 
èigheach an aghaidh sainnt ni's mò na dream eile, 
ach tha iad fèin cho sanntach ri muinntir eile : tha 
iad gu tric a' coinneachadh le chèile gu bhi na's 
fearr, ach cha n-eil iad ni air bith na's fearr air son 
an coinneachaidb. Dean ach an aidmkeil a thoirt 
airfalbh, agus tha thu 'toirt air falbh an diadhachd, 
cha n-eil ni sam bith aca do'n choltas ach an 
craiceann ; tha iad na's fearr 'nan taobh a mach na 
tha iad 'nan taobh a staigh. 

O mhuinntir ionmhuinn, ma tha mi-dhiadhachd 
olc, c'arson a tha sibh ga aideachadh cho mòr? 
agus ma tha mathas math, c'arson a tha sibh a' 
deanamh cho beag gu chur an gniomh? An dara 
cuid gabhadh Criosd 'n-ar caithe-beatha, air neo 
tilgibh e ma-ch as bhur bilean ; an dara cuid 
thugaibh tuilleadh gèille da àintaibh, no na gairm- 
ìbh Tighearna dheth ni's mò : an dara cuid faigh- 
ibh ola 'n-ar locbrannan no tilgibh air falbh bhur 
lochrainn. A bhi 'na fhear-aidich air diadhachd 
agus 'na fhear cur an gniomh aingidheachd, is 
gràinealachd e do'n Tighearna. B'àill le cuid nach 
sàmhlaichte riu a bhi olc, agus an deigh sin b'àill 
leo a bhi mar sin ; b'àill le cuid eile a bhi math, 
agus an deigh sin cha b'àill leo gu'n amhairceadh 
iad mar sin : an dara cuid bi mar a tha thu 'g 
amharc, no amhairc mar tha thu. Tha mòran ann 
a ^habhas rugha gruaidhe nam peacannan aideach- 
adh, nach do ghabh rugha gruaidhe riamh 'nam 
I^eacaTinan a chuir an gniomh. Cha n-eil ni sam 



188 SLABHRAIDH OIR a' CHREIDICH. 

bith air a dheanamh ann an diomhanas, ach ni a 
tha gu diomhain air a dheanamh. O Chriosdaidhean 
thugaibh bhur soluis a chum an t soluis. Ciod an 
dorchadas is urrainn iadsan a dhorchachadh aigam 
beil grian os an ceann. An uaira tha coinnlean 
nan chreideach air an cur as, U urrainn iad solus 
fhaotainn o Ghrian najireantackd. Mar isdlùithea 
tha sibh do leithidsodo ghrèin, is ann is soilleire a 
bhitheas ? ur solus. O, a Chriosdaidhean, cha n-eil 
sibh aig am sam bith na's fearr air son bhur soluis, 
mar eil sibh air bhur deanamh na's fearr le bhur 
solus ; an tì a tha peacachadh an aghaidh a shoìuis, 
peacaichidh e air falbh a sholus mu dheireadh. 
Mar cuir do sholus an saoghal a^us am peacadh 
fo d' chasaibh, cha chuir e gu bràth crùn glòire air 
do cheann. Is e so an treas tinne. 

IV. Bithibh toileach an ni sin a sheachnadh nach 
eil Dia toileach a thoirt dhùibh. 

Mar nach eil aig Dia uair sam bith na's lugha air 
son nan tròcairean a tha e toirt seachad, mar sin 
cha n-eil uair sam bith an tuilleadh aige, air son an 
dleasanais a tha e faotainn ; tha'n duine fo leithid do 
dh-feich aig Dia, is nach urrainn e gu bràth 
a dhlighe iocadh do Dhia : tha sinn cho fada o 
iocadh na feoirling dheireannaich, is aig a' chuid is 
faide nach eil feoirling againn ri iocadh , cha n-eil 
duine ann nach d'fhuair ni's mò do mhath na tha e 
toilltinn, agus nach d'rinn ni's mò do dh'olc na 
dh'fhuilig e air a shon ; uime sin bu chòir dha bhi 
toilichte ged nach meal e ach beagan matha, agus 
gun a bhi mi-thoilichte ged dh'fhuilig e mòran uilc. 
" Uime sin air dhuinn biadh agus eudach a bhi 
againn, bitheamaid toillichte leo sin." (1 Tim. vi. 8.) 
Tha Criosdaidh ri gèill a thoirt do thoil Dhè ann 



SLABHRAIDH OIR A* CHRE'IDICH. 189 

an roinn a thiolacan cho math is do thoil Dhè* ann 
nachdaranachd ; tha 'n duine sin a' faotainn a thoil 
o Dhia, a ta cur a thoil fo ghèill do Dhia ; cha bhi 
cridhe gràsmhor gu bràth a mach as a chridhe- 
san, do bhrigh gu'n tubhairt e, <; Cha'n fhàg, agus 
cha trèig mi arn feasd thu ;'' (Ea|)h. xiii. 5.) An 
tì a thubhairt e, cha ghairm e air ais e ; uime sin 
thngaibh suas bhur toileachas-inntinn ann an 
òrduchadh Dhè. Cha n-eil sinn gu bhi fo thrioblaid 
air son an ni so, is e sin, nach eil tuilleadh earrais 
againn o Dhia : achthasinn gu bhi fo thrioblaid air 
son so, is e sin, nach eil sinn a' deanamh tuilleadh 
air son Dhè ; ged a ta toil aig a Chriosdaidh dha 
fein, gidheadh cha tig e do Criosdaidh a thoil fèin 
a dheanamh ; is fearr toileachas-inntinn as eugmhais 
an t-saoghail, na 'n saoghal as eugmhais toileachas- 
inntinn. A Chriosdaidh faigh cridhe naomh', agus 
bithidh do staid air thalamh barraichte, seadh, 
bithidh do staid air thalamh lan-iomchaidh ; a 
Chriosdaidh, nach eiì Dia toileach saibhreas a thoirt 
dhut? O, an sin bi thusa toileach saibhreas a 
slieachnadh. Nach eil Dia toileach slàinte a thoirt 
dhut ? O an sin bi thusa toileach slàinte a sheach- 
nadh. Nach eil Dia toileach clann a thoirt dhut? 
O an sin bi thusa toileach clann a sheachnadh. 
Nach eil Dia toileach t-iarrtas a thoirt dhut o'n ni 
so no do'n ni ud ? O, an sin bi thusa toileach nan 
nithe sin a sheachnadh. Tha sinn iomadh uair a 
seasamh n'ar solus fèin. Cha robh dream sam bith 
do. na naoimh riamh 'nan luchd-gearraidh dhaibh 
fein, nach do ghearr am meòir fèin mu'n robh iad 
ullamh: Lot, tha fhios agaibh, bha e air a chur 
a dh'ionnsaidh a roghainn f'èin, agus roghnaich 
e Sodorn ; ach tha fhios agaibh gu'n thachair 



190 SLABHBAIDH OIR a'CHREIDICH. 

nach b'fhada gus an robh Sodom air a losgadh. 
Mar sin thuirt Rachel, " Thoir dhomh clann, no 
gheibh mi bàs ;" bha leanabh aice, ach chosg e a 
beatha dh'i ? Dh'iarr Abraham beatha Ismael, ach 
cha robh aige ach beag comhfhurtacad dheth rè a 
laithean. Uime #in, a Cforiosdaidhean gràdhach, 
cuiribh bhur toil fo cheannsal toile Dhè ; bithidh a 
thoil aig an anam sin o Dhia nach iarr ni sam bith 
ach an ni is àill le Dia: deanaibh cùram a gabhail 
do na h-uile ni a bhuineas do Dhia, agus gabhaidh 
Dia cùram do na h-uile ni a bhuineas dhuibhse. 

Cha n-eil e ach 'na ni reusonta gu'n cuireadh Dia a 
mach orrasan ann an cùrsa a fhreasdail, a ta tuiteam 
air falbh uaithe-san ann an cùrs ùmhlachd. Tha 
daoine aingidh a' deanamh an ionmhais do'n 
t-saoghal, agus tha Dia a' deanamh an t-saoghail na 
phian dhaibh : an uair a tha iad a dhì oigreachdan, 
tha iad fo thrioblaid air son sin ; agus an uair a ta 
òighreachdan aca, tha iad fo thrioblaid leo. Tha 
daoine cànranach a' smuainteachadh gur tuilleadh 
sa chòir gach ni a th' air a dheanamh leosan, agus 
gur tuilleadh is beag gach ni a tha air a dheanamh 
air an son : tha Dia cho fad o iadsan a thoileach- 
adh le thròcair, is a tha iadsan o esan a thoileach- 
adh le 'n dleasdnas. Is e mi-thaingealachd an 
t-aobhar air neo-thorrachas na talmhuinn. Nan 
creideadh duine nach diobradh an Tighearna a 
chorp, cia cùramach a dh'amhairceadh e an deigh 
anma! is e an duine Criosdail amhain a tha 'na 
dhuine toilichte : cha n-eil e connsachadh ri Dia air 
hon thròcairean a tha air an àicheadh, ach tha e 
beannachadh Dhè air son thròcairean a tha air am 
huileachadh. Mar is airde a tha 'n Criosdaidh air 
a thogail os-ceann nithe talmhaidh, is ann is mò a 



SLABHRAIDH OIR A* CHREIDICH. 191 

tha e air eigneachadh le aoibhneas nan nèamh. Is 
e so an ceathramh tinne. 

V. Ceusaibh bhur peacannan, a rinn bhur Sìàn- 
aighear a cheusadh. 

" Iadsan a's le Criosd," arsa Pòl, " cheus iad an 
f heòil. maille r'a h-an-tograibh agus a h-ana-mhiann- 
aibh ;" (Gal. v. 24.) An do sgoilteadh na creagan 
an uair a bhàsaich Criosd air son ar peacannan, agus 
nach dean ar cridheachan-ne reubadh a chaith ar 
beatha 'n-ar peacannan ? O bu chòir do na tàirn- 
ean a lot a làmhan-san, a nise na cridheachan 
againne a lot, bu chòir dhaibh iad fèin a lot le'r 
doilghiosaibh, a rinn esan a lot le am peacannar, ; 
— iad-san càmpar a chuir air a Spiorad-san, bw 
chòir dha so càmpar a chuir air an spioradan-sa. 
O ! gu'm bithinn riamh am leanabh cho olc dhasan 
a bha 'na Athair cho math dhomhsa ! B'e ar peac- 
annan ar n-uabhas bu ro mhò, agus b'e ar Slànaigh- 
ear ar fear cuideachaidh a bu ro roghnaichte. 

O ! cuiribh am peacadh gu bàs, ni a b'aobhar do 
bhàs Chriosd ; nam marbhadh neach ar n-athair, an 
deanamaid a dhlù-ghabhail d'ar n-ionnsaidh mar ar 
caraid, leigeil leis ithe aig ar bòrd ; nach bu 
dàcha sinn ga fhuathachadh, agus grà:n a ghabhail 
do dh'fhior shealladh dheth ; na'n deanadh nathair- 
nimhe do chèile ro ghràdhach a lot gu bàs, an 
gleidheadh tu beò i, le blàthachadh aig an teine a 
gabhail do d' bhroilleach, nach bu dàcha thu ga 
sathadh 1e mìle lot? agus nach b'iad ar peacannan 
a b' aobhar agus a b'inneal do bhàs Chriosd ? Nach 
b'iad na h-inneil-sgiùrsaidh a sgiùrs esan, na tàirn- 
ean, na cùird, an t-sleagh, an droigheann a rinn 
esan a lot, agus a tharrainn fuil a cridhe uaithe-san ? 
agns an urrainn dhuinn ar peacannan a ghràdhacli- 



192 SLABHRAIDH OIR A* CHREIDICH. 

adh a mharbh ar Slànaighear ? An urrainn Cèile 
a fear-pòsda a ghràdhachadh, agus a cridhe a dhlù- 
ghabhail ri adhaltraiche ? Tha sinn a' gearan 
air peacannan Iudais agus nan Iudhach, agus tha 
sinn ag arnharc coltach r'am fuathachadh, agus 
smugaid a thilgeadh aig an ainmeachadh, agus an 
urrainn sinn ar peacannan Iudasach a ghràdhach- 
adh ; a chuir iad uile air ghleus, agus a chuir Criosd 
gu bàs ! agus gidheadh cia lionmhor a ta iad ann 
leis am b'f hearr fèin pheacach a shàsachadh, no fèin - 
pheacach a bhi air a cheusadh. O, is e am peacadh 
an cuspair air am beil uile shaighdean an dioghaltais 
airantilgeadh. Marbhitheadhampeacadh,chabhiodh 
toiseach riarnh aig a' bhàs, agus mar bhitheadh am 
bàs, chabhiodhcriochgubràthaiga'pheacadh. Thòis- 
ich duine air a bhi doilghiosach, 'nuair a thòisich e 
ri bhi peacach. Shèid gaoth ar n-ana.mhiannaibh 
as coinneal ar beatha. Mar biodh ni sam bith aig 
duine ri dheanamh ri peacadh, cha bhiodh ni sam 
bith a ; g a' bhàs ri dheanamh ri duine. 

Och, an tug peacadh doilghios a steach do'n 
t-saoghal ? O an sin deanadh doilghios peacadh a 
ghiùlan a mach as an t-saoghal. Do na h-uile olc 
is e am peacadh an t-olc mòr : " Is e tuarasdal a' 
pheacaidh am bàs " (Rom. vi. 23.) O, t'ha e na' s 
measa na peanas, fògradh, agus cur am priosan : 
tha 'm peacadh a' marbhadh a' chuirp agus an anma 
araon, tha e tilgeadh a* chuirp do thalamh fuar a' 
lobhadh, agus an anma do'n ifrinn theth a' losgadh. 
O, air sgàth an Tighearna, smuaintichibh air a so, 
agus guilibh air son so 'na thràth : deanadh glaodh 
bhur n~ùrnuighean, buadhachadh air glaodh bhur 
peacannan. 

Cha n-urrainn ni sam bith an teine a rinn am 



SLABHRAIDH OIR a' CHREIDICH. 193 

peacadìi a lasadh a mhùchadh, ach an t-uisge a 
thainig an co-lorg aithreachas. " Ma dh' aidicheas 
sinnarpeacannantha esanfirinneach,agusceartchuni 
ar peacannan a mhaitheadh dhuinn, agus arglanadh 
o gach uile neo-fhireantachd \ (1 Eoin i. 9.) Cha 
n-eil naomh saor o pheacadh, is e sin uallach : cha 
ii eil naomh saor gu peacadh is e sin aoibhneas ; 
tha'm peacadh 'na anam, is e sin a thùrsa cha n-eil 
anam ann am peacadh, is e sin ashòlas. Mar dean 
sibh peacadh ann bhur bròn, an sin deanaibh bròn 
air son bhur peacaidh. Is e so an cùigeamh tinne. 
VI. Beannaichibh Dia gu ro mhor, sibhse a ta 
gu ro mhor air bhur beannachadh : " Tha Dia 
math do na h-uile, ach do dh'Israel tha e gu deimh- 
in math ,eadhon dhaibh-san a tha glan 'nan cridhe ;" 
(Salm sxxiii. 1.) Cha n-urrainn dhaibh gu bràth 
na's leòir a labhairt mu Dhia, a bhlais do mhathas 
Dhè : Cha ni air bith ach reusan gu 'm beannaich- 
eadh iadsan gu ro mhòr, a tha gu ro mhor air am 
beannachadh. — Iadsan aig am beil na gabhalaichean 
is mò, is eigin dhaibh na màil is mò iocadh : tha 
tròcairean eadar-dhealaichte, a gairm air son dleas- 
nais eadar-dhealaichte. Tha e ro iomchaidh gu'm 
biodh esan air ardachadh leinne, atha ga'r fàgail-ne 
iomchaidh gu bhi air ar glòrachadh maille ris-an, O 
Chriosdaidhean, ma ghairm e as bhur dòrchadas 
iongantach sibh a chum a sholuis iongantaich-san, 
bu chuidhe dhuibhse f heartan iongantach-san a chur 
an cèill : " Ach is ginealach taghta sibhse, sagart- 
achd rìoghail, cinneach naomha, sluagh sònraichte ; 
chum gu'n cuireadh sibh an cèill feartan an ti a 
ghairm a dorchadas sibh chum a sholuis iongantaich 
fèin." (1 Pead. ii. 9.) Cha bu chòir do dhaoine 
s 



194 SLABHRATDH OIR A* CHKEIDICH. 

glòir a dheanamh anns an ni a fhuair iad, ach bu 
chòir dhaibh glòir a thoirt seachad air son an ni a 
f huair iad ; is eigin gur e glòir Dhè na cuspair- 
ean òir, air am beil uile shaighdean an dleasnais air 
an tilgeadh : tha gràs n-ar cridheachan coltach ri 
reulltan anns an athar, nach eil a dealrachadh idir 
le 'n soillse fèin, ach leis na gathan a tha air f haot- 
ainn o Ghrian na Fireantachd. " A' tabhairt buidh- 
eachais do'n Athair, a rinn sinne iomchaidh chum 
bhi 'n-ar luchd-comh-pairt do dh'oighreachd nan 
naomh 'san t-solus," Col. i. 12. 

Mar bu chòir do na meadhonnan is ro f hearr ar 
deanamh torrach, mar sin bu choir do na tròcairean 
is ro-fhearr ar deanamh taingeil. Am faighnaomh 
Dia na mhaighistir a tha toirbheartach,agusamfaigh 
Dia aon do na naoimh na shèirbhiseach neodhleas- 
anach ? Ma tha e toirt dhuinn sonais sam bith r'a 
shealbhachadh cha n-eil e ga thoirt ach a chum 
aoidheachd, na gabhaiì roimhe fèin. Cha bhi esan 
a dh'easbhuidh tròcair gu bràth, a tha dheth fèin 
tròcaireach. 'S e Dia a bheannachadh air son thròc- 
airean, an dòigh gu 'm meudachadh ; Dia a bhean- 
nachadh air son thruaighean an dòigh gu'n cuir air 
falbh : cha'n f huirich math sam bith cho fada ris an 
ni sin a ta air a ghnàt'hacadh gu taingeil ; cha mhò 
a bhàsaicheas olc sam bith cho luath ris an ni sin a 
ta air aghiùlan gu faighidneach. O Chriosdaidhean 
thugaibh bhur n uile ghlòir dhasan, a thug uile 
ghlòir fèin dhuibhse, agus deanaibh mar a ta a 
mhuinntir ghlòraichte sin a' deanamh ann an glòir. 
** Thuit na ceithir seanairean fichead sìos an làthair 
an Tì a bha 'na shuidhe air an righ-chathair, agus 
rinn iad aoradh dhasan a ta beò gu saoghal nan 






SLABHRAIDH OIR a' CIIREIDICH. 195 

saoghal, agus thilg iad siosan crùintean an làthair na 
rìgh-chathrach, ag radh, Is airidh thusa, a Thigh- 
earn,air glòir agus urram,agus cumhachd fhaotainn ; 
oir chruthaich thu na h-uile nithe, agus air son do 
thoile-sa tha iad, agus chruthaicheadh iad," (Tais. 
iv. 10, 11.) Na h-uile ni a tha agaibh is ann o Dhia 
a shruth e, bitheadh na h-uile ni a ta agaibh air a 
philleadh a dh'ionnsaibh Dhè : mar is mò a tha 
làmh Dhè* air a sgaoileadh ann an sinne bheann- 
achadh, is ann is mò a bu chòir d'ar cridheachan-ne 
a bhi air an cur am farsuinneachd gu Dia a bheann- 
achadh. O chreidheachaibh ! chuir e gruaim air 
ri dream eile, ach dh'amhairc e oirbhse le aoidh, 
ghabh e seachad air dorsan muinntir eile, agus 
bhuail e aig bhur dorsan sa ; rinn e sibhse 'n-ar 
solus, an uair atha muinntir eile'nandorchadas; thug 
e sibhsebeò,an uair a tha muinntir eile marbh; rinn e 
sibhse 'n-ar n-oigreachan air glòir, an uair a tha 
muinntir eile 'nan cloinn feirge ; rinn e sibhse 'n-ar 
mic, 'nuair a tha dream eile nan tràillean ; rinn e 
sibhse na's airde no na h-ainglean, an uair nach fearr 
muinntir eile na deamhnaibh : so rinn e, agus tuill- 
eadh air bhur sonsa a tha 'n-ar creideich. A nise 
nach eil mòr aobhar agaibh Dia a bheannachadh ? 
Am feadh a tha duine a beannachadh Dhè air son a 
thròcairean, tha Dia a beannachadh duine le a 
thròcairean An urrainn duibh fhaotainn a mach 
dhomh am math sin nach eil air a thoirt dhuibh, no 
an t-olc sin nach eil air a mhathadh dhuibh ? tha 
Dia a toilltinn ni's mò o' na h-uiìe Criosdaidh, no 
tha e 'g agar uapa : far am beil Grian na tròcair a' 
dealradh na's ro-theotha, an sin bu chòir do thoradh 
nan gràs fàs ni's ro àillidh. Is e so an seathadh 
tinne. 



i£6 SLABHRAIDH OIR a' CHREIDICH. 

VII. Na gabhaibh geilt roi' eagal dhaoine. 
Cha n-f haod eagal a bhi oirne roimh dhaoine 
aingidh ge b'e air bith cho cumhachdach, no 'n 
leantainn, ge b'e air bith cho Iionmhor : " Na biodh 
ragal na muinntir sin oirbh a mharbhas an corp," 
(jirs ar Slànaighear beannaichte,] " ach aig nach 
eil comas an t-anam a marbhadh :" (Mat. x. 28.) 
Ma bheir aobhar fireanta sinn a chum fulangais, 
bheir Dia fìreanta sinn a mach à fulangas : ma 
dh'fhuiligeas sinn air son deagh-dheanadas, ni sinn 
gu math ann am fulangas : an sguir sinne 'bhi n-ar 
luchd-aidmheil, a chionn nach sguir muinntir eile 
bhi 'nan luchd-geur-leanmhuinn : ma dh'f huiligeas 
nbh air son deagh-dheanadas, ars an sgriobtur, is 
sona sibh. Ciod, am buill sibh do Chriosd, agus 
gidheadh fogheilt gubhi 'n-ar mairtirich air a shon ? 
Ciod, am beil clann Dhè fo gheilt roi chlann an 
diabhoil ? Am beil clann an t-soluis fo gheilt roi 
chlann an dorchadais ? Am beil clann nèimh fo 
gheilt roi chlann na fèirge? Ciod ged a tha sibhse 
ìag, tha bhur Rìgh laidir? Ciod ged is uain sibhse 
am measg mhadhraidh-allda, is e an leòghan do 
threubh ludaih bhur Ceannard ? Ciod ged nach eil 
aon chumhachd agaibse, '« thugadh do Chriosd 
araon gach uile chumhachd air nèamh agus air tal- 
arah." (Mat. xxviii. 18.) Is miosa eagal roimh 
gheur-leanmhuinn no geur-leanmhuin fèin ; an tì 
a chailleas beatha shuarach air son Chriosd, gheibh 
e beathana's fearr ann an Criosd; geur-Ieanmhuinn, 
ged a bheir i bàs ann an aon làimh, tha i toirt 
beatha anns an làimh eile ; ged a marbh i an corp, 
tha i crùnadh an anma ; tha i a' cur a' chuirp a 
chum an duslaich, agus an spiorad a chum fois ; is e 
'u ni a's ro-mheasa is urrainn iad a dheanamh 



SLABHKAIDH OIR A' CHREIDICH. 197 

'n-ar n-aghaidh, an ni is ro fhearr is urrainn iad 
a dheanamh air bhur son ; is e an ni is ro-mheasa 
is urrainn iad a dheanamh air cur a mach as an 
t-saoghal, agus is e an ni is ro-fheaar is urrainn 
iad a deanamh air bhur son, bhur cur suas do 
nèamh ; tha iad a' toirt uaibh beatha nach urrainu 
sibh a ghleidheadh, agus a buileachadh beatha 
oirbh nach urrainn sibh a chall. Ma tha iad 
beannaichte ata faighinn bàis anns an Tighearna, O, 
cia beannaichte iadsan a gheibh bàs air a shon-san ! 
Am beil daoine aingidh a' deanamh glòir anns an 
ni sin is e an nàire, agus am bi nàire oirnne do'n ni 
sin is e ar glòir ? Tha e na urram a bhi air eas- 
urramachadh air son Chriosd. Ciod e sonas gearr 
le truaighe shiorruidh maille ris, an coimeas ri truaighe 
ghearr agus sonas siorruidh ? O cia soilleir a dheaì - 
raicheas Grian na fireantachd, an uair a tha na neòil 
dhorcha sin air am fuadach thairis ! Ciod ma tha iad 
g'ar bagairt le bàs obann, nach eil Dia g'ar bagairt 
le bàs siorruidh ? Mar eil sibh air bhur riaghladh 
leis-an, cò am bagradh roimhe am bu chòir dhui 
eagal a gabhail ? Am beil duine na's uabhasaiche 
na Dia? Am beil bàs ni's uabhasaiche na ifrinn ? 
thuirt Dia, " Cò thusa gu'm biodh eagal ort roimh 
dhuine a gheibh bàs, agus roim'h mhac an duine a 
nithear mar am feur?" (Isa. li. 12.) Am beil sibh 
a' faicinn, a' Chriosdaidhean, cha b'àill le Dia gu'm 
biodh geilt oirbh roimh dhaoine: an tì air am beil 
eagal roimh dhuine tha eagal air ro'n fheur; " Na 
biodh eagal ort, oir tha mise maille riut ; na biodh 
geilt ort, oir is mise do Dhia ; neartaichidh mi thu, 
seadh cuidichidh mi thu, seadh cumaidh mi suas thu 
le deas-laimh m'fhìreantachd," (Isa. xli. 10.) Dean- 
adh luchd-aidmheil an ni is fearr a tha 'nan comas, 



198 SLABHRAIDH OIR a' CHRFIDICH. 

agus leigibh leis an t-saoghal an ni is measa a tha 
'nan comas a dheanamh. Is e so an seachdamh 
tinne. 

VIII. Dìù-leanaibh na's dlùithe ris an fhirinn 
sin is roghnaiche. 

Air tùs, Bithibh air son èisdeachd agus deanamh 
araon, ach air son deanamh na's mo ; an tì a ni am 
barrachd gheibh e am barrachd ; a Chriosdaidhean, 
mar is mò a bheir sibh do ghlòir a dh'ionnsaidh 
Dhè, is an is mò a bhitheas do ghlòir agaibh o Dhia. 
O, cia pailt a bhitheas iadsan ann an obair an Tigh- 
earn, aig am beil fios nach eil an saothair diomhain 
anns an Tighearna, 1 Cor. xv. 58. 

Anns an dara h-àite, Bithibh air son eòlais 
agus cuir an gniomh araon, ach air son cur an 
gniomh na's mò. Mo thruaighe! ciod e gun a bhi 
na Chriosdaidh na's faide no thèid beagan do 
bhriathran matha ? A deiream ruibh, a chàirdean, 
nach tionndaidh briathran matha as eugmhais deagh 
oibre gu bràth gu deagh chunntas ; cha treòraich 
briathran naomh' as eugmhais gniomharran naomha, 
bhur n-anmannan gu bràth do dh'ionad naomha. 

Anns an treas àite, Bithibh air son tiodhlacan 
agus gràsan araon, ach air son gràsan na's mò. Is 
fearr cridheair a naomhachadh na teangaaira còmh- 
dach le airgead. Bheir gràs Criosd agus t-anam 
cuideachd, agus aonaidh e iad r'a chèile. A dh'eas- 
hliuidhgràis faodaidh sàmhla eòlas a bhi ann, ach 
as eugmhais gràis cha n-urrainn aon eòlas a tha 
slàinteil a bhi ann. 

Anns a cheathramh àite, Bithidh air son creideas 
agus coguis araon, ach air son coguis na's mo. 
Far am beil coguis ghlan, bithidh caithe-beatlia 
glan. Mar nach urrainn aon bhrionnal droch-coguis 



6LABHRAIDH OIR a' CHREIDICH I9C 

a leigheas, cha mho is urrainn an-iochdmhorachd 
deagh-choguis a dhochann. 

Anns a' chùigeamk àite, Bithibh math ann an 
aimsiribh-matha, agus ann an droch aimsiribh cuid- 
eachd, ach na's mò ann an droch aimsiribh. Gu 
bhi math anns na h-uile aimsir is e dleasanas a' 
Chriosdaidh ; ach gu bhi math ann an droch aim- 
siribh is e glòir a' Chriosdaidh. Cha n-urrainn sibh 
coiseachd ann an ceumannan ar Slànaighear, gu'n 
bhlasad do chupan ar Slànaighear. " Seadh," 
deir an t-Abstol, "fuilgidh iadsan uile leis an àill 
am beatha a chaitheadh gu diadhaidh ann an Iosa 
Criosd geur-leanmhuinn." 

Anns an t-seathamh àite, Bithibh air son cuirp 
agus anma araon, ach na's mo air son an anma. 
O cia cùramaeh a ta daoine air son an cuirp, ach 
cia neo-churamach a ta iad air son an anmannan ? 
Tha iad dìleas do'n chuid a taan leth a muigh, ach 
neo-dhdeas do'n chuid a ta 'n leth a staigh. Mar 
sin, ma d'fhaodas iad ach ni eigin do'n t-saoghal a 
bhi 'nan làmhaibh, cha n-eil sùim aca ged nach eil 
ni sam bith aca do nèamh nan cridheachaibh. O 
Chriosdaidhean, tha ar n-obair gu h-iosal uime sin 
na ? s ro-fhearr air a deanamh, an uair a ta ar n-obair 
gu h-ard air a deanamh an toiseach. Is e an 
sonas is ro mhò aig a' chreutair, gu'n an creutair a 
bhi aig neach air son a shonais. 

Anns an Useachdamh àite, Bithibh air son sìth' 
agus firinn, ach na's mò air son firinn. O Chriosd- 
aidhean, gràdhaichibh an fhirinn ann am firinn, 
gràdhaichibh firinn Dhè ann am firinn ; fireanaich- 
ibh an fhìrinn, agus fireanaichidh an f hirinn sibhse. 
Gusan urrainn sibh an fhìrinn lòm a gràdhachadh, 
cha n-urrainn sibh gu bràth dèigh a bhi agaibh air 



200 SLABIIRAIDH OIR A* CHREIDICH 

imeachd ìumnochd air son na firinn. Cuimhnichibh 
sin, guidheam oirbh a Chriosdaidhean. 

Anns san ochdamh àite, Bithibh air son beatha 
agus Chriosd araon, ach na's mò air son Chriosd. 
Tha Criosd na's millse na fion, na's fearr na beatha ? 
an tì a thàinig a nuas tha e os-ceann nan uile : an 
tì aig am beil iuchair nèimh, is esan a mhàin is urr- 
ainn dorus nèimh fhosgladh. 

Anns san naoitheamh àite, Bithibh air son oibre 
agus creideimh cuideachd, ach na's mò air son 
creideimh. Is e creideamh an gràs is ro-fheum- 
aile, agus an gràs is ro-f hìrinniche ; creideamh nach 
oibrich idir, is creideamh e nach sàbhail idir ; 
cha nfhaigh ni sam bith suas do nèamh, a Chriosd- 
aidhean. ach an ni sin a thàinig a nuas o nèamh. 

Anns an deicheamh àite, Bithibh air son dleasnais 
fhollaiseach agus diomhair cuideachd, ach na's mò 
air son dleasnais dhiomhair. Bithibh pailt ann an 
dleasnais dhiomhair : ma thuiteas sibh gearr ann an 
ni sam bith, gu ma fearr leibh tighin gearr ann an 
dleasnais fhollaiseach, agus bithidh ro-phailt ann an 
diomhairachd: sibhse a lion leabhar Dhè le bhur 
peacannan, bu chuidhe dhuibh searrag Dhè a 
lionadh le bhur deòir. 

Ànns an aon àite-deug, Bithibh air son coltais 
agus cumhachd araon, ach na's mò air son cumh- 
achd, tha mi 'g radh ach na's mò air son cumhachd. 
A Chriosdaidhean, mo thruaighe ! ciod e coltas gun 
an cumhachd ? Tha iad a' toirt a' chupain agus a' 
ghlùin do Dhia, agus g'an toirt fèin suas do na 
h-uile gnè do dh'aingidheachd ghràineil. O Chriosd- 
aidhean, tha mi 'g ra(>h bithibh air son cumhachd, 
bithibh cinnteach gu'n amhairc sibh ris a sin, gu'm 
bi sibh ni's faide air son cumhachd na diadhachd na 
air son cotas diadhachd. 



SLABHRAIDH OIR a' CHKEÌDICH. £01 

Anns an dara h-àite-deug, Iarraibh daoine agns 
Dia a thoileachadh araon, ach gu ma fearr leibh 
Dia a thoileachadh : a bhi ann am fàbhar ris an 
dream a (ha mach à fàbhar Dè, a bhi air labhairt 
gu math umainn leosan a th' air labhairt gu h-olc 
umpa le Dia, is ann a tha e 'na mhasladh na's mò 
no 'na urram. Mar bhi eommunn eadar Criosd agus 
sibhse ann an naomhachd, cha bhi aonaehd eadar 
esan agus sibhse ann an naomhachd. Is e so an 
t-ochdamh. 

IX. Faighibh eòlas dhuibh fèin oirbh fèin. 

Is e deuchainn a chuir oirbh fèin an rathad 
ullàmh gu eòlas fhaotainn oirbh fèin. Cha toisich 
duine sam bith ri bhi math gus am faic se e fèin 
a bhi olc ; gus am faic sibh cho salach is a ta bhur 
n-aghaidhean, gu bràth cha n-fhaic sibh bhur feurn 
air fuil Chriosd chum an glanadh ; gu bràth eha 
n-urrainn an neach sin blasad gu firinneach do 
mhillseachd tròcairean Dhè, nach do bhlais riamh 
do shearbhas a thruaighe fèin. Tha grunnd ar 
n-euslaint 'na laidhe an so, nach eil sinn a' rann- 
sachadh ar n-euslaint gu ruig an grunnd. An tì a 
dh'earbas às a chridhe fèin is amadan e, agus gidh- 
eadh is sinne a leithid sin do dh'amadain a tha cur 
earbsa ? n-ar cridheachan. Faodaidh an caithe- 
beatha a bhi air f hàgail na's deagh bheusaiche, an 
uair nach eil na h-aignidhean air an naomhachadh. 
Faodaidh eòlas a bhi aig duine air gràs na firinn, 
nach d'aithnich riamh firinn a' ghràis. Air an 
aobhar sin ceasnaichibh sibh fèin, agus dearbhaibh 
sibh fèin ; " Am beil sibh sa' chreideamh no nach 
eil ;" (2 Cor. xiii. 5.) no am beil an creideamh 
annaibhse no nach eil ; am beil bhur cridheachan 
'nan ionadan falaich do leithid a sheud ; le dìth so 



202 SLABHRAIDH OR a' CHKEIDICH. 

tha mòran coltach ri luchd-siubhail, eolach ann an 
dùchannan eile, ach aineolach air an dùthaich fèin. 
r Fha mòran ann aig am beil dearbhaidhean an gràis 
ri iarraidh, far am bu chòir dhaibh dearbhaidhean 
an gràis a bhi aca ri leigeil f haicinn. O, mhuinntir 
ionmhuinn, tha mi 'g iarraidh oirbh le aslachaclh, 
a bhi na's tric a rannsachadh bhur cridheachan 
fein; tha e na*s cudthromaiche aithne a bhi agaibh 
air staid bhur cridheachan, na aithne a bhi agaibh 
air staid bhur n-uile ghnothaichean. Faodaidh duine 
aideachadh coltach ri naomh, ùrnaigh dheanamh 
coltach ri naomhjabhairt coltachrinaomh.sealltainn 
coltachri naomh,agusgidheadh gun a bhi'nanaomh. 
Cha n-urrainn sibh innseadh do ghnà ciod an 
uair a ta e ann am cridhe duine ìe amharc air 
uaireadair a ghnùise ; tha 'n sealladh is isle air 
amannan an ceangal ris a' cridhe is uaibhriche. 

A chreideachaibh, air sgàth an Tighearna, thugaibh 
deagh aire do na tri nithe sin. — Ciod a bha sibh 
ann an staid nàduir. — Ciod a ta sibh ann an 
staid gràis. — Ciod a bhitheas sibh anna an staid 
glòire. 

O ! shaoilinn gu'm bu chòir dhuibh smuainteach- 
adh air a so ; — ciod a bha sibh, a ta sibh, agus a 
bhitheas sibh. Tha iompachadh a' toiseachadh ann 
an smuainteachadh. Gràs, mar a dh'fhàgas e ar 
sòlasan na's millse, mar sin fàgaidh e ar crùn na's 
mò. A mhuinntir ionmhuinn, air sgàth Dhè air 
sgàth bhur n-anmannan, faigibh eòlas dhuibh fèin 
oirbh fèin : is e an dòigh is deise gu aithneachadh 
am beil no nach eil sibh ann an Criosd, gu fios 
f haotainn am beil no nach eil Criosd annaibhse ; oir 
a ta an toradh na's faicsinniche no an fhreumh. Tha 
craobh na fireantachd air ah-aithneachadh le toradh 



SLABKRAIDH OIH A ? CHREIDICH. 203 

na fireantachd ; " Oir aithnichear gach craobh air 
a toradh," (Luc. vi. 44.) thuirt ar Tighearna 
losa Criosd ; nam b'àill leibh cridhe bhur peacann- 
an a thuigsinn, is eigin dhuibh an sin peacadh bhur 
cridhe a thuigsinn. An cùimhnich sibh an ni sin, 
a Chriosdaidhean ? " Oir is ann as a' chridhe," 
deirar Tighearna. "thigdroch smuaintean,mortadh, 
adhaltrannas, strìopachas, gadaigheachd, fianais 
bhrèige, toibheum ;" (Mata xv. 19.) Chaidh mòran 
seachad air creagan nam peacannan gràineil, a bha 
air an tilgeadh air gaineamh na fèin-f hìreantachd ; 
ma bhitheas sibhse air bhur faotainn 'n-ar firean- 
tachd fèin, bithidh sibh air bhur call 'n-ar firean- 
tachd fèin ; esan aig nach eil fireantachd na's 
fearr no i sin a sholar e-fèin, cha choinnich e ri 
sonas is mò na thoillteanas fèin. Is e so an 
naoidheamh tinne. 

X. Deanaibh math anns an t-saoghal, le maoin 
an t-saoghail. 

Tha e na's fearr bhur n-ùine a bhi air a caitheadh 
ann an deanamh matha, no ann an trusadh maoine ; 
oir a' mhaoin a gheibh sinn is eigin duinn a fàgail, 
ach am math a ni sinn cha n-fhag e sinn gu bràth. 
" Chum gu'm faigh iad fois o'n saothair ; agus lean- 
aidh an oibre iad." (Tais. xiv. 13.) Fàgaidh an 
duine glòir-mhiannach, a mhòrachd uile air a chùl, 
an uair a ghiùlanas an duine diadhaidh a mhath 
uile maille ris. Bha seirc Dhibhes ro fhuar, agus 
fhuair e lasraichean ifrinn ro theth. 

Cha n-eil braon uisge air son an leithidibh sin 
do dhroch dhaoine ann an ifrinn, aig nach eil grèim 
arain air son an leithidibh sin do dhaoine bochda 
air thalamh. Dhiult Dibhes sprùileach arain 
do Lasarus, agus uime sin cha-n fhaod Lasarus 



204 SLABHRAIDH OIR A* CHREIDTCH. 

deur uisge a thoirt da ionnsaidh-san : an tì nach 
nochd tròcair, cha bhi tròcair air a nochdadh dha. 
Bitheadh seirc na V>hùth dhuibh gu malart ann, agus 
is e siorruidheachd bhur leabaidh gu fois a ghabhail 
innte ; bithibh n'ur n-athair do na h-uile ann an 
seirc, agus n'ur sèirbhisich do na h uile ann an iris- 
leachd deanaibh mòran rnatha agus na deanaibh ach 
beagan fuaime. Gach gràs a ta na's mò air a 
chleachdadh, bithidh e na's mò air a ghlòrachadh : 
imr is mò a ni sibh do mhath air son Dhè, is ann is 
mò a gheibh sibh oDhia; domhath mar nach urrainn 
na bochdan a bhi beò as eugmhais bhur tròcairse 
air thalamh, mar sin as eugmhais tròcair Dhè cha 
bhi sibhse beò air nèamh. An Tì a bheir seachad 
do na naomhaibh bochd' air sgàth Chriosd, bithidh 
e air ath-dhioladh le Criosd air sgàth nan naomh : 
" Bha mi lomnochd, agus dh'eudaich sibh mi : bha 
mi eulsan, agus thàinig sibh g'am amharc : bha mi 
am prìosan, agus thàinig sibh a m'ionnsaidh." 
(Mata xxv. 35 — 40.) Ain sin freagraidh nafìreanan 
e, ag ràdh, " A Thighearna, c'uin a chunnaic sinn 
ocrach thu, agus a bheathaich sinn thu ? no tart- 
mhor, agus a thug sinn deoch dhut ? No c'uin a 
chunnaic sinn a'd'choigreach thu, agus a thug sinn 
aoidheachd dhut ? no lomnochd, agus a dh'eudaich 
sinn thu ? No c'uin a chunnaic sin euslan thu, no 
am prìosan, agus a thàinig sinn a t'ionnsaidh ? 
Agus freagraidh an Rìgh, agus their e riu, Gu 
deimhin a deirim ribh, a mheud's gu'n do rinn sibh 
e do dh-aon do na bràithribh a's lugha agamsa, rinn 
sibh dhomhsa e." Mar is mò a chuireas sibh a mach 
air son Chriosd air talamh, is ann a's mò a gheibh 
sibh do shùimean glòire o Chriosd air nèamh. Am 
l>arr a th' air a chur ann an tròcair, bithidh e air a 
bhuain ann an glòir. 



SLABHRAIDH OIR a' CHREIDICH. l!0o 

Mar is ( igin dhuinn na h-uile ni a chur a mach 
ann an aobhar Dhè, mar sin is èigin dhuinn na 
h-uile ni a chur sìos air son aobhar Dhè. An ni 
sin a ta air a chur ann an ionmhas Chriosd ri 
taobh na siighe, cha n-eil e air a thilgeil air falbh : 
tha tròcair 'na seirbhiseach cho math, is gu bràth 
nach leig i le maighistir bàsachadh 'na dhuine bochd ! 
ged ni i bhur sporanan na's eatruime, gidheadh ni 
i bhur crùin na's truime. O gu'n tugadh Dia na 
h-uirread do na beartaich ! agus O gu'n tugadh na 
beartaich cho beag do na bochdan ! Tha cuid ag 
ràdh gur e am fearanu is neo-thorraiche is dlùithe 
do na sluic mhèinne is beartaiche , tha e tuilleadh 
is fìor ann an seadh spioradail. Cia iomadach 
duine beartach, ged a tha 'n oighreachdan coltach 
ri pàrras thorrach, gidheadh tha 'n cridheachan 
coltach ri fàsach aimrid ? Tha mòran aca do'n 
talamh 'nan làmhan, ach gu'n ni sam bith do nèamh 
'nan cridheachan : tha iad saibhir ann am maoin, 
ach cha n-eil ann am mathas. Tha iongantas orm 
nach eil an ìeithid sin do dhaoine saoghalta a 
criothnachadh leis an rann so, " An sin a their e 
mar an ceudna riu-san air an làimh chlì, Imichibh 
uam, a shluagh mallaichte dh'ionnsaidh an teine 
shiorruidh, a dh'ullaicheadh do'n diabhol agus d'a 
ainglibh : Oir bha mi ocrach, agus cha tug sibh 
dhomh biadh ; bha mi tartmhor, agus cha tug sibh 
dhomh deoch : Bha mi aW choigreach, agus cha 
tug sibh aoidheachd dhomh ; lomnochd, agus cha 
d'eudaich sibh mi : euslan, agus am prìosan, agus 
cha tàinig sibh g'am amharc. An sin freagraidh 
iadsan mar an ceudna e, ag ràdh. A Thighearna, 
c'uin a chunnaic sinne thu ocrach, no tartmhor, no 
d'choigreach, no lornnochd, no euslan, no am 
T 



206 SLABHRAIDH OIR A* CIIREIDICH. 

prìosan, agus nach do fhritheil sinn dhut ? An sin 
freagraidh esan iad, ag ràdh, Gu deimhin a deirim 
ribh, a mheud 's nach d'rinn sibh e do'n neach a's 
lugha dhiù so, cha d'rinn sibh dhomhsa e. Agus 
imichidh iadsan chum peanais shiorruidh ; ach na 
fireana chum na beatha maireannaich." (Mataxxv. 
41 — 46.) O gu'm biodh daoine air an sèideadh 
suas cho mòr le 'n saibhreas, d'an èigin an ùine 
ghearr a bhi air an toirt o 'n saibhreas ! Mar nach 
tug sibh ni air bith d'ar cùinneadh leibh a steach 
do'n t-saoghal maille ribh, mar sin cha ghiùlain 
sibh ni air bith dheth amach as an t-saoghal leibh ; 
anns an t-saoghal fàgaidh sibh e, do'n dream nach 
aithne dhuibh, faodaidh e bith do'n dream nach 
baill leibh. N'am biodh ach fios aig cuid do 
dhaoine saibhir ro àm am bàis,cionnas a bhiodhanòr 
agus an airgead air a chaitheamh an deigh am bàis, 
ghuidheadh iad e bhi air ais a rithist anns na sluic- 
mhèine o*n tàinig e. O sibhse a dhaoine saibhir, 
deiream ribh, deanaibh math anns an t-saoghal le 
maoin an t-saoghail ; is mòan t-urram toirtseachad 
coltach ri prionnsa, na bhi beò coltach ri prionnsa; 
tha e na's fearr cridhe a bhi agaibh, agus gu'n chur 
leisy no cur leis a bhi agaibh agus gu'n an cridhe. 
"Thugaibh uaibh, agus bheirear dhuibh ; " bu chòir 
d'ar n-iochdsa na bochdan iarraidh, mu'n iarradh na 
bochdan'urn-iochdsa. Is e sin an deicheamh tìnne. 

XI. Builichibh gu math an aimsir sin nach bi 
leibh ach rè aimsir ; bithidh aimsir an ùine ghearr 
gun a bhi na h-aimsir dhuibhse : Tais. x. 6. 

Tha cothroman ann air son siorruidheachd, ach 
cha n-eil cothroman ann gu siorruidh. A Chriosd- 
uidhean cùimhnichibh gu'm beil an rèis sin goirid 
anns am beil sibh a ruith, ach tha 'n duais air son 



SLABHRAIDH OIR A* CHREIDICH. 207 

am beil sibh a ruith mòr. Mar nach eil aonta 
agaibh air bhur beatha, mar sin cha n eil dà bheatha 
agaibh. Nach robh feum againn an aire thoirt cia 
mar a thilgeamaid, aig nach eil ach an aon saighead 
ri stiùradh chum a chomharraidh ? Cha leinne 
aimsir sam bith ach na tha làthair, agus tha i sin cho 
luath seachad 'sa thàinig i. 

O ! thugaibh fainear cia mòr do bhur n-aimsir 
a ta air dol seachad, agus gidheadh cho beag a 
th' air a dheanamh do bhur n-obair. An goid bhur 
fois dara leth bhur n-aimsir air falbh, agus bhur 
n-ana-mhiann an leth eile ? O, ciod na nàimhdean 
dhaibh fèin iadsan d'an uile laithean nach ceadaich 
dhaibh fèin a h-aon ? Tha bhur n-obair mòr agus 
tha bhur n-uine goirid ; tha Dia agaibh ri urram a 
thoirt dha, Criosd ri creidsirm ann, agus anam ri 
shàbhaladh ; tha rèis agaibh ri ruith, crùn ri bhuann- 
achd, ifrinn ri dol as uaipe, agus nèamh ri dhean- 
amh cinnteach ; tha iomadach truailleachd laidir 
agaibh ri lagachadh, agus iomadh gràs lag ri neart- 
achadh ; tha iomadh buaireadh agaibh ri cur 'nan 
aghaidh, agus iomadh àmhghar ri ghiùlan ; tha 
iomadh tròcair agaibh ri dheagh bhuileachadh, agus 
iomadh dleasanas ri choimh-lionadh ; uime sin thug- 
aibh oidhirp air bhur n-ùine a dheagh-bhuileachadh. 
Tha 'n aimsir uile a luthasaich Dia dhuinn, beag 
n'as leòir a choilionadh an uallaichidh a tha e roinn 
a mach le crannchur dhuinn ; air an aobhar sin, a 
Chriosdaidhean gràdhach,ath-cheannaichibhan aim- 
sir : " Ag ath-cheannach na h-aimsire, do bhrigh 
gu'm beil na laithean olc," (Eph. v. 16.) Ma tha 
mòran d'ar n-ùine air dol seachad, na biodh tuill- 
eadh d'ar n-aimsir neo-thorrach : mar is faide a 
bha ar n-aimsir,is ann is giorra bhitheas ar n-aimsir. 



208 SLABHRAIDH OIR A* CHREIDICH. 

O ! gu'm biodh gach ceum a' ghabhadh ar n-anm- 
annan air a thoirt a chum nèimh : agus gun dean- 
adh sibh sibb-fèin, cinnteach a Dia an diugh, do 
bhrigh nach eil sibh cinnteach an ath latha asaibh 
fèin. Air sgàth an Tighearna builichibh bhur 
n-aimsir gu math : air sgàth bhur n-anmannan 
ath-cheannaichibh an aimsir. Cha chaill am f<;ar 
lagha aimsir shuidhichte gu chuir a ghnothaichean 
lagha an òrdugh, cha chaill am portair a sheòl-mara 
cha chaill am fear-ceirde aimsir a mhalairt, cha 
chaill an treabhaiche àm suidhichte fèin, agus an 
caill sibhse bhur tràth luachmhor? Ma chailleas 
sibh bhur tràth, chaill sibh bhur n-anam. Biodh e 
aithnichte dhuibh nach eil ann ach aon nèamh, agus 
seachnaibh e sin, agus c'àit an cuir sibh suas bhur 
cairteaìan ach ann an ifrinn ? Cha n-eil dòigh air 
cuir suas fo'n talamh, air an sonsan a chaill an 
aimsir os-ceann na talmhuinn, is e'm bacadh mòr 
air beatha a bhi air a caitheadh gu math, dùil rì 
bhi beò fada ; cha n-eil mòran a' smuainteachadh 
am beatha a chaitheadh ni sam bith na's fearr, gus 
an smuaintich iad gun a bhi beò ni sam bith na's 
faide. O cia ceart a bhiodh e gu'n rachadh iad am 
mearachd air nèamh airacheann mu dheireadh! Is e 
ao àm gràis chum ghabhail riiibh, agus is e so 
an t-àm air bhur sonsa chum ghabhail ri gràs. An 
diugh, an diugh, an diugh, deir Dia, tri uairean ann 
an aon chaibidil, (Eabh. iii, 7.) An diugh, anns 
an t-seachdamh rann, an diugh, anns an treas-rann- 
deug, an diugh, anns a chùigeamh-rann-deug. Agus 
anns a J cheathramh caibidil, agus anns an t-seachd- 
amh rann a deir e, ' c An diugh, an deigh aimsir cbo 
f hada ;" O, ach their peacaich, Am màireach ! am 
màireach! am màireach ! Mo thruaighe ! a chàir- 



SLABHRAIDH OIR a' CHREIDICH. 209 

dean, is fearr aon latha do na tha làthair, na dhà do 
110 lathan a ta ri tighinn ; is e an diugh do latha gti 
bhi beò, faodaidh e bith gur e 'm màireach latha 
bhur bàis ; agus uime sin, air sgath an Tighearna. 
na cuiribh seachade. A nise ma bhios e gu bràth, 
a nise no na biodh e gu bràth, eiribh agus deanaibh, 
air eagal gu'm bi sibh gu bràth caillte. Is e so an 
t-aon tinne-deug. 
XII. Fòghìumaibh irisleachd o' irisleachd Chriosd. 

" Foghlumaibh uam, oir a ta mise macant' agus 
iriosal an cridhe ; agus gheibh sibh fois do bhur 
n-anmaibh," Mata xi. 29. 

Ni irisleachd duine coltach ri aingeal, agus a 
dh'uireasaidhsorinneadh ainglean 'nan deamhnaibh; 
cha n-eil peacaich uaibhreach 'nan còmpanaich 
iomchaidh do neach sam bith ach do dheamhnaibh 
uaibhreach : is e am fear-aidmheil is ro ghràdhaiche, 
am fear aidmheil is ro-iriosaile. Tha creideach 
coltach ri soitheach air a' chuan mar is mò a lionas i 
ìs ann is mò a thèid i fodha : cha n-eil neach a 
caitheadh a bheatha cho iriosai air thalamh ris an 
dream sin is airde a tha a caitheadh am beatha air 
nèamh : deanaibh ach sealltainn cia mar tha h-aon 
do na naoimh is fearr ag amharc air fèin mar an aon 
is lugha do na naoimh, " Dhomhsa, a's lugha na'n 
tì a's lugha do na naomhaibh uile," arsa Pòl : 
(Eph. iii. 8.) Is iad na daoine is ro-naomha do 
ghnà na daoine is ro iriosaile ; far an e irisleachd 
a' chlach-oisinn, an sin is e diadhachd a chlach- 
mhullaich. Tha e math smaointean fìrinneach a 
bhi againn umainn fèin. Bu chòir do dh'eideadh na 
h-irisleachd abhidaonnan air a chaitheadh air druim 
aidmheil a' chreidimh Chriosdail. 

Tha da thaigh aig Dia Uile-chumhachdach anns 



210 8LABHRAIDH OIR A* CHREIDICH. 

am beil e a gabhail còmhnaidh, a thaigh baile, agus 
a thaigh-dùcha ; is e thaigh-baile nèamh nan nèamh, 
agus ìs e thaigh-dùeha an cridhe umhal agus iriosal; 
(Isa. lvii. 15.) ic Anns an ionad ard agus naomha 
gabham-sa còmhnaidh ;" is e sin ann an nèamh, 
taigh-baile Dhè ; " maille ris-an fòs a ta leòinte 
agus iosal 'na spioraid," is e sin a thaigh dùcha; 
is e irisleachd Betel is còmhnuidh do Dhia, — is 
e uabhar Babel togail an diabhoil. Mar cùm 
sibh uabhar a mach as bhur n-anam, agus bhur 
n-anam a mach à uabhar, cumaidh uabhar bhur 
n-anma a mach à nèamh. Cha'n abair mi nach eil 
duine bochd uair air bith uaibhreach, ach their mi 
nach eil duine uaibhreach uair sam bith math. Tha 
Diaa'curanaghaidhnan uaibhreach, "ThaDia a' cur 
an aghaidh nan uaibhreach, ach a' toirt gràis dhaibh- 
san a ta iriosal." (Seum.iv 6.) Tha gnùis an t-soirbh- 
eachaidh a' dealradh na's lainniriehe tro ghnùis- 
bhrat na h-irisleachd: do na h-uile thrusgan is e 
irisleachd is fearr a thig do Chriosdaidhean, agus is 
fearr a ni maiseach an aidmheil. Cha n-fhuilig 
Dia gu'n smuainticheadh duine sam bith gu math 
uime fèin, ach e fèin. Bu chòir do Chriosdaidh 
amharc leis an dara sùil air gràs, ga chumaiL taing- 
eil, agus leis an t-sùil eile air fèin ga chumail 
brònach. An uair a thòisicheas sibli ri fàs uaibh- 
reach as bhur n-iteagan lainnireach ainhaircibh sios 
air bhur casan dubha : (mar thasa 'g ràdh a ni 'n eala) 
u Thuit na ceithir seanairean fìchead sios ati làthair 
an tì a bha 'na shuidhe air an rìgh-chathair, agus rinn 
iad aoradh dhasan a ta beò gu saoghal nan saoghal, 
agus thilg iad sios an crùin an làthair na rìgh- 
chathrach." (Tais. iv. 10.) Is e 'n aon dòigh air 
ar crùin a ghleideadh air ar cinn, an tilgeil sìos aig 



SLABHRAIDH OIU A' CHREIDICH. 211 

a chasan-san. Mo thruaighe ! a chàirdean, ciod as 
am beil sibh uaibhreach ? Am beil sibh uaibh- 
reach as bhur saibhreas, as bhur nithe-urramach, as 
bhur luchd-dàimh, no maise, no neart, no beatha ? 
Mo thruaighe ! mo thruaighe ! is nithe iosal bochd 
iad sin gu uaiil a dheanamh annta. An uair a ni 
daoine glòir nan uabhar, cuiridh Dia smalair uabhar 
an glòire. O rachaibh a dh'ionnsaidh uaighean na 
dream a dh'imich air thoiseach oirbh, agus an si« 
faicibh, nach eil an cnàimhean air an sgapadh, an 
sùilean air dol am mugha, am feòil air a chaitheadh 
ambeòil air an truailieadh ? C'àit' a nis' am beil na 
bilean ruiteach sin, na gruaidhean ionmhuinn, na 
teangannan deas-labhrach, na sùilean beothaii, na 
srònan àillidh, nach eil iad uile air imeachd mar 
bhruadar ! agus c'àit' am bi sibhse ann an ùine 
ghearr? Agus am bi sibh uaibhreach as na nithe 
sin ? Cha n-aithne do chridhe iriosal aon tobar ach 
gràs Dhè, agus cha n-aithne do dhuine dìreach aon 
chrìoch ach glòir Dhè. Is e sin an dara-tinne-deug. 

XIII. Bithibh 'n-ar Criosdaidhean dìreach. 

Cha n-eil an soisgeul a mhàin ag iarraidh gu'm 
bitheamaid 'n-ar Criosdaidhean òirdheirc, ach gu'm 
bitheamaid 'n-ar Criosdaidhean dìreach. Mar is 
glòrmhoire a ta 'm frithealadh fo am beil sibh a 
caitheadh bhur beatha, isann isgràsmhoire bu chòir 
do 7 n chaithe-beatha a bhi agaibh. Bheir gnìomh- 
arran spioradail oirbh amharc ùr ann an sùilibh 
Chriosdaidhean spioradail. Mar is mò a th' agaibh 
do Dhia annaibh, is ann is mò a bhitheas agaibh do 
mhath maille ribh. Mar is soilleire a lasas lòchran 
a' ghràis air thalamh, is ann is soilieire a dhealraich- 
eas Grian na glòire air nèamh : Tha sinn a' mairsiu 
beò le bàsè chadh dhuinn fèin, agus a' bàsachadh le 



212 SLABHRATDH OIR A CHREIDICH. 

mairsin beò annainn fèin. Bu chòir do Chriosd- 
uidhean a bhi 'nan lòchrannan laiste cho math ri 
bhi 'nan lochrannan dealrach. Am bu chuidhe 
dhuinne siubhal ann an dòrchadas, is gur e solus ar 
n-Athair? Am bi an teanga aira faotainn ri breugan 
an còmhnaidh do dhaoine, a bha air a faotainn ag 
ùrnaigh cho dùrachdach ri Dia ? No 'n dream sin 
air am faotainn ag amharc le geur aire air cuspair- 
ean peacach, a bha air am faotainn a' leughadh mu 
bhriathraibh naomha? An dean iadsan a fhuair airg- 
ead.gabhail Chriosd, cogadh fo bhratach Shàtain ? 
A mhuinntir ionmhuinn, an dara cuid biodh bhur 
n-oibre a rèir bhur n-aidmheil, no biodh bhur 
n-aidmheil a rèir bhur n-oibre. Gu bràth na cuir 
ort do chulaidh àillidh aidmheil, a dheanamh t-obar 
shàlach 'na truailleachd : Gu bràth na cuir ort 
aodach sheirbhiseach Chriosd, agus tràillealachd 
Shàtain a deanamh. " Gach neach a tha 'g ainm- 
cachadhainm Chriosd,trèigeadh e eucoir." — "Cha'n 
e gach uile neach a their riumsa, A Thighearn, 
A Thighearn, a thèid a steach do rìoghachd 
nèimhe ; ach an tì a ni toil m' Atharsa a ta air 
ijèamh," (Mat. vii. 21.) O gu'mbiodh teangannan 
dhaoine na's farsainne no 'n làmhan ! Ann am 
briathraibh tha iad ga aideachadh, ach ann an oibre 
tha iad ga àicheadh. Tha mòran a' cur crùn glòire 
air ceann Chriosd le deagh-aidmheil, a tha cur 
crùn droighinn air a cheann le droch caithe- 
beatha " Bha eagal an Tighearn orra, agus rinn 
iad seirbhis d'an diathibh fèin :" 11 Rìgh xvii. 33. 

Mo thruaighe ! mhuinntir ionmhuinn, ciod am 
math a ni bhur n-aidmheil dhuibh, mur dean sibh 
math bhur n-aidmheil ! Is fearr gun dealrachadh 
gu bràth, no gun a bhi 'na òr ; ar> dara cuid gabhadh 



6LABHRA1DH OIR A* CHREIDICH. 213 

ola ann bhur lòchrannan na tilgibh air falbh bhur 
lòchrannan! cha blìi an Criosdaidh air èigin ach 
air èigin air a shàbhaladh. Uime sin, mo bràith- 
rean, leigibh leam a ghuidhe oirbh, bithibh 'n'ur 
Criosdaidhean gu lèir, bithibh ceart. bithibh 'n'ur 
Criosdaidhean direach, bithibh 'n'ur Criosdaidhean 
treibh-dhireach, bithibh cho diadhaidh sa tha 'n 
duine diadhaidh naomh Daibhidh ag innseadh. Cò 
e an duine dìreach ? Cò e an Criosdaidh dìreach ? 
M Cò dh'fhanas ann ad phàiliiunn ? cò chomhnuich- 
eas air do shliabh naomha? Esan a ghluaiseas gu 
h-ionraic, agus a ni ceartas, agus alabhras anfhirinn 
'na chridhe," (Salm xv. 2 — 4,) còmhnaichidh esan 
anns a' phàilliunn ; agus mar sin tha e dol air 
aghaidh. Na'm b aill leibh sibh fèin a choimhid gun 
smàl o'n t-saoghal, is èigin dhuibh sibh fèin a 
choimhid gun smal anns an t-saoghal. I na 
bithibh diomhain ann an saoghal diomhain. Is e 
gluasad fuasgailte 'nan Criosdaidhean, masladh nan 
Criosdaidhean. Nam biodh Abraham a nis' air 
thalamh, neach a ta air nèamh, cia mar a ghabhadh 
gruaidh Athair nan creideach rughadh ann a bhi 
faicinn an gniomhara-san, a ta g'an ainmeachadh 
fèin 'nan gineil dhàsan ? O tha cuid do dhaoine ann 
a tha smaointeachadh iad-fèin a bhi tuilieadh is 
math gu dol do dh'ifrinn, ach tha Dia da'n 
smaointeachadh tuilleadh is olc gu dol do nèamh : 
agus cò a nis' a tha ceart, gun teagamh is e Dia a 
tha ceart, oir bithidh Dia fìor, agus gach duine 'na 
bhreugaire. Bha Noah 'na dhuine cothromach, agus 
iomlan 'na linn," (Gen. vi. 9.) Cha robh e 'na 
pheacach n'ara measg san a bha' nan naoimh ; ach 
bha e 'na dhuine ^^0111^' n-am measgsan a bha 'n-am 
peacaich ; ghluais^e maille ri Dia an uair a ghluais 



214 SLABHRAIDH OTR A* CHRElDICH. 

dream eile ann an aingidheacbd ; bha e 'na dliuine 
cothromach coltach ri Dia, ionnas nach robh aon 
duine eìle coltach ris anns an linn sin anns an robh 
e-san air thalamh. 

B'iad na ceud Chriosdaidhean na Criosdaidhean a 
b'f hearr ; cha b'aithne dhaibh ach beagan, ach rinn 
iad mòran ; is aithne dhuinne mòran, ach is beag a 
tha sinn a' deanamh. O I mo chàirdean, ma tha 
seirbhis Dhè olc, c'arson a tha sibh a' tòiseach- 
adh oirre ? Bithibh 'n'ur Criosdaidhean gu lèir, no 
na bithibh n'ur Chriosdaidhean idir. Tha e math 
aidmheil a dheanamh. ach tha e na's fearr a bhi cur an 
gniomh : seadh, do'n dithis, is fearr cur an gniomh 
as eugmhais aidmheil, no aidmheil as eugmhais cur 
an gniomh. Cha-n f heud sinn oilbheum a gabhail 
ri luchd-aidmheil diadhachd, a chionn nach eil iad 
uile diadhaidh a ta ri aidmheil. Ged a tha mòrun 
luchd-aidmheil ann nach eil nan creidich, gidh- 
eadh cha n-eil aon do na creideich nach eil 'nan 
luchd-aidmheil : A Criosdaidhean, an uaira ni sibh 
aidmheil mhath, bithibh cinnteach bhur n-aidmheil 
a dheanamh math. Is e so an treas tinne-deug. 

XIV. Bitheadh e 'naghnàs agaibh ann an dleas- 
anas, 'ur cridhe a thoirt do Dhia ann an dleasanas. 

" A Mhic, thoir dhomhsa do chridhe," (Gnà. 
xxii. 26.) Tha sibh a' faieinn gu'm beil Dia a' gairm 
air son a' chridhe ; is e an cridhe àn t-achadh sin 
o 'm beil dùil aig Dia ris a' "bharr ro phailt do 
ghlòir. Tha Dia a' giùlan na's mò spèis do 
bhur cridheachan no tha e deanamh do bhur 
n-oibre : tha Dia ag amharc na's ro-mhò far am 
beil duine 'g amharc na's ro-lugha : ma tha'n 
cridhe air son Dhè\ an sin tha na h-uile air son Dhè, 
ar n-aignidhean, ar toil, ar miajinaibh, ar n-aimsir, 



SLABHRAIDH OIR A' CHREIDICH. 2J5 

ar neart, ar deòir, ar dèircean, ar n-ùrnaighean, ar 
n-oighreachdan, ar cuirp, ar n-anmannan ; oir is e'n 
cridhe an daingneach rioghail a ta ceannsachadh 
na h-uile ni eile : an t-sùil, a' chluas, an làmh, an 
teanga, an ceann, a' chas ; tha 'n cridhe g'an ceann- 
sachadh sin uile. A nise ma tha 'n cridhe aig Dia, 
tha na h-uile ni aige: mar eil an cridhe aige cha 
n eil ni sam bith aige : is e cridhe 'na h-ùmhlachd, 
ùmhlachd a' chridhe ; mar tha 'n corp aig aithne an 
anma a tha g'a riaghladh, is ann mar sin bu chòir 
do'n anam a bhi aig àithne Dhè a thug seachad e. 
" Cheannachadh le luach sibh," ars' an t-abstol, 
" uime sin thugaibh glòir do Dhia le bhur corp, 
agus le bhur spiorad, a's le Dia." (1 Cor. vi. 20.) 
An ti is e na h-uile anns na h-uile annainn, b' àill 
leis an ni sin is e na h-uile anns na h-uile annainn 
a bhi aige. Is e an cridhe an seòmar-làthaireachd, 
far am beil Rìgh na glòìre a' gabhail còmhnaidh 
an ni sin is ro-airidh annainn bu chuidhe dha bhi 
air a thoirt dhasan a ta ro-airidh oirnn. Cha n-eil 
anns a' chorp ach an t-àite taisg. ls e'n t-anam an 
seud : chan-eil anns a' chorp ach an t-slighe, is e'n 
t-anam an t-eitin. Is e'n t-anam anail Dhè, mais' 
an duine, iongantas nan aingeal, agus fàrmad nan 
deamhan. Tha fios aig an diabhol ma thaionmhas 
math sam bith ann, gur ann 'n-ar cridheachan a tha 
e; agus bu mhiann leis iuchair an àite thaisg so a 
bhi aige, chum's gu'n spuinneadh e sinn d'ar seud. 
B'u mhiann leis an diabhol gu'm biodh iuchair ar 
cridheachan aige. Mar a ta sinn a' cur ar n-òigh- 
reachd ann an làmhan dhaoine, mar sin bu chòir 
dhuinn sinn fèin a chur ann an làmhan Dhè. Ach 
mo thruaighe ! cha n-eil inntinn aig duine a thoirt 
seachad a ni bu mhath le Dia a bhi aige. * 4 A ta 



216 SLABHRAIDH OIR a' CHREIDJCH. 

am pobull so a' dlùthachadh riumsa le'm beul. agus 
a' tabhairt onoir dhomh le'm bilibh : ach a ta an 
cridhe fada uam ;' Mata xv. 8. 

Mo thruaighe ! is tuilleadh is tric a tha 'ar 
cridheachan r'an iarraidh an uair a thig sinn a 
dh'iarraidh Dhe, faodaidh sibh bhur dleasanas a 
chumail ribh fèin, mar toir sibh bhur cridhe dhasan: 
dleasnas a ta gun chridhe, is dleasanas e a ta gu'n 
toradh : cha n-urrainn duibh gu bràth cridhe bhur 
sèirbhis a thoirt do Dhia, mar toir sibh dhasan an 
cridhe 'n-ar sèirbhis. Is e an cridhe a' cheud ni 
bu chuidhe teachd a chum dleasanais, agus an ni 
mu dheireadh a rachadh a mach à dleasnas : cha 
n-eil ann an deagh bhriathran as eugmhais a' 
chridhe ach brionnal, agus cha n-eil ann an deagh 
oibre as eugmhais a' chridhe ach cealgaireachd. A 
mhuinntir ionmhuinn, air sgàth bhur n-anmannan 
bochda, leigibh le briathraibh agns oibribh dol ie 
chèile, le bhur teanga agus bhur cridheachan dol 
le chèile, le bhur bilibh agus bhur caithe-beatha 
dol le chèile ; le bhur n-ùrnaigh agus bhur cleach- 
adh dol le chèile ; mar dean bhur dleasanais 
cridhe bhur peacannan itheadh a mach, ithidh bhur 
peacannan a mach cridhe bhur dleasanais. Tha 'n 
tomhas is lugha do ghràs na's fearr na dìle do 
bhriathran : tha cridhe as eugmhais briathran 
na's fearr na briathran as eugmhais cridhe : tha 
beagan air a dheanamh leis a' chridhe na's fearr na 
cuid mhòr air a dheanamh as eugmhais a' chridhe. 
Cha taitinn ni sam bith ri cridhe Dhè, ach an ni a 
ta air a dheanamh le cridhean duine. An tì a tha 
gabhail sùim do'n chridhe aseugmhais ni sambith, 
cha ghabh e suim do ni sam bith as eugmhais sJ 
chridhe. Is e sin an ceathramh-tinne-deug. 



SLABHRAIDH OIR A* CHREIDICH. 21? 

XV. Bithibh dichiollach anns na meadhonan, 
ach na deanaibh iodhol do na meadhonan. 

"Deanaibh an tuilleadh dìcheill chum bhur gairm 
agus bhur taghadh a dheanamh cinnteach :" (2 
Pead i. 10.) Is e ar gnothach san àm a ta làthair 
ar sonas 'san àm ri teachd a dheanamh cinnteach. 
An uair nach urrainn òighreachdan, agus nithe 
urramach, agus beatha, agus càirdean, agus toil- 
eachas inntinn a bhi air an deanamh cinnteach, 
biodh an ni so air a dheanamh cinnteach ; oir tha 
sibh a' faicinn le fèin-f hiosrachadh lathail nach 
urrainn dhaibh sin a bhi air an deanamh cinnteach : 
(1 Tim. vi. 19.) " A' tasgaidh suas daibh fèin' 
deagh-bhunait." Agus c'arson a tha 'n t-Abstola' 
sparradh so ? tha ; ' chum 's gu'n dean iad greim 
air a' bheatha mhaireannaich." Cha n-eil dol air 
tìr air tràigh an t-sonais, as eugmhais seòladh 
ann an long an ionracais : " Làn-oibrichibh bhur 
slàinte fèin le h-eagal agus ball-chrith. 5, (Phil. ii. 
12.) Gu's am faigh sibh sealbh air slàinte nach 
gluaisear, cha bhi sibh gu bràth saor 'o bhuaireadh 
mòr. " Deanaibh spàirn chruaidh 'gu dol a stigh 
air a' gheata chumhann ; oir a deirim ribh, gu'n 
iarr mòran dol a stigh, agus nach urrainn iad." 
Cò nach deanadh spàirn chruaidh air son glòir, 
agus feitheamh ri gu faighidneach leis an dichioll 
is mò. " Deanaibh ùrnaigh gun sgur :" Bithibh 
ag ùrnuigh an còmhnaidh, ged nach bi sibh an 
còmhnaidh ag ùrnuigh ; tha 'ur n-aran lathail a' 
gairm air son ùrnaighean lathail ; gach aon latha 
toisichibh agus crìochnaichibh maille ri Dia; leigibh 
le ùrnuigh a bhi 'na ceud obair agus na h-obair 
mu dheireadh dhuibh na h-uile latha. O Chriosd- 
aidhean glaisibh suasbhur cridheachan le h-ùrnaigh, 
u 



218 SLABHRAIDH OIR a' CDREIDICH. 

agus thugaibh an iuchair do Dhia. Am beil sibh 
air bhur gairm le h-ainm Chriosd, agus nach gairm 
sibhse air ainm Chriosd? Thugaibh air falbh 
plosgartaich spioradail, agus bheir sibh air falbh 
beatha spioradail. Faodaidh sinn a bh 'g ùrnaigh 
do ghnà, gun a bhi do ghnà ag ùrnaigh : Cha 
n-urrainn Criosdaidhean gu bràth a bhi dhith àm 
ùrnaigh mar eil iad a dh'easbhuidh suidheachadh 
inntinn freagarach gu ùrnaigh. Cha n-urrainn 
neach sam bith ùrnaigh a dheanamh gu ceart, ach 
an dream a tha 'nan nuadh-chreutairean ; ach bu 
chòir do na h-uile ùrnaigh a dheanamh a chionn 
gur creutairean iad. Faodaidh duine spioradail 
ilrnaigh a dheanamh gu feòlmhor, ach cha n-urrainn 
duine feòlmhor ùrnaigh dheanamh gu spioradaiJ. 
Bheir qrnaigh aingeal à mach a nèamh a thoirt 
Pheadair a mach à priosan ; oir bha bith-ùrnaigh 
air a dheanamh air a shon leis an eaglais, agus 
dh'eisd Dia riu, Faodaidh cliù a bhi aig tiodhlaic 
na h-ùrnaigh o' dhaoine, ach is e gràs na h-ùrnaigh 
aig am beil cumhachd maille ri Dia. Is ni ùrnaigh, 
naeh eil uair a rinn duine riamh gu ceart i, nach do 
dheònaich Diagu grad freagradhdh'i. Cha n-eil cho 
beag aig Criosdaidh sam bith do Chriosd, is nach eil 
aobhar aige a bhi moladh, agus cha n-eil Criosdaidh 
sam bith aig am beil cho mòr do Chriosd is nach 
eil aobhar aige a bhi 'g ùrnaigh. Na diùlt creid- 
eamh do Dia ann an ùrnaigh, agus cha diùlt Dia 
ùrnaigh chreideach. 

Anns an dara h-àite, Mar is eigin duibh a bhi 
dìchiollach anns na meadhonaiij mar sin na dean- 
aibh iodhol do mheadhonan ; thugaibh suas na 
h-uile dleasanas ann an rathad coimhlionaidh, agus 
leagaibh sios iad ann an rathad muinighin a bhi 



SLABHRAIDH oir a' CHREIDICH. 219 

agaibh iad a bhi air an gabhail le Dia air sgàth 
Chriosd. Ciod e èisdeachd as eugmhais seud ; no 
bhi faotainn as eugmhais Chriosd, tha e coltach ri 
glaine falamh as eugmhais deoch-bheothachaidh : 
cha n-urrainn dleasanas gu bràth tuilleadh sa chòir 
d'ar dicheall a bhi aige, no tuilleadh is beag d'ar 
muinighin. Cha n-eil creideach a'deanamh deagh 
oibre chum a bhi beò leo, ach tha e beò a chum 
deagh oibre a dheanamh. Is olc an ni dhuinne a 
bhi ni-eigin annainn fèin^ agus gu'n a bhi ni sam 
bith ann an Criosd ; ar n-uile dhleasanais a ghabnan 
os-làimh, agus an dheigh sin amharc thairis air ar 
dleasanais uile ; tha fireantachd Chriosd gu bhi air 
a h-ardachadh air an dòigh so, ach cha n-eil fireant- 
achd nanCriosdaidheangubhi air a h-ainmeachadh : 
An uair a ni sinn na h-uile nithe a dh'àithneadh 
dhuinn,an sinabramaid; "Is sèirbhisichneo-tharbh- 
ach sinn," a rèir an ni a theagaisg Criosd d'a 
dheisciobuil. Is ann do bhàs ar Slànaighear a 
bhuineas cliù ar saoraidh. Cha n-eil dleasanais air 
am milleadh le Criosd, ach feumaidh iad a bhi air 
an àicheadh air son Chriosd. Tha uirread fheum 
againn air an Spiorad a thoirt suas ar gràsan, 'sa 
th' againn air an Spiorad a thoirt fàis d' ar gràsan. 
Seasaidh uaireadair ar cridheachan gun charach- 
adh, ni's lugha na chuireas esan ola ris na rothan. 
Deanaibh gàirdeachas ann an Iosa Criosd, agus na 
cuiribh muinighin air bith 'san fheòil. Tha deagh 
oibre cho falamh, is nach urrainn neach a bhi air a 
shàbhaladh leo, agus gidheadh tha iad cho oirdheirc 
is nach urrainn neach sam bith a bhi air a shàbhal- 
adh as an eugmhais. Dleasanais, mar bi Criosd air 
a dhortadh a mach annta, cha 'n f hàs Criosdaidh 
fopa. Is eigin dhuinn a bhi beò ann an ùmhlachd 



220 SLABHRAIDH OIR a' CHREIDICH. 

tha iomadh beò air an cleachdaidhean na's mò na 
tha iad a' deanamh air Criosd ; na's mo air na 
h-ùrnaighean a tha iad a' deanamh ri Dia, na air an 
Dia ris am beil iad a' deanamh an ùrnaighean. Cha 
n-eil ann an dleasanais ach feadain thioram annta 
fèin, nach robh riamh cho iongantach air an 
gearradh a mach, gus an lion Criosd iad. Is e sin 
an cùigeamh-tinne-deug. 

XVI. Na gabhaibh ni sam bith air facal, ach na 
h-uile ni air deuchainn. 

Ged a tha na h-uile òr buidhe, gidheadh cha 
n-eil na h-uile ni buidhe 'na òr ; cha'n f hirinn na 
h-uile ni a tha dol an àite firinn : " Na creidibh 
gach uile spiorad, ach dearbhaibh na spioradan, an 
ann o Dhia a tha iad." (1 Eoin iv. 1.) Thugaibh 
fainear, a chàirdean, cha'n fhaod sibh gach uile 
spiorad a chreidsinn ; ach dearbhaibh na spioradan 
an ann o Dhia a tha iad no nach ann ; " Dearbh- 
aibh na h-uile nithe cumaibh gu daingean an ni sin 
a ta math." (1 Tes. v. 21.) Dearbhaibh na h-uile 
nithe, is e sin, dearbhaibh na h-uile nithe leis an 
sgriobtur. Tha mòran a' creidsinn rau'm beil iad 
a' dearbhadh, ach feumaidh sinne dearbhadh mu'n 
creid sinn. Mo thruaighe ! tha mòran anns an 
t-saoghal a tha coltach ri naoidheanan a shluigheas 
sios na h-uile ni ; na h-uile ni a chuireas sl' bhan- 
altrum am beul an leinibh bhochd sluigidh e sìos e : 
gu firinneach tha mòran mar so, fìr agus mnai, 
ciod air bith a their daoine, sios a thèid e ; cha 
ghabh iad uirread shaoithreach is briathran duine 
a dhearbhadh le briathran Dhè. O ars iadsan, tha na 
daoine a tha sinne 'g èisdeachd 'nan daoine còire, 
nan daoine fòghluimte agus comasach ; ach nach 
cunntadh sibh airgead as an deigh ? Nach cothrom- 



8LABRHAIDH 0IR A* CHREIDICH. 221 

aicheadh sibh òr as an deigh ? Ts e mo bharail gu'n 
cothromaicheadh : Agus an gabh sibh an teagasg 
air am facal gun an dearbhadh? Cò a cheannaich- 
eas seud ann am bogsa, ach amadan ? Cùimhnich- 
ibh, a Chriosdaidhean, gur òr cupan na strìopaiche 
'san taobh a mach, ach puinnsean 'san taobha staigh, 
Bha " copan òir aice 'na làimh, làn do ghràineal- 
achd agus do neo-ghloine." (Tais. xvii. 4.) Tha 'n 
copan do dh-òr ach is e am puinnsean, an dearg- 
phuinnsean : air leam gu'm beil an copan so air a 
chuir mu'n cuairt gu tric. Tha na daoine fogh- 
luimte air f às cho gìic, is gu'm beil iad air deanamh 
an t-saoghail ach beag 'nan amadain : " Ach bha 
faidhean brèige mar an ceudna am measg an 
t-sluaigh, amhuil a bhios luchd-teagaisg brèige 'n-ar 
measgsa." (2 Pead. ii. i.) Agus O ! nach biodh 
luchd-teagaisg brèige gu'n a bhi tuilleadh is lion- 
mhor anns na laithibh so. Cùinneadh nèimh a 
dheanamh gu cealgach, is troitearachd e an agh- 
aidh Rìgh nèimh : agus nam biodh an troitearachd 
so a' toilltinn crochadh, tha eagal orm gu'm biodh 
mòran do na's aithne dhomh air an crochadh. 'S 
tric a smuaintich mi air briathran Chrysostom a 
searmonachadh air beulthaobh cuideachd do mhin- 
istearan " Tha mi cur an cèill gu soilleir, ars esan, 
nach eiljlos agam am bi a h-aon sam bith ddn chlèir 
air an sàbhaladh no nach b'u Their sibh gur ion- 
gantach an labhairt ministear so ri cuideachd do 
mhinistearan. Tha 'n gairm cho cudthromach, 
am buairidhean cho lionmhor, agus an caithe- 
beatha cho olc : tha iad a' labhairt coltach ri aingeal 
an t-soluis, ach tha iad a' deanamh coltach ri angeal 
an dorchadais. O cia cho dèigheil sa tha daoine 
air na lamhainean is RÌaine a tharrainn air nal^nriban 



222 SLABHRAIDH OIIi A' CHREIDICH. 

is sailche ? Tha daoine na's fearr air an aithneach- 
adh leis an ni a tha iad a' deanamh, no leis an ni a tha 
iad a' labhairt ; oir their iad agus cha dean iad. Air 
an aobhar sin, mo chàirdean, na creidibh am briath- 
raibh millse ; no am miodal, leisam beil iad a' meall- 
adhant-sluaighbhochd aineolaich: Thugaibh fainear 
ciod a deir an t-Abstol, " Agus a ta iad le briath- 
raibh millse agus le miodal a ? mealladh cridheachan 
na muinntir sin nach eil olc." (Rom. xvi. 18.) 
Faodaidh Dia iad sin a dhiùltadh mar chopar a 
mheasas-daoine mar airgead. Cha choltach dhuinn 
à bhi ach gu h-olc air ar sgeadachadh air son 
saoghail eile, ma's ann an sgàthan an t-saoghail 
so a bhios sinn ag' amharc oirnn fèin. Cha n-eil 
na sgriobtuirean amhàin a' foillseachadh dhuinn 
ciod a ni Dia air son duine, ach mar an ceudna an 
ni is eigin do dhuine a dheanamh air son Dhè\ 
Ciod an t-aobhar gu'm beil a cho liugha luchd- 
aidmheil a tha ri sgrìobhadh suaracn nach fiù 
anns an t-saoghal, ach a chionn gu'm beil iad a' 
sgrìobhadh do rèir eiseamplairean neo-iomlan ! Is 
fearr leis a' chuid is mò do dhaoine, gluasad anns 
an t-slighe leathan a ta treòrachadh chum sgrios, 
no anns an t-slighe aimhleathan a ta treòrachadh 
chum beatha. Tha lochdan dhaoine mòra na's mò 
air an leantainn no gràsan dhaoine bochda; ach 
biodh flos agaibh, iadsan a ta leantuinn an deigh 
muinntir eile ann am peacachadh, gu'm beil iad 
coltach ri leantainn an deigh muinntir eile ann 
am fulangas : " Bithibh-sa 'nur luchd-leanmhuinn 
ormsa, arsa Pòl, amhail mar a ta mise air Criosd ;" 
(1 Cor. xi. 1.) Far am beil esan a' leantainn 
Chriosd feumaidh sinne esan a leantainn ; ach mu 
threigeas Pòl Criosd ann a bhi ga leantainn, feum- 



SLABHRAIDH OIR A* CHREIDICH. 221 

aidh sinne Pòl a' thrèigsinn. Mur bi an saoghal 
againn 'nan luchd-treòrachaidh, bithidh sinn cinnt- 
each iad a bhi againn 'nan luchd-buaireas ; mur 
urrainn dhaibh ar tarrainn a thaobh a chum slighe 
oic, cuiridh iad 'n-ar 'n-aghaidh ann an slighe 
mhaith ; mur urrainn dhaibh ar losgadh le 'n 
teine, fàgaidh iad dubh sinn le 'n deatach ; " Ni 
anns am beil iad a' gabhail iongantais, do bhrigh 
nach eil sibhse a' ruith maille riu anns an neo- 
mheasarrachd cheudna gun tomhas, a' labhairt uilc 
umaibh ;" (1 Pead. iv. 4.) Do bhrigh nach dean 
sibhse olc maille riu-san uime sin labhraidh iadsan 
olc umaibhse. Ach mo chàirdean, ciod air bith a 
ni sibh, leanaibh an dream sin a ta leantainn 
Chriosd. O gu'm biodh iada' labhairt na h-uirread 
mu Dhia ri muinntir eile, agus iad fèin a' deanamh 
cho beag air son Dhè. A nis, amhuinntir ionmhuinn, 
tha mi guidhe oirbh nach gabh sibh ni sam bith 
air facal, ach na h-uile ni air dearbhadh : dearbh- 
aibh an sligheachan, dearbhaibh an teagasgan, 
dearbhaibh am briathran, dearbhaibh an aoradh, le 
facal na firinn ; agus ma tha e do rèir nafirinn, agus 
a' còrdadh ris an f hìrinn, agus air a stèidheachadh 
air an fhirinn, an sin creidibh e, an sin gabhaibh 
d'ar n-ionnsaidh e ; mar eil e mar sin, cuiribh cùl 
ris, agus saltraibh e fo bhur casan mar aolach, cò 
air bith an tì a tha g'a chuir an cèill. Ni h-eadh, 
ma thig aingeal o nèamh agus teagasg sam bith 
eile a shearmonachadh nach eil do rèir an fhacail 
sgrìobhta biodh e mallaichte ; cha bu chòir dhuinn 
gabhail ris. " Ach nan deanamaidne, no aingeal 
o nèamh, soisgeul eile a shearmonachadh dhuibh, 
ach an soisgeil a shearmonaich sinne dhuibh biodh 
e mallaichte," ars' an t-Abstol. (Galat. i. 8.) 



224 SLABHRAIDH OIR A* CHREIDICH. 

Agus uime sin, aon uair eile leigibh leam aghuidhe 
oirbh, air sgàth an Tighearna, na gabhadh ni sam 
bith air facal, ach na h-uile ni air dearbhadh. Is 
diomhain an ni a ràdh gur e an latha e, an uair 
nach eil ni sam bith ach dorchadas anns an adhar. 
Is e sin an seathadh-tinne-deug. 

XVII. Gabhaibh »a h-achmhasain sin na's ro 
f hearr air am bheil an ro-thuilleadh feum agaibh. 

Na biodh fèarg oirbh riu-san a ta g'innse na 
firinn dhuibh, no ris an fhirinn a tha air a h- 
innseadh dhuibh : " Uime sin an d'rmneadh nàmh- 
aid duibh dhiom, air son mi dh/innseadh na firinn 
duibh ?" (Gal. iv. 16.) Cha n-urrainn e bhi 
'na charaid firinneach dhuibh a tha 'na charaid do 
bhur peacannan ; agus cha n-urrainn sibhse a bhi 
n-ar càirdean dhuibh fèin ma tha sibh 'n 'ur nàimh- 
dean dhaibh-san a tha 'g innseadh dhuibh mu bhur 
peacannan. An gràdhaich sibh na's measa an tì 
leis am b'àill sibh a dheanamh na b'f hearr ? 
" Buaileadh am firean mi, is caoimhneas e ; agus 
cronaicheadh e mi, is ola luachmhor e." (Salm 
cxli. 5.) Tha sibh a' faicinn an so nach eil an 
duine math ann an corraich ri achmhasan, ach 
gabhaidh se e mar chaoimhneas, is caoimhneas e, 
agus is ola luachmhor e. Ach an nathair mar is 
mò a tha i air a gluasad, is ann is mò a chruinnich- 
eas i a puinnsean gu thilgeil ort. "Ma chuireas 
Amos an cèill facal an Tighearn, cha'n urrainn 
am fearann a bhriathran uile a ^^1111^^." (Amos 
vii. 10.) Ma bheir Eoin Baiste oidhirp air beatha 
peacannan Heroid a thoirt air falbh, bheir Herod 
air falbh beatha Èoin Baiste ; " Agus air cur fir- 
marbhaidh uaith, ohuin e a cheann do dh'Eoin anns 
a' {ihrìosan." (Mata xiv. 10.) Ma thèid am faidh 



8LABHRAIDH OIR a' CHREIDICH. 225 

rau'n cuairt a thoirt ionnsaidh air peacannan an 
rìgh, bithidh esan e fèin air a chur am prìosan : 
'• An sin bha fearg air Asa ris an f hear-sheallaidh, 
agus chuir e ann an t.igh prìosain e." (2 Eachd. 
xvi. 10.) Clachaidh Ierusaleim na faidhean gus 
nach f àg i clach air muin cloich. Och ! gu'm 
biodh daoine cho an-iochdmhor ris an dream sin a 
tha rùnachadh an leigheis ! Cha n-urrainn daoine 
aingidh achmhasan fhulang; an èigin dhuinne a 
mhàin miodal a dheanamh ribh, agus cunnart a 
cheiltinn, agus, Sìth, sìth a ghlaodhach, gus an 
tuit bhur n-anmannan do dh'ifrinn ? Och, cha'n 
urrainn sinn, cha dean sinn so, cha-n f haod sinn so 
a dheanamh. " Labhair riu na h-uile nithe dh aith- 
neas mise dhut ; na biodh fìamh ort rompa, aireagai 
gu'n cuir mise gu h-amhluadh thu 'nam fianais ;" 
(ler. i. 17.) Labhair ri 'n-aghaidhean, air eagal 
gu'n sgrios mise thu 'n-an làthair. Is e so seadh 
nàm briathran, " Thoir aithne do na daoinibh a 
ta saibhir san t-saoghal so, gun iad a bhi ard- 
inntinneach ;" (1 Tim. vi. 17«) Feumaidh daoine 
mòra bhi air an comhairleachadh cho math ri 
daoine'bochda, ged bhiodh iad na's mò no na minis- 
tearan anns an t-saoghal, gidheadh cha n-eil iad 
na's mò nan tì a chuir na ministearan a chum an 
t-saoghail. Ach, mo bhràithrean, tha roinn mhòr 
do chrionnachd ri bhi air a gnàthachadh ann an 
cronachadh ! tha mòran nach cronaich corraich 
ach le corraich, agus fearg le fèirg ; agus is e so 
aon diabhol a chur sìos agus aon eile, a dhùsgadh : 
cha bu chuidhe do chronachadh a bhi le corraich 
ach le truacantas : cha n-ann le fanoid, ach le 
doilghios ; cha n-ann le gàireachdaich, ach le gul ; 
fc' Mu'n dubhairt mi gu minig ribh, agus mu'm beii 



226 SLABHRAIDH OIR a' CHREIDICH. 

mi nis, eadhon a' gul :" (Phil. iii. 18.) Cha b'urr- 
ainn an t-Abstol an ainmeachahh le sùilean tior- 
ama : bha shùilean-sa fliuch a chionn gu'n robh 
^n sùilean-san tioram. Is e dleasanas duine mhath 
achmhasan a thoirt seachad, ged nach bi ach- 
mhasan air a ghabhail ann an deagh-dhùrachd ; tha 
e na's fearr aghaidhean aoidheil dhaoine a chall, na 
anmannan dhaoine a chall. Tha 'n luchd-riagh- 
laidh ag amharc ri bhur sìth, tha 'n luchd-lagha 
ag amharc ri bhur n-òighreachd, tha na lighichean 
ag amharc ri bhur cuirp, na ministearan dìleas ri 
bhur n-anmannan. Is eigin do mhinistearan claidh- 
eamh an achmhasain a tharrainn an aghaidh clann 
nan daoine, agus am bualadh, agus tilgeadh orra. 
— u Na biodh comh-chomunn agaibh ri oibribh 
neo-tharbhach an dorchadais, ach gu mafearr leibh 
an cronachadh," (Eph. v. 11.) Gu ma fearr leibh an 
cronachadh : cha-n f haod sinn fhulang do dhaoine 
aingidh gluasad ann an sligheachan an diabhoil as 
eugmhais cronachaidh, ach feumaidh sinn an cron- 
achadh gu glic, gu treibhdhireach, agus gu geur. 
Agus mar sin, a chàirdean, an uair a leasaicheas 
sibhse bhur caithe-beatha, leasaichidh sinne ar 
còmhradh. Is e sin an seachdamh-tinne-deug. 

XVIII. Saoithrichibh na's mò air son fior-ghlaine 
an leth a staigh, no air son sonas an leth a muigh. 

" Deanaibh saothair cha n-ann air son a bhìdh a 
thèirgeas, ach air son a' bhìdh a mhaireas chum na 
beatha sìorruidh," (Eoin vi. 27-) An duine sin a 
tha 'na sheillean saoithreachail air son soirbheachadh 
talmhaidh, cha bhi e ach na lunndaire diomhanach 
air son sonas nèamhaidh. Ni òr 'n 'ur sporanan 
sibh na's mò, ach is e gràs 'n 'ur cridhe a ni na's 
fearr sibh. Tha e J na dhuine saibhir a tha tighinn 



SLABHRAIDH OIR A* CHREIDICH. 227 

beò air a mhaoin, ach tha e 'na dhuine fir- 
eanta a thig beò tre chreideimh, ls fearr caithe- 
beatha nèamhaidh na sealbh thalmhaidh ; tha 
e 'na thròcair mhòr cuibhrionn a bhi againn anns 
an t-saoghal, ach gus an saoghal a bhi againn 'na 
chuibhrionn is truaighe mhòr e. Bha ar n-aig- 
nidhean air an deanamh air son nithe a ta os ar 
ceann, agus cha n-ann air son na nithe a ta an leth 
a mach dhinn. " Ma dh'èirich sibh maille ri 
Criosd." Guidheam oirbh, " Iarraibh na nithe a ta 
shuas, far am beil Criosd 'na shuidhe aig deas 
làimh Dhè : Suidhichibh bhur n-aigne air na 
nithibh a ta shuas, agus ni h-ann air na nithibh a 
ta air an talamh," (Col. iii. 1, 2.) Cha n-eil geall- 
adh na diadhachd aig nithe na beatha so, ach tha 
gealladh nithe na beatha so aig diadhachd. Is e 
diadhachd san leth a staigh a bhana-charaid is fearr 
do shonas an leth a mach, ged is e sonas an leth 
a mach iomadach uair an nàmhaid is measa do 
dhiadhachd an leth a staigh ; is iad sligheachan na 
h-aingidheachd sligheachan na bocbdainn. Am 
beilsibha' deanamhnèamh'narìgh-chàthair dhuibh 
gu sèirbhis a dheanamh dh'i, agus ni Dia an talamh 
'na stol-chas dhuibh gu sèirbhis a dheanamh dhuibhse : 
is e diadhachd an leth a staigh an rathad ullamh gu 
pailteas o'n leth a mach : s< Ach a ta'n diadhachd 
tarbhach chum nan uile nithe aig am beil gealladh 
na beatha a ta làthair, agus a chum teachd," (1 Tim. 
iv. 8.) O ciod an seud òirdhearc a ta anns an diadh- 
achd ? agus cò nach dealaicheadh ris na h-uile ni 
air son diadhachd ? Cò nach measadh na h-uile 
ni eile 'nan aolach agus 'nan salchar a bhuidhinn 
diadhachd ? Ach mo thruaighe ! tha cuid do 
dhaoine ann an gaol cho mòr air an sporanan òir 



228 SLABHRAIDH OIR a' CHREIDICH. 

is gu'n ruith iad mar ghille-ruithe do dh'ifrinn ma 
bhios iad air an deagh phàigheadh air son an 
saoithreach : tha iad a'g amharc air buannachd 
mar an diadhachd is airde, agus cha n-ann air 
diadbachd mar a bhuannachd is airde ; tha 'n aire 
air an t-saoghal a ta làthair cho mòr, is ged nach 
teirigeadh e gu bràth ; agus air an t-saoghal a ta ri 
teachd cho beag, is ged nach biodh toiseach riamh 
aige. Is iad nithe an t-saoghail so an t-iomlan do 
shonas daoine an t-saoghail : "Cò e an t-Uile- 
chumhachdach, gu'n deanamaid sèirbhis dha ? agus 
ciod an tairbhe bhios ann duinn, ma ni sinn ùrnaigh 
ris?'' (Iob xxi. 16.) O ciod 'na saoghaltaich 
thruagha tha sinn ann ? O ciod an t-saothair a ta 
daoine a' gabhail a chòmhdachadh na feòla o lom- 
nochdachd, an uair nach eil an spioradan air an 
eideadh le trusganan na fireantachd. 

Tha iad dicheallach mu thimchioll an ni a ta 
aimsireil, ach dearmadach mu thimchioll an ni a 
ta spioradail, tha iad cùramach mu thimchioll 
diomhanasan bàsmhor, ach leisg mu thimchioll oir- 
dheirceis mhaireannach : tha iad a sàsachadh an 
cuirp, ach a' cur an anmannan a dhìth : tha iad a' 
tasgaidh suas ionmhasan air talamh, ach cha n-eii 
iad a' tasgaidh aon iomhas air nèamh. O ! l( C'ar- 
son ata sibh a caitheamh airgeid ? " tha mi'g ràdh, 
*' C'arson," O mhuinntir ionmhuinn, '* c'arson a ta 
sibh a caitheamh airgeid air an ni sin nach aran ? 
agus bhur saothair air ni nach sàsaich ?" Leugh- 
aibh, (Isa. lv. 2.) Rinn saibhreas daoine matha 
ni bu mheasa, ach cha d'rinn e droch-dhuine 
sam bith riamh n'a b'fhearr; is tric gur iad na 
d^oine is bochda air thalamh is beartaiche air 
nèainh ; a rèir an sgriobtuir a ta 'g ràdh. Nan 



SLABHAIDH OIR A* CHREIDICH. 229 

deanadh saibhreas saoradh o ifrinn, O an sin cia 
cho beag do dhaoine beartach a bhiodh air an 
damnadh. An tì a bhuaileas aig dorus a chreutair 
cha-n f haigh e ach taigh falamh alr a ghleidheadh 
an sin. O, mhuinntir ionmhuinn, ciod e dorchadas 
an comais ri solus ? Ciod e òr an comais ri gràs ? 
Ciod e an talamh an comais ri nèamh ? gu'm beil 
sibhmar so a' dearmadnannithemòra, nannithecud- 
thromach, na h-aon nithibh, agus g'ur pianadh fèin 
mu dhèideagan agus f haoineis, an uair a ta crùn 
agaibh ri amharc 'na dheigh, nèamh agaibh ri 
amharc 'na dheigh, rìoghachd ri amharc 'na deigh. 

Guidheam oirbh, a chàirdean, saoithrichibh na's 
mò air son naomhachd an leth a staigh, no air son 
sonas an leth a mach ; na's mò air son sìol nan 
gràs, no air son an sporain òir : na's mò air son 
diadhachd 'san taobh a staigh, no air son pailteas 
an leth a muigh ; na's mò air son chaithe-beatha 
nèamhaidh, no air son sealbh talmhaidh ; tha 'n 
talamh air son slighe air an siubhal am fìrean, 
ach tha nèamh dha mar cuibhrionn. O, a chreid- 
ich, am feadh a ta thu beò, gheibh thu diadhachd 
tarbhach, agus an uair a bhàsaicheas tu, gheibh thu 
diadhachd feumail. Is e sin an t-ochdamh-tinne- 
deug. 

XIX. Caithibh bhur beatha ann an gràdh, agus 
caithibh bhur beatha ann am firinn. 

" Mo chlann bheag, na gràdhaicheamaid ann am 
facal, no ann an teangaidh, ach ann an gniomh 
agus ann am fìrinn." (1 Eoin iii. 18.) Chum's gu'n 
gràdhaich sibh air an dòigh so, a Chriosdaidhean, 
ann an gniomh agus ann am fìrinn ; leigibh le bhur 
gràdh a bhi treibhdhireach, agus ni h-ann fèineil. 
'* Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu 
X 



230 SLABHRAIDH OIR a' CHREIDICH. 

fèin." (Gal. v. 14.) Cionnas a ta thu ga <T 
ghràdhachadh fèin? Cia cho ionmhuinn a ta thu 
ga/cT ghradhachadh fèin ? C'uime, mar sin feum- 
aidh tu do choimhearsnach a ghràdhachadh ; 
" Gràdhaiohidh tu do choimhearsnach mar thu 
fèin." An tì nach eil gearr anns an dleasanas 
so, cha n-eil e tighinn gearr ann an aon dleas- 
anas. Tha sean àithne agus àithne nuadh air 
a ghairm dhe : Goirear do ghràdh an sin, 
" Seann àithne, agus àithne nuadh." (1 Eoin ii. 7» 
8.) Tha i cho sean ri lagh Mhaois, agus gidheadh 
cho ùr ri soisgeul Iosa Criosd. Faodaidh duine 
feòlmhor a charaid a ghràdhachadh, ach is e duine 
Criosdail a ghràdhaicheas a nàmhaid. An tì a 
ghràdhaich sinne an uair a bha sinn n'ar nàimhdean, 
tha e ? g aithne dhuinne ar nàimhdean a ghràdhach- 
adh. «< Biodh gràdh agaibh do bhur nàimhdibh," 
deir ar Tighearna, " beannaichibh an droing a 
mhallaicheas sibh, agus deanaibh math do na daoine 
air am beag sibh, agus deanaibh ùrnaigh air son na 
muinntir a ta buntainn ribh gu nàimhdeil, agus a 
ta 'g 'ur geur-leanmhuinn." (Mata v. 44.) Bu 
chuidhe do Chriosdaidh math a ghuidhe dhaibh- 
san a ta guidhe uilc dhasan. 

O chreideacha, leigibh leam a ghuidhe oirbh, 
leigibh leam iarraidh oirbh air sgàth bhur n-anma 
luachmhor, 'ur beatha a chaitheadh ann an gràdh, 
agus 'ur beatha a chaitheadh ann am firinn. ls 
comh-luchd oibre sibh, comh-bhuill, luchd aon 
bhaile, luchd aon turais, comh-luchd-fulangais, 
comh-oighreachan, agus comh-shèirbhisich ; agus 
nach gràdhaich sibh aon a cbèile ? Cùimhnich- 
ibh, & Chriosdaidhean, an tì leis nach baill a 
bhi 'na fhear-coimhid a bhràthar, b'àill leis a blii 



SLABHRAIDH OIR A 1 CHREIDICH. 231 

'na fhear-casgraidh a bhràthar : (Gen. iv. 8.) Tha 
'n t-aon Athair againn uile, Dia ; an t-aon Cheann, 
Criosd ; an t-aon fhear-treòraichidh, an Spiorad ; 
an t-aon luchd-frithealaidh, na h-ainglean; an t-aon 
ghràs, creideamh ; an t-aon ainm mic ; an t-aon 
sgeadachadh, fireantachd Chriosd ; an t-aon ghlòir, 
nèamh. Agus nach bi sinn ionmhuinn do chàch a 
chèile? An tì a tha ga ghràdhachadh fèin, cha-n 
f huathaich e 'bhràthair ; oir am feadh a ta thu 
mach à seirc ri d' bhràthair, tha Dia a mach à seirc 
riut-sa ; agus tha thusa call na's mò air son a 
bhi dh'easbhuidh gràidh Dhe, no tha do bhràthair a 
call air son a bhi dh-easbhuidh do ghràidh-sa: 
" Fanadh gràdh bràthaireil agaibh.'* (Eabh. xiii. 
1.) Am beil thu gràdhachadh pearsa Chriosd, 
agus a' fuathachadh dealbh Chriosd ? O mo chàird- 
ean, cùimhnichibh gu'n d'àithn Dia a ghràidh 
dhuinn aon a chèile a ghràdhachadh. A mhuinntir 
ionmhuinn, tha e 'iia ni brònach, agus gu flrinneach 
cho ro bhrònach, ionnas gu'm faod e thoirt air ar 
fior chridheachan fuil a shileadh an taobh a staigh 
dhinn, gu smuainteachadh gu'm beil buidheann 
bheag an Uain, — muinntir ann an neart is ro-anmh- 
uinne, ann an saibhreas is ro bhochda, ann an 
àireamh is ro theirce : agus am bi iad ann an gràdh 
ni's fuaire ann am breitheanas ni's eas-aontachaile ? 
Nach eil so brònach a nise nach deanadh muinntir 
bheag Iosa Criosd, — nachdeanadh uain Iosa Criosd; 
aon a chèile a ghràdhachadh n'a b'f hearr ? O 
Chriosdaidhean, an dara cuid cuiribh a thaobh bhur 
mi~run, no cuiridh Dia a thaobh sibhse, mar a rinn 
e ri tuilleadh sa chòir againn 'san àm so^ chum ar 
doilghios mòr ; " am feadh a tha sibhse maille ri 
Dia, tha esan maille ribhse ; agus ma dh'iarras sibh 



232 SLABHRAIDH OIR a' CHREIDICH. 

e, gheibhear e leibh ; ach ma thrèigeas sibhse esan, 
trèigidh esan sibhse." (2 Eachd. xv. 2.) Cha 
robh duine riamh air a thrèigsinn le Dia, gus an 
robh Dia air a thrèigsinn le duine ; tha e fantainn 
dlù ruinne am feadh a tha sinne a' fawtuinn dlù 
ris-an, ach ma thrèigeas sinne esan, trèigidh esan 
sinne. An tì air am bi fearg agus nach peacaich, 
cha-n f haod fearg a bhi air ach ris a' pheacadh. 
Air an aobhar sin, a Chriosdaidhean gràdhach, 
leigibh leam a ghuidhe oirbh, sibh a ghràdhachadh 
a chèile ! O gu'm b'urrainn mi a labhairt a mach 
cho mòr 'sa ta mi miannachadh, sibh a ghràdh- 
achadh a chèile ! O bithidh e 'na latha sona 
an uair a bhios uile phobull Dè air an ceangal suas 
ann an gràdh, ann an aonachd, agus ann an aig- 
nidhean ! O mo chàirdean, nam biodh Dia air 
iarraidh ni-eigin mòr oirnn, ni-eigin a bhiodh 
'na uallach oirnn, dh'fhaodadh leithsgeul a bhi 
air fhaotainn ; ach mo thruaighe, cha tuilleadh 
e ach Dia agus ar bràithrean a ghràdhachadh ; agus 
an diùlt sinn so? Ach faodaidh sibh a ràdh, 
Cionnas bu chuidhe dhuinne creidhich, aon a chèile 
a ghràdhachadh? Freagraidh mi. — 

'Sa' ckeud àite, Bu chuidhe dhuibh meas mòr a 
bhi agaibh air a chèile, mar nèamhnuidean ann an 
coimeas ri daoine eile ; tha Dia a' deanamh mar 
sin. Tha Dia a' gairm do phobull a sheudan, 
ionmhasan-sa, a ghlòir-san, a chuibhrionn-san ; an 
uair a tha e gairm do dhaoine aingidh còin, nath- 
raichean-nimhe, mucan, drisean, agus droighionn. 
Bu chuidhe dhuibh a bhi ro bhlàth an gràdh a 
chèile. 

Anns an dara h-àite, Bu chuidhe dhuibh tlachd 
ghabhail ann an cuideachd a' chèile, ann an 



SLABHRAIDH OIR A* CHREIDICB. 233 

comunn nan naomh, tha Dia a' gabhail tlachd ann 
an comunn nan naomh, is amhail bu chuidhe ; 
dhuibhse dheanamh, 

Anns an treas àite, Bu chuidhe dhuibh a bhi 
ullamh a chuideaehadh a chèile, agus math a 
dheanamh d'a chèile, agus comh-roinn ri chèile. 
Cùimhnichibh briathran an Tighearn losa Criosd, 
a thubhairt, " Tha e ni's beannaichte ni athabhairt 
na ghabhail." 

Anns d cheathramh àite, Comhairlichibh a 
chèile, earalaichibh a chèile, brosnaichibh a chèile 
gu gràdh, agus gu deagh oibre. 

Anns a' chùigeamh àite, Biodh comh-fhulangas 
agaibh ri chèile ; bu chuidhe do chomh-bhuiil a 
bhi 'nan comh-luchd-fulangais: mar so rinn Maois, 
agus Ieremiah ; agus seann Eli, bha chridhe air a 
bhriseadh mu'n robh a mhuineal air a briseadh. A 
Chriosdaidhean gràdhach, ghuidheam oirbh, a 
chèile ghràdhachadh : tha e 'g iarraidh oirnn gràdh- 
achadh, neach is gràdh e fèin. Is e so an naoith- 
eamh-tinne-deug. 

XX. Rachaibh a mach air son Dhè aig bhur 
toiseachadh, agus buanaichibh maille ri Dia chum 
bhur crìche. 

Chionn nach eil neach sam bith tuilleadh is sean 
air son siorruidheachd, mar sin cha n-eil neach sam 
bith tuilleadh is òg air son bàsmhorachd anns an 
t-saoghal so. " Ciiimhnich a nis' do Chruithear 
ann an laithibh t'òige :" (Ecl. xii. I.) Is i so 
comhairle an duine ghiic do'n mhuinntir òg, agus 
b'e mo ghuidhe air Dia, gu'm biodh cumhachd aig 
a' chomhairle so air cloinn òig. Tha sinn air 'ur 
breith gu sèirbhis a thoirt do Dhia, agus b'fhearr 
nach robh sinn riamh air 'ur breith no gu'n sèirbhis 



234 8LABHRAIDH OIR a' CHREIDICH. 

a thoirt dhasan. Tha duine ann an comaine Dhè* 
air son na th' aige, ach cha n-eil Dia an comaine 
duine air son na tha e deanamh : tha e 'na ghlòir 
na's mò dhuinn gu'm beil sinn ri sèirbhis do Dhia 
no tha e do Dhia gu'm beil sinne ri sèirbhis dhasan ; 
cha n-e esan a tha air a dheanamh sona leinne, ach 
tha sinne air ar deanamh sona leis-an : cha n-eil 
feum aige air ar leithidibh-ne do shèirbhisich air 
talamh, ach tha feum againne air a leithid-san do 
mhaighistir air nèamh : bithidh esan gu siorruith 
beannaichte as ar n-eugmhais-ne, ach bithidh sinne 
gu siorruith mallaichte as eugmhais-san. " Oir is 
ann uaithe-san agus trjd-san, agus air a shon-san a 
ta na h-uile nith : dhasan gu robh glòir gu siorruidh. 
Amen." (Rom. xi. 36.) Tha e brònach, mo 
chàirdean, tha e brònach, gu'm bitheamaid beò cho 
fad anns an t-saoghal, agus cho beag math a dhean- 
amh ; no gu'm bitheamaid beò cho ghoirid anns an 
t-saoghal, agus na h-urrad uilc a dheanamh. O 
cha-n fheum sibh a smuainteachadh dàmhs' ris an 
diabhol rè an latha, agus 'ur suipeir a ghabhail 
m'a òidhche maille ri Criosd, dol o uchd Dhelilah 
do dh'uchd Abrahaim. Nam biodh slàinte furasda 
a bhuannachd, bhiodh i air a cur seachad gu suarach. 
Cha n-eil dòigh air na tha air a ghealltainn a 
bhuannachd, ach leis na th' air àithneadh a chomh- 
lionadh. Is e dearmad a dheanamh air rèis na 
naomhachd a ruith, a bheir gu crìch nach faic 
daoine gnùis Dhè ann an sìth : " Leanaibh sìth 
maille ris na h-uile dhaoine, agus naomhachd, ni as 
eugmhais nach faic neach air bith an Tighearn :" 
(Eabh. xii. 14.) A mhuinntir ionmhuinn, tha 
mòran do shluagh òg anns an t-saoghal a tha ro- 
aingidh anns an t-saoghal ; tha iad a'g imeachd 



SLABHRAIDH OIR A CHREIDICH. % 2Xì 

ann an dòrchadas, agu«s a' deanamh oibre an dòrch- 
adais ; tha iad òg ann am bliadhnachan, ach sean 
ann am peacadh ; tha iad ro dhiomhain ann an 
saoghal diomhain ; tha iad a' peacachadh le tlachd, 
agus a' deanamh an tlachd do'n pheacadh. Guidh- 
eam oirbh amhaircibh ann an Eclesiastes xi. 9. 
" Dean gàirdeachas, a dhuin' òig à t'òige, agus 
deanadh do chridhe subhach thu ann an làithibh 
t'òige, agus siubhaii ann an siighibh do chridhe, 
agus ann an sealladh do shùl :" O ! tha so math da 
rìreadh, n'am maireadh e' do ghnà ; ach an deigh 
plathadh an dealanaich, thig stairirich an tàirn- 
eanaich ; thugaibh fainear soa leanas, " Ach biodh 
fhios agad air an.son so uile gu'n toir Dia chum 
breitheanais thu." Am beil sibh a' faicinn so, 
mo chàirdean. O ! mar be an t-aon fhacal so, 
cia cho math s a bha e air son dhaoine aingidh I 
Ach air son na nithe so uile bheir Dia chum 
breitheanais thu : air son t-uile mhacnais, agus air 
son t-uile uabhair, agus air son t-uile mhi-naomh- 
achd agus stròghalachd, bithidh tu air do thoirt gu 
breitheanas : an deigh na h-uile ni a tha thu 
faotainn 's an àm a ta làthair, is eigin dhut a bhi air 
do thoirt gu cunntas. O air an aobhar sin, na 
biodh ni sam bith air a dheanamh annsan t-saoghai 
so leibh, nach urrainn dhuibh freagairt air a shon 
ann an saoghal eile. Ghuidheam oirbhse, a tha n'ur 
daoine òga agus n'ur mnathan òga, 'n'ur gillean òga 
agus 'n'ur nigheanan òga, sibh a chùimhneachadh 
bhur Cruithear ann an laithibh bhur n-òige: 
sèirbhis a dheanamh do Dhia, gràdh a thoirt do 
Dhia, urram a thoirt do Dhia, ùmhlachd a thoirt 
do Dhia ann an laithibh bhur n-òige. Is e blàth na 
beatha cur Chriosd, agus am bi e do bhuain an 



236 SLABHRAIDH OIR A* CHREIDICH. 

diabhoil ? An croch sibh an seud is ro-lainniriche 
do bhliadhnaibh 'ur n-òige ann an cluasaibh an 
diabhoil ? O ! tha e cruaidh cuibhrichean tràilleil 
an diabhoil a thilgeil dhinn, an dèis duinn an 
caitheadh cho fad mu'n cuairt d'ar muinealan: O, 
mhuinntir òg, ma tha sibh gu tinn le cion càil do 
dhiadhachd, gheibh sean aois bàs le cion comais a 
cur an cèill : ma tha latha an-diugh Dhè tuilleadh 
is luath air son t-aithreachais, bithidh do latha 
am màireach tuilleadh is anmoch air son gabhail 
riut. Cha n-urrainn dhuibh gu bràth tighinn tuill- 
eadh is luath a dh'ionnsaidh Dhè, na fuireach tuill- 
eadh is fada maille ri Dia : bithidh esan sona aig 
a' chrìch, a bhitheas naomh a chum na crìche. 
" Bi-sa firinneach gu bàs, agus bheir mise dhut 
crùn na beatha:" (Tais. ii. 10.) O cumaibh air 
'ur n-aghaidh agus buanaichibh a chum na crìche : 
an tì a philleas air ais o aidmheil, bithidh e air a 
chumail air ais o shlàinte : an tì a dh'fhàgas an 
saoghal anns a' chreideamh bithidh e air a shàbhal- 
adh, ach an tì a thuiteas air falbh o'n chreideamh 
bithidh e air a dhamnadh : " Ach ma philleas e air 
ais, cha bhi aig m'anamsa tlachd ann." Agus o 
gu'm b'urrainn duinne cuir leis an Abstol anns an 
rann a leanas, " Ach cha-n eil sinne do'n dream 
sin a philleas air an ais, chum sgrios : ach do'n 
dream a chreideas, chum slànachaidh an anma." 
(Eabh. x. 38.) " Bithibhse daingean, neo-ghluas- 
adach, a sir-mheudachadh ann an obair an Tigh- 
earna, air dhuibh fios a bhi agaibh nach eil bhur 
saothair diomhain anns an Tighearna." (1 Cor. 
xv. 58.) Ma tha e toirt dhuinne a' ghràis sin nach 
eil dligheach dhuinn fhaotainn, an diùlt sinne 
a ghlòir dhasan a bhuineas d'a ainm ? Ma tha 



AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMH. 23? 

esan a' deanamh ar nàduir-ne gràsmhor, bu chubh- 
aidh dhuinne ainm-san a ghlòrachadh. O ! bithibh 
a ghnà maille ri Dia, mar so bha Daibhidh, 
*' Nuair a dhùisgeas mi, tha mi do ghnà maille 
riutsa. Cha-n urrainn ni air bith a bhi na's fearr 
air ar son-ne, no sinn a bhi maille ri Dia. Is e so 
an tinne mu dheireadh. 



AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMH. 

I. Gabhaibh gràin do'n pheacadh agus trèig- 
ibh e. 

"An tì a dh'fhalaicheas a pheacannan, cha soirbh- 
ich leis ; ach esan a dh'aidicheas agus a thrèigeas 
iad, gheibh e tròcair:" (Gnà. xxviii. 13.) " Ma 
dh'aidicheas sinn ar peacannan, tha esan fìrinneach, 
agus ceart chum ar peacannan a mhaitheadh dhuinn, 
agus ar glanadh o gach uile neo-f hìreantachd :" 
(1 Eoin i. 9.) Is eigin gu'n cuir sinne agus ar 
peacannan a mach air a chèile, mu'n urrainn sinn ar 
peacannan a chuir air falbh ; is èigin gu'm bi gràin 
air a thoirt do'n pheacadh 'n-ar n-aignidhean. O, 
nach eil e mìle uair na's fearr dealachadh ris a' 
pheacadh, ge b'e air bith cho milis, na dealachadh 
ri Dia, agus ri Criosd, agus ri nèamh ? Aon dhiù is 
èigin dhuibh a dheanamh. Ni aon pheacadh anara 
a dhìteadh a mach à Criosd, ach cha n.urràinn 
peacadh sam bith anam a dhìteadh ann an Criosd . 



238 AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMH. 

is e am peacadh olc nan olc; is measa e no'n 
diabhol fèin ; oir is e am peacadh an ni sin a rinn 
an diabhol 'na dhiabhol. O ! ni gràdh a' pheacaidh, 
agus dìth gràis, ar n-anmannan a mhilleadh agus 
a sgrios gu siorruidh. Tha e na's fearr do neach 
gu'n a bhi ann idir, no bhi 'na pheacach ; na's 
fearr gu'n a bhi n'ar sluagh idir, no gun a bhi 
'n-ar sluagh do'n Tighearna. O, uime sin marbh- 
aibh am peacadh chum's nach marbh am peac- 
adh sibhse. Deanaibh caoidh air son a' pheacaidh, 
agus teichibh uaithe. Na cuiribh peacannan 
nuadh an gniomh, ach deanaibh aithreachas air son 
seann pheacannan. " An sin cùimhnichidh sibh 'ur 
droch shlighe fèin, agus 'ur deanadais nach robh 
math, agus fuathaichibh sibh sibh-fèin ann s ur seall- 
adh fein, air son 'ur n-euceartan, agus air son 'ur 
gràinealachdan." (Ecc. xxxvi. 31.) Och anaim 
bhochd am faca tus' am peacadh riamh 'na chùis 
ghràine da rìreadh nam faiceadh, dh'f huathaicheadh 
tu thu-fèin ; O ma ta! nach d'rinn thu sèirbhis do'n 
fheòil agus do'n diabhol fada na's leòir? Seadh, 
nach robh gu leòir agad do pheacadh ? Am beil e 
cho math dhut, no beil e tàrbhach air do shon ? O, 
ciod an t-àite do dh'aoibhneas no do dhorainn 
anns an bi sibh an ùine ghearr ! Och ! ciod an seall- 
adh a chì sibh an ùine ghearr ann an nèamh no 'n 
ifrinn ! O ciod na smuainteanan a lionas bhur cridh- 
eachan an ùine ghearr le tlachd do-labhairt no le 
uabhas ! Ciod an obair a bhios sibh a' deanamh an 
ùine ghearr, a' cliàthachadh an Tighearna maille ri 
naomhaibh agus ainglibh, no a glaodhaich a mach 
ann an teine do mhùchta maille ri deamhnaibh. O 
uime sin ; bàsaichibh do'n pheacadh, aidichibh e, 
deanaibh bròn air a shon, agus biodh nàire oirbh 



ANT-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMH. J239 

dheth ; fuathaichibh agus gabhaibh gràin dheth, 
agus teichibh uaithe mar o nathair : agus ged a tha 
'ur peacannan na's mò na 's urrainn sibh àireamh, 
gidheadh cha n-eil iad na's mò na's urrainn Dia a 
mhaitheadh. 

II. Cuiribh dhibh an seann duine, agus cuiribh 
umaibh an duine nuadh. 

" Na deanaibh breug d'a chèile, do brìgh gu'n 
do chuir sibh dhibh an seann duine maille r'a 
ghniomharaibh, Agus gu'n do chuir sibh umaibh an 
duine nuadh ; a tha air ath-nuadhachadh ann an 
eòlas, a rèir iomhaigh an tì a chruthaich e." (Col. 
iii. 9, 10.) " Agus gu'ncuirsibh umaibh an nuadh- 
dhuine, a tha air a chruthachadh a rèir Dhè am 
fireantachd agus am fìor naomhachd," (Eph. iv. 
24.) " Oir ann an Iosa Criosd cha n-eil èifeachd 
air bith ann an timchioll-ghearradh, no ann an neo- 
thimchioll-ghearradh, ach ann an cruthachadh 
nuadh :" (Gal. vi. 15.) " Mar naoidheanan air an 
ùr-bhreith iarraibh bainne fior-ghlan an fhacail, 
chum as gu'ra fàs sibh leis :" (1 Pead. ii .2.) iC Uime 
sin ma ta neach sam bilh ann an Criosd, is creutair 
nuadh e : chaidh na seann nithe seach, feuch, rinn- 
eadh na h-uile nithe nuadh :" (2 Cor. v. 17-) 
Tuigse nuadh, toil nuadh, iarrtais nuadh, gràdh 
nuadh, sòlasan nuadh, smuaintean nuadh, briathran 
nuadh, cuideachd nuadh, agus caithe-beatha nuadh. 
Cha n-e 'm fear ceudna e a bh'ann roimhe. O, a 
chàirdean gràdhach, bithibh ? n-'ur nuadh-chreutair- 
ean, chum's gu'm bi sibh 'n-ur creutairean glòrmhor. 
Cha n-urrainn dhuinn ni sam bith a tha air nèamh 
a ghairm leinn fèin, gus an leinn Chriosd ; as 
eugmhais ath-ghineamhuin cha n-eil slàinte. Mur 
iompaichear sibh, agus mur bi sibh mar leanabanan. 



240 AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMfl. 

cha tèid sibh a steach do rìoghachd nèimh. 
" Gu deimhin deimhin, a deirim riut, mur beir- 
ear duine a ris, nach feud e rìoghachd Dhè* 
fhaicinn." (Eoin iii. 3.) Chuala sibh mòran 
mu Dhia, mu Chriosd, agus mu nèamh le bhur 
cluasan, ach cha toir so do nèamh sibh, na's lugha 
nà tha mòran agaibh do Dhia, do Chrlosd, agus do 
nèamh 'n-ar cridheachan. Is èigin dhuibh bhi 
comasach air a ràdh, bha mi aon uair a'm thràill, 
ach a nis' a ta mi a'm mhac; bha mi aon uair màrbh, 
ach tha mi a nise beò ; bha mi aon uair a'm dhòrch- 
adas, ach a nise tha mi a'm sholus 'san Tighearna ; 
aon uair bha mi a'm leanabh fèirge, a'm òighre air 
ifrinn, ach a' nis' tha mi a'm òighre air nèamh ; aon 
uair bha mi o spiorad na daorsa, ach a nise tha mi fo 
spiorad na h-uchd-mhacachd. A rèir so labhair an 
duine dall anns an t-soisgeul, iC Air aon ni tha 
f hios agam, air dhomh bhi dall, gu'm beil mi nis' a' 
faicinn:" (Eoin ix. 25.) Agus tha na nithe eile 
chaidh a' radh cho soilleir anns na sgriobtuiribh ris 
an ni so. Tha fior chreideach beò anns an 
Tighearna, (1 Tesal. i. ].) Air an Tighearna, 
(Rom. i. 17. Luc. xx. 38.) O 'n Tighearna, (Eoin. 
vi. 47.) Do'n Tighearna, (Rom. xiv. 7, 8.) Maille 
ris an Tighearna, 2 Cor. xiii. 4. 

III, Deanaibh 'ur sìth ri Prionnsana Sìthe : Isa. 
ix. 6, 

" Pògaibh am Mac, air eagal gu'm bi fearg air, 
agus gu sgriosar sibh 'san t-slighe, 'nuair a lasas ach 
gu beag a chorraich, Is beannaichte iadsan uile a 
dh'earbas às." (Salm ii. 12.) O na togaibh suas 
bhur làmhan an aghaidh a Mhic, ach pògaibh am 
Mac. 

Tha sìth cheithir-fillt ann. (1.) Tha sith an leth 



AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMffl, 241 

a muigh ann ; is e sin maille ris-an. (2.) Tha sìth 
gu h-ard ann ; is e sin ri Dia. (3.) Tha sìth san 
leth a staigh ann ; is e sin sìth ri coguis. (4.) Tha 
sìth shiorruidh ann ; agus is e sin, sìth air nèamh : 
" Thoir faihear an duine folrfe, agus amhairc air an 
duine ionraic ; oir is i sìth a's crìoch do'n duine 
sin." Salm xxxvii. 37. 

Ma tha sìth agaibh n Dia, cha n-urrainn an 
saoghal agusan diabholdochann adheanamhdhuibh. 
"Oir thar a' ghlòir uile bithidh còmhdach:" (Isa. 
iv. 5.) Tha Dia aig creidich air son am fear- 
treòrachaidh agus am buannachd : esan a bheanas 
ri naoimh Dhè, tha e toirt ionnsaidh air Dia fèin : 
u Oir an tì bheanas ruibhse, beanaidh e ri cloich a 
shùla-san." (Sech. ii. 8.) An tì a tha togail suas 
alàimhe 'nan aghaidh-san, tha e togail suas a làimhe 
an aghaidh Dhè : 'ged a tha mòran nàimhdean aca, 
gidheadh, tha aon charaid aca aig am beil tuilleadh 
neart no tha aig an nàimhdean uile : Tha naomh 
luideagach na's luachmhoire do Dhia, na iompaire 
lainnireach a ta dh'easbhuidh gràis. O, deanaibh 
bhur sìth ri Prionnsa na sìthe a chum anns a 
bheatha so gu'm faod sibh a bhi làn chinnteach à 
beatha shiorruidh, agus nacli e bàs siorruidh bhur 
cuibhrionn anns a bheatha eile. 

IV. Deanaibh diadhachd 'na gnothach àraid 
dhuibh, agus cha n-ann 'na leth-gnothach. 

" Uime sin, a bhràithrean, deanaibh an tuilleadh 
dìchill chum bhur gairm agus bhur taghadh a 
dheanamh cinnteach : oir ma ni sibh na nithe so, 
cha tuit sibh a chaoidh :" (2 Pead. i. 10.) " Làn- 
oibrichibh bhur slàinte fèin le h-eagal agus ball- 
chrith :" (Phil. ii. 12.) 4< Ach iarraibh air tùs 
rìoghachd Dhè, agus fhìreantachdsan, agus cuirear 
Y 



242 AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMH, 

na nithe so uile ruibh." (Mat vi. 33.) O ! c'arson 
a tha na h-urrad shùim air a ghabhail do ghlòir an 
t-saoghail so, ach a chionn gu'm beil cho beag aire 
air a thoirt do ghlòir nèimh. O, ciod e rìoghachd 
thalmhaidh, an coimeas ris an rìoghachd nèamh- 
aidh ? Ged a tha na h-ainglean fèin 'nan spiorad- 
an glòrmhor, gidheadh is spioradan frithealaidh 
iad. 

Nach eil a chuid is mò do dhaoine an t-saoghail 
a' cur an suarachas Dhè agus Chriosd, agus an 
Spioraid, agus nèamh, agus an anmannan luach- 
mhor fèin ? " Agus chuir e shèirbhisich a ghairm 
na muinntir a fhuair cuireadh chura na bainnse : 
ach cha b'àill leo-san teachd. A rithist chuir e 
d'an ionnsaidh sèirbhisich eile, ag ràdh," Abraibhse 
ris a' mhuinntir d'an tugadh cuireadh. Feuch, 
dheasaich mi mo dhinneir, a tamodhaimh agus mo 
sprèidh bhiadhta air am marbhadh, agus a ta na 
h-uile nithe ullamh: Thigibh chum na bainnse. 
Ach chuir iadsan an suaraschas e, agus dh'imiich 
iad rompa, fear dhiubh d'a f hearann agus fear eile 
chum a cheannachd." Mata xxii. 3 — 5. 

Tha daoine saoghalta truagh' a' deanamh diadh- 
achd ? na leth-ghnothach èisdidh iad, leughaidh iad^ 
agus ni iad ùrnaigh, an uair nach eil ni sam bith 
eile aca r'a dheanamh. O na'm l/aithne do 
leithidibh sin do dhaoine glòir shiorruidh agus 
dòrainn shiorruidh, an deanadh iad an sin mar tha 
iad a' deanamh ? Q, na'm b'aithne dhaibh luach 
an anmannan agus dìth Slànaighear ; giorrad an 
ùine, agus meud an oibre, an deanadh iad an sin 
Dia agus an anmannan fèin a dhearmad mar tha 
iad a' deanamh ? 

O chàirdean, ghuidheam oirbhse chum am beil 



AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMH. 243 

mi sgrìobhadh,sibh a dheanamh bhur gnothach àraid 
do dhiadhachd, èisdeachd, leughadh, ag ùrnaigh, 
a' creidsinn, agus a' deanamh, na ghnothach àraid 
dhuibh. " Deanaibh saothair cha n-ann air son a' 
bhìdh a theirigeas, ach air son a' bhìdh a mhaireas 
chum na beatha siorruidh, a bheir Mac an duine 
dhuibh : oir esan sheulaich Dia an t-Athair." Eoin 
vi. 27. 

V. Na deanaibh ni sam bith anns an t-saoghal 
so, ach ni is urrainn duibh freagairt air a shon ann 
an saoghal eile. 

«« Oir is èigin duinn uile bhi air ar nochdadh an 
làthair cathair-breitheanais Chriosd ; chum gu'm 
faigh gach neach na nithe a rinn e sa' choluinn, a 
rèir an ni a rinn e, ma's math no olc e." (2 Cor. 
v. 10.) iC San là anns an tabhair Dia breth air 
nithibh uaigneach dhaoine a rèir mo shoisgeilse, 
tre Iosa Criosd :" (Rom. ii. 16.) " Do bhrìgh 
gu'n do shuidhich e latha anns a toir e breth air an 
t-saoghal am fireantachd, tre'n duine sin a dh'òrd- 
uich e." (Gniomh. xvii. 31.) " Oir bheir Dia 
gach obair chum breitheanais, maille ris gach ni 
diomhair, ma's math, no ma's olc e ;" (Ecl. xii. 14.) 
O ! air sgàth an Tighearna, mo bhràithrean, 
gràdhach na biodh ni sam bith air a dheanamh 
leibh anns an t-saoghal so, ach ni a dh'fhaodar 
freagairt air a shon ann an saoghal eile. 

Tha mòran dhaoine a' deanadh an ni sin anns an 
t-saoghal so nach urrainn iad freagairt air a shon 
ann an saoghal eile : A nise tha iad ri dimeas air 
Dia, a' toirt toibheum do Dhia, ri ceannairc ann an 
aghaidh Dhè, a dol air strìopachas o Dhia, agus a 
geur-leanmhuinn luchd-gràidh Dhè. An àite a bhi 
dion nan naomlr, a' cur nan naomh am prìosan. 



244 AN T-SLIGHE CHLMHANN DO NEAMH. 

agus a tha na's mò chum an leagail sìos na comh- 
f hurtachd a thoirt dhaibh : an àite dol g'an amharc, 
a toirt air falbh an cliù ; agus an àite an gràdhach- 
adh, ga'n leòn, " agus ga'n itheadh suas mar a 
Ji'itheas iad aran." (Salm xiv. 4.) Agus nach 
leig leo aoradh a dheanamh do'n Dia fhior, 
ann an spiorad agiis ann am firinn, ach ri fanaid 
orra : (Eabh. xi. 26.) A' bagairt orra ; (Gniomh 
iv. J7 — 29.) Ga'n casaid: (Gniomh xxiv. 1 — 5.) 
A' labhairt gu breugach umpa : (Mat. v. ] 1.) Ga'm 
malìachadfo : (Mat. v. 44.) A' gabhail orra : 
(Gniomh v. 40. ) Ga'n cuir am piìosan : (Gniomh 
ìv, 3 ) Ga'n spùinneadh : (Eabh. x. 34.) Ga'm 
fògradii : (Eàbh.xi. 37..) Agus ga'm mòrt. (Rom. 
viiì. 36.) So uile tha na neo-chionntaich bhochd 
a' fulang, am feadh a ta mionnachadh, mallachadh, 
striopachas, spuinneadh, toibheum, misg, craos, 
agus na h-uile gnè do dh' ana-measarrachd, 
seadh, mort fèin a' gluasad air na sràidean, gu'n 
oheanas a bhi air a dheanamh orr, ach tha esan, a 
mhàin, a' sheachnas an t-olc, 'ga dheanamh fèin 
'na chobhartach. Ciod an t-iongantas ma ta ged 
nì iad sin aon latha iad-fèin fhalach ann an 
uamhaibh agus ann an slocaibh, " ag radh ris 
na slèibhtibh agus ris na creagaibh, tuitibh oirnne, 
agus falaichibh sinn o ghnùisan Tì a tha'na shuidhe 
air an rìgh-chaithir, agus o fhèirg an Uain ? tha 
aobhar aca, " Oir thàinig latha mòr f hèirge-san ; 
agus cò a dh'fhaodas seasamh ?" (Tais. vi. 15 — 
i7. O, ciod a ni luchd-geur leanmhuinn, ei an 
uair a dh'fhoillsichear an Tighearn Iosa o nèamh, 
maille r'a ainglibh cumhachdach, ann an teine las- 
arach a' deanamh dioghaltais air an droing aig 
nach eil eòlas air Dia, agus nach eil umhal do shois- 



AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMH. 245 

geul ar Tighearn Iosa Criosd ;" (2 Tes. i — 8.) 
Nach bi iad balbh agus tosdach, agus gun f hacal 
gu bràth aca ri ràdh air an son fèin ; mar an duine 
sin air nach robh trusgan na bainnse ? (Mata xxii. 
12. 

" Ach, a mhuinntir ionmhuinn, Deanadh an 
" gràs sin a dh'f hoillsicheadh, do na h-uile dhaoine, 
sinne a theagasg, gu mi-dhiadhachd, agus ana- 
mhiannan saoghalta àicheadh, chum gu'n caith sinn 
ar beatha gu stuama, gu cothromach, agus gu 
diadhaidh anns an t-saoghal a ta làthair." (Tit. ii. 
11, 12.) A' leantainn an Uain, a' cur an aghaidh 
Shàtain, a' seachnadh a' pheacaidh, agus a' deal- 
achadh o'n t-saoghal. 

VI. Deanaibh facal Dè 'na riaghailt, agus spiorad 
Dhè 'na fhear-treòrachaidh dhuibh. 

" Iarradh iad chum an lagha agus chum na 
fianais : mar labhair iad a rèir an f hacail so, 's ann 
a chionn nach eil solus annta :'' (Isa. viii. 20.) 
# Tha againn mar an ceudna facal faidheadaireachd 
a's cinntiche : d'am math a ni sibh aire a thoirt, 
mar do lòchran a tha toirt soluis uaith ann an ionad 
dòrcha, gus an soillsich an là, agus an èirich an 
reullt mhaidne 'n'ur cridheachaibh f (2 Pead. i. 19.) 
44 Tha 'n sgriobtur uile air a' dheachdadh le 
Spioraid Dè, agus tha e tarbhach chum teagaisg, 
chum spreige, chum leasachaidh chum oilein ann 
am fireantachd : Chum gu'm bi òglach Dhè coimh- 
lionta, lan-deas chum gach uile dheagh oibre :" (2 
Tim. iii. 16, 170 " ^ cn an ua ' r a tn 'g esan 
Spiorad na fìrinn, treòraichidh e sibh chum gach 
uile fhìrinn : oir cha labhair e uaith-fèin ; ach 
labhraidh e na h-uile nithe a chluinneas e ; agus 
foillsichidh e dhuibhse nithe a ta riteachd," (Eoin 



246 AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMH. 

xvi. 13.) Tha 'n sgriobtur 'na riaghailt fa'r comh- 
air, a dh'fheuchainn dhuinn an t-slighe air an èigin 
duinn imeachd ; is facal an spiorad air ar culthaobh, 
g'ar deanamh comasach air imeachd a rèir-seòlaidli . 
an f hacail. Is còmpaist facal Dè leis am feum sinn 
ar cùrsa a ghabhail ; is e an Spiorad am fear 
treòrachaidh mòr a tha g'ar stiùradh anns a chùrsa 
so ; cha n.eil sùilean againne a dh'f haicinn an 
f hacail, gus an soillsich an Spiorad iad : cha n-eil 
cluasan againne a chluinntinn an fhacail, gus am 
fosgail an Spiorad iad ; cha n-eil cridheachan 
againne a thoirt ùmhlachd do'n f hacal, gus an lùb 
agus an aom an Spiorad iad. Tre fhacal Dè is 
aithne dhuinn inntinn an Spiorad ; agus ìe oibreach- 
adh èifeachdach an Spioraid tha sinn a' faireach- 
adh oibreachadh èifeachdach an f hacail ; tha 
facal Dè a' nochdadh dhuinn na slighe, agus tha 
Spiorad Dhè g'ar treòrachadh anns an t-slighe sin 
a tha 'm facal a' comharrachadh a mach. Tha 
Spiorad Dhè comasach air facal Dè a mhìneachadh, 
agus a dheanamh soilleir d'ar tuigse. Is e an 
Spiorad eadar-mhìnichear na h-eaglais ; tha e 
toirt seachad nan sgriobturan, agus is urrainn 
esan seadh, agus ciall nan sgriobturan f hoillseach- 
adh dhuinne ; is e am facal comhairliche Dhè, a 
dh'fhoillseachadh dhuinn an ceum anns am beil 
sinn ri gluasad ; is e an Spiorad comhairle Dhè, a 
tha teagasg dhuinne gluasad anns a' cheum sin : is 
sgàthan criostail am facal, a ta foillseachadh dhuinn 
ar dleasanais : mar cuireadh Dia a Spiorad n'ar 
cridheachan, cho math r'a fhacal n'ar beòil, cha 
ruigeamaid gu bràth caiaspiamhach na siothchaint'. 
Tha Augustine a' gairm do no-sgriobturan, Litir 
Dhè do na cr&utaran, leis am beil sinn a' tuigsinn 



AN T-SLIGHE CHUMHAXN DO KEAMH. 24/ 

fior chridhe Dhè. Rinn Dia Uile chumhachdach 
anns na sgriobturan naomha, mar gu'm b'ann, 
innigh fèin a leigeil ris, a chomhairle uile f hoill- 
seachadh da chreutairean, cho fad 'sa tha e feum- 
ail gu bhi air aithneachadh, air son an seòladh 
agns an treòrachadh gu beatha mhaireannach. 

Tha mòran ann a tha gluasad le riaghailtean 
brèige. (1.) Cuid le barailean. (2.) Cuid le 
cleachdaidhean. (3.) Cuid le freasdaL (4.) 
Cuid le coguis. (5.) Cuid le 'n reuson fèin. (6.) 
Cuid Je eiseimpleiribh dhaoine. (7.) Cuid le n' 
ana-mhiannaibh. Ach, O mo chàirdean, leigibh 
leam a ghuidhe oirbhse gu'n sibh a ghluasad le aon 
sam bith do na riaghailtean meallta sin, ach sibh a 
ehumail dliì ri Facal agus ri Spiorad Dhè. 

Y III. Bithibh firinneach agus torrach. 

" Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, bithibhse 
daingean, neo-ghluasadach, a sìr-mheudachadh ann 
an obair an Tighearna, air dhuibh fios a bhi agaibh 
nach eil bhur saothair diomhain anns an Tigh- 
earna :" (1 Cor. xv. 58.) u Air an aobhar sin, ge 
b'e crann nach toir a mach toradh math gearrar e, 
agus tilgear 'san teine e." (Mat. iii. 10.) Feum- 
aidh Criosdaidhean a bhi torrach, agus cha n-ann 
leisg : feuchaibh gu'n toir sibh toradh math a mach, 
agus mòran toraidh. 

Air tùs, Treibhdhireas, ni nach gràs aon-fhillte, 
ach anam nan gràs. u Feuch, is ionmhuinn leat 
an f hìrinn 'san taobh a stigh." Salm li. 6. 

Anns an dara h-àite, Irisleachd is gràs i a ta ro 
bhuadhach maille ri Dia air son faotainn nan uile 
ghràs. — u Gabhaibh mo chuing oirbh, agus fògh- 
lumaibh uam, oir a ta mise macant' agus umhal an 



248 AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMII. 

cridhe : agus gheibh sibh fois d'ur n-anmaibh ; w 
Mata xi. 29. 

Anns an treas àite, Crionnaehd ; is e 'n Criosd- 
aidh faighidneach an neach is fearr air son feith- 
eamh, ach is e'n Criosdaidh crionna an neach is 
fearr air son oibreachaidh. " Bithibhse glic mar 
na nathraichean, agus neo-chronail mar na cala- 
main:" (Mata x. 16.) Is èigin duinn neò-chionntas 
a bhi againn maille ri ar gliocas, no cha n-eil 'n-ar 
gliocas ach cealgaireachd ; agus is eigin duinn 
gliocas a bhi againn maille ri ar neo-chionntas, no 
cha n-eil n'ar neo-chionntas ach anmhuinneachd. 
Is eigin dhuinn neo-lochtachd nan calaman a bhi 
agamn, chum 's nach dean sinn eucoir air dream 
eile, agus is èigin dhuinn crionnachd na nathrach a 
bhi againn, chum's nach mi-ghnàthaich, agus nach 
meall dream eile sinn : gu J n eucoir a dheanamh 
air an fhirinn le tosd, an so tha neo-chionntas nan 
calaman ; gu'n sinn fèin a bhrath le braisead, an 
**o tha gliocas na nathrach. 

Anns a' cheathramh àite, Faighidinn ; " an so 
tha faighidinn nan naomh :" (Tais. xiii. 10 ; xiv. 
12.) Is e an dòigh air an t-saoghal a thoirt fodh- 
ainn, a bhi faighidneach fo ghruaim an t-saogh- 
ai-1. 

4njis a chùigeamh àite, Fèin-aicheadh ; u Ma's 
àill le neach air bith teachd a'm dheigh-sa, àich- 
eadhadh se e-fèin, agus togadh e air achrann-ceus- 
aidh, agus leanadh e mise." Mata xvi. 24. 

Bithibh tìrinneach ann bhur geallannan, agus 
ann bhur rùintean ; bithibh firinneach do shlighean 
Dhe, agus do dh ? aobhar Dhè. O ! na tòisichibh 
maille ris an Uan, agus crìochnachadh maille ris 



AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMl-f. 249 

an fhiadh-bheathach : Ach " bi-sa firinneach gu 
bàs, agus bheir mise dhut crùn na beatha." (Tais. 
ii. 10.) Gleidhibh bhur soluis a' dearsadh, agus 
bhur lòchrain a' lasadh, bhur leasraidh air an crios- 
lachadh, bhur cogaisean 'nan dùisg, bhur trusg- 
anan gu'n salachadh le cionnt, agus bhur n-arm- 
achd spioradail daonnan umaibh, air a chrios- 
lachadh gu dlù. 

VIII. Bidhibh cùramach mu aithris, agus mu 
chreidsinn sgeul an t-saoghail mu shluagh Dhè. 

An dream aig am beil deagh chogais, cha n-eil 
am bitheantas deagh ainm aca. Goirear do phobull 
Dè anns a' bheatha so leis na h-aingidh, luchd- 
chur Israeil fo bhuaireas, daoine mi-riaghailteach 
daoine ceannairceach, agus ciod nach eil iad; 
seann innleachd na seann-nathrach sin, gu triob- 
laidean Israeil a leantainn air Eliah, càrbad Israeil. 
( l Righ. xviii. 17.— 2 Rìgh ii. 12.) Tha Ieremiab, 
air son a bhi labhairt an aghaidh am peacannan 
agus an aingidheachd, agus a' cur an cèill breith- 
eanais Dhè 'nan aghaidh-san, air a mheas airidh 
air bàs (Ier. xxvi. 8 — 12.) Mar an ceudna dh'as- 
laich na h-uaislean aingidh an Rìgh, gu esan a chur 
gu bàs, le eucoir a chuir as a leth nach " robh e 'g 
iarraidh leas an t-sluaigh, ach an aimhleas :" (Ier. 
xxxviii. 4.) Mar an ceudna Amos, air son a bhi 
labhairt an aghaidh gràinealachdan cùirt an rìgh, 
bha feail an aghaidh beatha an rìgh air a chuir as a 
leth : (Amos vii. 10 — 13.) Is amhail a bha Pòl 
agus Silas air son cumhachd rìoghail Iosa Criosd, 
searmonachadh air an casaid leis na h-Iudhaich 
f harmadach, agus leis an t-sluagh bhòrb, air son a 
bhi-tionndaidh an t-saoghail bun os-ceann, agus a 
briseadh òrduighean Chesair ; seadh, bha nì so air 



250 AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMH. 

a chuir as leth Chriosd fèin. Thugaibh fainear 
ciod a thuirt na h-Iudhaich uime, " Agus thòisich 
iad air a chasaid, ag radh, Fhuair sinn am fear so 
a' claonadh a' chinnich, agus a' bacadh cìs a thoirt 
do Chesar, ag radh, gur e fèin Criosd an rìgh." 
(Luc. xxiii. 2.) Agus air a shon so bha sèirbh- 
isich Dhè* anns na h-uile linn air an casaid agus 
air an geur-leanmhainn, air am marbhadh agus air 
an clachadh. (Mat. xxiii. 37- Gniomh viL 52.) 
A nise ma rinn iad mar sin ris a' chrann ùr, cha'n 
iongnadh ged ni iad e ris a chrionaich : Ma bha 
an Tighearna agus am maighistir air a ghairm 'na 
nàmhaid do Chesar, cha n-iongnadh ged bhiodh 
muinntir a theaghlaich air an gairm mar sin. Cha 
dion ar n'ionracas sinn o sgainneal : bha na comh- 
arran dubh aig an luchd-aidmheil bu luachmhoire 
ann am mìosachan an t-saoghaM. Tha e gnàth- 
aichte do'n mhuinntir sin a ta caitheadh am 
beatha ann am fealì agus ann an ceannairc an 
aghaidh Bìgh nèimh, sgainneal a' chur air a sheirbh- 
isich-san ìe feall agus ceannairc a chur as an leth 
an aghaidh rìghrean na talmhuinn. 

Ach, mo bhràithrean gràdhach, thugaibh an aire 
dha so ; oir mar tha bàs nan naomh luachmhor, 
is amhail a tha ainmeannan nan naomh luachmhor 
ann an sealladh Dhè. Fàgaidh an saoghal ceud 
breug air pobull an Tighearna : " Is beannaichte 
bhitheas sibh an uair a bheir daoine ana-cainnt 
dhtiibh, agus a ni iad geur-leanmhuinn oirbh, agus 
a Iabhras iad gach uile dhroch fhacal ribh gu 
breugach air mo sgàthsa." (Mat. v. 11. 2 Tim. 
ix. 10.) Tha daoine aingidh a' toirt an ro thuill- 
eadh fuath do'n dream da'm beil Dia toirt an ro 
thuilleadh gràidh : ach iomainidh Dia air falbh 



AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMH. 251 

maslaidh a shluaigh fèin ; bheir e air an neo-chionn- 
tas agus air am fireantachd briseadh a mach mar a' 
ghrian mu meadhon-latha, agus bithidh an ainm- 
eannan air chùimhne gu siorruidh. Seadh, aig an 
latha mhòr sin, soilleirichidh Dia an neo-chiountas 
an làthair dhaoine agus ainglean, agus an t-saoghail 
uile. 

IX. Cumaibh an rèite ri Dia, oir an so a ta 
daoine ann an aimhreite ruibh. 

" Ach is math dhomh-sa teachd dlù do Dhia ; 
anns an Tighearna Dia chuir mi mo dhòigh, chum 
gu'm foillsichinn t oibre uile i' (Salm lxxiiL 28.) 
" Gabhaidh èsan a tha'na chòmhnaidhann an ìonad 
diomhair an Tì a's airde, tàmh fo sgàile an Uile 
chumhacndaich f " agus cha tig plàigh am fagus 
da fhàrdaich." " Oir bheir e àithne d'a ainglibh 
mu d J thimchioll, chum do ghleidheadh ann ad 
shlighibh uile." (Salm xci. 1 — 11.) " Ged nach 
toir an crann fige uaith blàth, agus ged nach fàs air 
an fhionain cinneas ; ged f hàilnieheas meas a' 
chroinn ola, agus ged nach toir na machraichean 
uatha lòn ; ged gfhearrar an treud as o 'n mhainnir, 
agus ged nacn oi buar san bith anns na bualtaibh ; 
Gidheadh ni mise gàirdeachas anns an Tighearna, 
m mi aoibnneas ann an Dia mo shlàmte." (H&ab 
iii. 17. 18.) " Is tiir laidir ainm an Tighearna : 
ruithidh am firean d'a ionnsaidh agus bithidh e 
tearuinte f (Gna. xviii. 10.) " Dlùthaichibh ri Dia, 
agus dlùthaichidh e ribh ," Seumas iv. 8. Tha so 
'na chomh-fhurtachd mhòr do shluagh Dhè, ged a 
tha iad mar lilidhibh am measg droighionn, agus 
mar chaoirich am measg mhadadh-allda, gu'm 
beil Dia aca ri dol da ionnsaidh. " Thig, O mo 
shluagh, imich a steach do d' sheòmraichibh, agus 



252 AN T-SLIGHE CHUMHAKN DO NEaMH. 

draid do dhorsan mu'n cuairt dut : falaich thu fèin 
car tarnaill bhig, car tiota gus an gabh a chorraich 
thairis :" (Isa. xxvi. 20.) Deanadh an saoghal 
gruaim a chur air, agus càirdean bhur trèigsinn, is 
urrainn Dia bhur n-uile shonais a ta sibh a' mealt- 
ainn a dheanamh milis: fanaibh sibhse ann an slighe 
Dhè, agus bithidh sibh cinnteach a' tearmunn Dhè: 
gleidheadh sibhse reachdan Dhe, agus gleidhidh 
Dia bhur n-anmannan ; deanaibh an ni a ta Dia 
ag àithne, agus seachnaibh an ni a ta Dia a' toir- 
measg, agus an sin cha ruig sibh a leas eagal a bhi 
oirbh ciod is urrainn duine a deanamh oirbh. Nam 
b'àill leibh Dia a bhi agaibh gu cùram a ghabhail 
dhibh, feumaidh sibhse bhur cùram a thilgeil air 
Dia ; feithibh air-san, agus gluaisibh maille ris, 
thugaibh ùmhtachd da reachdan, agus creidibh a 
gheallannan. 

O ! mhuinntir ionmhuinn, leigibh le daoine 
aingidh cur a mach oirnn, agus 'ar fuathachadh, agus 
'ar maslachadh, cho mòr s' is àill leo, cha n-urrainn 
iad dochann a dheanamh dhuinn, ma ghleidheas 
sinn sìth ri Dia ; uime sin, a mhuinntir mo 
ghràidh, os-ceann na h-uile nì faighibh comh- 
chomunn maille ri Dia; agus gleidhibh comh- 
chomunn maille ri Dia ; bheir comh-chomunn ri 
Dia do nèamh sibh, nèamh air thalamh, agus nèamh 
an deigh bàis. Mealaidh na h-uile naomh nèamh 
an uair a dh'fhàgas iad an talamh ; tha cuid do 
naoimh a' mealtuinn nèimh am feadh a ta iad air 
an talamh. Cha n-eil esan a' mealtainn ni sam 
bith a ta dh'easbhuidh comh-chomunn ri Dia. 

X. Caithibh bhur beatha os-ceann gràdh na 
beatha, agus eagal a' bhàis. 

" Oir ge b'e neach le'm b'àill anam a ghleidheadh, 



AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMfl. 253 

caillidh se e ; agus ge b'e neach a chailleas anani air 
mo sgàthsa, gheibh se e ;•' (Mat. xvi. 25.) "Ma thig 
neach air bith do m'ionnsaidhse, agus nach fuath- 
aich e athair, agus a mhàthair, agus a bhean phosda, 
agus a chlann, agus a bhràithrean, agus a pheath- 
raichean, seadh, agus a bheatha mar an ceudna, cha 
n-eil e 'n comas da bhi 'na dheisciobul dhomsa." 
(Luc. xiv. 26.) An tì a ghràdhaicheas Criosd na's 
mò na bheatha, bithidh e cinnteach gu'n sàbhail 
agus gu'n glèidh e iad araon, an tì a thèid a mach 
à slighe Dhè asheachnadh chunnartan, gu cinnteach 
coinnichidh e ri cunnart. " Cha leibh fèin sibh ; 
Oir cheannachadh le luach sibh : uime sin thugaibh 
glòir do Dhia le bhur corp, agus le bhur spiorad, 
a'sle Dia:" 1 Cor. vi. 19, 20. 

Mo chàirdean gràdhach, caitheamaid ar beatha os- 
ceann fulangais agus eagail ged nach urrainn duinn 
ar beatha a chaitheadh as eugmhais fulangasaibh. 
" Anns an t-saoghal bithidh àmhghar agaibh : ach 
biodh deagh-mhisneach agaibh, thug mise buaidh 
air an t-saoghal." Eoin xvi. 33. 

Ab tì a tha gràdhachadh Chriosdos-ceann beatha, 
dealaichidh e ri beatha na's luaithe na ri Criosd. 

Thugaibh fainear, a mhuinntir moghràidh, Criosd 
agus an neul do dh'f hianaisibh agus do mhairtirich 
a tha air imeachd air thoiseach, agus air dol thairis 
trìd nan tuiltean sin uile, agus air ruigheachd tear- 
ainte gu tràigh, gum beil iad a' nis' air nèamh 
maille ri Dia, agus ris na h-ainglibh naomha, far 
am beil lànachd aoibhneis agus mòr shubhachas gu 
siorruidh. " Feuchaidhtu dhomh slighe na beatha: 
tha lànachd aoibhneis a' à' làthair-sa; tha mòr- 
shubhachas aig do dheas làimh gu siorruidh. ,t 
(Salm xvi. 11.) O! an taoibhneas a ta iad a 
z 



254 AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMH. 

mealtuinn ! O, na h-aibhnichean sòlais a ta sruthadh 
o Dhia ! " Uime sin tha iad an làthair rìgh-chath- 
rach Dhè\ agus a' deanamh aoraidh dha a latha 
agus a dh oidhche 'na theampull : agus gabhaidh an 
tì a tha 'na shuidhe air an rìgh-chathair còmhnaidh 
'nam measg. Cha bhi acras orra tuilleadh, no tart 
ni's mò ; cha mho a thuiteas a' ghrian orra, na teas 
air bith : Oir beathaicheadh an t- Uan a tha am 
meadhon na rìgh-chathrach iad, agus treòraichidh 
e iad gu tobraichibh do dh'uisge na beatha : agus 
tiormaichidh Dia gach deur o'n sùilibh." (Tais. 
vii. 15 — 17.) Cò iad an dream aig am bi an t-urram 
so uile, agus a' ghlòir, agus an t-aoibhneas, agus am 
beannachadh so air nèamh ? Air son so faicibh 
an ceathramh rann deug. " Is iad so iadsan a 
thàinig à àmhghar mòr ; a nigh an trusgain, 
agus rinn iad geal iad ann am fuii an Uain." Ni 
millsead a chrùin a gheibh creidich, ath-leasach- 
adh air son searbhas a* chroinn-cheusaidh a rinn iad 
a' ghiùlan. 

XI. Iarraibh cridheachan na's fearr na's mò na 
amannan na's fearr. 

li Glan do chridhe o aingidheachd, O Ierusaleim, 
a chum as gu tearnar thu. Cia fhad a ghabhas do 
smuaintean aingidh còmhnuidh an taòbh a stigh 
dhiot ?" " Oir is ann as a' chridhe thig droch 
smuaintean, mortadh, adhaltrannas, strìopachas, 
gaduigheachd, fianais bhrèige, toibheum ;" " Tha 
an cridhe cealgach thar na h-uile nithe, agus tha e 
do-leigheas ; cò 's urradh a thuigsinn ?" Ier. iv. 14. 
xviii. 9 ; Mata xv. 19. 

O mhuinntir ionmhuinn, an àite a bhi leasachadh, 
is ann a tha sin a' gearan air daoine aingidh ; agus 
air aingidheachd an an-iochd ; na's mò no air ar cùl- 



AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMH. 255 

sleamhnachadh ; air an lochdan 'n-ar n-aghaidh-ne, 
na's mò no air ar lochdan-ne an aghaidh Dhè. Tha 
sinn a' beachdachadh tuilleadh s'a chòir air ath- 
aobhar, no a' gearan air innealaibh, cha-n ann oirnn 
fèin. Bha sinn uine f hada a' peacachadh, agus bha 
feum againn air a bhi ri aithreachas ùine fhada : 
" ag ath-cheannach na h-aimsir." cha bhiodh na 
h-àmannan cho olc, mur biodh sinne cho olc ; 
bhiodh na h-àmannan na b'fhearr air ball, nam 
biodh sinne n'a b'f hearr. 

Mo thruaighe ! a mhuinntir ionmhuinn, pheac- 
aich sinn a leithid do pheacannan nach b'urrainn do 
dhaoine neo-fhìreanta a pheacachadh ; an aghaidh 
an t-soluis is ro shoillek*e, agus an gràdh is ro 
ionmhuinne : mar is fearr a bha Dia dhuinne, is 
ann is measa a bha sinne dhasan ; luchdaich esan 
sinne le a thròcairean, agus sgìthich sinne esan le 
ar peacannan. O ! coirichimid sinn -fèin na's 
mò, agus na h-àmannan na's lugha, pilleamaid ris 
an Tighearna, chum's gu'm pill esan ruinne ann an 
gràdh agus ann an tròcair : rachadh ar cridheachan- 
ne a mach da ionnsaidh.san, chum 's gu'n tig a* 
chridhe-san d'ar n-ionnsaidh-ne. O! iarraibh agus 
glaodhaibh air son cridheachan na's fearr, chum's 
gu'n dean sibh sèirbhis do Dhia na's fearr ; air son 
cridheachan briste, air son cridheachan treibhdhir- 
each, oir is e an ni sin, ris am beil dùil aig Dia agus a 
glaodhaich air ashon : u A rnhic, thoirdhomhsado 
chridhe." (Gnà. xxiii. 26.) Agus a deir Daibh- 
idh. " Is iad ìobairtean Dhè spiorad briste : air 
cridhe briste agus brùite, a Dhè, cha dean thusa 
tàir." (Salm li. 17.) Tha ar cridheachan a ghnà 
à fonn chum sèirbheis a dheanamh do Dhia, ach 
cha-n eil iad uair sam bith a fonn a dhean- 



256 AN T-SLIGHE CHUMHANN 1)0 NEAMH. 

amh seirbhis do'n pheacadh : oir ged biodh àmann- 
an matha riabh againn, agus gu'n chridheachan 
matha, bu dàcha e g'ar dochann no g'ar beannach- 
adh. 

XII. Fasaibh sios ann an irisleachd, agus fàsaibh 
'san taobh a staigh ann an treibhdhireas. 

" Dhomhsa, a's lugha na'n tì a's lugha do na 
naomhaibh uile, thugadh an gràs so, saibhreas 
Chriosd nach faodar a rannsachadh a shearmon- 
achadh am measg nan Cinneach :" (Eph. iii. 8.) 
" Agus ge b'e neach a dh'ardaicheas e fèin, islich- 
ear e, agus ge b'e neach a dh'islicheas e fèin ardaich- 
ear e ;" (Mat. xxiii. 12.) Uime sin cuiribhse 
umaibh (mar dhaoine taghta Dhè naomha agus 
ionmhuinn) innigh thròcaire, caomhalachd, irios- 
lachd-intinn, macantas, fad-f hulangas:" (Col.iii.12.) 
" Bithibh air bhur sgeadachadh le h-irioslachd : oir 
tha Dia a' cur an aghaidh nan uaibhreach, ach a' 
toirt gràis dhaibh-san a tha iriosal. Uime sin islich- 
ibh sibh fèin fo làimh chumhachdaich Dhè ? chum is 
gu'n ardaich e sibh ann an àm iomchaidh." (1 Pead. 
v. 5, 6.) Thugaibh suas bhur toil do Dhia, 
chum 's gu'n toir esan a nuas a thoil dhuibhse : 
bithibh iosal 'n-ar sùilibh fèin agus biodh meas iosal 
agaibh oirbh fèin ; gabhaibh gràin do dh'uabhar, 
agus teichibh uaithe ; bithibh treibhdhireach san 
taobh a staigh, cho math ri bhi iriosal 'san leth a 
mach : na amhaircibh a chum nèamh le bhur 
n-aidmheil, agus a chum ifrinn le bhur caithe- 
beatha. An tì a tha caitheadh a bbeatha ann am 
peacadh, tha e marbh ann am peacadh : a rèir 
(Eph. ii. 1, 2.) " Gu robh gràs maille riusan uile 
a ta gràdhachadh ar Tighearna Iosa Criosd ann an 
tr&bhdhireas. ,, (Eph. vi. 24.) Bitheadh bhur 



AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMH. 25 7 

cridheachan dìreach maille ri Dia, agus gluaisibh 
mar a' mhuinntir sin aig am beil Dia mar an cuibh- 
rionn : air dhuibh fios a bhi agaibh gu'm beil 
iomadach sùil oirbh, sùil Dhè, sùil Chriosd, sùil nan 
aingeal, sùil nan naomh, sùil an t-saoghail, agus tha 
sùil an diabhoil oirbh cuideachd : uime sin gluaisibh 
gu glic agus gu treibhdhireach ; bithibh coltach rr 
nighean an rìgh, " uile ghlòrmhor san taobh a 
staigh." (Salm xlv. 13.) " Uile ghlòrmhor tha 
nighean an rìgh a staigh ;" [ged nach e a staigh a 
gìòir uile] " air oibreachadh le òr tha h-eudach.'' 
Am beil sibh a' saoilsinn gu'm beil sibh fèin math, 
a chionn gu'm beil dream eiìe a' saoilsinn mar sin ? 
Mo thruaighe ! tha rauinighin nan daoine is fearr 
againn 'nan dearbhaidhnean bochd air nèamh : is 
ann san taobh a staigh dhinn, agus os ar ceann bu 
chubhaidh dhuinn a bhi 'g iarraidh na fianais so : 
a rèir mar a ta Pòl ag radh, " Tha an Spiorad fèin 
a' deanamh fianais maille r'ar spiorad-ne, gur sinn 
clann Dhè. Agus ma's clann, is oighreachan ; 
òighreachan air Dia, agus comh-òighreachan maille 
ri Criosd :" (Rom. viii. 16, 17-) So an f hianais a 
mheasadh Pòl agus a' chuid eile do na naoimh 
èifeachdach chum an deanamh dearbhta à nèamh a 
mhealtainn ; agus a rèir so thuirt Iob mu'n ni 
cheudna ; u Mar an ceudna nise feuch, anns na 
nèamhaibh tha m'fhianais, agus esan a bheir teisteas 
orm anns na h-ardaibh :'' (Iob xvi. 19.) O ma ta 
na deanaibh sibhse sibh fèin toilichte le fianais is 
lugha na so, eadhon SpioradDhè 'san taobh a staigh 
dhibh. Feuchaibh uime sin gu'm fàs sibh ann an 
gràs, agus gabhaibh tlachd ann an naomhachd, 
thugaibh a mach mòr thoradh, agus caithibh bhur 
beatha do ghnà mar an làthair an Dè bheò. Bithibh 



258 AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMH. 

air bhur faicill roi' chealgaireachd, agus claonadh 
air falbh ; deanaibh e na ghnothach lathail dhuibh 
gluasad maille ri Dia: bithibh pailt ann an gnàth- 
achadh irisleachd ; ni irisleachd bhur n-aidmheil 
fhàgail ro mhaiseach. Na suidhichibh diadhachd 
ann am beagan do bhriathraibh matha, an uair a ta 
a brìgh air a dearmad; ach thigibh beò mar a 
b'àill lèibh bàsachadh : bithibh beò an diugh mar 
gu'm biodh sibh ri bàs fhaighinn am maireach. 

XIII. Deanaibh math dhaibh-san a tha math. 

" Dh'f heuch e dhut, O dhuine, ciod a tha math ; 
agus ciod a tha ? n Tighearn ag iarraidh ort, ach 
ceartas a dheanamh, tròcair a ghràdhachadh, agus 
gluasad gu h-iriosal maille ri d' Dhia ?." (Mic. vi. 
18.) " Iad a dheanamh math, iad a bhi saibhir ann 
an deagh oibribh, ealamh gu roinn comhpairteach ;" 
(1 Tim. vi. 18.) " Ach na di-chùimhnichibh math 
a dheanamh, agus comh-roinn a thoirt uaibh: oir ata 
an leithide sin do dh'iobairtibh taitneach do Dhia." 
(Eabh. xiii. 16.) " Si so an diadhachd f hior-ghlan 
agus neo-shalach am fianais Dè* agus an Athar, 
dìileachdain agus bantraichean fhiosrachadh 'nan 
trioblaid, agus neach 'ga choimhid fèin gun smal 
o'n t-saoghal." (Seumas i. 27») Na dearmaidibh 
comh-roinn ri uireasbhuidhibh nan naomh bochda 
smuainichibhgu'n tug Dia dhuibh bhur n-òighreach- 
dan air son a leithid so do dh'àm. 

O ! a mhuinntir ionmhuinn, ciod am cothrom a 
th'agaibh a nise gu math a dheanamh, mar bac 
Sàtan sibh ? Nach eil mòran do mhinistearaibh agus 
do bhuill-dbiomhair Chriosd a nis' ann an uireas- 
bhuidh, cuid ann am prìosan, agus cuid a mach à 
prìosan ? " Bithibh cùimhneachail orrasan a tha 
ceangailte, mar gu'm biodh sibh ceangailte maille 



AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMH. 259 

riu ; agus air an droing a tha fulang an-shocair, mar 
mhuinutir a tha sibh fèin mar an ceudna anns a' 
choluinn." (Eabh. xii. 3.) Tha mòran dhaoine ann 
aig am beil cuid mhòr do mhaoin an t-saoghail so, 
agus beartas, agus goireas ? nan làmhan, agus 'nan 
taighean ach aig nach eil gràs 'nan cridheachan ; 
agus uime sin cha-n eil iada' deanamh math sam bith 
le maoin an t-saoghail so: tha iad a' caitheadh am 
beatha cho neo-dhìleas, agus a' toirt a mach cho 
beag do thoradh na fireantachd, is gu'm beil e 'na 
aobhar eagail gur ann do na geugan a thilgear a 
mach iad. Faodaidh mòran dol do dh' ifrinn cho 
math air son gun a bhi deanamh matha, is air son 
a bhi deanamh uilc. An neach nach eil a' giùlain 
toradh math, tha e 'na chonnadh cho math air son 
ifrinn ris an neach a ta giùlain droch thoradh. 
Faodaidh sibh gun a bhi olc 'san leth a mach, (is 
e sin gràineil ann an sùilibh dhaoine) agus gi- 
dheadh gun a bhi math 'santaobh a staigh : faodaidh 
sibh a bhi cho fad o ghràs, is a dh' fhaodas sibh 
a bhi o dhroch-bheart ghràineil : cha-n eil daoine 
cho mòr air an cur do dh' ifrinn air son a bhi 
deanamh uilc, 'sa tha iad air son gun a bhi dean- 
amh matha : " Oir bha mi ocrach, agus cha tug 
sibh dhomh biadh; bha mi tartmhor, agus cha tug 
sibh dhomh deoch ;" agus mar sin sios. (Mat. 
xxv. 42, 43.) Bha 'n geòcach saibhir ann am 
piantaibh ifrinn, cha n-ann air son a bhi geur- 
ìeanmhuinn Lasaruis, oir cha~n eil sinn a' leughadh 
gu'n robh e geur-leanmhuinn an duine bhochd so, 
ach cha mhò tha sinn a' leughadh gu'n do 
fhritheil e air uireasbhuidh, oir tha e air a ràdh, 
gu'in bu mhiann leis a bhi air a shàsachadh leis an 
sprùileach a bha tuiteam o bhòrd an duine shaibhir. 



260 AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMH. 

A nis' is cinnteach gu'n robh a chruas-cridhe an 
so aig Dia 'na aghaidh mar nithibh ei ] e, ann a 
mheud 's nach do fhritheil e air uireasbhuidh an 
naoimh bhochd so a ghràdhaichadh le Dia cho 
mhor. Bha Meros air a mhallachadh le aingeal, 
cha n'ann a chionn gun do chog iad an aghaidh 
an Tighearna, ach do bhrigh nach tàinig iad 
a chuideachadh an Tighearna an aghaidh 'nan 
cumhachdach. (Breith. v. 23 ) Is e aon do na 
tròcairean is ro-mhò anns an t-saoghal, Dia a 
thoirt cridhe do dhuine chum math a dheanamh leis 
an ni sin a thug e dha. 

O ! a mhuinntir ionmhuinn, bithibh do ghnà a* 
deanamh matha, agus a' fuathaehadh uilc ; na 
amhaircibh a mhàin far am faod sibh math 
fhaotainn, ach far am feud sibh math a dheanamh; 
deanaibh saothair gu bhi feumail do dh' anmaibh 
muinntir eile, agus uireasbhuidh muinntir eile a 
leasachadh. 

XIV. Roghnaichibh smachdachadh roimh bhi 
air bhur sàlachadh. 

" Air teachd gu h-aois do Mhaois, dhiùlt e bhi 
air a ghairm 'na mhac do nighinn Pharaoh ; A' 
roghnachadh àmhghar fhulang maille ri sluagh 
Dhè, roimh shòlais a' pheacaidh a mhealtainn rè 
seal." (Eabh. xi. 24, 25.) " Oir bha comh- 
fhulangas agaibh rium-sa ann am gheimhlibh, 
agus ghabh sibh le luath-ghair ri creachadh bhur 
maoin, air dhuibh fìos a bhi agaibh annaibh fèin 
gu'm beil agaibh air nèamh maoin a's fearr agus 
a ta maireannach." (Eabh. x. 34.) Mar an 
ceudna ròghnaich an triùir chloinne losgadh anns 
an àmhuinn theinntich dhian-loisgeach, roimh 
chromadh sìos do'n ìomhaigh òir a chuir Nebuchad* 



AN T-SLIGHE CHUMIIANN DO NEAMH. 261 

nesar suas. (Dan. iii. 16 — 18.) " Cha-n eil 
sùim againne freagradh a thoirt dut anns a' chùis 
so, Ma's ann mar sin a bhitheas, tha ar Dia-ne 
d'am beil sinn a' toirt sèirbhis, comasach air ar 
saoradh o'n àmhuinn theintich dhian loisgich, agus 
ni e ar saoradh as do làimh-sa o rìgh. Ach 
mur dean, biod'h fìos agad, O rìgh nach toir sinn 
sèirbhis do d' dhè, no aoradh do'n iomhaigh 
òir a chuir thu suas." Mar sin roghnaich Da- 
niel fulangas roimh pheacachadh. Agus tha e 
air a ràdh mu'n dream sin, nach do ghabh iad ri 
saorsa, " Agus chraidh-phianadh dream eile, gun 
iad a ghabhail ri saorsa ; chum gu'm faigheadh iad 
ai^eirigh a b'fhearr." Eabh xi. 35. 

O ! a mhuinntir ionmhuinn, tha tuilleadh uilc 
anns a' pheacadh a's lugha an aghaidh Chriosd, no 
anns an f hulangas a's mò air son Chriosd. 

(1.) Cha-n eil ar fulangasan air son Chriosd ach 
aotrom. (2.) Ach gearr, ach rè sealain. (3.) 
ThaCriosd a' seasamh ldimh ruinn, 'n-ar fulangasan. 
(4.) Tha ar fulangasan air an òrduchadh leis an 
Athair. (5.) Cha dochainn ar fulangasan ar n- 
anmannan. (6.) Tha Dia a' toirt dhuinn na 
nithibh a's ro-fhearr chum comhfhurtachd anns na 
h-àmannan is ro-mheasa: tha'n ro thuilleadh 
againn do shòlas o Dhia, an uair a tha 'n ro thuill- 
eadh againn do dh amhghar o dhaoine : mar tha ar 
fulangasa a' meudachadh, mar sin a ta ar sòlasan %' 
meudachadh : an uair is ro-thruime an eallach air 
an druim, is ann is ro mhò agus is ro-mhillse 
sìth 'na coguis 'san taobh a staigh. Air an aobhar 
sin, mo bhràithrean gràdhach, gleidhibh sibh-fèin 
a mach à salachar an t-sàòghail so, agus o olc an 



262 AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMH. 

t-saoghail so, agus ma's èigin dhuibh peacachadh no 
fulang, roghnaichibh fulangasroimh pheacachadh. 

XV. Na smuainichibh na's measa mu dhiadh- 
achd, a chionn gu'm beil i air amharc oirre le 
gruaim ; no na's fearr mu an-dhiadhachd, a 
chionn gu'm beil i air amharc oirre le fiamh- 
ghàire. 

" Oir a ta an cleachdadh corporra tarbhach 
chum beag nithe ; ach a ta'n diadhachd tàrbhach 
chum nan uile nithe, aig am beil gealladh na beatha 
a ta làthair, agus a ri teachd." (1 Tim. iv. 8.) 
" Seadh gun amharus, agus measam na h-uile nitbe 
'nan calldachd, air son ro-òirdheirceis eòlais Iosa 
Criosd mo Thighearna ; air son an d'f huilig mi 
call nan uile ni, agus measam gur aolach iad chum 
gur e mo bhuannachd Criosd." (PhiL iii. 8.) 
" Agus na biodh comh-chomunn agaibh ri oibribh 
neo-tharbhach an dorchadais, ach gu ma fearr 
leibh an cronachadh." (Eph. v. 11.) " Oir is e 
tuarasdal a' pheacaidh am bàs : ach is e saor 
thiodhlacadh Dhè a' bheatha mhaireannach, trid 
Iosa Criosd ar Tighearna : Rom. vi. 23. 

O ! chàirdean, na smuainichibh na's measa mu 
naomhachd a chionn gu'm beil i air a maslachadh, 
agus fanoid air a dheanamh oirre, agus air a geur- 
leanmhuinn le daoine aingidh agus deamhain ; no 
na's fearr mu aingidheachd, a chionn gu'm beil 
daoine aingidh ga gràdhachadh, agus ga leantuinn, 
agus ag radh, " Is diomhain sèirbhis a thoirt do'n 
Tighearn, agus ciod a' bhuannachd dhuinn gu'n do 
choimhid sinn òrdugh, agus gu'n do ghluais sinn 
gu brònach an làthair Tighearna nan sluagh ?" 
(Mal. iii. 14.) So a nise mar a labhras mòran do 
shluagh an t-saoghail. Ach tha àm a' teachd, anns 



AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEaMH. 263 

bu mhath le daoine aingidh cuid do'n naomh- 
achd sin a bhi aca air am beil iad a nise ri tàire ; 
ach bithidh iad cho fada o ruigheachd orra, is a 
tha iad a nis' o mhiannachadh 'na dèigh. Dean- 
amaid uime sin naomhachd a ghràdhachadh agus 
aingidheachd f huathachadh : " oir as eugmhais 
naomhachd cha-n fhaic neach air bith an Tigh- 
earn." (Eabh. xii. 14.) Is e naomhachd an aon 
slighe gu sonas. Cha-n fhaod sinn sinn»fèin a 
sgeadachadh air son saoghail eile le sgàthan an 
t-saoghail so. " Cha lean thu a' mhòr-chuideachd 
a dh'ionnsaidh an uilc :" (Ecs. xxiii. 2.) " Oir a 
ta mòran a' gluasad, mu'n dubhairt mi gu minig 
ribh, agus mu'm beil mi nis,' eadhon a' gul, a gràdh 
ribh, gur nàimhdean iad do chrann-ceusaidh 
Chriosd : D'an deireadh bhi air an sgrios, d'an dia 
am brù, agus aig am beil an glòir 'nan nàire, aig 
am beil an aire air nithibh talmhaidh." (Phil. iii. 
18, 19.) Feumaidh clann Dhè* a bhi neo-chronail 
'nan deanadas, agus neo-Jochdach 'nan gluasad. 

XVI. Measaibh facal Dè le a luach chum 's 
nach tig sibh gu bràth gu facal Dè a mheas le 
bhi ga easbhuidh. 

" Cia milis le m'bhlas do bhriathran ! ni's millse 
tha iad na mil do m' bheul." (Salm cxix. 103.) 
" Ni's milse na a' mhil, seadh, na mhil a shileas as 
na cìribh-meala." (Salm xix. 10.) " Uime sin is 
annsa leamsa t-aitheanta na'n t-òr, seadh, na'n t-òr 
fior-ghlan." (Salm cxix. 127.) " Is fearr dhomh- 
sa lagh do bheil, na mìltean do dh'òr agus do dh' 
airgiod." (Salm cxix. 72.) " Mar naoidheanan 
air an ùr-bhreith iarraibh bainne fìor-ghlan an 
fhacail, chum as gu'm fàs sibh leis." (1 Pead ii. 
2.) " Gabhadh facal Chriosd còmhnuidh annaibh 



26^ AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMH. 

gu saibhir," cha-n e mhàin maille ribh, ach a ann- 
aibh ;" (Col. iii. 16.) O! deanamaid, maille ri 
Iob, facaÌDè* a' mheas ni's mò no ar beatha thalmh- 
aidh. (Iob xxiii. 12.) Agus maille ri Daibhidh, 
ni's mò no ar n-òr agus ar n-airgead. Tha 
tlachd an naoimh ann am facal Dè, a dol thar 
uile thlachd anns a' chreutair : is urrainn daoine 
aingidh tlachd a ghabhail ann an creutairean 
Dh£, ach gun ni sam bith ann am facal Dè : 
is urrainn dhaibh tlachd a' ghabhail ann an 
tiodhlaicean Dè, ach gun ni air bith ann an Dia 
'nan tiodhlaicean. O ! gràdhaicheamaid am facal, 
measamaid am facal : is e grian an t-saoghaii 
Chriosdail e, mar is i a' ghrian solus an tsaoghail 
nadurraich ; agus as a h-eugmhais cha bhiodh anns 
an t-saoghal ach coimeasg gu'n dealbh, agus sloc 
làn do dhòrchadas ; mar sin is e facal Dè solus an 
t-saoghail spioradail, ni as eugmhais tha Criosdaidh 
ann an òidhche shiorruidh. Thugaibh air falbh na 
sgriobturan, agus cha bhi riaghailt chinnteach ann 
a sheòladh dhaoine ciod a tha gu bhi air a' dhean- 
amb, no ciod a tha gu bhi air a chreidsinn. Tha 
na h-uile slighe bhreugach an so air f hoillseachadh, 
thanah-uile peacadh an so air a thoirmeasg, tha na 
h-uile naomhachd an so air a moladh : an so faod- 
aidh sibh gach gniomh agus gluasad d'ar caithe- 
beatha fhaicinn, mar cheum gu bàs, no ceum gu 
beatha, mar cheum chum nèamh, na ceum oiium if- 
rinn. O ! uime sin biodh meas agaibh air an fhacal 
agus bithibh umhal do'n fhacal. (1.) Is facal soill- 
eir e. (2.) Is facal a rèir aon riaghailt e. (3.) Is 
facal cinnteach e. (4.) Is facal cumhachdach e. 
Is boltrach beatha chum beatha e ? dhaibh-sah a 
chreideas. 



AN T-SLIGHE CHDMHANN DO NEAMH. 265 

O mhuinntir ionmhuinn ! leughamaìd am facal, 
fanamaid anns an f hacal : " Ma bhuauaicheas sibh 
ann am f hacal-sa, bithidh sibh da-rìreadh 'nar deis- 
ciobuil agam." (Eoin viii. 31.) Mar is lugha a tha 
sibh a' cìuinntinn a nis, is ann is mò a tha sibh a' 
leughadh : leabhar beag an Taisbeanaidh, agus 
Daniel gu h-araid. 

XVII. Bidhibh cùramach mu chopan oir striqp- 
ach Bhabilon, agus a fion milis. 

" Agus bha bhean air a sgeadachadh ann am pur- 
pur, agus ann an sgàrlaid, agus air a' deanamh 
breagha le òr agus clachaibh luachmhor agus 
neamhnaidibh, agus copan òir aice 'nalàimh,làn do 
ghràineileachd agus do neo-ghloine astrìopachais." 
Agus thilg an nathair as a beul uisge mar thuil, an 
deigh na mna, chum gu'n tugadh i oirre bhi air a 
giùlan air falbh leis an t-sruth.'' (Tais xvii. 4. xii. 
15.) Ghuidhean oirbh cùram a bhi agaibh de so, 
agus sibh fèin a choimhid uaithe: bithibhse col- 
tach ris an òigh chèile aig Criosd, a tha ga lean- 
tuinn ge b'e àit an tèid e. 

Mo chàirdean gràdhach, gleidhibh sibh-fèin o 
cheithir nithibh. 

Air tùs, O luchd-teagaisg brèige. Tha a mhin- 
isteirean fèin aig an diabhol mar a th'aig Criosd. 
" Coimhdibh sibh-fèin o na faidhibh brèige, a thig 
d'ar n-ionnsaidh ann an culaidhibh chaorach, ach a 
ta o'n leth a staigh 'nam madraibh-allta;" (Mat vii. 
J5.) " Seadh is coin chiocrach iad nach urrainn 
bhi toilichte ; agus is buachaillean iad nach urrainn 
tuigsinn ; tha iad a' sealltuinn, gach aon diù, air a 
shlighe fèin ; gach fear air a bhuannachd o a chrìch 
fèin: ,> (Isa lvi. 11,) O cha-n eil luchd-teagaisg- 
2 A 



266 AN T-SLIGHE CIIUMHANN DO NEAMH. 

brèige a' beathachadh an treud, ach a' rùsgadh an 
treud, cha-n eil iad ag iompachadh dhaoine, ach a 
cuir air seacharan o'n t-slighe cheart ; cha n-eil iad 
a' fàgail dhaoine deagh-bhlasda, ach a' puinnsean- 
achadh dhaoine ; cha-n eil iad a' togail suas air son 
slàinte ach a' togail suas air son damnaidh : an àite 
a bhi leigheas anmannan, tha iad a' màrbhadh anm- 
annan : mar sin biodh maoin an t-sluaigh aca, agus 
cha-n eil suim aca ged bhiodh an anmannan aig an 
diabhol ; cha n-eil iad aon chuid air an gairm gu ceart, 
no air an deasachadh gu ceart, no air an òrduchadh 
gu ceart : Ci Tha'n siubhal mar an ceudna olc, agus 
an neart eacorach." (Ier. xxiii. 10.) Is coin agus is 
madraidh-allaidh iad a comh-aontachadh le chèile 
gu treud Chriosd a chasgradh. O ! air an aobhar sin 
gleidhibh sibh-fèin o cheannaichean Bhabilon, a tha 
deanamh ceannachd do dh' anmannan dhaoine. 
(Tais. xviii. 13.) O! is iad peacannan an luchd- 
teagaisg luchd-teagaisg a' pheacaidh. 

Anns an dara h-àite, O theagasg brèige. " Ach 
bha fàidhean brèige mar an ceudna am measg an 
t-sluaigh, amhail a bhios luchd-teagaisg brèige 'n-ar 
measgsa, droing a bheir a steach os-iosal saobh- 
chreideamh millteach, eadhon, agàicheadh an Tigh- 
earna a cheannaich iad, agus a bheir sgrios obann 
orra fèiri," (2. Pead. ii. I.) «* Na bithibh air bhur 
giùlan mu'n cuairt le teagasgaibh eagsamhla coimh- 
eacha : oir is math an ni an cridhe bhi air a 
dhaingneachadh le gràs, cha n-ann le biadhaibh, 
nithe nach tug tairbhe do'n droing a ghnàthaich 
iad." (Eabh. xiii. 9.) Guidheam oirbh mar an 
ceudna anns an Tighearna, mo bhràithrean, nach 
dean sibh aontachadh gu feòlmhor le sibh-fèin 



AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMH. 267 

a chumadh gu saobh-chreideach ri innleachdan 
dhaoine ; ach " seasamh gu daingean anns an t-saor- 
sa leis an d'rinn Criosd saor sibh/' Gal. v. 1. 

Anns an treas àite, O aoradh brèige. " Ma ni 
neach air bith aoradh do'n fhiadh-bheathach, agus 
d'a dhealbh, agusma ghabhas e a chomhara air clàr 
eudain, no air a làimh, òlaidh e-san do fhion fèirge 
Dhè, a tha air a dhortadh gun mheasgadh, ann an 
cupan f hèirge-san ; agus bithidh e air a phianadh le 
teine agus pronnusg, am fianais nan aingeal naomha, 
agus am fianais an Uain. (Tais. xiv. 9, 10.) " Tha 
sibha'deanamh aoraidh do'n ni nach aithne dhuibh ;" 
Is Spiorad Dia, agus is èigin d'a luchd-aoraidh, 
aoradh a dheanamh dha an spiorad agus am fìrinn," 
(Eoin. iv. 22 — 24.) Mar a tha cuid anns an 
t-saoghal a tha 'g aoradh do dhia brèige, mar sin 
tha dream eile ann a tha 'g aoradh do'n Dia fhior 
le aoradh brèige. Iadsan a tha deanamh aoraidh 
do'n fhiadh-bheathach, tha iad a'g aoradh do'n 
diabhol. (Tais. xiii. 8.) O ! na gabhaibh gnothach 
ri aoradh brèige, ri aoradh diomhain, agus aoradh 
fèin-thoile : deanaibh aoradh do Dhia mar a tha e 
teagasg dhuinn aoradh thoirt dha. Is e ar n-obair- 
ne earbsa a chur ann an obair Chriosd ; is e ar 
n-obair an leth a mach earbsa ann an oibreachadh 
Dhè 'san taobh a staigh. 

Anns d cheathramh àite, O bharailean brèige ; o 
sheacharan agus o mhi-riaghailt. Biodh bhur 
cridheachan dìreach^ bhur breitheanais fallain, bhur 
caithe-beatha naomha. Gràdhaichibh an fhìrinn, 
agus thugaibh ùmhlachd do'n f hirinn, agus dean- 
aibh grèim daingean air an fhìrinn. A nis', a 
mhuinntir ionmhuinn, leigibh leam a ghuidhe oirbh 
air sgàth Dhe, agus air sgàth Chriosd, agus air sgàtb 



268 AN T SLIGIIE CHUMHANN DO NEAMH. 

'ur n-anmannan fèin, gleidhibh sibh fèin o luchd- 
teagaisg brèige, o theagasg-brèige, o aoradh-brèige, 
agus o bharailean-brèige. Ma bhios sibh a blasad 
agus ag òl do chopan Bhabilon, is èigin dhuibh a 
rùneachadh annaibh fèin gu'm faigh sibh beagan na 
mòran do phlàighean Bhabilon : 

XVIII. Bithibh 'n-ar 'n-aon, maille ris gach neach 
a ta 'na aon maille ri Criosd. 

Deanaibh dicheall air aonachd an Spioraid a 
choimhid ann an ceangal na sìthe. " Is aon chorp 
agus aon Spiorad a ta ann, amhuil mar an ceudnaa 
ghairraeadhsibhann an aon mhuinghin bhur gairme: 
Aon Tighearn, aon chreideamh, aon bhaisteadh, 
Aon Dia agus Athair nan uile, a tha os-ceann nan 
uile, agus tre na h-uile agus annaibhse uile." (Eph. 
iv. 4 — 6.) " Ge b'e ghràdhaicheas an tì a ghin 
gràdhaichidh e mar an ceudna an tì a ghineadh 
leis. O so is aithne dhuinn gu'm beil gràdh againn 
do chloinn Dè, 'nuair a ghràdhaicheas sinn Dia, 
agus achoimhideas sinnàitheantan." (1 Eoin v. 1,2.) 
" Oir an tì nach gràdhaich a bhràthair a chunnaic 
e, cionnas a dh'f haodas e Dia nach fac e, a ghràdh- 
achadh?" (1 Eoin iv. 20.) 

O ! thugaibh fainear ciod an eas-onoir e do'n 
t-soisgeul, gu'm biodh an dream sin a tha 'g an 
aideachadh fèin 'nam mic do'n aon Dia, 'nam buill 
do'n aon Chriosd, 'nan teampuill do'n aon Spiorad, 
'nan oighreachan air an aon ghlòir, ag aimhreit ri 
aon a chèile ; tha e iongantach agus mi-nàdurrach 
gu'm biodh iadsan a tha 'nan naoimh ann an aid- 
mheil 'nan deamhnaibh 'nan cleachdadh ri càch a 
chèile gun deanadh leugan Dhè aon a chèile a 
ghearradh ! Madraidh-allaidh a shlugadh suas nan 
uan cha'n iongnadh e, ach uain a shlugadh suas a 



AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMH. 269 

chèile, tha e 'na iongantas, agus ana-cùimseach. 
O gu'n deanadh Criosdaidhean, an àite a chèile a 
ghràdhachadh, a chèile fhuathachadh ! O cia ea- 
coltach 'sa tha sinn ris an Dia sin a tha sinn ag 
aideachadh a bhi 'na Dhia dhuinn ! Tha esan làn 
òo ghràdh, làn do mhaitheas, làn do thròcair agus 
do dh' fhoighidin, O! ach cha n-urrainn Criosd- 
aidhean iomchar agus giùlan le aon a chèile. O ! 
nach eil na h-aingidh èibhneach nuair a chì iad 
pobull Dè a ? cur a mach air a cheile. O! gu'n 
gabhadh sibh so gu cridhe, agus aimhreite agus eas- 
aonachd a thilgeil air falbh, agus saoithrichibh air 
json aonachd ann an gràdh agus ann an aigne, 
maille ris gach aon a ta 'na aon maille ri Criosd. 
O saoithrichibh air son spioraid leighis. Cha 
n-urrainn dhuibh Dia a ghràdhachadh mur eil sibh 
a' gràdhachadh sluagh Dhè. " Ma their neach, 
Tha gràdh agam do Dhia, agos fuath aige d'a 
bhràthair, is breugaire e." — " Fanadh gràdh brath- 
aireil agaibh :" (Eabh xiii. 1.) " Labhair iadean 
air an robh eagal an Tighearna, gach aon gu tric 
ri chile." (Mal. iii. 16.) Cruinnichidh calamain 
Chriosd cuideachd. Tha mòran ann nach urrainn 
gràdh a thoirt do dhuine na's lugha no tha e d'am 
barailean fèin, no 'na bhall d'an eaglais fèin, ged 
bhiodh e 'na bhall do Chriosd. Tha barail mhath aig 
gach duine air a bharail fèin ; ach mo thruaighe ! 
a mhuinntir ionmhuinn, cha n-e bharail so, no 
bharail ud, no 'n t-slighe so, no 'n t-slighe ud, a 
bheir duine do nèamh ; as eugmhais creideamh ann 
an Criosd ; agus an neach aig am bheil creideimh 
ann an Criosd, tha còir aig air uile òrduighean 
Chriosd, agus air geallannan Chriosd, agus air 
sochairean Chriosd. Air an aobhar sin leiijibh 



270 AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMH, 

leam a' ghuidhe oirbh, gràdh a thoirt do gach duine 
a tha 'na dhuine diadhaidh, biodh e do'n t-slighe 
agus do'n t-seòrsa is àill leis. " Agus bha aig a' 
chuideachd a' chreid aon chridhe, agus aon anam." 
Gniomh iv. 32. 

XIX. Gràdhaichibh Criosd le gràdh ni's laidire 
na beatha, a ghràdhaich sinne le gràdh na bu laidire 
no bàs. 

" Air an aobhar so is ionmhuinn leis an Athair 
mise, air son gu'n leig mi sios m'anam, chum's gu'n 
glac mi e rithist Cha n-eil neach air bith 'ga thoirt 
uam, ach a ta mi 'ga leigeadh sios, agus tha cumh- 
achd agam a ghlacadh a rithist :" (Eoin x. 17, 18.) 
" Is fior an ràdh so, agus is fiù e air gach aon chor 
gabhail ris, gu'n tàinig Iosa Criosd do'n t-saoghal 
a thearnadh pheacach." 1 Tim. i. 15. 

Bha gràdh Chriosd dhuinne n'a bu laidire na'm 
bàs. Bhàsaich e air son gràidh ; leig e sios anam 
air ar son-ne, a shàbhaladh ar n anmannan; tha 
e ? g ar gràdhachadh mar a tha ^n t-Athair ga 
ghràdhachadh fèin: " Mar a ghràdhaich an t-Athair 
mise, mar sin ghràdhaich mise sibhse : fanaibh ann 
am ghràdhsa." (Eoin xv. 6.) O tha labhairt an 
sgriobtuir mu a ghràdh dhuinne anabarrach mòr. 
A nise, mochàirdean, bhàsaich e air ar son-ne, agus 
dh'fhuilig e air ar son-ne, agus shuidhich e chridhe 
oirnn a chum ar gràdhachadh, agus gu tlachd a 
ghabhail annainn ; cia mar an sin bu chòir dhuinne 
esan a ghràdhachadh a' rithist ? " Gràdhaichidh 
tu an Tighearna do Dhia le t'uile chridhe, agus le 
t'uile anam, agus le t'uil inntinn f so mar is còir 
dhuinn a ghràdhachadh. (Mat. xxii. 37-) " Cò 
th' agam anns na nèamhaibh ach thusa ? agus an 
coimeas riut cha n-eil neach air thalamh air am 



AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMH. 2J1 

bèil mo dheigh. ,, (Salm lxiii. 25.) « Dhuibhse 
uime sin a chreideas tha e luachmhor." (1 Pea4. 
ii. 17.) 01 biodh bhur cridheachan làn ghràidh 
agus tairisneachd do Chriosd : ginidh gràdh mis- 
neach, agus tilgidh e mach eagal tràilleil an làthair 
Dhè, agus eagal feòlmhor an làthair dhaoine ; is 
urrainn Dia ar gleidheadh o phiantaibh dhaoine, 
ach cha n-urrainn daoine ar gleidheadh o phian- 
taibh Dhè* ; am feadh 'sa tha sinne a* seasamh làimh 
ri Dia, gheall Dia seasamh làimh ruinne : uime sin 
na biodh geilt oirbh ro' ùghdarras sam bith a tha 
seasamh an aghaidh ùghdarrais Chriosd : cha-n 
urrainn neach sambith gealltainn na's fearr na's urr- 
ainn Criosd, ni mò is urrainn neach sam bith ar 
bagairt na's measa na's urrainn Criosd. An urr- 
ainn neach sam bith ni a ghealltainn duinn na's fearr 
na nèamh ? An urrainn neach sam bith ar bagairt 
le ni a's measa naifrinn? Tha nèamh air agheail- 
tuinn dhaibh-san a ghràdhaicheas esan, agus ifrinn 
ri bhi 'na cuibhrionn dhaibh-san a dh'f huathaich- 
eas e. 

O ! mo bhràithrean gràdhach, gràdhaicheamaid 
Criosd le gràdh ni's laidire na'm bàs ; mar sin rinn 
Pòl agus a' chuid eile do na h-abstoil. " Cò sgaras 
sinn o ghràdh Chriosd ? an dean trioblaid, no 
àmhghar, no geur-leanmhuinn, no gorta, no lom- 
nochdaibh, no cunnart, no claidheamh ? Oir a ta 
dearbh-bheachd agam, nach bi bàs, no beatha, no 
aingil, no uachdaranachd, no cumhachdan, no nithe 
a ta làthair, no nithe a ta ri teachd : No airde, no 
doimhne, no creutair sam bith eile comasach air 
sinne sgaradh o ghràdh Dhè a ta ann an Iosa Criosd 
ar Tighearn.' , (Rom. viii. 35 — 39.) "Laidirmar 



272 AN T-SLIGHE OHUMHANN DO JSEAMH. 

nm bàs a ta'n gràdh, Cha n-urrainn uisgeachan 
lionmhor an gràdh a mhùchadh, agus cha bhàth na 
tuiltean e." Dàn. viii. 6, 7« 

XX. Bithibh na h-uile latha cho cudthromach 
leibh ag ullachadh air son a' bhàis, mar gu'm b'e 
bhur latha mu dheireadh. 

" Uile laithean m'aimsire suidhichte feithidh mi, 
gus an tig mo chaochladh." (Iob xiv. 14.) " Air 
an òidhche so fèin iarrar t'anam uat :? (Luc xii. 
20.) " Oir ciod i bhur beatha ? is deatach i a 
chithear rè uine bhig, agus an deigh sin a thèid a's 
an t-sealladh." (Seum. iv. 14.) Ci Feuch, mar 
leud boise rinn thu mo laithean, agus tha m'aois mar 
neo-ni a' t' f hianais : gu deimhin is diomhanas gach 
duine d'a f heabhas." Salm xxxix. 5. 

Mar nach-eil fhios aig naomh sam bith cuin a 
bhios an t-am no 'n uair sin, mar sin cha mhò a 
tha fios aig duine aingidh sam bith cuin a bhitheas 
e. A bhi beò gun eagal roi 'n bhàs, is e sin bàs 
fhaotainn beò. Gu saoithreachadh an aghaidh bàis 
fhaighinn, is e saoithreachadh ann an diomhanas. 
Tha eagal air daoine bàs fhaighinn ann an leithid 
so 'san leithid sud do pheacannan ach cha n-eil eagal 
orra a bhi beò ann an leithid so 'san leithid sud do 
pheacannan. O! an ifrinn do dh'uabhasaibh a 
dh'fheitheas air na h-anmannan sin aig am beil an 
obair is mò ri dheanamh 'nuair a thig iad gu bàs 
f haotainn ! Uime sin mas a h-àill leibh a bhi sona 
aig a' bhàs, agus bith-bhuantach bheannaicht' a 
mhealtainn an deigh a' bhàis, ullaichibh agus cuiribh 
sibh fèin an uidheam air son bàis. An do bhàsaich 
Criosd air ar son-ne, chum's gu'm biodhmaid beò 
maille ris-an ; agus nach miannaichsinne bàs fhaigh- 



AN T-SLIGHE CHUMHANN DO NEAMII. 273 

inn, agus a bhi maille ris-an ? Is e latha bàis, a' 
chreidich latha a chrùnaidh. " Agus chuala mi 
guth o nèamh, ag radh rium, Sgrìobh, Is beann- 
aichte na niairbh a gheibh bàs 'sanTighearn, a so 
a mach : seadh, a dèir an Spiorad, chum gu'm faigh 
iad fois o'n saothair ; agus leanaidh an oibre iad." 
Tais. xiv. 13. 

O ! guidheam oirbh, mo bhràithrean, caithibh 
ùine èigin na h-uile latha ann an ullachadh agus 
ann an smuainteachadh air bàs, breitheanas, ifrinn 
nèamh, agus siorruidheachd. Is sùim siorr- 
uidheachd nach urrainn sinn gu bràth àireamh, 
sreang nach urrainn sinn gu bràth a tomhas ; is 
staid siorruidheachd do dhoilghios siorruidh, no 
do dh'aoibhneas siorruidh. O smuainichibh air a 
so, agus ullaichibh air a son na h-uile latha, mu'n 
tig òidhch a' bhàis. Agus mar so, a mhuinntir 
mo ghràidh, thug mi dhuibh am fichead seòladh 
luachmhor so, air son bhur n-anmannan a threòr- 
achadh air an t-slighe chumhann do nèamh. Fàg- 
aidh mi 'n leabhar so agaibh mar dhìleab air mo 
ghràdh ionmhuinn. Is e mo mhiann an so uile, 
bhur sonas an so, agus bhur beannachadh an deigh 
so* 

Is e mo dhian dùrachdachd, gu'n tugadh sibh an 
aire do'n leabhar so cha n-e mhàin a leughadh, ach 
bhur beatha ath-leasachadh leis. O ! deanaibh bhur 
dleasanas, caithibh bhur beatha ann bhur dleasanas, 
agus gràdhaichibh bhur dleasanas, chum's gu'm bi 
sibh air bhur deanamh iomchaidh air a bhi 'n'ar 
luchd-comh-pairt do dh'oighreachd nan naomh anns 
an t-solus ; ni a ta, agus a bhitheas, 'na ùrnaigh 
dhùrachdach agus bhunaiteach aig an neach a tha ga 



274 LEANTAINN AN UAIN. 

mheas 'na shochair ro-ghlòrmhor a bhi 'n àireamh na 
muinntir sin a tha " leantainn an Uain ge b'e àit an 
tèid e." 



LEANTAINN AN UAIN. 

" Is iad so an dream a iha leantainn an Uain ge b'e 
àit' an tèid e" — Tais. xiv. 4. 

Tha ainm an leabhair so 'g innseadh dhuinn, gur 
e Taisbeanadh, Eoin e, agus tha Eoin ag innseadh 
dhuinn, Gur e, " Taisbeanadh Iosa Criosd'' e : 
Taisbeanadh Chriosd do dh' Eoin, agus Taisbean- 
adh Eoin dhuinne. Tais. i. 1. 

Tha àinte an leabhair so air a cumail a mach 
anns a' cheud chaibidil 'san naoitheamh-rann-deug. 
" Sgrìobh na nithe a chunnaic thu, agus na nithe a 
ta ann, agus na nithe a bhitheas an deigh so ì" Agus 
anns na trì earrannaibh so tha 'n leabhar so air a' 
roinn. 

Air tùs, Taisbeanadh air na nithe a chunnaic e 
a thaobh na h-aimsir a chaidh seachad. 

Anns an dara h-àite, Taisbeanadh air na nithibh 
a th'air a leigeadh gu fianais seachd eaglaisean na 
h-Asia. 

Anns an treas àite, Taisbeanadh mu staid choit- 
cheann na h-eaglais ri teachd, agus sin o àm Eoin 
gu dara teachd an Tighearna. 

Is iad briathran an leabhair so briathran fìrinn- 



LEANTAINN AN UAIN. 2J5 

each an Dè fhior: Tha iad uime sin " dìleas agus 
hrìnneach." Tais. xxii. 6. 

Tha gnothach an leabhair so a' buntainn cho mòr 
ri math na h-e^glais, is gu'm beil Iosa Criosd ag 
àinteadh do gach aon aig am beil cluas gu èisd- 
eachd, e dh'èiaaeachd ciod a their Spiorad Dhè ris 
an eaglais ; agus a chum f heuchainn cia cho 
dùrachdach sa tha Iosa Criosd., gu uife bhuill agus 
shèirbhiseach a bhi eòlach air na nithe a ta air 
fhoillseachadh anns an leabhar so, tha e 'g ath- 
sparradh na h-àinte so ochd uairean thairis, mar a 
tha 'n leabhar so a' foilìseachadh : caib. iii. 7 — 29. 
oaib. iii. 6 — 22. agus caib. xiii. 9. 

Tha beannachadh air a' chur an cèill air an 
leughadair, air an fhear-èisdeachd, agus air fear 
deanamh nan nithe a tha sgrìobhta 'san leabhar so. 
(caib. i. 3.) " Is beannaichte an tì a leughas, agus 
iadsan a dh'èisdeas ri briathraibh na faidhead- 
aireachd so, agus a choimhideas na nithe a tha 
sgrìobhta innte :" O ciod na's mò na so is 
urrainn a bhi air a ràdh, no na's èifeachdaiche gu 
sinne a bhrosnachadh suas gu leughadh agus èisd- 
eachd na beannachadh ? " Is beannaicht' an tì a 
choimhideas briathran faidheadaireachd an leabhair 
so.'' (caib, xxii. 7-) Ach cia mar a choimhideas 
sinn iad mur leugh sinn iad ? 

Ro òirdheirceis an leabhair so is samhail e, is 
nach d'fhuaradh aon chuid duiir no aingeal, air 
nèamh no air thalamlr, no fc calamh, urrad is 
airidh air amharc ann, gus an deach Iosa Criosd 
agus gun tug e à làimh Athar e gu f hosgladh. (caib. 
v. 2 — o — 9) Cha b'urrainn an Naomh beannaichte 
Eoin gu'n ghul le eagal gu'm biodh an leabhar so 
air a chumail dùint' uaithe-san agus o'n eaglais. 



276 LEANTAINN AN UAIN. 

Bu dùrachdach a bha esan gu eòlas f haotainn air na 
nithe sin a tha sinne a' dearmad f hiosrachadh, caib. 
v.4,5. 

Is seud ro luachmhor an leabhar so a thiodhlaic 
Criosd air eaglais anns na laithibh deireannach ? 
agus is e ar mòr dleasasnas sealltainn ann, agus a' 
leughadh, agus beachdachadh air, f hosgladh, agus 
a mhìneachadh, chum's gu'm bi eòlas aig na h-uile 
sluagh air ; gu h-araidanns na h-amannan so. Oir 
a nis' anns an linn so agus a mach o so bithidh fior 
theas a chogaidh, agus buille a' chatha eadar Dia 
agus Belial, eadar Criosd agus an t-ana-criosd, eadar 
luchd-leanmhuinn an Uain, agus luchd-leanmhuinn 
an fhiadh-bheathaich. A nise tha'n leabhar so a 
fosgladh na h-uile ni dheth so, agus ag innseadh 
dhuinn gu soilleir ciod e an ni a shruthas uaithe, 
agus ciod an ceann-crìche a bhios ann ; ann an 
latha a chatha, cò an taobh aig am bi a' bhuaidh, 
agus cò an taobh a thèid sios. (caib. xvii. 14.) 
Agus mar sin gu cinnteach cha bhuadhaich mic 
Bhelial ; tha crìoch shuidhichte am bith ach beag 
a' mach, agus tha an t-am ac' a' tarruinn air aghaidh 
gu luath, anns am bi araon am fiadh-bheathach agus 
a' luchd-leanmhuinn air an tasgaidh anns an dùs. 

Tha ? n leabhar so a' foillseachadh dhuinn èiridh 
an fhiadh-bheathaieh, seargadh an fhiadh-bheath- 
aich, agus leir-sgrios an f hiadh-bheathaich. (caib. 
xviii.) Dh'fhoillsich ar Tighearna Tosa dhuinn 
anns an leabharso, an doilghios, agus na fulangasan, 
agus na h-àmhgharan ; agus na trioblaidean, a 
bha gu tachairt ris an eaglais anns na h-aimsiribh 
deireannach: (caib. xi. 7; xii. 14, 15; xiii. 7-) 
Agus a nàimhdean sgriosach agus ain-iochd- 
mhor, eadhon strìopach Bhabilon, màthair nan 



EANTAIVN AN UAIN. 277 

atrìopach, am fiadh-bheathach, am faidhe brèige 
agus an dràgon mòr dearg, a tha ri cogadh 'na 
h-aghaidh, agus a' tilgeil a mach tuiltean 'na deigh, 
caib. xii. 15. 

Tha 'n leabhar so mar an ceudna a' foillseachadh 
dhuinn fior staid na h-eaglais f ìrinnich air thalamh, 
agus ciod i, agus far am beil i, cia mar a tha i, agus 
ciod a bitheas i an deigh so : agus sin roimh àm a 
mharbhaidh, fo àm a' mharbhaidh, agus an deigh 
àm a' mharbhaidh. 

1. Roimh àm a' mharbhaidh, tha 'n eaglais 
f hìrinneach anns an f hàsach, far am beil àit' aice 
air ullachadh dh'i le Dia, " chum gu'm biodh i air 
a beathachadh an sin rè mile agus dà cheud agus 
trì fichead latha :" caib. xxii. 6. 

Roi' mharbhadh nam fianaisean, tha fior luchd- 
aoraidh Dhè ann an staid iosail, ann an àmhghar 
agus an dubhachas, ann an saic-eudach agus ann an 
luaithre, ann an staid caoidh agus fulangais, air 
dhaibh a bhi air an sgapadh agus air an sgànradh, 
an so agus an sud, mar a bha Israeil o shean. Ach 
ged is e so staid na mnathabochd anns an fhàsach, 
gidheadh cha n-eil i as eugmhais comhfhurtachd, 
faodaidh i comfhurtachd a gabhail ann an trì nith- 
ibh. 

(1.) Gu'n d'ullaich Dia ionad air a son. (2.) 
Gu'n do bheathaich Dia i, agus gu'n do ghlais e 
suas i ann an seòmar a' fhreasdail. (3.) Gu'n 
d aireamh Dia laithean a fulangais. Tha àmhghar 
nan naomh anns an t-Seann Tiomnadh air a 
chunntadh suas a ghnà le bliadhnachaibh ; mar a 
tha daorsa na h-Eiphit ceithir cheud agus deich 
bliadhna fichead, agus bruid Bhabilon deich agus 
tr\ fichead bliadbna ; ach fo 'n Tiomnadh Nuadh 
2b 



Ì278 LEANTAINN AN UAIN. 

is ann a tha e air a' chunntadh suas le laithibh, caib. 
ii. 10. " Agus bha an dà fhianais gu laidhe marbh 
tri laithean gu leth," caib. xi. 9. Mar sin bha a' 
bhean gu bhi anns an fhàsach, rè mìle agus dà 
cheud agus trì fìchead là." Tha 'n eaglais air a 
samhlachadh ri mnaoi air son ceithir reusain : — 

(1.) Mar a ta bean lag agus anfhann, is ann 
mar sin a tha 'n eaglais, agus cha n-urrainn dh'i ni 
sam bith a dheanamh as eugmhais Chriosd. (Eoin 
xv. 5.) — (2.) Mar a tha bean feumail agus torrach, 
mar sin tha 'n eaglais. (Eoin xv. 2.) — (3.) Mar 
a ta bean àillidh agus maiseach, mar sin tha 'n 
eaglais. (Esec. xvi. 13.) — (4.) Mar a ta bean làn 
do ghràdh agus do thairisneachd, mar sin tha 'n 
eaglais. (Dàn ii. 5.) 

1. Fo àmannan a' mharbhaidh, thu luchd-aoraidh 
Dhè, agus fianaisean Iosa Criosd, 'nan laidhe marbh 
air sràidean na cathracha mòire, d'an goirear gu 
spioradail Sodom agus an Eiphit. (caib. xi. 8.) Is 
e sin, ann an rìoghachdaibh agus ann an uachdar- 
anachdaibh an ana-criosd. " Agus is i a' bhean a 
chunnaic thusa, a' chathair mhòr sin, a tha rìogh- 
achadh os-ceann rìghre na talmhuinn." (caib. xvii. 
18.) Tha Sodom air a' ghairm dh'i air son a sailich- 
ead agus a h-aingidheachd, agus an Eiphit air son 
a h-ain-iochd agus a h-ain-tighearnas. caib. xvii. 

Tha dà f hianais air a ghairm an so do sheirbhis- 
each Dhè* agus do bhuill Iosa Criosd,, a tha toirt 
fianais air a shon an aghaidh uilc an f hiadh-beath- 
aich, agus an aghaidh uilc an t-saoghail so. — (1.) 
A chionn cho tearc 'sa tha iad. — (2.) A chionn 
gu'm beil dithis 'nan àireamh leòir-fhoghainteach a 
thogail fianais. (Eoin viii. 17.) — (3.) A chionn 
gu ui beil dithis air a ghairm do dh'fhiadh-beath- 



LEANTAINN AN UAIN. 279 

aichean an ana-criosd : (caib. xiii. 4 — 11.) Goirear 
fìanaisean dhiu air son sèa riasain. 

Air tùs, Do bhrigh gur e an obair fianais a thabh- 
airt air son Chriosd agus f hìrinn, an aghaidh an 
t-saoghail, 'na feòla, agus an diabhoil. Tha fior 
chreideach gu fianais thri-fillte a thabhairt dà, agus 
air son Chriosd ; fianais fhacail, fianais-bheatha, 
agus fianais fhala. Eabh. xii. 4. Eoin v. 33. 

Anns an dara h~àite, Tha fianaisean air a ghairm 
do bhuill Chriosd, a chionn gu'm beil iad a' seas- 
amh suas air son Chriosd a' sheasamh ainm, urr- 
am, aobhair, f hìrinn, aoradh, a ghlòir anns an t- 
saoghal: (Dan. iii. 16— 18 ; vi. 10, 11.) " Agus 
mharbh sibh Prionnsa na Beatha, a thog Dia o 
na maribh ; air am beil sinne 'n-ar fianaisibh. ,, 
(Gniomh. iii. 15.) " Biodh e aithnichte dhuibhseuile, 
agus do phobull Israeil uile, 'gur ann tre ainm Iosa 
Criosd o Nasaret, a cheus sibhse, a thog Dia bho 
na mairbh, eadhon trid-san a ta'n duine so 'na sheas- 
amh an so 'nar làthairse slàn :" Gniomh. iv. 10. 

Anns an treas àite, Tha fìanaisean air a ghairm 
do luchd-leanmhuinn an Uain, a chionn gu'm beil 
iad a coimhid fianais Iosa Criosd : (Tais. xii. 17. vi. 
9.) Fianais air uile dhreuchdaibh, oibribh, agus 
rìoghachdaibh Iosa Criosd, mar Rìgh nan naomh 
agus mar Rìgh nan cinneach. 

Anns a cheathramh àite, Tha fianaisean air a 
ghairm do mhuinntir thaghta agus luachmhor Dhè, 
a chionn gu'm beil iad a' teachd a làthair gu dàna 
agus gu follaiseach air son f hìrinn ; tha iad 'ga h- 
aideachadh, tha iad g'a gràdhachadh : tha iad g'a 
cuir an cèill, tha iad g'a cumail daingean, agus a 
fulang air a son ; muinntir a tha trid teasgasg an 
Spioraid anns an fhacal, agus le cumhachd an 



280 LEANTAINN AN UAIN. 

Spioraid cheudna, air am faotainn ann an cur an 
gnìomh òrduchaidh Chriosd ; cha n-urrainn iad an 
fhìrinn àicheadh, a tha 'na fìanais air an ni anns 
am beil iad g'an cleachdadh fèin ; Gniomh. xxiv. 
14. iv. 20. 

'Sa chidgeamh àite, Tha fìanaisean air a ghairm 
(ìo fhior luchd aoraidh Dhè, a chionn gu'm beil iad 
a' toirt fianais an aghaidh an fhiadh-bheathaich, 
agus aniomlain dorùn-diomhair nah-aindiadhachd ; 
an aghaidh strìopach Bhabilon, a rinn strìopachas ri 
rìghrean na talmhuinn, agus a chuir i-fèin air mhisg 
le fuil nan naomh. (Tais. xvii. 2 — 6.) Tha fianais- 
ean firinneach Chriosd a' toirt fianais chomh- 
arraichte an aghaidh uile ghràiriealachdan, agus neo- 
ghlaine, agus aingidheachd ; an aghaidh a' Phàpa, 
uachdaranachd, a mhinistearan, a' theagasg, aoradh, 
a' chreideimh, agus a' dhol air aghaidh gràineil. 
Tais. xvi. 5. 6 

Anns an t-seathadh àite, Tha fianaisean air a 
ghairm do mhuinntir shaorta Chriosd, do-bhrìgh 
ann am bàsachadh gu'm beil iad a' toirt fianais air 
a shon-san : oir bàs fhaighinn air son na firinn is 
fianais bheò sheasmhach i do'n f hìrinn. An tì air 
sgàth gràidh Chriosd nach gràdhaich anam fèin gu 
bas, bàsaichidh e 'na fhianais ro ghlòrmhor do 
Chriosd. (caib. xii. 11.) " Agus cha do ghràdhaich, 
iad an anmannan fèin gu bas;" agus " ni am fiadh- 
bheathach a dh'eireas as an t-sloc gun iochdar cog- 
adh, 'nan aghaidh, agus bheir e buaidh orra, agus 
marbhaidh e iad." (caib. xi. 7.) Tha 'n t-ana-criosd 
ag èirigh 'na fhiadh-bheathach dùbailt, 'na chumh- 
achd riaghlaidh, agus 'na chumhachd eaglaiseil. 

Air iùs. Na chumhachd riaghlaidh ; mar sin tha 
e deanamh suas aon fhiadh-bheathach maiile ris na 



LEANTAINN AN UAIN. 281 

deich rìghribh, (caib. xvii. 12.) Agus is e so am 
fìadh-bheathach a " ta 'g è*irigh suas as an f hairge, 
aig an robh seachd cinn, agus deich adhaircean, 
agus air adharcaibh deich crùin, agus air a chinn 
ainm toibheum. Agus bu choltach am fìauh-bheath- 
ach a chunnaic mi ri leopard, agus bha a chasaii 
mar chasan mathghamhna, agus a bheul mar bheui 
leòghain ; agus thug an dràgon a neart, agus a 
chathair, agus cumhachd mòr dha." Caib. xiii. 1, 2. 

Ànns an dara h-àite, Anns a' chumhachd eaglais- 
eil, mar sin thae deanamh suas fìadh-bheathach eile, 
a' chlèir ; agus is e so am fiadh bheathach sin a dh- 
èirich as an talamh : tha aige " dà adhairc coltach 
ri uan, agus labhair e mar dhràgon," rann J 1. 

A nise tha 'n dà f hiadh-bheathach uabhasach sin 
ministearan agus luchd-riaghlaidh an ana-criosd, a' 
marbhadh fianaisean firìnneach Iosa Criosd, agus 
ri gàirdeachas os-ceann an cnàmhan marbha, agus 
ga'n deanamh fèin subhach, agus a' cur thiodhlacan 
a dh'ionnsaidh a chèile. (caib. xi. 10.) Och, mar 
a ni daoine gun ghràs, daoine gun chreideamh, 
agus daoine gun Chriosd gàirdeachas, ri àmhghar 
agus ri teanndachd pobuill Dhè ! ag ràdh, c'àite nis' 
am beill bhur Dia, agus Criosd bhur Rìgh ? Salm 
xlii. 10. 

2. An deigh àm a marbhaidh, tha 'n eaglais mailìe 
ris an Uan air Sliabh Shion : " Agus dh'amhairc 
mi, agus feuch, Uan 'na sheasamh airsliabh Shioin, 
agus maille ris ceud agus dà f hichead agus ceithir 
mile, aig an robh ainm Atharsan sgrìobhta air clàr 
an eudain ;" (caib. xiv. 1.) ni a tha comharrachadh 
staid shuidhichte. " Bithidh iadsan a dh'earbas as 
an Tighearna mar shliabh Shioin, nach caraichear 
ach a mhaireas gu siorruidh." Salra cxxv. 1. 



282 LEANTAINN AN UAIN. 

Ro' àm a' mharbhaidh, tha 'n eaglais ro iosal ; ach 
na's isle fo àm a' mharbhaidh • ach an deigh àm a 
mharbhaidh tha 'n eaglais ro-ard ; tha i ri gàird- 
eacheas a' dealrachadh, agus ri buaidh-chaithream 
air Sliabh Shioin. " Agus chan iad mar gu'm 
' b'òran nuadh e an làthair na rìgb-chathrach, agus an 
làthair nan ceithir bheathach, agus nan seanair ; 
agus cha b'urra' neach sam bith an t-òran sin 
f hòghlum, ach an ceud agus an dà f hichead agus 
na ceithir mìle, a shaoradh o'n talamh." (caib. xiv. 
3.) Air do'n eaglais f hìrinnich lathaireachd glòf- 
mhoran Uainf haotainn,agus an t-Uan'na meadhon ; 
agus buaidh ac' airfhaotainn air an fhiadh-bheath- 
ach, tha iad a' deanamh gàirdeachais gu cumhachd- 
ach. " Agus chuala mi fuaim chlàrsairean, a' dean- 
amh ciùille'n clàrsaichibh fèin." (rann 2.) Ach cha 
robh so gus an deigh aiseirigh nam fianaisean agus 
an uair a tha na fianaisean air èirigh, tha'n eaglais 
ro-aoibhneach. Tha 'n caibidil so, as am beii mo 
cheann-teagaisg air a thoirt, a' gabhail a staigh sèa 
nithibh araid. 

Air tùs, Cunntas ghràidh mu Iosa Criosd, agus 
tha e air a chomharrachadh a mach le cosamhlachd, 
" Agus feuch, Uan 'na sheasamh air sliabh Shioin :" 
(rann 1.) Agua a deir Eoin Baiste, " Feuch Uan 
Dè." (Eoin i. 29.) Tha Uan air a ghairm dlieth 
ann an seadh trì-fillte. (1.) A thaobh a neo- 
chiontais. (Pead. i. 19.) Tha e air a ràdh ris an 
sin " Uan gun chron, gun smal." (2. ) A thaobh 
a mhacantais agus f'hoighidin : Gniomh. viii. 32. ^ 

Anns an dara h-àite, Cunntas beothail mu'n 
eaglais, bean an Uain, agus sin on cheud rann gu 
ruig an seathadh rann. 

Anns an treas àite, Cunntas glòrmhor mu mhin- 



LEANTAINN AN UAIN. 283 

ìstearan na h-eaglais, Mar a ghoirear nèamh do'n 
eaglais ànns an leabhar so, mar sin goirear ainglean 
d'a ministearan. " Agus chunnaic mi aingeal eiie 
ag itealaich ann am meadhon nèimhe, aig an robh 
ansoisgeul siorruidh r'a shearmonachadhdhaibh-san 
a tha 'nan còmhnaidh air an talamh, (rann 6.) 
" Agus lean aingeal eile, ag ràdh, Thuit, thuit 
Babilon." (rann 8.) " Agus lean an treas aingeal 
iad, ag ràdh le guth ard," &c. Rann 9. 

Anns a' cheathramh àite, An so tha 'n teagasg 
air a chuir sios, a tha na h-aingil sin a' searmonach- 
adh agus a' cur an cèill. Chuir an ceud aingeal an 
cèill saor ghràs Dhè ann an Iosa Criosd gu follais- 
each an aghaidh uile innleachdan dhaoine. " Ag 
radh le guth ard, Biodh eagal Dè oirbh, agus thug- 
aibh glòir dha, oir thainig uair a bhreitheanais : 
agus deanaibh aoradh dhasan a rinn nèamh, agus 
talamh, agus an fhairge, agus na taobaraichean 
uisge" (rann 7«) 'S e sin ri radh, gu'm biodh eagal 
Dè air daoine, a dh'aon ni, agus gun tugadh iad a 
ghlòir uile dha ; gun ni air bith do chreutairibh, 
gun ni air bith do dh'iomhaighean, gun ni air bith 
do'n ana-criosd : oir an neach a tha 'g àoradh 
do'n fhiadh-bheathach, tha e 'g aoradh do'n 
fhiadh-bheathach agus do'n diabhol, (caib. xiii.) 
Tha 'n dara aingeal a' cur an cèill leir-sgrios 
Bhabilon, do'n t-saoghal gu lèir : ag radh, " Thuit, 
thuit Babilon, a' chathair mhòr sin, do bhrìgh gu'n 
tug i air gach uile chinneach òl do dh' f hion fèirge a 
striòpachais :'* (rann 8.) Tha 'n treas aingeal a 
toirt rabhaidh gu cudthromach agus gu dùrachdack 
do'n mhuinntir sin uile a dhlù-leanas ris an f hiadh- 
bheathach, a' feuchainn cunnart agus truaighe an ni 
so : ag ràdh. " Ma ni neach air bith aoradh do'n 



284 LEANTAINN AN UAIN. 

fhiadh-bheathach, agus d'a dhealbh, agus ma 
ghabhas e a chomhara air clàr eudain, no air a 
làimh, Olaidh esan do dh'f hion fèirge Dhè, a tha 
air a dhortadh gun mheasgadh, ann an cupan 
f hèirge-san ; agus bithidh e air a phianadh le teine 
agus pronnusc, am fianais nan aingeal naomh', 
agus am fianais an Uain." rann 9, 10. 

Ann sd chùigeamh àite, Facal milis do shòlas 
nèamhaidh do naoimh agus do shluagh Dhè : 
" Agus chuala mi guth o nèamh, ag radh rium, 
Sgrìobh, Is beannaichte na mairbh a gheibh bàs 
'san Tighearn, à so a mach: seadh, a deiran Spiorad, 
chum gu'm faigh iadfois o'n saothair; agus leanaidh 
an oibre iad:" rann 13. 

Anns an t-seathadh àite, Am breitheanas agus an 
dioghaltas a bhios air a chur an gniomh air an 
eaglais-bhrèige ; tha ? n Spiorad g'a chumail a mach 
le cosamhlachd dhùbailt, an dara h-aon le bhi buain, 
a^us an t-aon eile le bhi cnuasach ; agus sin o'n 
chùigeamh-rann-deug gu ruig deireadh a' chaibidil, 
Ni Dia mar gu'm b'ann ifrinn a f hrasadh à nèamh 
air Babilon : tha teine agus pronnusg aige air son 
a Shodom Spioradail, breitheanas gun tròcair, agus 
corraich gun truas. 

Thig mi nis' a dh'ionnsaidh briathran mo cinn- 
teagaisg, " Is iad so an dream a tha leantainn, an 
Uain ge b'e àit an tèid e." 

Is e ? n ceann-teagaisg so aon do na deagh ainmibh 
oirdheirc aig a' cheud agus an dà f hichead agus an 
ceithir mìle, a sheas maille ris an Uan air sliabh Shioin. 

Anns na briathra sin tha trì nithibh. (1.) An ni 
air am beil an labhairt, Is iad so. (2.) An gniomh, 
A' leantainn. (3.) An cuspair, An t-Uan ge b'eàit' 
an tèid e„ 



LEANTAINN AN UAIN. 285 

Smaointicheam so o'na briathraibh, Gur e an 
gnè agus am fonn milis aig an anam a ta gu firinn 
each gràsmhor, an " t-Uan a leantainn ge b'e àit' 
an tèid e." Ann an laimhseachadh na puing so, 
foillsichidh mi dhuibh cùig nithibh. 

Air tùs, Ciod e an t-Uan a leantainn. 

Anns an dara h-àite> C'arson a tha iad a'leantainn 
an Uain. 

Anns an treas àite, An ro-oirdheirceas ann a bhi 
leantainn an Uain. 

Anns a cheathramh*àite, Truaighe na h-aiteam 
nach eil a' leantainn an Uain. 

Anns a? chùigeamh àite, Mar a dh'f haodar luchd- 
leanmhainn an Uain aithneachadh o luchd-leanmh- 
ainn an fhiadh-bheathaich. 

Air tùs, Se'n t-Uan a leantainn ge b'e àit'antèid 
e, leantainn ann an ceithir nithibh. 

1. 'Na àitheantaibh : " Ma's toigh libh mise, 
coimhidibh m'àitheanta ;" (Eoin xiv. 15.) " Is 
sibbse mo chàirdean-sa, ma ni sibh gach ni a ta mi 
'g àithneadh dhuibh f (caib. xv. 15.) " Is beann- 
aichte iadsan a ni àitheanta-san, chum gu'm bi còir 
aca air craoibh na beatha." (Tais. xxii. 14.) Och, 
a mhuinntir ionmhuinn, cha n-urrainn sinn an 
t-Uan a leantainn ge b'e àit' an tèid e, na's lugha 
na leanas sinn e 'na àitheantaibh : <c An sin cha 
ghabh mi nàire," arsa Daibhidh, " an uair a bheir 
mi spèis do t-àitheantaibh gu lèir." (Salm cxix. 6.) 
Bu chuidhe do Chriosdaidhean uirread thlachd a 
ghabhail anns na h-àitheantaibh sin a ta sparradh 
naomhachd, is anns na geallannan sin a ta deanamh 
sonais cinnteach. 

2. ? Na theagasg : " Tha mo chaoirich-sa 'g èisd- 
eachd ri m' ghuth, agus is aithne dhomh iad, agus 



286 LEANTAINN AN UAIN. 

leanaidh iad mi :" (Eoin x. 27.) " Agus cha lean 
iad coigreach, ach teichidh iad uaithe, do bhrìgh 
nach aithne dhaibh guth choigreach." rann 5. 

3. 'Na oibribh freasdail : trid na h-uile àmhghar, 
na h-uile teanndachd, na h-uile nithe mi-mhisneach- 
ail agus doilghiosan ciod air bith iad, ged a b'e 
slighe na fala i, feumaidh sinn na h-uile ni a thrèig- 
sinn chum Chriosd air a cheusadh a leantainn, 
Criosd air a dhìteadh, ann an ceumaibh fuilteach 
do f hulangasaibh, ma ghairmeas e sinn chuige : 
" Seadh, ge do shiubhail mi tro ghleann dorcha 
sgàile a' bhais, cha bhi eagal uilc orm ; oir a ta 
thusa maille rium : bheir do shlat agus do lorg 
comhf hurtachd dhomh ;" (Salm xxiii. 4.) " Oir," 
arsa Pòl, " a ta mise ullamh cha n-e mhàin gu bhi 
air mo cheangal, ach eadhon gu bàsachadh ann an 
Ierusalemair son ainmean Tighearna Iosa." Feum- 
aidh sinn a bhi toileach call na h-uile ni a chur an 
cunnart air a shonsan ; saorsa, oighreachdan, luchd- 
dàimh, agus beatha fein. " Thrèig sinne na h-uile 
nithe, agus lean sinn thusa." Mata. xix. 27. 

4. 'Na eiseimpleir : " Oir thug mi eiseimpleir 
dhuibh, chum's mar a rinn mise dhuibh, gu'n dean- 
adh sibhse mar an ceudna:" (Eoin xiii. 15.) Do 
bhrìgh gu n d'fhuilig Criosd mar an ceudna air 
bhur son, a' fàgail eiseimpleir agaibh, chum, gu 
leanadh sibh a cheumannan :" (1 Pead. ii. 21.) 
Ionnas mar sin gur e ceumannan Chriosd a' lean- 
tainn, esan a gabhail mar eiseimpleir; feumaidh sinn 
gluasad anns an spiorad cheudna, anns na ceuman- 
aibh ceudna, agus anns an ùmhlachd cheudna: 
cha-n fhaod sinn eiseimpleir dhaoine aingidh a 
leantainn, muinntir a tha 'g imeachd air an t-slighe 
leathann a tha treòrachadh gu bàs, Eoin viii. 47. 



LEANTAINN AN UAIN. 287 

Anns an dara h-àite, Gus " an t-Uan a leantainn 
ge b'e àit' ari tèid e," is e esan a leantainn fìrinn- 
each, gu'n chealgaireaehd ; agus gu seasmhach, 
gu'n chlaonadh air falbh. 

1. Gu fìrinneach, gun chealgaireachd ; tha mòran 
a' leantainn an Uain, mar a ta daoine bochda a' 
leantainn duine, a mhàin air son dèirce ; tha iad a 
meas tuarasdal na diadhachd os-ceann oibre nadiadh- 
achd : " Tha sibh ga m' iarraidh, cha n-ann a 
chionn gu'm faca sibh na miorbhuilean, ach a chionn 
gu'n d'ith sibh do na builionnaibh, agus gu'n do 
shàsaicbeadh sibh :" (Eoin vi. 26.) O, a mhuinntir 
ionmhuinn, tha Dia a' fuathachadh cealgair na's mò 
na Sodomach ; agus tha iffinn air a h-ullachadh a 
dh'aon ghnothach air son chealgairean : Mata. xxiv. 
51. 

A mhuinntir mo ghràidh, a bhi leantainn an Uain 
gu h-iomlan, is e an cridhe a bhi socraichte agus 
suidhichte air son Dhè : " Tha m'anam a' dlù- 
leantainn riut ;" arsa Daibhidh, (Salm Ixiii. 8.) 
u Agus mar a thogras am fiadh chum nan sruth 
uisge, mar sin tha m'anam a togairt a't' ionnsaidhse, 
a Dhè :" (Salm xlii. 1.) Agus tha buaidhean anama 
ag oibreachadh an deigh Dhè: " Beannaich an 
Tighearn, O m'anam ! agus moladh gach ni a ta'n 
taobh a stigh dhiom, ainm naomha-san :" arsa 
Daibhidh naomha. Salm ciii. 1. 

2. Gu seasmhach, gu'n chlaonadh air falbh. Cha 
n-eil fior chreideach an deigh dha toiseachadh 
ri leantainn an Uain, gu bràth a sgur a bhi 'ga 
leantainn-san, ach leanaidh se e ge b'e àit' a thè4d 
e : " Cò sgaras sinn o ghràdh Chriosd ? An dean 
trioblaid, no àmhghar, no geur-leanmhuinn, no gorta, 
no lomnochduidh, no cunnart, no claidheamh ? Oir 



288 LEANTAINN AN UAIN. 

a ta dearbh-bheachd agam, nach bi bàs, no beatha, 
no aingil, no uachdaranachda, no cumhachda, no 
nithe a ta làthair, no nithe a ta ri teachd, no airde, 
no doimhne, no creutair sam bith eile, comasch air 
sinne a' sgaradh o ghràdh Dhè a ta ann an Iosa 
Criosd ar Tighearn.' , (Rom. viii. 35 — 39.) O a 
mhuinntir ionmhuinn, cha n-eil esan a' leantainn an 
Uain ge b'e àit' an tèid e, a tha leantainn an Uain gu 
dùrachdach rè tamaill, ach an deigh sin a thrèigeas 
esan, an uair a dh'eireas an stoirm : Ci Gidheadh 
cha n-eil freumh aige ann fèin, ach fanaidh se rè 
tamaill : agus an uair a thig trioblaid no geur- 
leanmhainn air son an fhacail, air ball gheibh e 
oilbheum :" (Mata xiii. 2] .) No esan a ta leantainn 
an Uain ann an cuid do nithibh, agus am fiadh- 
bheathach ann an nithibh eile ; '* Bha eagal an 
Tighearn orra, agus rinn iad sèirbhis d'an deibh fèin, 
a rèir gnàtha nan cinneach :" (11. Rìgh xvii. 33.) 
No an tì a tha leantainn an Tighearn ann an dòigh 
throm neo-chùramach, agus le gnè meagh-bhlàth : 
(Tais. iii. 15, 16.) " Biodh ioghnadh oirbh, O 
neamha, mu'n ni so, agus biodh uabhas oirbh : 
bithibh air bhur trom-bhualadh le h-uamhunn, deir 
an Tighearn. Oir chuir mo shluagh-sa dà olc an 
gniomh : thrèig iad mise, tobar nan uisgeacha beò ; 
agus chladhaich iad a mach dhaibh fèin sluic ea- 
dionach, nach cùm uisge :" Ier. ii. 12, 13. 

O ! cha n-e so a bhi leantainn an Uain ; iadsan 
a ta leantainn an Tighearna gu h-iomlan, tha iad a 
fantainn anns an Tighearn, agus a dlù-leantain ris 
an Tighearna, agus a' buanachadh gu seasmhach 
ann an slighibh Dhè, gu ruig crìoch an laithean 
a' leantainn an Uain ge b'e àit' an tèid e. 

(1.) Gu deifireach. (2.) Gu firìnneach. (3.) 



LEANTAINN AN UAIN. 289 



Gu neo-roinnte. (4.) Gu h-eudmhor. (5.) Gu 
h-iriosal. (6.) Gu subhach. (7-) Gu dichiollach. 
(8.) Gu seasmhach. (9.) Gu dìleas. (10.) Gu 
h-urramach. 

A nis is e so an t- Uan a ieantainn ge b'e àit' an 
tèid e. 

A nise foillsichidh mi dhuibh c'arson a ta creìd- 
ich a' leantainn an Uain. 

Air tùs, Do bhrìgh gu m beil iad air an saoradh le 
fuil an Uain : " Air dhuibh fios a bhi agaibh nach 
do shaoradh sibh le nithibh truaillidh, mar a taair- 
giod agus òr, o bhur caithe-beatha diomhain a 
thugadh dhuibh o bhur sinn-searachd. Ach le 
fuil luachmhoir Chriosd, mar f huil uain gun chron, 
gun smal." 1 Pead. i. 18, 19. 

Dh'ìoc e luach air son ar saorsa chum's mar sin 
gu'm fuasgladh e fìachan ar peacaidh. 

" Agus chan iad òran nuadh, ag radh, Is airidh 
thusa air an leabhar a ghlacadh, agus a sheulachan 
f hosgladh, do bhrìgh gu'n do rnharbhadh thu, agus 
gu'n do shaor thu sinne do Dhia le t'fhuil fèin, as 
gach uile threibh, agus theangaidh, agus shluagh, 
agus chinneach." Tais. v. 9. 

Tfoa trì nithe air a ghairm luachmhor anns an 
sgriobtur. 

A' cheud ni, Tha creideamh air a ghairm luach- 
mhor. 2 Pead. i. 1. 

An dara ni, Tha na geallannan air an gairm 
luachmhor. rann 4. 

An treas ni, Tha fuil Chriosd air a gairm luach- 
mhor. 1 Pead. i. 19. 

O ! shaor fhuil sin, o shèanar nàimhdaibh. 

(l.) O'n t-saoghal ; (Galat. i. 4. Tais. xiv. 3.)— 
(2.) On mhallachadh; (Galat. iii. 13.)— (3.) O'n 
2 c 



290 LEANTINN AN UAIN. 

pheacadh; Rom. vi. 18— 23.— (4.) O'n diabh >1 ; 
(Eabh. ii. 18. Gniorah. xxvi. 1 ]'.} — (5.) O ghath 
a' bhàis ; (1 Corint. xv. 56, 57.)— ( 6 O ifrinn ; na 
o'n fhèirg a ta ri teachd ; 1 Tes. i. 10. Tais. ii. 
11. 

O ! is fuii luachmhor f huil-san, mharbh f huil- 
san ar nàimhdean; choisinn esan le fhuil rèite ris 
an Athair, aonachd mailie ris a' Mhac, comh-cho- 
munn maille ris an Spiorad naomh : " Tha sibhse 
a bha roimhe so fad o làimh, air bhur toirt am 
fagus trid fala Chriosd:" Eph. ii. 13—16. 

Anns an dara h-àite, Tha iad a' leantainn an 
Uain, do bhri^h gu'm beil iad air an ionnlaid ann 
am fuil an Uain : " Dhasan a ghràdhaich sinn, 
agus a dh'ionnlaid sinn o ar peacaibh ? na fhuil fèin:'' 
(Tais. i. 5.) " Is iad so iadsan a thàinig a h-àmh- 
ghar mòr ; agus nigh iad an trusgain, agus rinn iad 
geal iad ann am fuil an Uain ;" (Tais. vii. 14.) 
" Agus glanaidh fuil Iosa Criosd a Mhic sinn o 
gach uile pheacadh ;" 1 (Eoin i. 7») Tha fuil 
Chriosd a nigheadh air falbh ar peacanna fuilteach ; 
" Seadh, thuirt mi riut, agus thu ann ad' f huil ; 
mair beò;" (Ees. xvi. 6.) Oir air dhuinn a bhi air 
ar ceangal ri Criosd, tha ar peacannan air an leagail 
air-san, agusthafhìreantachd-san air a cuir umainn- 
ne. Is e Criosd a ta tabhairt dhuinn beatha, agus 
a ta cur usgraichean òirdheirc oirnn, a chòmhdach 
ar lomnochdaiche, agus g'ar sgeadachachadh le 
seudan, agus le leugan do dh'òr, mar sin tha sinn 
a' fàs sgiamhach 'na shealladh : (Isa. lx. i.) " Chum' 
gu'n cuireadh e 'na làthair fèin i 'na h-eaglais 
ghlòrmhoir, gun smal gun phreasadh no ni air bith 
d'an leithidibh sin ; ach a chum gu'm biodh i 
naomha, agus ^60-100^^^0^." Eph. v. 27. 



LEANTAINN AN UAIN. 291 

Anns an treas àite, Tha creidich a' ìeantainn, an 
Uain, do bhrigh gum beil iad air eiridh maille ris 
an Uan : " Uime sin ma dh'èirich sibh maille ri 
Criosd, iarraibh na nithe a ta shuas, far am beil 
Criosd 'na shuidhe aig deas làimh Dhè." (Col. iii. 
1.) u Air an aobhar sin dh'adhlaiceadh sinn maille 
ris tre 'n bhaisteadh chum bàis : ionnasmar athog- 
adh Criosd suas o na mairbh le glòir an Athar mar 
sin gu gluaiseamaidne mar an ceudna ann an nuadh- 
achd beatha :" (Rom. vi. 4.) Tha gach duine ach 
an creideach, 'na dhuine " marbh ann an euceart- 
aibh agus ann am peacaibh : (Eph. ii. 1.) Uime 
sin tha iad air an earalachadh èiridh o na mairbh, 
(v. 14.) 'S eigin dhaibh èiridh o olc gu math a 
dheanamh, o inntinn thalmhaidh gu inntinn nèamh- 
aidh : ach a nise tre chreideamh, tha creidich air 
òiridh o dhorchadas gu solus : " Oir bha sibh uair 
eigin 'n-ar dorchadas, ach a nise tha sibh 'n-ar solus 
'san Tighearn : gluaisibh mar chloinn an t-soluis." 
(Eph. v, 8.) " Eirich, dealraich ; oir thainig do 
sholus, agus tha glòir an Tighearna air èiridh ort." 
(Isa. lx. 1.) An uair a dhealraicheas an Tighearna 
a mach air a phobull ann an seallannan glòrmhor aii 
fèin, tha e g'an gairm air falbh o an ceud staid : 
an uair a dh'fhoilisich an Tighearn e-fèin ann am 
frithealadh soisgeil, cha robh a phobull ri suidhe 
na bThaide fo neòil dhorcha do dheas-ghnàthach- 
aibh laghail, ach gus an t-Uan a leantainn ge b'e 
àit' an tèid e. 

Anns a' cheathramh àite, Tha iad a' leantainn an 
Uain, do bhrigh gu'm beil iad air an soillseachadh 
leis an Uan. " Oir, is e Diathuirt ris an t-solus 
soillseachadh à dorchadas, a dhealraich ann ar cridh- 
ibh-ne, a thoirt soluis, eòlais, glòire Dhe, ann an 



292 LEANTAINN AN UAIN. 

gnùis Iosa Criosd," (2 Cor. iv. 6.) Ach air bhì 
dhuinne uile le aghaidh gun fhalach, ag amharc 
mar ann an sgàthan air glòir an Tighearna, tha sinn 
air ar n-atharrachadh chum na h-iomhaigh ceudna, 
o ghlòir gu glòir, mar le Spiorad an Tighearna." 
(2 Cor. iii. 18.) " Seadh, gun amharus agus meas- 
am na h-uile nithe 'nan calldach, air son ro-òir- 
dheirceis eolais Iosa Criosd mo ^1^116^™^.'' (Phil. 
iii. 8-X Tha eòlas diadhaidh agus nèamhaidh a' toirt 
dhaoine dlù do Dhià, tha e toirt do dhuine an seall- 
adh is soilleire agus is iomlaine air Dia ; agus mar is 
dlùithe tha duine airbitha teachddo Dhia,isann is 
soilleire an taisbeanadh a ta aige air Dia, agus is ann 
is mò tha do chomh-chomuinn aige mailìe ri Dia. 

Is e n t-aobhar nach eil muinntir eile a' leantainn 
an Uain, do bhrìgh nach eil iad a' faicinn luach 
an Uain, agus an t-olc a th'ann daibh-san a bhios as 
easbhuidh. Air d'an " tuigse a bhi air a dorchach- 
adh, air dhaibh bhi 'nan coimhich do bheatha Dhè, 
thaobh an aineolais a ta annta, tre chruas an cridhe." 
Eph. iv. 18. 

Far am beil brat air a thilgeiì roimh shùilean an 
eòlais, tha bacadh air a chur roimh ìàmhan a'cleachd- 
aidh. Cha n-eil fhios aig duine aineolach ciod 
a tba e deanamh, is ni mò a tha fios aige c aite am 
beil e dol ; cha n-eil e deanamh ni sam bith ach ga 
mhilleadh fèin le bhi deanamh. Cha n-eil daoine 
feòlmhor a' faicinn luachmhorachd no ionmhuinn- 
eachd ann an Criosd : O ! se their iad, c< Ciod e 
fear do ghràidh-sa thar fear gràidh eile ?" (Dàn. 
v. 9.) u Na'm b'aithne dhut tiodhlacadh Dhè, agus 
cò e a ta 'g ràdh riut, Thoir dhomh deoch, dh'iarr- 
adh tu air-san, agus bheireadh e uisge beò dhut :" 
(Eoin iv. 10.) Tha Criosd a ? dol gu'n iarraidh 



LEANTAIINN AN UAlN. 293 

chum an t-saoghail, do bhrigh gu'm beil e doi gu'n 
aire a bhi air a thoirt dha leis an t-saoghal : " Ach 
cha ghabh an duine nadurra ri nithibh Spioraid Dè : 
oir is amaideachd leis iad ; agus cha n-eil e'n comas 
da eòlas a ghabhail orra, do bhrìgh gur ann air 
mhodh spioradail a thuigear iad :" (1 Cor. ii. ]4.) 
Ach a nis' air do chreidich a bhi air an soillseach- 
adh le Spiorad Dè, agus le facal Dè\ tha iad a' faic- 
inn ciod an ni a bha iad ro' àm dhaibh creidsinn, 
Hgus ciod a ta iad tre chreideamh, agus ciod a bhith- 
eas iad tre chreideamh, an deigh dhaibh an saoghal 
so fhàgail ; tha iad a' faicinn Chriosd a bhi uile 
luachmhor 'na òrduigibh, luachmhor anns na nithibh 
a ta e foillseachadh, luachmhor 'na ghràsaibh, luach- 
mhor 'na thiodhlacaibh, luachmhor 'na gheallann- 
aibh, luachmhor 'na bhuill, luachmhor 'na mhinis- 
tearaibh, agus luachmhor ann fèin. Air an aobhar 
sin cha n-urrainn creidich gun esan a ghràdhach- 
adh, agus a leantainn. 

Anns a' chùigeamh àile, Tha iad a' leantainn an 
Uain, do bhrigh gur toigh Ieo an t-Uan : " Gu robh 
gràs maille riusan uile a ta gràdhachadh ar Tigh- 
earna Iosa Criosd ann an treibhdhireas." (Eph. vi. 
24.) Tha iad ga ghràdhachadh-san leis an tomhas 
a's airde do ghràdh : " Cò th'agam anns na nèamh- 
aibh ach thusa ? agus an coimeas riut cha n-eil 
neach air thalamh air am beil mo dhèigh ; (Salm. 
lxxiii. 25.) Tha Cèile Chriosd ag amharc ciod e i 
fèin, nach eil i mòr na's leòir air son esan a thoirt 
an aire d'i, agus air an ni a ta i deanamh, nach eil 
e math na's leòir air son esan a ghabhail ris : " Na 
biodh umhail agaibh ged' tha mi dorcha, a chionn 
gu'n d'amhairc a' ghrian orm : bha mic mo mhàthar 
am fèir^ rium, rinn iad fear-coimhid nam fion lios 



294 LEANTAINN AN UAIN. 

diom, am fion lios bu leam fèin cha do choimhid 
mi :" (Dàn i. 6.) Cha n-eil an eaglais uair sam 
bith na's àillidh no an uair a la i toirt breth oirre 
fèin a bhi ro-mhi-mhaiseach ; cha n-eil i uair sam 
bith na's sona, no 'nuair a ta i ga meas fèin ro- 
thruagh ; cha n-eil i uair sam bith na's naomha, no 
'nuair a ta i ga meas fèin ro-thruaillidh ; cha n-eil 
i uair sam bith na's beairtaiche, no 'nuair a ta i 
'ga faicinn fèin a bhi ni's bochda na'n neach is ro 
bhochda. 

Tha fior chreidich a' gràdhachadh Chriosd nas 
mò no tha iad g'an gràdhachadh fèin ; " Cha do 
ghràdhaich iad an anma fèin gu bàs. (Tais. xii. 
11.) Tha Criosd na's luachmhoire dhaibh no an 
anmannan ; chuir iad an suarachas, dhi-measaich, 
seadh, chuir iad an neo-shuim am fior bheatha, an 
uair a sheas iad làimh ri Criosd agus r'a ghlòir, agus 
roghnaich iad na b'u luaithe an truaighe bu mhò 
/hulang na gu'n cailleadh esan an tomhas bu ìugha 
d'a urram. Thug gràdh Chriosd air na naoimh 
agus air na fiannisean uile bhuill an cuirp a thoirt 
suas, do na h-innealan borb' agus an-iochdmhor aig 
luchd-geur-leanmhainnfuileachdach ; andromannan 
gu bhi air an sgiùrsadh, an sùilean gu bhi air an 
cur a mach, an teangannan gu bhi air an gearradh a 
mach as am beòil. (Eabh. xi. 3(j.) O ! cia laidir 
a ghràdhaich iad sin ! Is e an tomhas air Criosd 
a ? ghràdhachadh, gu a ghràdhachadh gu'n tomhas. 
*' Cò a sgaras sinn o ghràdh Chriosd ? Cha dean 
trioblaid e, cha dean geur-leanmhuinn e, cha dean 
gorta agus lomnochduiche e, cha dean cunnart agus 
claidheamh e : oir a ta dearbh-bheachd agam, 
nach bi bàs, no beatha, no aingil, no uachdaran- 
achda, no cumhachda^ no nithe a ta làthair, no nithe 



I/EANTAINN AN UAIN. 29f> 

a ta ri teachrì, no àirde, no doimhne, no creutair 
sam bith eile, comasach air sinne sgaradh o ghràdh 
Dhè a ta ann an Iosa Criosd ar Tighearn." Rom. 
viii. 35—39. 

Anns an tseathadh àite, Tha iad a' leantainn an 
Uain, do bhrigh gu'm beil iad pòsda ris an Uan. 
" Pillibh, O chlann chul-sleamhnach, deir an Tigh- 
earnn, oir tha mi pòsda ruibh." (ler iii. 14.) " Thig 
an so, nochdaidh mise dhut a' bhean nuadh-pbòsda, 
bean an Uain." (Tais. xxi. 9.) " Is leamsa mo 
ghràdh agus is leis-san mise." (Dàn. ii. 16.) An 
so foillsichidh mi dhuibh dà ni. 

1. Cia mar a ta Criosd a teachd gu bhi leinne. 

2. Cia mar a ta sinne teachd gu bhi le Criosd. 

1. Tha Criosd a' teachd gu bhi leinne, le saor- 
thabhartas agus tiodhlaic an Athair : " Is ann mar 
sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gu' n tug e aon- 
ghin Mhic fein :" Eoin iii. 16. 

2. Thug Criosd e-fèin gu saor dhuinne, ionnas 
mar sin gur leinne e le thoil fèin. Thug e mar 
gu'm bann e-fèin thairis dhuinne, " Ghràdhaich 
Criosd mi, agus thug se e fèin air mo shon :" ars 
an t-AbstoI, Gal. ii. 20. 

3. Thug Criosd e-fèin thairis d'a eaglais le pòs- 
adh, agus uime sin goirear dh'i " a bhan-righinn- 
san, a chèile-san, a bhean-nuadh-phòsda-san, a 
bhean-san," (Salm xlv. 9.) Ged nach robh ni sam 
bith againne gu thoirt d'a ionnsaidh-san, ach bochd- 
uinn, nàire, doilghios, agus truaighe, gidheadh 
ghabh e s'snn, agus ghràdhaich e sinn, agus phòs e 
sinn. 

4. Is leinne Criosd, le bhi comh-pairteachadh 
a Spioraid fèin ruinne. 

2. Is le Criosd na naoimh air ceithir dòitfhibh. 



296 LKANTÀINN A$ UAIN # 

1. Le còir tabhairt an Athar : " Uime sin biodh 
fios gu cinnteach aig tigh Israeil uile, gu'u d'rinn 
Dia 'na Thighearn agus "na Chriosd an t-Iosa so 
fèin, a cheus sibhse :" " Agus chuir e na h-uile 
nithe fo a chasaibh, agus thug se e gu bhi 'na cheann 
os-ceann nan uile nithe do'n eaglais :" (Gniomh. ii. 
36 ; Eph. i. 22.) " Agus a ritliist," deir Criosd, 
" Feuch mise, agus a' chlann a thug Dia dhomh ; 
bu leatsa iad, agus thug thu dhomhsa iad ;" (Eoin 
xvii. 6.) Thug Dia an t-Athair sinne do Dhia am 
Mac, chum's gu'n saoradh e sinn ; agus thug Dia 
am Mac sinne do Dhia an t-Athair, chum's gu'n 
naombaicheadh e sinn, agus gu'n coimhideadh e 
sinn o'n olc a ta anns an t-saoghal : rann 17. 

2. Is le Criosd sinn le roghainn : " Cha sibhse 
a thagh mise, ach is mise a thagh sibhse :' " Mar 
an ceudna tha e air a ràdh gu'm beil na naoimh air 
an taghadh ann an Criosd, (Eph. i. 4.) Agus tha 
ginealach taghta air a ghairm dhiù (1 Ped. ii. 9.) 
air an taghadh agus dìleas." Tais. xvii. 14. 

3. Is le Criosd na naoimh athaobh 's gun cheann- 
aich e iad : bha sinne ann an làmhaibh ar nàimh- 
dean, agus fo 'n cumhachd, agus chab'urrainn duinn 
sinn fèin a shaoradh o dhaors' an lagha, o dhaors 9 
a' pheacaidh, o dhaorsa Shàtain, o'n bhàs na o ifrinn: 
uhne sin thuirt an t-abstol, " Cheannachadh le luach 
sibh,'' 1 Cor vi. 20. 

4. Is le Criosd sinn tre cheangal agus coimh- 
clieangail : " Thionnsgain mi ann an comhcheang- 
al riut/'ars' an Tighearn Dia, « 4 agus bu leamsa thu :" 
(Esec. xvi. 8.) Is e sin, rinn mi coimhcheangal 
naomha do shuidheachadh riut, gu n gabhainn thu 
gu bhi a'd' shluagh dhomh. Ionnas mar sin nach 
eil e 'ua iongantas idir ged a tha creidich a' lean- 



LEANTAINN AN UAIN. 297 

tainn an Uain ge b'e àit' an tèid e ; tha iad pòsda 
ris.an, 's esan an ceann agus am fear-pòsda. 

Anns an t-seachdamh àite y Tha iad a' leantainn 
an Uain do bhrigh gu'm beil Spiorad an Uain aca : 
" A nise fhuair sinne, cha n-e spiorad an t-saoghail, 
ach an Spiorad a ta o Dhia ; chum gu'm biodh fios 
nan nithe sin againn a thugadh dhuinn gu saor o 
Dhia ;" " ach tha inntinn Chriosd againne." (1 Cor. 
ii. 11—19.) " Agus le so is aithne dhuinn gu'm 
beil esan a' fuireach annainn, o'n Spiorad a thug e 
dhuinn. A nise mur eil Spiorad Chriosd aig neach 
cba bhuin e dha." An spiorad a tha 'n Tighearn 
Iosa a toirt do chreidich, is spiorad seulachaidh e, 
is spiorad beothachaidh e, is spiorad soillseachaidh 
e, is spiorad treòrachaidh e ; tha e a' treòrachadh o 
na h-uile olc gus na h-uile math : agus tha uile 
luchd-leanmhuinn an Uain ann an Spiorad an Uain: 
agus uime sin, tha iad ag ùrnaigh anns an spiorad, 
agus maille ris an spiorad, agus tre an spiorad, 
agus air son tuiìleadh do'n Spiorad ; iadsan aig am 
beil so cha-n fheum iad leabhar gu ùrnuigh ieis, 
A nise tha Spiorad an Uain aig na h-uiie fior chreid- 
each ; air an aobhar sin, tha iad a' leantainn an Uain 
ge b'e àit' an tèid e. 

Anns an ochdamh àite, Tha creidich a' leantainn 
an Uain, do bhrìgh gur ann o'n Uan a ta an uiie 
shochairean a' teachd ; tha iad uile 6t 'nan rìghrean 
agus 'nan sagartan :" (Tais. i. 6; v. 10.) " Agus 
'nan cloinn agus 'nan oighreachan :" " Feuchaibh ciod 
a ghnè gràidh a thug an t-Athair dhuinne, gu'n 
goirte clann Dè dhinn ! Agus ma's clann, is òigh- 
reachan ; òighreachan air Dia, agus comh-òigh- 
reachan maille ri Criosd :" 1 Eoin iii. 1; viii. 16, 17. 

Ged nach eil crùn aig creidich anns a' bheatha 



298 LEANTAINN AN UAIN 

so, gidheadh tha iad 'nan oighreachan air crùn na 
beatha a ta ri teachd : tha Dia a' cur an urram is 
mò air a phobull fèin ; " Is fearr am fìrean na a 
choimhearsnach :" (Gnà. xii. 26.) Thug e dhaibh 
gràs gu saibhir, agus glòir gu saibhir, agus na h-uile 
nithe gu saibhir r'am mealtainn. 1 Tim. vi. 17. 

Gabh duine a tamach à Criosd, agus cha n-eil ni 
air bith dheth so uile aige. "Gu robh sibh san àm 
sin as eugmhais Chriosd, 'nar coimhich do chomh- 
fhlaitheachd lsraeil, agus 'nar coigrich do chomh- 
cheanglaibh a' gheallaidh, as eugmhais dòchais, 
agus gun Dhia anns an t-saoghal :" (Eph. ii. 12.) 
Seadh, tha e "doruinneach, agus truagh, agus bochd, 
agus dall, agus lomnochd." Tais. iii. l^. 

O ! is e so staid gach neach a ta as eugmhais 
gràis, as eugmhais creideamh, agus as eugmhais 
Chriosd. Ach a nis', ge b'e air bith cho bochd 'sa 
ta creideach ann an sùilibh an t-saoghail, tha e 
beartach ann an sealladh Dhè : " Oir is leis an 
na h-uile nithe ; agus sealbhaichidh e na h-uile 
nithe:" (1 Cor. iii. 21—24. Tais. xxi. 7.) " Sealbh- 
aichidh an tì a bheir buaidh na h-uile nithe mar 
òighre." Ach cia mar a tha e tachairt, gu'm beil na 
h-uirread aig a' chreideach, agus cho beag aig na 
h-uile neach eile ? Tha e aige uile o Chriosd : 
" As a làn-san fhuair sinne uile, agus gràs air son 
gràis." (Eoin i. 16.) Uime sin tha creidich ri 
glòir ann an Criosd, do bhrìgh gu'm beil an uile 
ghlòir aca tre Chriosd agus o Chriosd. (1 Cor. i. 
31.) Tha na's leòir aige ri uaill a dheanamh ann, 
aig am beil Criosd gu glòir a dheanamh ann. A 
nise cha n-urrainn creidich gun chumail dluth 
ris-an, agus a leantainn-san, do bhrìgh gu'm beil an 
uile nithe math a' teachd trid-san. 



LEANTAINN AN UAIN 2')9 

Anns an naoitheamh àile, Tha iad a' leantainn 
an Uain, do bhrìgh gu'm beil an ainmeannan 
sgrìobhta ann an leabhar an Uain : " Agus ni iad- 
san uile a tha 'nan còmhnaidh air an talamh aoradh 
dha, aig nach eil an ainmeanna sgrìobhta ann 
an leabhar beatha an Uain, a mharbhadh, o thois- 
each an t-saoghail. Agus cha tèid air chor sam 
bith a steach innte ni air bith a shalaicheas, no a 
dh'oibricheas gràinealachd, no a ni breug : ach 
iadsan a mhàin a tha sgrìobhta ann an leabhar 
beatha an Uain :" (Tais. xiii. 8 ; xxi. 27-) Bithidh 
a' chuid eile uile do luchd-aoraidh an f hiadh-bheath- 
aich, agus na h-uile ana-creideach, air an tilgeadh 
do'n loch a ta losgadh agus a' lasadh gu siorruidh. 
(Tais. xix. 20.) Tha mòran ann a tha leantainn an 
fhiadh-bheathaich, ag aoradh do'n fhiadh-bheath- 
ach, agus a' gabhail iongantas do'n fhiadh-bheath- 
ach ; (Tais. xiii. 3 — 16.) Ach, ciod e iadsan, am 
beiliad lionmhor aig am beil an ainmeannan sgrìobh 
ta ann an leabhar beatha an Uain? Cha n-eil, cha 
n-eil ; — " Am fiadh-bheathach a chunnaic tu, 
bha e, agus cha n-eil e ann ; agus èiridh e suas 
à slochd an dubh-aigean, agus thèid e am mugha 
agus gabhaidh luchd-àiteachaidh na talmhuinn, aig 
nach eil an ainmeannan sgrìobhta ann an leabhar 
na beatha iongantas." (Tais. xvii. 8.) Ionnus mar 
sin gum beil sibh a' faicinn ciod iad a' chuideachd 
mhallaichte sin a tha leantainn Bhabilon, is iad an 
samhail sin iad aig nach eil an ainmeannan sgrìobhta 
ann an leabhar na beatha. Ach iadsan aig am bei 
ainm an Athar sgrìobhta ann an clàr an eudainn, 
agus an ainmeanna sgrìobhta ann an leabhar beatha 
an Uain, tha iad a' leantainn an Uain ge b'e àit' an 
tèid e. " Agus tha 'n dream a tha maille ris, air 



300 LEANTAINN AN UAIN. 

an gairm, agus air an taghadh, agus dìleas." Tais. 
xvii. 14. 

Anns an deicheamh àite, agus \san àite mu dheir- 
eadh, Tha muinntir luachmhora' leantainn an Uain, 
do bhrìgh gu'm bi iad gu siorruidh maille ris an 
Uan : An deigh sin sinne a bhios beò agus a 
dh'fhàgar, togar suas sinn maille riu-san anns na 
neulaibh, an codhail an Tighearna 'san athar : agus 
mar sin bithidh sinn gu siorruidh maille ris an 
Tighearn. Uime sin thugaibh comhf hurtachd d'a 
chèile leis na briathraibh so." (I Tes. iv. 17, 18.) 
Ci Uime sin thaiad an làthair rìgh-chaithreach Dhè, 
agus a' deanamh aoraidh dha a là agus a dh'òidhche 
'na theampull : agus gabhaidh an tì a tha 'na 
shuidhe air an rìgh-chathair còmhnuidh 'nam measg. 
Cha bhi acras orra tuilleadh, no tart ni's mò ; cha 
mhò a thuiteas a' ghrian orra, no teas air bith. Oir 
beathaichidh an t-Uan a tha am meadhon na rìgh- 
chathrach iad, agus treòraichidh e iad gu tobraich- 
ibh do dh'uisge na beatha, agus tiormaichidh Dia 
gach deur o'n sùilibh." (Tais. vii. 15 — 17.) Ge 
b'e air bith cho trioblaideach ^sa tha toiseach an 
duine naoimhe, tha a chrìoch aoibhneach. An uair 
a mhuthas creidich an talamh air son nèimh, cha 
n-eil iad a J call an sonais, ach a' deanamh an sonais 
iomlan. " Athair is àill leam an dream a thug thu 
dhomh, gu'm bi iad maille rium, far am beil mi ; 
chum's gu'm faic iad mo ghlòir a thug thu dhomh : 
oir ghràdhaich thusami mu'n do leagadh bunaite an 
domhain/' Cha n-e mhàin madle riumsa gu siorr- 
uidh, acli maille ri'm naomhaibh, maille ri'm aing- 
libh, agus maille ri'm Athair, agus maille riusan uile 
a ta maille riumsa. 

Tiia bhi maille ri Diaagus ri Criosd gu siorruidh, 



LKANTAINN AN UAIW. 301 

a filleadh, a steach naseachd nithe sin. (1.) Lath- 
aireachd Dhè. (2.) An aonachd shona ri Dia. 
(3.) An sealladh beannaichte air, Dia. (4.) An 
chomh-chomun glòrmhor maiìle ri Dia. (5.) An 
sonas ann a bhi sealbhachadh Dhè. (6.) An f hois 
a bhitheas aig na naoimh ann an Dia. (7.) An 
sonas ann a bhi g'am meaìtainn fèin ann an Dia. 

O ! cia do-chur an cèill glòir nèimh ! O cia 
neo-chrìochnach glòrmhor a ta 'n t-Uan ! A nise tha 
fior chreidich a' leantainn an Uain ge b'e àit an 
tèid e, do bhrigh gu'm bi iad gu siorruidh maille 
ris an Uan, ann an iomlanachd do ghlòir, agus ann 
an sonas gun chrìoch : (Rom. viii. 17? 18.) Mar 
so dh'f heuch mi dhuibh c'arson a ta credich a' lean- 
tainn an Uain. A nise feuchaidh mi dhuibh òir- 
dheirceas a bhi leantainn an Uain. 

Is e'n ceud òirdheirceas, Iadsan a tha leantainn 
an Uain tha làthaireachd an Uain aca maille riu. 
Bha aige a' cheud agus an dà f hichead agus na 
ceithir mìle a sheas air sliabh Shioin, an t-Uan 
maille riu. " Tha Dia 'na meadhon ; cha ghluais- 
ear i : cuidichidh Dialeathagu moch air mhadainn ; 
tha Dia nan slògh leinn ; is e Dia Iacoib a's did- 
eann duinn :" (Salm xlvi. 5, 7«) Tha Dia ann am 
meadhon eaglais fèin, cha n-e mhàin gu amharc 
oirre, ach ga cumail suas ; ged fhaodnàimhdean na 
h-eaglais a bhi'nan tonnaibh gu luasgadh, gidheadh 
cha bhi iad gu bràth 'nan creagan gu sgoltadh ; 
do bhrìgh gu'm beil Dia 'na meadhon, uime sin cha 
tabhair geatan ifrinn buaidh oirre. Is e so an ni a 
neartaich agus a thug comhfhurtachd do Dhaibh- 
idh : " Seadh, ge do shiubhail mi tre ghleann sgàile 
a' bhàis, cha bhi eagal uilc orm ; oir a ta thusa 
2 D 



302 LEANTAINN AN UAIN. 

maille rmm : bheir do shlat agus do lorg comh- 
fhurtachd dhomh." (Salm xxiii. 4.) " An uair a 
shiubhlas tu trid nan uisgeachan, bithidh mise 
maille riut ; agus trid nan aibhnichean, cha tig iad 
tharad ; an uair a dh'imicheas tu tre 'n teine, cha 
foisgear thu, agus cha dean an lasair grèim ort :" 
(Isa. xliii. 2.) O ! iadsan a tha leantainn an Uain, 
seasaidh iad air son an Uain, agus bithidh làthair- 
eachd an Uain aca, a làthaireachd ghlòrmhor, a 
làthaireachd ghràsmhor, a làthaireachd shòlasach, a 
làthaireachd thearmuinn, a làthaireachd naomhach- 
aidh. 

Is e'n dara òirdheirceas, Gu'm bi eòlas aca- 
san a ta leantainn an Uain, air inntinn an Uain : 
" Thugadh dhuibhse eòlas a bhi agaibh air rùn- 
diomhair rìoghachd nèimhe, ach dhaibh-san cha'n 
eil so air a thabhairt. Ach is beannaichte bhur- 
sùilean-sa ; oir a ta iad a' faicinn, agus bhur cluasan, 
oir a ta iad a' cluinntinn." (Mata xiii. 11 — 16.) 
" A so suas cha ghòir mi seirbhisich dhibh ; oir 
cha~n aithne do'n t-seirbhiseach ciod tha *a Thigh- 
earn a' deanamh : ach ghoir mi càirdean dhibh ; oir 
na h-uile nithe a chuala mi o m'Athair, thug mi 
fìos duibhse orra:" (Eoin xv. Ì5.) Tha Iosa 
Criosd a tha 'na laidhe ann an uchd an Athair a' 
foillseachadh agus a' fosgladh cridhe Athar do 
chreidich : is aithne dhaibh a nithe diomhair, 
inntinn-san, a chomhairle, agus a thoil, agus cha 
n-aithne do neach e ach dhaibh-san. " Bheiream 
buideachas dhut, o Athair, a Thighearna nèimhe 
agus na talmhuinn, air son gu d'fhalaich thu na 
nithe sin o dhaoinibh eagnaidh agus tuigseach, agus 
gu d'fhoillsich thu iad do leanabaibh ;" (Mata xi. 



LEANTAINN AN UAIN. 303 

25.) Ach iadsan a tha gluasad maille ri Dia, 's 
aithne clhaibh mòran do dh'inntinn Dhè, agus do 
rùn diomhair an t-soisgeil. 

Is e'n treas òirdheirceas, Ann a bhi leantainn 
an Uain ; Gu'm faod iadsan a ta leamainn an Uain 
teachd le dànachda dh'ionnsaidh an Uain : " Thig- 
earaaid uime sin le dànachd gu rìghchathair nan 
gràs, chum gu'm faigh sinn tròcair, agus gu'n amais 
sinn air gràs chum cobhair ann an àm feuma :" 
(Eabh. iv. 16.) An t-anam aig am beil còir ann an 
Criosd, faodaidh e teachd le dànachd a dh'ionnsaidh 
Chriosd, agus labbairt le dànachd ris-an, agus ri 
Athair, air son tròcair sam bith air am beil feum 
aige : faodaidh e dol a' dh'ionnsaidh rìgh-chathair 
nan gràs air son gràis, agus a chridhe fhosgladh ri 
Dia, mar a ni caraid ri caraid eile. O ! ciod an 
t-saorsa a th' aig creidich ! O ! ciod an t-sochair a 
th' acasan, gu' m faod iad dol a dh'ionnsaidh Dhè 
le dànachd naomha ! tha daoine aingidh uaibh- 
reach na talmhuinn cho ard is nach faod na naoimh 
bhochd teachd le dànachd agus gu saor d'an ionn- 
saidh ; ach faodaidh iad teachd le dànachd agus gu 
saor a dh'ionnsaidh an Tighearn an Dia. " Thig- 
ibh a m'ionnsaidhse, sibhse uile a ta ri saothair, 
agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas 
dhuibh : Mata xi. 28. 

Is e'n ceathramh oirdheirceas, Gu'm bi uile 
uireasbhuidh na dream a ta leantainn an Uain, air 
an leasachadh leis an Uan : " Ach leasaichidh mo 
Dhia-sa bhur n-uireasbhuidh uile, a rèir a shaibh- 
reis ann an glòir, tre Iosa Criosd i" (Phil. iv. J9.) 
Iadsan a ta leantainn an Uain, cha bhi ni math air 
bith a dhìth orra : " Bhiodh eagal an Tighearna 
oirbh, a naoimh-san ; oir cha bhi dìth air a luchd- 



S04 LEANTAINN AN UAIN. 

eagail-san. Bithidh easbhuidh air na leòghanaibh 
òga, agus bithidh acras orra: ach orrasan a dh'iarras 
an Tighearna, cha bhi math air bith a dhìth :" 
(Salm xxxiv. 9, 10.) Is e'n Tighearna mo bhuach- 
aille ; cha bhi mi ann an dìth." Gabh tlachd anns 
an Tighearn, agus bheir e dhut iarrtas do chridhe :" 
(Salm xxiii. 1 • xxxvii. 4.) An neach aig am beil 
arn math sònraichte cha bhi aon ni math a dhìth 
air. " Ge b'e neach a dh'òlas do'n uisge a bheir 
mise dha, cha bhi tart gu bràth air ;" (Eoin vi. 35.) 
O ! cò nach leanadh agus nach creideadh anns an 
Uan ! Is sona iadsan uile a ta gràdhachadh an 
Uain. 

Is e'n cùigeanih òirdheirceas, Iadsan a ta lean- 
tainn an Uain, roinnidh iad maille ris an Uan. 

Air tùs, 'Na nàdur diadhaidh : " Trid an tugadh 
dhuinn geaìlannan ro mhòr agus luachmhor, chum 
tridsan gu'm biodh sibhse air bhur deanamh Vur 
ìuchd-comhpairt do nàdur na diadhachd, airdhuibh 
dol as o'n truaillidheachd a ta anns an t-saoghal trid 
ana-mhiann." (2Pead. i. 4.) Is e sin, do na buaidh- 
ean diadhaidh leis am beil sinn air ar deanamh còl- 
tach ri Dia, ann an gliocas, ann " am fireantachd, 
agus ann am fior-naomhachd." Ephs. iv. 24. Eoin. 
iv. 24. 

Anns an dara h-àite, Na bhuaidh-san : tha na 
naoimh bhochda a roinn maille ri Criosd 'na uile 
bhuaidh-laraichean ard agusurramach : (1 Cor. xv. 
55.) Thar an t-saoghal uile, thar a bhàis, thar ifrinn, 
agus thar fulangasaibh : " Anns na nithibh sin uile 
tha sin a' toirt tuilleadh agus buaidh, tridr&an a 
ghràdhaich sinn." Ilom. viii. 37» 

Anns an treas àite, Tha iad a roinn maille ri 
Criosd na ghràsan : " As a làn-san fhuair sinne 



LEANTAINN AK TJAIN. 305 

uile, agus gràs air son gràis :" (Eoin i. 16.) Mara 
ta leanabh a' faighinn ball air son buill mar iìiaìg a?i 
duine, mar a ta 'm pàipeir a faighinn o'n chlò bhual- 
adh litir air son litreach, mar a ta chèir a' faighinn 
o'n t-seula dealbh air son deilbh, amhuil a ta 'n 
sgàthan a' faighinn o'n iomhaigh aghaidh air son 
aghaidh, mar sin a ta creidich a' faighinn o Chriosd 
gràs air son gràis, is e sin, air son gach gràs a ta 
anns an Uan, tha 'n gràs ceudna anns na naomhaibh 
ann an cuid do thomhas. 

Anns a' cheaihra?nh àite, Tha creidich a' roinn 
maille ri Criosd na ainmeannan glòrmhor, tha Mac 
air a ghairm dheth, mar sin tha iadsan ; Rìgh mar 
sin tha iadsan ; Sagairt mar sin thaiadsan ; Oighre, 
mar sin tha iadsan ; Rom. viii. 16, 17» Tais. i. 6. 

Anns a chùigeamh àite, Tha iad a roinn maille ri 
Criosd 'na ghlòir :" " Tha mi dol a dh'ullachadh 
àite dhuibh. Agus ma thèid mi agus gu'n ullaich 
mi àite dhuibh, thig mi ris, agus gabhaidh mi sibh 
a m' ionnsaidh fèin, chum far am beil mise, gu'm bi 
sibhse mar ceudna/" " Agus thug mise dhaibh-san 
a' ghlòir a thug thusa dhomhsa, chum's gu'm bi iad 
'nan aon, mar a ta sinne 'n-ar n'aon :" (Eoin xiv. 2, 
3 ; xvii. 22.) " Tha mo chaoirich-sa ag èisdeachd 
ri m' ghuth, agus is aithne dhomh iad, agus lean- 
aidh iad mi : Agus bheir mi a bheatha mhaireann- 
ach dhaibh." (Eoin x. 27, 28.) O! an so tha 
òirdheirceas a bhi leantainn an Uain, iadsan a 
tha 'ga leantainn-san ; roinnidh iad maille ris. 

Is e'n seathadh òirdheirceas a bhi leantainn an 
Uain : ladsan a ta leantainn an Uain, bitliidh iad 
^ir an dion leis an Uan, " Cha do leig e le duine 
sam bith eucoir a dheanamh orra, agus smachdaich 
e rìghrean-air an son : Ag ràdh, Na beanaibh ri'm 



306 LEANTAINN AN UAN. 

dhaoinibh ùngta agus air m'f haidhibh na deanaibh 
cron f ni is iad a naomhaibh-san. (Saim cv. 14, 
15.) " Agus cò e a ni olc oirbh, ma bhios sibh 'n'ur 
luchd-leanmhuinn air an Tì sin a ta math. Ach 
eadhon ma dh'f huilingeas sibh air sgàth fìreantachd, 
is sona sibh : agus na biodh fiamh an eagail-san 
oirbh, agus na bithibh mi-shuairnhneach :" (1 Ped. 
iii. 13, 14.) " Na biodh eagal ort, oir tha mise 
maille riut ; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia ; 
leartaichidh mi thu, seadh cuidichidh mi thu, seadb 
cumaidli mi suas thu le deas-làimh m'f hìreantachd : * 
[Isa. xli. 10.) " An di-chùimhnich màthair a lean- 
abh-cìche, gun iochd a dheanamh air macacùim?" 
Faodaidh eadhon iadsan di-chùimhneachadh, ach 
cha di-chùimhnich mis' thusa." (Isa. xlix. 15.) 
Cò is urrainn, olc a dheanamh air duine ma tha 
Dia maille ris agus air a shon ? An neach aig am 
beil gràdh Dhè, cha ruig e leas cùram a bhi air air 
son fearg duine. Tha gràdh Dhè aig fior chreid- 
each, gràdh Chriosd, gràdh ainglean matha, gràdh 
dhaoine matha, agus gràdh na h-uile neach is fiù 
an gràdh ac' a bhi aig neach. Dionadh Dia daoine 
'na shlighe fèin, ach cha dion e neach air bith as a 
shlighe : an uair a tha daoine a' teachd a làthair air 
son Dhè, tha Dia a J teachd a làthair air son dhaoine : 
tha e math dhaibh ann an àmhghar, agus tha e 
deanamh math dhaibh le h-àmhghar. 

Is e'n seachdamh òirdheirceas, ladsan a ta lean- 
tainn an Uain cha mhothaich iad fearg an Uain : 
An tì a bheir bhuaidh, cha chiùrrar leis an dara 
bàs e :" (Tais. ii. 14.) (t Agus gu feitheamh r'a 
Mhac o nèamh, a thog e suas o na mairbh, eadhon 
Iosa a shaor sinne o'n fhèìrg a ta ri teachd :" (1 
Tcs. i. 10.) " Air an aobhar sin cha n-eil a nise 



LEANTAINN an uain. 307 

dìteadh sam bith do'n dream sin a tha ann an losa 
Criosd, a tha gluasad ni h-ann a rèir na feòla, ach 
a rèir an Spioraid:" (Rom. viii. ].) O ciabrònach 
cor na dream sin a tha caitheadh am beatha agus a 
bàsachadh as eugmhais Chriosd ! Tha iad air an 
cur do dh'ifrinn. " Cuirear na h-aingidh gu 
h-ifrinn, na cinnich uile nach cùimhnich Dia." 
(Salm ix. 17.) " Muinntir air an deanar peanas le 
sgrios siorruidh o làthair an Tighearnaagus o ghlòir 
a chumhachd." (2 Tes. i. 9.) Mothaichidh agus 
fuiligidh, iad fearg an Uain, do bhrìgh gu'n d'rinn 
iad di-meas air firinn an Uain : " A chionn gu'n do 
ghairm mi, agus gu'n do dhiùlt sibhse, gu'n do shìn 
mi mach mo làmh, agus nach tug duine sam bith an 
aire. Ach gu'n do chuir sibh an neo-brìgh m'uile 
chomhairle, agus nach b'àiìl leibh a bheag do 
m'achmhasan ; Ni mise mar an ceudna gàire ri'r 
sgrios-sa ; ni mi fanoid 'nuair a thig bhur n-eagal ; 
'Nuair a thig bhur n-eagal mar fhàsachadh, agus a 
thìg bhur lèir-sgrios oirbh mar iom-ghaoith ; 'nuair 
a thig teinn agus cràdh-cridhe oirbh. An sin 
gairmidh iad orm-sa, ach chafhreagair mi ; iarraidh 
iad mi gu moch 5 ach cha'n fhaigh iad mi :" (Gnà. 
i. 24 — 29.) Am beil sibh a' cluintinn so a pheac- 
achaibh, agus a' bàsachadh ann bhur peacannan? 
Bithibh cinnteach nach nochd ifrinn tròcair sam 
bith dhuibh. A nise cha mhothaich agus cha'n 
fhuilig an creideach ni sam bith dheth so, tha e 
ann an cor agus ann an staid shona. 

Is e J n t-ochdamh òrdheirceas, Iadsan a ta leann- 
tainn an Uain riaghlaidh iad maille ris an Uan : 
Agus is e so òirdheirceas eile ann a bhi leantainn 
an Uain. Tha fior chreidich a nis' a' riaghladh thar 
na creutairean, thar uabhar agus niòrchuis an 



308 r6 LEANTAINN AN- UAIN. 

t-saoghail, tbar na h-uile spiorad, tharpeacadh, thar 
cogaisean dhaoine aingidh, agus thar fulangasaibh ; 
ach a bharr air a so uile, riaghlaidh iad maille ri 
Criosd, agus thar an dream sin a ta nisa' riaghiadh 
thairis orrasan ì" u Agus rìoghaichidh sinn air an tal- 
amh." " Agus bha iad beò, agus rìoghaich iad maille 
ri Criosd rè mhìle bliadhna :" (Tais. v. 10; xx. 4.) 
Agus mar a tha na daoine aingidh a' saltairt sios nan 
naomh fo 'n casan a nise mar sin saltraidh na naoimh 
sios na h-aingidh fo 'n casan an sin. " Agus 
saltraidh sibh sìos na h-aingidh : oir bidh iad mar 
luaithre fo bhonnaibh 'ur cos, anns an là san dean 
mise so, deir Tighearna nan sluagh :" (Mal. iv. 3.) 
Gheall an Tighearna gu'n sealbhaich na daoine 
macanta an talamh mar òighreachd. Nach eil an 
sgriobturan ag radh. Gu'n tachair " Anns na laith- 
ibh deireannach gu'm bi sliabh tighe an Tighearna 
air a dhaingneachadh air mullach nan slèibhtean ; 
agus ardaichear e os-ceann nam beann." (Isa. ii. 
2.) Agus gu'm bi rìoghachdan an t-saoghaiì air an 
deanamh 'nan rìoghachdaibh d'ar Tighearn, agus d'a 
Chriosd-san ? (Tais. xi. 15.) Agus an Tì leis an 
ionmhuinn aghaidh eaglaisfèin fhaicinn sgiamhach, 
an ùine ghearr tiormaichidh e na na deòir f huilteach 
air falbh. Cha-n fhada gus an dean sibh buaidh- 
chaithream agus an abair sibh, " Feuch, tha'n 
geamhradh seachad, tha'n t-uisge thairis, dh'imich 
e roimhe. Chithear na blàthan air an talamh, tha 
àm seinn nan eun air teachd." Dàn. ii. 11, 12. 

Is e 'n naoitheamh òirdheirceas, Iadsan a tha 
leantainn an Uain suidhidh iad air an rìgh-chathair 
maille ris an Uan : (i Do'n ti a bhuadhaicheas bheir 
mi comas suidhe maille riumsaair mo rìgh-chathair, 
amhuil fòs a bhuadhaich mise, agus a shuidh mi 



LEANTAIN AN UAIN. 309 

maille ri m' Athair aira rìgh-chathair-san." (Tais. iii. 
21.) " Agus a dubhairt Iosa riu, Gu deimhin a 
deirim ribh, sibhse a lean mise, anns an ath- 
ghineamhuin. an tra shuidheas Mac an duine air 
cathair a glòire fèin, gu'n suidh sibhse mar an 
ceudna air dà chathair-dheug, a' tabhairt breth air 
da threibh-dheug Israeil :' s (Mat xix. '28.) O ! ciod 
an t-urram a tha'n so ciod a' ghlòir a tha'n so, 
suidhe air an rìgh-chathair maille ri Criosd ! 
Nach leòir an t-urram agus a' ghloir dhuinne a bhi 
ann an nèamh maille ri Dia, agus ri Criosd agus ri 
ainglibh ? ach bidh comas air a thoirt dhuinn suidhe 
air rìgh-chathair an sin ! O ciod an t urram a tha'n 
so! agus gidheadh bithidh an t-urram so aig uile 
luchd-leanmhuinn an Uain. 

Is e'n deicheamh òirdheirceas, ann a bhi lean- 
tainn an Uain, ladsan a ta leantainn an Uain bheir 
iad breth air an t-saoghal maille ris an Uan. Ma 
dh'fhiosraicheas sibh na sgrìobhaidhnean naomha, 
gheibh sibh gu'm beil araon Dia agus Criosd, agus 
na naoimh gu breth a thoirt air an t-saoghal. Is 
le Dia an t-òrduchadh, is le Criosd a chur an 
gnìomh, is leis na naoimh a bhi toilichte leis a 
bhreth a thèid a thoirt. An uair a b aill leis an 
abstol stad a chuir air na tagraidhean laghail peac- 
ach am measg nam braithribh Corintianach, nach 
robh dh'easbhuidh daoine inbheach anns an fhìrinn 
a chur crioch air connsaichean, thuirt e, " Nach eil 
fhios agaibh gu'n toir na naoimh breth air an 
t-saoghal ? agus ma bheirear bieth air an t-saoghal 
leibhse, an e nach fiù sibh bhi 'n 'ur breithibh air 
na cùisibh a's lugha?" (1 Cor. vi. 2.) " Rinn 
Enoch an seachdamh pearsa o Adhamh faidhead- 
aireachd, ag radh, Feuch, tha'n Tighearn a' teachd 



310 LEANTAINN AN UAIN. 

le dheich mìltibh naomli, a dheanamh breitheanais 
aìr na h-uile :" (Iud. i. 14, 15.) " An uair shuirlh- 
eas Mac an duine air cathair a' ghlòire fèin, suidh- 
idh sibhse mar an ceudna air dà chathair-dheug, a' 
toirt breth air dà thrèibh-dheug Israeil :" (Mat. 
xix. 28.) A nise tha'n saoghal a' toirt breth air na 
naoimh, ach an sin bheir na naoimh breth air an 
t-saoghal ; a nise tha iad a dìteadh agus a' toirt 
breth air Criosd agus air a bhuill, ach an sin 
bithidh iadsan air an dìteadh agus breth air a 
thoirt orra le Criosd agus le a bhuill. Oir mar 
nach urrainn an saoghal Dia fèin f hulang, mar sin 
ni mò is urrainn iad Dia fhulang anns na naoimh ; 
agus mar is mò a tha Dia a gabhail còmhnaidh 
anns na naoimh, is anns is mò a tha'n saoghal a 
leònadh nan naomh. Ach iadsan a ta leantainn an 
Uain ge b'e àit an tèid e, suidhidh iad an sin a 
thoirt breth air an dream sin a ta nis' a suidhe a 
thoirt breth orrasan. — Mar sodh'fheuch mi dhuibh 
na h-òirdheireis a th'ann a bhi leantainn an Uain. 

Anns d cheathramh àite, Truaighe na dream sin 
nach eii a' leantainn an Uain, ach an f hiadh-bheath- 
aich : O tha'n truaighe aca mòr anns a' bheatha so, 
ach bithidh i na's mò anns a' bheatha eile. 

Is e cheud truaighe aig an dream a tha leantainn 
an fhiadh-bheathaich. Iadsan a ta g'a leantainn, 
comh-pàirtichidh iad maille ris 'na uile phlàighibh : 
" Agus lean an treas aingeal iad, ag ràdh le guth 
ard, Ma ni neach air bith aoradh do'n fhiadh- 
bheathach, agus d'a dhealbh, agus ma ghabhas e a 
chomhara air clàr eudain, no air a làimh, òlaidh 
esan do dh' f hion fèirge Dhè, a tha air a dhortadh 
gun mheasgadh, ann an cupan f hèirge-san ; agus 
bithidh e air a phianadh le teine agus pronnusg, 



LÈANTAINN AN ÙÀIN. ',ì\\ 

am fianais nan aingeal naomha, agus am fianais an 
Uain ;" (Tais. xiv. 9, 10.) O na plàighean! na 
plàigheanuabhasach a thuiteas air an fhiadh-bheath- 
ach ! " Bàs, agus bròn, agus gorta, agus teine ;" 
(caib. xviii. 8.) Thig am breitheanas air na h-uile 
buidheann, agus air na h-uile sliochd agus gnè 
dhaoine a tha 'n ceangal ris an f hiadh-bheathach : 
an dream sin uile a tha comh-pàirteachadh d'a 
pheacaibh, gheibh iad cuibhrionn d'a phlàighibh. 

Tha Air tàs, " Soitheach air a thaomadh air an 
talamh ;" is e sin air an t-sluagh chumanta, caib, 
xvi. 2. 

Anns an dara h-àite, " Soitheach eile 'san 
f hairge :" is e sin, cumhachd riaghlaidh na Ròimhe, 
rann 3. 

Anns an treas àite, " Soitheach eile anns na 
h-aibhnichibh," is e sin, a'm ministearan ; rann 4. 

Anns d cheathramh àite, u Tha soitheach eile 
air a thaomadh air a' ghrèin :" is e sin prionnsach- 
an agus luchd-riaghlaidh : rann 8. 

Anns d chùigeamh àite, " Soitheach eiìe air an 
rìgh-chathair," is e sin, an Ròimh fèin, righ- 
chathair an fhiadh-bheathaich, (rann 10.) Ionnus 
mar sin gu'm faigh na h-uile a ta 'g aoradh do'n 
fhiadh-bheathach, agus a' gabhail a chomharraidh, 
agus a bhunas dha, cò dhiù is àrd no iosal iad, 
bochd no beartach, (mur tig iad air falbh 
uaithe-san) comhpairt maille ris'nauile phlàighibh. 
u Thigibh a mach aisde mo phobull, chum nach bi 
sibh comh-pàirteach d'a peacaibh, agus nach faigh 
sibh cuid d'a plàighibh :" Tais. xviii. 4. 

Is e'n dara truaighe acasan a ta leantainn an 
fhiadh-bheathaich ; Glaodhaidh iad ris na creagan, 
agus ri slèibhtean na talmhuinn : " Agus dh'f hal- 



312 LEANTAINN AN UAIN. 

aich rìghrean na talmhuinn, agus na daoine mòra, 
agus na daoine saibhir, agus na h-ard-cheannardan, 
agus na daoine cumhachdach, agus gach tràill 
agus gach duine saor, iad fèin ann an uamhaibh 
agus ann an creagaibh nam beann; Agus thubhairt 
iad ris na slèibhtibh agus ris na creagaibh, Tuitibh 
oirnne, agus falaichibh sinn o ghnùis an Tì a tha 'na 
shuidhe air an rìgh-chathair, agus o fhèirg an 
Uain ? Oir thàinig latha mòr f hèirge-san ; agus cò 
a dh'fhaodas seasamh ?" Tais. vi. 15 — 17- 

Na h-aingidh, ged tha iad an so air an sgeud- 
achadh ann an sioda agus ann an aodach finealta, 
guidhidh iad air na slèibhtean an còmhdach, ni 
nach bidh ach 'na f hasgadh bochd ; oir leaghaidh 
na slèibhtean aig foillseachadh an Tighearna, agus 
sgoiltidh na creagan as a chèile, an uair a bhios 
corraich air. Iadsan a thug air dream eile teich- 
eadh air falbh uapa, mar uain neo-chionlach o 
mhadraidh-allta reubach, bithidh geilt orra roimh 
fhèirg an Uain, a tha 'na shuidhe air an rìgh- 
chathair. O ! cia mar a bhios dànachd aig na 
daoine mòra sin teachd an làthair cathair a' bhreith- 
eanais-san, a thruaill claidheamh an ughdarrais, le 
fuil nan neo-chiontach, le bhi tionndadh a chùil an 
aghaidh luchd-droch-bheart, agus a' geurachadh 
f haobhair an aghaidh nan ionracan : tha iomadh 
breitheamh eucorach, faodaidh e bith, a ta nise 'na 
shuidhe gu muinghinneach air cathair a' bhreith- 
eanais, a sheasas air chrith aig àite breitheanais 
Chriosd. O! cia mar a bhios iadsan comasach 
air an cinn a thogail suas an làthair Chriosd, a 
rinn an làmhan athogail suas 'na aghaidh ? " Sheas 
rìghrean na talmhainn suas, agus chruinnicheadh 
na h-uachdarain an ceann a chèile, an aghaidh an 



LEANTAINN AN UAIN. 313 

Tighearna, agus ao aghaidh Chriosd :" (Gnio. iv. 
26. Tais. xvii. 14.) An àite an Tighearn a 
chuideachadh an aghaidh nan cumhachdach, tha 
iad a' cuideachadh nan cumhachdach an aghaidh an 
Tighearna. (Salm ii. 2.) O ! cia iomadh duine 
mòr a ta ann nach eil a' deanamh feum air bith eile 
d'am mòrachd, ach gu bhi mòr ann an aingidheachd, 
luchd-mionnachaidh mòra, misgearan mòra, luchd- 
brisidh sàbaid mòra, luchd-geur-leanmhainn mòra, 
adhaltranaichean mòra, luchd Dia-aicheadh mòra, 
muinntir, an àite a bhi g àicheadh no trèigsinn an 
diabhoil agus uiìe oibre, a ta leantainn an diabhoii 
agus uile oibre : a peacachadh le toileachadh, agus 
nach eil toilichte le'm peacannaibh. " Tha t'uachd- 
arain ceannairceach, agus 'nan companachaibh 
mheirleach :" (Isa. i. 23.) Ach tha 'n Dia mòr an 
aghaidh am beil am peacadh air a chur an gnìomh, 
na's mò na'n neach is mò dhiù. " Fa chomhair 
nach eil uile chinnich an t-saoghail ach marbhoinne 
an t-soithich uisge, agus mar dhus min na slighe- 
tomhais :" (Isa. xl. 15.) " Cò air nach biodh eagal 
romhadsa, O Rìgh nan sluagh ? oir dhutsa buinidh 
urram ; a chionn nach eil am measg uile dhaoine 
glic nan cinneach, agus am measg uile rìoghachd- 
an, aon neach coltach riut, O Thighearn, Is mòr 
thu, agus is mòr t'ainm ann an cumhachd." (Ier. 
x. 6, 7.) Beanaidh e ris na beanntaibh, agus 
bithidh deatach dhuibb, fa chomhair tha deamh- 
naibh a' criothnachadh agus fo gheilt. Air an 
aobhar sin, an-aoibhin, an aoibhin, dhaibh-san a 
thrèigeas esan, agus a leanas am tìadh-bheathach : 
glaodhaidh iad agus gairmidh iad air son cobhracli 
ach cha bhi neach ann gu 'n còmhnadh. 

Is e'o treas truaighe aig a' mhuinntir sin a ta 
2e 



314 LEANTAINN AN UAIN. 

leantainn an fhiadh-bheathaich, Bithidh iad air an 
tiìgeadh do'n loch-theine rnaille ris an fhiadh- 
bheathach. " Agus ghlacadh am fiadh-bheathach 
agus maiìle ris-san am faidh-breige a rinn mior- 
bhuilean 'na làthair, leis an do mheall e an droinga 
ghabh orra comhara an fhiadh-bheathaich, agus 
iadsan a rinn aoradh d'a iomhaigh. Thilgeadh iad 
sin 'nan dithis beò ann an loch teine a' dearg- 
lasadh le pronusg" (Tais. xix. 20.) " Foillsichear 
an Tighearn Iosa o nèamh, maille r'a ainglibh 
cumhachdach, Ann an teine lasarra a' deanamh 
dioghaltais air an droingaig nach eil eòlas air Dia, 
agus nach eil umhal do shoisgeuì ar Tighearna 
Iosa Criosd: Muinntir air an deanar peanas le 
sgrios siorruidh o iàthair an Tighearna, agus o 
ghlòir a chumhachd ;" (2 Tes. i. 7 — 9.) O cia 
uabhasach an ni laidhe fo fhèirg Dhè, laidhe ann 
an lasraichibh loisgeach, agus a bhi gu bràth air 
fhogradh o làthair Dìiè agus ainglean naomha ! 
Is e so a bhios 'na chuibhrionn aig luchd-leanmh- 
uinn an fhiadh-bheathaich. O nach b'fhearr leo 
nach biodh iad riamh air am breith, agus gu'm biodh 
iad air an tionndadh 'nan stuic agus 'nan clachan? 
Ach mothruaighe! cha dean sin bonn stàthdhaibh: 
their Criosd riu, u Imichibh uam, a shluagh mall- 
aichte, dh'ionnsaidh an teine shiorruidh, a dh'ull- 
aicheadh do'n diabhol agus d'a ainglibh :" (Mat. 
xxv. 41.) O sibhse uachdarain agus a dhaoine 
mòra na talmhuinn ! cha bhi e 'na easurram sam 
bith do bhur n-inbhe ard, bhur n-onoir a leagadh 
sios aig a chasaibh-san : " tha aingil a còmhdach 
an aghaidliean, agus a tha na seanairean a' tilgeil 
sios an cùirn, an làthair a rìgh-chathrach," (Isa. 
vi. 2. Tais. iv. 10.) O! is fcarr fulang le foigh- 



LEANTÀINN AN UAIN. 315 

idin maille ri Sion agus cuideachd na h-eaglais rè 
tamaill, na sinn fèin a cheangal ri buidheann na 
Ròimhe, agus a bhi air ar lèir-sgrios maille riu aig 
a cheann mu dheireadh. " An so tha foighidin 
nan naomh." (Tais xiv. 12.) Fuiligidh sibh tam- 
ull, agus bithidh sibh air bhur .saltairt sios leo, 
agus faodaidh sibh feitheamh ri làn-chrìoch air a 
ghealladh air son bhur teasairgin : ach gu cinnt- 
each thig Dia agus ath-dhiolaidh e bhur n-uile 
fhoighidin. Agus uime sin na bithibh fo mhi- 
mhisnich, agus nalagaichibh ann bhur n-inntinnibh; 
na leigibh le bhur cridheachaibh pilltinn air an ais 
do'n Eiphit, agus a bhi sior-iarraidh an deigh na 
Ròimhe, am fuigheall sin do Bhaal, a ni Dia gu 
cinnteach a sgrios. 

Anns d chùigeamh àite, Feuchaidh mi dhuibh a 
nise cia mar a dh'fhaodas luchd-leanmhainn an 
Uain a bhi air an aithneachadh o luchd-leanmhainn 
an f hiadh-bheathaich. 

Anns a' cheud àite, Faodaidh sibh ati aithneach- 
adh le an àireamh, ann an àireamh is iad is ro 
theirce ; " Oir a ta mòran air an gairm, ach beagan 
air an taghadh." (Mat. xx. 16.) " Ge do tha 
àireamh chloinn Israeil mar ghaineamh na fàirge, 
is fuigheall a thearnar." (Rom. ix. 27.) Agus 
tha Criosd a' gairm d'a threud, treud bheag, gidh- 
eadh gheibh iad an rìoghachd : Oir thuirt Criosd, 
" Na biodh eagal ort, a threud bhig ; oir is e deagh 
thoil bhur n-Athar an rìoghachd a thoirt duibh. v 
(Luc. xii. 32.) Agus gu firinneach, a chàirdean, 
cha n-eil iad ach tearc a tha leantainn an Uain 
agus a' creidsinn anns an Uan. Tha na Cinnich a' 
leanntainn an diabhoil, tha na Turcaich a J leantainn 
Mahomet, tha na h Iudhaich a' leantainn Mhaois, 



316 LEANTAINN AN UAIN. 

tha na Pàpanaich a' leantainn a Phàpa, agus 
tha Protestanaich fhuasgailte agus luchd-aidmheil 
t heòlmhor a' leantainn an t-saoghail, na feòla, agus 
an diabhoil ; agus tha luchd-teagaisg-brèige, teag- 
asg, agus aoradh brèige ; agus an talamh uile a 
gaohail iongantais do'n fhiadh-bheathach. (Tais. 
xiii. 3.) " Na h-uisgeachan a chunnaic tu, far 
ain beil an strìopach 'na suidhe, is slòigh, agus 
coimhthionail, agus cinnich, agus teangannan iad." 
(caib. xvii. 15.) Creidich, ged is iad is ro thait- 
niche, gidheadh is ro-lugha e'n àireamh. Is ann 
air nèamh a tha chuid is ro-fhearr, ach is ann 
an ifrinn a tha chuid is ro-mhò. O ! Chriosdaidh- 
ean gràdhach, cha n-eil ann ach beagan Chriosd- 
aidhean treidhdireach ; tha mòran droighionn 
ann, ach beagan lilidhean mòran a tha ach beag nan 
Criosdaidhean, ach beagan a tha da rìreadh 'nan 
Criosdaidhean. 

Anns an dara h-àite, Le'n comharran faodaidh 
sibh an aithneachadh. Tha naoi comharran ionmh- 
uinn agaibh orra anns a' cheathramh caibidil deug 
so às am beil mo cheann-teagaisg air a thoirt. — 
Thi iad 'nan seasamh maille ris an Uan air sliabh 
Shion. — Tha ainm Athar-san aca sgrìobhta air clàr 

an eudain Tha iad a' cantainn òran nuadh, nach 

urrainn do neach air bith f hòghlum ach a mhàin an 
ceud agus an dà fhichead agus na ceithir mìle. — 
ìs ionnan iad riubh-san a ta air an saoradh o'n 

talamh Is naomh òighean iad, nach do shalaich- 

eadh le mnaibh. — Tha iad a' leantainn an Uain ge 
b'e àit an tèid e. — Tha iad air an saoradh o mheasg 
dhaoine. — .Is iad ceud thoradh Dliè agus an Uain 
lad. — Agus 'nam beul cha d'fhuaradh cealg : oir 
tha iad <rn'n lochd an làthair ri^h-chathrach Dhè.*' 



JLEANTAINN AN UAIN. 317 

! cia naomha, cia neàmhaidh, cia gràsmhor, cia 
glòrmhor, cia gràdhach agus cia spioradail a ta iad 
sin ! Tha iad beò anns an Tighearna, air an Tigh- 
earna, do'n Tighearn, agus maille ris an Tigh- 
earna : " Is ginealach taghta iad, sagartachd 
rìoghail, cinneach naomha, sluagh sònraichte." 

1 Phead. ii. 9. 

Anns an treas àite, Le'n spioradaibh ; faodar 
an aithneachadh o luchd-leanmhainn an fhiadh- 
bheathaich. Tha spiorad eile aca. (Air. xiv. 24.) 
Tha uile luchd-leanmhainn an Uain ann an Spiorad 
san Uain : (Rom. viii. 9 — 16.) Agus leis an 
Spiorad tha iad air an treòrachadh agus air an 
teagasg ; spiorad naomhachd, spiorad macantais, 
spiorad gràidh, spiorad saor, agus spiorad fìor, 
iriosal, agus dìleas, do'n Tighearna. A nise, 
mar a tha luchd-leanmhainn an Uain ann an 
JSpiorad an Uain, mar sin tha luchd-leanmhainn an 
fhiadh-bheathaich ann an spioradan fhiadh-bheath- 
aich, is cha ni eile e na spiorad an diabhoil. 
" Anns an do ghluais sibh sna h-amannaibh a 
chaidh seachad, a rèir gnàtha an t-saoghail so, a 
rèir uachdarain cumhachd an adhair, an spiorad a 
tha nis' ag oibreachadh, ann an cloinn na h-eas-umh- 
lachd." (Ephes. ii. 2.) Spiorad ain-tighearnais 
agus uachdaranachd thàireil, spiorad seòltachd agus 
cealgach, spiorad meallaidh spiorad saobh-chreidimh, 
spiorad geur-leanmhuiun agus ain-iochd ; agus 
anns an spiorad so tha uile luchd-leanmhainn an 
f hiadh-bheathaich. A nise leis a so faodaidh sibh 
luchd-leanmhainn an Uain aithneachadh o luchd- 
leanmhainn an fhiadh-bheathaich. 

Anns d cheathramh àite, Le'n ainm : Tha ainm 
eile aca, ainm nuadh, (Tais. iii. 12) Tha Dia a' 



318 LEANTAINN AN UAIN. 

toirt ainmeannan urramach, d'a shluagh, 'ged a 
tha 'm fiadh-bheathach a' toirt ainmeannan maslach 
dhaibh ; tha Dia a' gairm dhiù gràdh anama: (Ier. 
xiii. 7.) Agus clach a shuala-san. (Sech. ii. 8.) 
Agus a sheudan-san, (Mal. iii. 17.) À ghlòir-san, 
a chuibhrionn, a bhean-nuadh phòsda, a chlann agus 
a chàirdean ; ach tha 'm fiadh-bheathach a' gainii 
ceannaircich dhiù, saobh-chreidich mealltairean, 
agus luchd-meallaidh, luchd-toibheum, amadain, 
agus daoine cuthaich, mar nach b'airidh iad air a 
bi beò am measg dhaoine. Ach ged a tha iad 
'nara fithich ann an sùilibh an t-saoghail, gidheadh 
is calamain iad ann an làthair Dhè ; seadh, is 
mhuinntir luachmhor mar sin iad air nach eil an 
saoghal airidh : (Eabh. xi. 38.) A nis, aChriosd- 
aidhean gràdhach, leis a so faodaidh sibh luchd- 
leanmhainn an Uain aithneachadh o mhuinntir eile, 
leis na far-ainmibh a tha 'n saoghal a' toirt orra 
agus leis na h-ainmeannan glòrmhor a tha iad a' 
faighinn o Dhia. 

Anns d! chùigeamh àite, Le'n gràsan faodaidh 
iad a bhi air an aithneachadh : Tha iadsan a ta 
leanmhainn an Uan, làn do chreidimh, làn do 
ghràdh, làn do ghràs, agus do mhathas. Tha iad 
ro-thorrach, agus a' tabhairt a mach mòr thoradh. 
(Eoin. xv. 5.) Tha nèamh air a ghairm dhiù, do 
bhrigh an neamhaidheachd ; agus naomha do 
bhrigh an naomhachd ; spioradail, do bhrigh an 
spioradalachd ; agus dìleas, do bhrigh an dìlseachd. 
Tha mòran do Dhia ri f haicinn annta, nam briath- 
raibh, 'nan oibribh, 'nan dieasnasaibh agus 'nan 
caithe-beatha : " Oir a ta ar caithe-beatha- 
ne air nèamh." (Phil. iii. 20.) Tha iad ag iarr- 
aiclh nithe nèamhaidh, agus a' gluasad le riaghailt 



LEANTAINN AN UAIN. 319 

nèamhaidh ; tha iad a' cumail chuspairean nèamh- 
aidh 'san amharc, agus tha iad air an treòrachadh 
le spiorad nèamhaidh, tha iad a' gèilleadh do 
dh'uachdaranachd nèamhaidh, agus ag iarraidh 
a bhi coltach ri muinntir nèamhaidh. Tha 
mòran do nèamh anntasan, agus mòran dhiu-san 
ann an nèamh. " 'Nuair a dhuisgeas mi, tha 
mi a ghnàth maille riutsa :" arsa Daibhidh. 

'$ an t-seathadh àite, Faodaidh luchd leànmh- 
ainn an Uain a bhi air an aithneachadh o luchd- 
leanmhainn an fhiadh-bheathaich, le bhi coimhid 
àintean Dhè agus creidimh Tosa Criosd, " An so 
tha foighidin nan naomh : an so tha'n dream a 
choimhideas àintean Dhè agus creidimh Iosa." 
(Tais. xiv. 12.) " Agus bha fearg ar an dràgon ris 
a' mhnaoi, agus chaidh e dheanamh cogaìdh ris a' 
chuid eile d'a sliochd, a tha coimhid àintean Dhè, 
agus aig am beil fianais losa Criosd." (caib. xii. 
17.) Tha fìor-chreidich a diù-leantainn ris an Tigh- 
earna, agus g'a leantainn-san gu h-iomlan :" 
" Ach mo shèirbhiseach Caleb, a chionn gu'n 
robh aige-san spiorad eile maille ris, agus gu'n do 
lean e mi gu h-iomlan :" (Air. xiv. 24.) " Agus 
ghluais Enoch maille ri Dia :" Gen. v. 24.) " Agus 
ghluais Noah maille ri Dia :" (Gen. vi. 9.) 
" Gluaiseamaìd 'san spiorad :" (Gal. v. 26.) Agus 
tha iad a' leantainn an Uain ge b'e àit an tèid e, 
tha iad ag èisdeachd r'a ghuth, tha iad ag aidmheil 
aoraidh-san, agus a' toirt ùmhlachd d ? a theagasg ; 
tha iad a' fuathachadh an ana-criosd, cha n-eil iad 
'd leantainn an fhiadh-bheathaich, na gabhail a 
chomharraidh : ach a gleidheadh nan trusganan 
maiseach do neo-chiontas soisgeil, agus ch? bhean 
iad ri Babiloin brùideiL 



320 L.KANTINN AN TJAIN. 

Anns an t-seachdamh àite, Le'n cuideachd: 
tha luchd-leanmhuinn an Uain a' gleidheadh 
cuideachd a' chèile : " Agus an uair a leigeadh as 
iad, thàinig iad a dh'ionnsaidh arn muinntir fèin :♦' 
Gniomhiv.23.) Mar sin tha e air a ràdh gu'm beiliad 
'nan seasamh air fairge ghloine le chèile, " Agus 
chunnaic mi mar gu'm b'fhairge ghloine, air a 
measgadh le teine ; agus iadsan a thug buaidh air 
an f hiadh-bheathach, agus air iomhaigh, agus air a 
ehomhara, agus air àireamh 'ainme, 'nan seasamh air 
an fhairge ghloine, agus clàrsaichean Dhè aca :'* 
( Tais. xv. 2.) Mar sin iadsan a tha maille ris an 
Uan air sliabh Shion, tha iad maille ri chèile, a' 
gleidheadh maille ri chèile, agus a' leantainn an 
Uain maille ri chèile. Cha n-eil fianaisean fìrinn- 
each Chriosd ag èisdeachd mailleri luchd-èisdeachd 
an ana-criosd, no ag aoradh maille riusan a ta g 
aoradh do'n f hiadh-bheathach, oir tha iad air teachd 
a mach à Babilon. u Thigibh a mach aisde mo phob- 
ull, chum nach bi sibh comh-pairteach d'a peacaibh, 
agus nach faigh sibh cuid d'a plàighibh." (caib. xviii. 
4.) " Uime sin thigibh a mach as am meadhon, 
agus dealaichibh riu, ars' an Tighearn, agus na 
beanaibh ris an ni neò-ghlan ; agus gabhaidh mise 
a m'ionnsaidh sibh :" (2 Cor. vi. 17.) Cha ghleidh 
clann Dhè cuideachd maille ri clann na fèirge, oir 
cha'n urrainn dhaibh còrdadh, gu h-araid ann an 
nithibh a bhuineas do dhiadhachd. " Oir ciod e 
caidreabh na fireantachd ri neo-fhìreantachd? agus 
ciod e comunn an t-soluis ris an dorchadas ? Agus 
ciod an rèite a ta aig Criosd ri Belial? no ciod i 
cuid a' chreidich, maille ri ana-creideach ? Agus 
ciod a' choltas ata aig teampull Dè ri h-iodholaibh?" 
(2 Cor. vi. 14 — 16) Uime sin tha creidich a' 



LEANTAINN AN UAIN. 321 

cumail ri chèile, ag imeachd le eh£ile, agus ag 
aoradh do Dhia le chèile. " Agus bha aig a' 
chuideachd a chreid aon chridhe, agus aon anam, 
agus bhuanaich iad gu seasmhach ann an teagasg 
nan abstol, agus ann an comh-chomunn, agus ann 
am briseadh arain, agus ann an ùrnaighibh ;" 
(Gniomh. iv. 32, agus ii.42.) Leis a so ma ta tha 
luchd-leanmhainn an Uain air an aithneachadh, 
eadhon, leis a' chuideachd a ta iad a gleidheadh. 

Anns an ochdamh àite, Tha iadair an aithneachadh 
le 'n cainnt. Tha fior chreidich a' labhairt cainnt 
Chanaain ; is e'n cainnt, cainnt an sgriobtuir ; 
faodaidh sibh an aithneachadh le'n cainnt, mar a 
bha Peadar air aithneachadh le chainnt : " Gu 
firinneach is ann diù sud fèin thusa: oir a ta do 
chainnt ga d' bhrath :" (Mat. xxvi. 73.) Tha 'm 
briathran naomha agus neamhaidh,tha iad a'labhairt 
mu Dhia, agus ri Dia, agus air son Dhè, agus tha 
e 'g èisdeachd riu. (Mal. iii. 16.) Ach tha luchd- 
leanmhainn an fhiadh-bheathaich a' labhairt gu 
h-aingidh, gu h-uaibhreach, gu dàna, agus gu toi- 
bheumach. " Agus dh'f hosgail e bheul ann an 
toibheum an aghaidh Dhè\ chum toibheum a thoirt 
d'a ainm, agus d'a phàilliunn, agus do'n dream a ta 
'nan chòmhnuidh air nèamh :" (Tais. xiii. 5, 6.) 
Tha daoine air an aithneachadh, cò, agus ciod iad, 
agus cò dha bhuineas iad, le'n cainnt ; ma tha iad 
o Dhia, agus ann an Dia, cha n-urrainn iad gu'n 
mhòran a labhairt mu Dhia. 

Anns an naoitheamh àite, Tha luchd-leanmhainn 
an Uain air an aithneachadh leis a so ; tha iad fo 
àmhghar na's mò le tilgeil sios na h-eaglais, na tha 
iad air an togail suas le'n sonas fèin. Uime sin 
thubhairt an rìgh rium, C'arson a tha do ghnùis 



<i22 LEANTAINN AN UAIN. 

dubhach, gun thu bhi tinn ? cha ni eile so ach 
cràdh-chridhe. " C'arson nach biodh nio ghnùis 
dubhachj an uair a tha 'm baile, àit adhlacaidh 
m'aithrichean air fhàsachadh, agusagheatachan air 
an caitheadh le teine ?" (Nehem. ii. 2, 3.) " Lean- 
adh mo theanga ri m' ghial, mur cùimhnich mi ort, 
mur fearr leam Ierusalem na m'aoibhneas a's àirde:" 
arsa an Salmadair,(Salm.cxxxvi.7.) Cia mar is urr- 
ainn clann Shioin a bhi ri gàirdeachas, an uair a tha 
'm màthair ri bròn? Ged a b'iad fàsachadh nan Iudh- 
ach, gidheadh b'iad tuireadh Ieremiah ; Cia mar is 
urrainn an leithide sin gàirdeachas a dheanamh na 
seasamh, nach eil ri bròn air son a tuiteam ? An 
uair a ni eascairdean na h-eaglais claisean fada a 
tharrainn air a druim, bu chuidhe dhuinne siol nan 
deur a thilgeil a stigh. " Bithibh cùimhneachail 
orrasan a tha ceangailte, mar gu'm biodh sibh 
ceangailte maille riu ; agus air an droing a tha 
fulang an-shocair, mar mhuinntir a tha sibh fèin mar 
an ceudna anns a' choluinn " (Eabh. xiii. 3.) Ni 
bhi comh-fhulang ri dream eile staid a tha aoibh- 
neach na's sona, agus staid a ta brònach na's so- 
iomchar. 

" Tha 'n duine ionraic a' bàsachadh, agus gun 
aon neach a' toirt fainear ;" (Isa. lvii. 1.) Faodaidh 
sinn a ràdli le Amos, " Tha iad a laidhe air leap- 
aichibh deud-chnàmh, agus 'gan sìneadh fèin air 
uirighibh ; a ta 'g itheadh uan an treud, agus nan 
laogh a meadhon an tigh-bhiadhaidh ; A ta'g òl 
fìona ann an cuachaibh, agus 'g an ùngadh fèin le 
tagha gach ola ; ach nach eil doilich air son 
àmhghair Ioseiph :" (Amos vi. 4 — 6.) O ! nach 
robh e gun tuilleadh sa chòir da'n leithidibh sin a 
bhi ann anns an linn so, a ta 'g itheadh na saille agus 



LEANTAINN AN UAIN. 323 

a ta 'g-òl 'na milseachd, agus nach eil fo thrioblaid 
air son àmhgharan Shioin ; an àite a bhi comh- 
f hulang maille riu 'nan truaighe, tha iad 'g an dìt- 
eadh air son an truaighe. Ach tha fior shèirbhisich 
Dhè caomh agus tiom-chridheach ; tha iad a caoin- 
eadh agus a' bròn, agus a' fàsgadh an làmh air son 
peacannan Shioin, air son bearnan Shioin, air son 
teandachdaibh Shioin, air son mi-shuaimkneasaibh 
Shioin. Agus mar so tha iad a'deanamh, agus n.i 
iad, gus an cuir iad Sion air sliabh Shioin gu bhi 
maille ris an Uan. 

'S an deicheamh àite^ Tha luchd-leanmhainn an 
Uain air an aithneachadh le'n gràdh do Chriosd, 
agus am fulangasaibh air son Chriosd ; tha iad a' 
ròghnachadh 'nan doilghiosean a's measa, mu'n cuir 
iad an gniomh am peacadh a's lugha. " Ach air do 
shon-sa mharbhadh sinn rè an latha gu lèir ; mheas- 
adh sinn mar chaoirich chum casgraidh ;" (Salm. 
xliv. 22. Rom. viii. 36.) " Agus chràidh-phianadh 
dream eile, gun iad a ghabhail ri saorsa ; chum gu 
faigheadh iad aiseirigh a b'f hearr :'' (Eabh. xi. 35.) 
Agus bithidh fuath aig na h-uile dhaoine dhuibh 
air son m ainmese ;" (Mat. x. 22.) " Is beannaichte 
bhitheas sibh an uair a bheir daoine an acainnt 
dhuibh, agus a ni iad geur-leanmhuinn oirbh, agus 
a labhras iad gach uile dhroch fhacal ribh gu breug- 
ach air mo sgàth-sa ;" (Mat. v. 11.) Is urrainn 
gràdh imeachd air an uisge gun a bhi air a bhàthadh, 
agus laidhe anns an teine gun a bhi air a losgadh. 
Cia mar a thèid sinn gu tìr aig cala na foise, mur 
eil sinn arr ar luasgadh air fairge na trioblaid t 
Bu chuidhe do cnreideach a bhi beò os-ceann gràdh 
na beatha, agus eagal a J bhàis. Ged nach urrainn 
dhuinn tighin beò as engmhais àmhgharaibh, gidh- 



324 LEANTAINN.AN UAIN. 

eadh bitheamaid beò os-ceann àmhgharaibh : cha 
n-eil beatha neach air bith air a dheanamh do'n Cha- 
naan spioradail sin, co-ionann ris a' mhuinntir sin 
a ta snàmh 'ga ionnsaidh tro f hairge ruadh am fala 
fèin: ann am fulang, thachoire air a deanamh dhuin- 
ne, ann am peacachadh tha choire air a deanamh 
do Dhia : ann am fulang, tha sinn a' call deagh- 
ghean dhaoine ; ann am peacachadh, tha sinn a'call 
deagh-ghean Dhè : uime sin ròghnaich Daniel gar- 
aidh nan leòghan na b'u luaithe no gun trèigeadh e 
aobhar an Uain ; (Dan. vi. 10.) Agus ròghnaich 
an triùir chloinne fuìang gu dòrainneach, roimh 
pheacachadh gu gràineil ; (Dan. iii. 16 — 18.) 
Agus " ròghnaich Maois àmhghar f hulang maille ri 
sluagh Dhè, ro sholas a' pheacaidh a mhealtainn rè 
seal ;'* (Eabh. xi. 25.) Tha e na's fearr a bhi na 
mhartaireach no na ard-rìgh ; tha e na's fearr a bhi 
na phrìosanach air son Iosa Criosd, no bhi na 
phrionnsa as eugmhais Chriosd, no an aghaidh 
Chriosd. 

O cia luachmhor, cia glòrmhor, cia gràdhach, 
agus cia milis a ta losa Criosd do chreidich ! O tha 
iad ga ghràdhachadh gu h-iomlan, agus gu treibh- 
dhireacb : tha iad a'gràdhachadh a phearsa ghlòr- 
mhor, agus maise a naomhachd, agus ainmsan, onair- 
san, aobhar-san, agus a bhuill-san ; fuiligidh iad air 
a shon, agus bàsaichidli iad air a shon ; a chionn 
gu'n d'fhuilig agus gu'n do bhàsaich esan air an son- 
san : " Agus cha do ghràdhaich, iad an anama fèin 
gu bàs ;' (Tais. xii, 11.) A nise leis a so faodaidh 
na h-uile duine luchd-leanmhainn an Uain aith- 
neachadh o luchd-leanmhainnanfhiadh-bheathaich, 
eadhon, le'n doilghiosan agus le 'm fulangasan air 
son Chriosd, air son na firinn, air son iireantachd 5 



LEANTAINN AN UAIN. 325 

agus air sgàth coguis. " Agus ghabh sibh le luath- 
ghair ri creachadh bhur maoin ; Eabh. x. 34. 

Anns an aon àìte deug, Tha luehd-leanmhainn an 
Uain air an aithneachadh leis a so, tha iad ag iarr- 
aidh math follaiseach muinntir eile, os-ceann am 
math diomhair fein. Tha " doilgheas mòr orm, 
agus cràdh air mo chridhe an còmhnuidh ; oir 
ghuidhinn mi fèin a bhi dealaichte o Chriosd, air 
son mo bhràithrean, mo luchd-dàimh a thaobh na 
feòla :" (Rom. ix, 2, 3.) " Athair, thàinigan uair, 
glòraieh do Mhac, chum's gu'n glòraich do Mhac 
thusa mar an ceudna:*' (Eoin xvii. 1.) Ghuidh e 
air son glòire, na bu mhò air sgàth an Athar a thug 
seachad i, no air a sgàth fèin a fhuair i. Cha 
n-eiì fior Chriosdaidh 'g iarraidh gràis a mhàin air 
son na crìche so, chum gu'n glòraich Dia esan ; ach 
tha e 'g iarraidh gràis air son na crìche so, chum's 
gu'n glòraich esan Dia: " Oir is aithne dhuibh gràs 
air Tighearna Iosa Criosd, ge do bha e saibhir, 
gidheadh gu'n d'rinneadh bochd e air bhur sonsa, 
chum gu biodh sibhse saibhir trid a bhochduinn- 
san:" (2 Cor. viii. 9.) O! gu 7 n deanadh an Tigh- 
earn Iosa cha n-e mhàin ann an tròcair sinne shàbh 
aladh, ach ann an gràdh bàsachadh air ar son. 
Agus C; an deigh do Dhaibhidh a ghinealach fèin a 
riarachadh do rèir toil Dhe,chaidil e:" (Gniomh xiii. 
36.) Cha do riaraich a ghinealach fein esan, ach 
riaraich esan a ghinealach fèin ; cha-n e'n ginealach 
abha roimhe-san, oir bha iad marbh mu'n robh bith 
air a thoirt dhasan ; cha-n e'n ginealach a bha as a 
dheigh^ oir bha iadsan a làthair an deigh dhasan a 
bhi marbh ; ach a ghinealach fèin ; agus cha b'ann 
a rèir a thoile fèin, ach a rèir toil Dhè. Rinn seann 
Eli tuilleadh bròin air son call na h-àirce anns an 
2f 



326 LEANTAINN AN UAIN. 

robh lagh Dhè an tasgaidh, no air son call a chuid 
cloinne agus a Juchd-dàimhe. Mar sin rinn Maois, 
ghuidh e cho dùrachdach ri Dia air son chloinn 
Israeil ,• is gu'n dubhairt Dia ris, leig leam ; u A 
nis uime sin leig leam, agus lasaidh mo chorruich 
'nan aghaidh, agus claoidhibh mi iad : agus ni mi 
dhiotsa cinneach mor." (Exod. xxxii. 10.) Cha 
b'fhear fèin-iarraidh e, ach fear-tearnaidh beatha. 
ICJha n-e mhàin gum beil gràs a' toirt air duine e fèin 
a ghiùlan coltach ri duine a thaobh Dhè, ach e-fèin 
a ghiùlan coltach ri Dia a thaobh duine : tha reusan 
a deanamh duine na dhuine, ach tha gràs a' dean- 
amh duine na Chriosdaidh. Tha na h-uile spiorad 
gràsmhor follaiseach, ged nach eil na h-uile spiorad 
follaiseach gràsmhor. 

Mar nach eil sinn air ar breith leinn fèin, mar 
sin cha n-eil sinn air ar breith air ar son fèin ; ach 
tha luchd-leanmhainn an fhiadh-bheathaich agus 
ceannaichean Bhabilon air an son fèin, agus g' an 
iarraidh fèin. " Seadh is coin chiocrach iad nach 
urrainn bhi toilichte ; agus is buachaillean iad nach 
urrainn tuigsinn : tha iad a' sealltainn, gach ao^n 
diù, air a shlighe fèin ; gach fear air a bhunnachd 
o a chrìch fèin." (Isa. lvi. 11.) " Tha iad a 
teagasg nithe nach còir, air ghaol buannachd shal- 
ach." (Tit. i. ii.) " Is anaoibhinn dhuibh, a 
Sgrìobhaichean agus Phairiseacha, a chealgairean ; 
oir a ta sibh ag itheadh suas tighean bhantrach, 
agus air sgàth deagh-choltais a' deanamh ùrnaigh- 
ean fada, uime sin gheibh sibh an damnadh a's 
rnò." (Mata xxiii. 14.) Cha n-eil iad sin a'toirt 
air buannachd cromadh do dhiadhachd, ach a' toirt 
air diadhachd cromadh do bhuannachd. 

Anns an dara h-àile-deug agus 'san àile mu 



LEANTAINN AN UAIN. 32J 

dheircadh, Faodaidh luchd-leanmhainn an Uain a 
a bhi air an aithneachadh o luchd-leanmhainn an 
fhiadh-bheathaich leis a so, tha iad na's mò air son 
na chumhachd na choltais, na's mò air son cridhe 
na ealainn ; na's mò air son cudthrom a ghniomh 
na òrdugh na deanamh ; na's mò air son brigh na 
taisbeanadh ; M Aig am beil coltas diadhachd, ach 
a ta 'g àicheadh a cumhachd : o 'n leithidibh sin 
tionndadh-sa air falbh." (2 Tim. iii. 5.) Mar nach 
urrainn iadsan aig am beiì cumhachd na diadhachd 
an coltas àicheadh, 's amhail iadsan aig am beil 
coltas na diadhachd ni'm bu chuidhe dhaibh a 
cumhachd àicheadh. Mo thruaighe ! ciod e bhi 'g 
èisdeachd as eugmhais a bhi cur an gnìomh, agus a 
bhi 'g ùrnaigh as eugmhais a bhi cleachdadh d' a 
rèir ? agus a bhi teagaisg as eugmhais a bhi leasach- 
adh ? Is toigh le Dia luibhean na f ìreantachd f haic- 
inn : tha e toirt an tuilleadh aire d'ar cridheachan, 
no tha e toirt d'ar n-oibre. " Air an aobhar sin 
guidheam oirbh, a bhràithrean, tre thròcairibh Dhè, 
ar cuirp a thabhairt 'nam beo-iobairt, naomha, 
thaitneach do Dhia, ni a's e bhur sèirbhis reusonta." 
Rom. xii. 1. 

Am fear-coltais is ann air son gniomharran an 
taobh a muigh a tha e uile, agus gun air son ni 
sam bith do threibh-dhireas an taobh a stigh : tha 
e air son cuirp as eugmhais anama, agus taisbean- 
adh as eugmhais hàgh : ach cha n-e idir taisbean- 
adh do chràbhadh o'n taobh a mach, a ghabhas 
leithsgeul cealgaireachd an leth a steach ; oir i^ 
ann a dhìteas e na's mò e. M Ach ris an drock 
d'huine their Dia^Ciod e do ghnot.hachsa mo reachd- 
an a chur an cèill, no gu'n gabhadh tu mo choimb 
cheangal ann ad bheul :" (Salm i„ 16.) M Oir cha-v 



328 LEANTAINN AN UATN. 

Iudhach esan, a tha mar sin o'n leth muigh ; agus 
cha n-e sin an timchiollghearradh, a tha gu follais- 
each sa'n f heòil : Ach is ludhach esan, a tha mar 
sin sa'n taobh a staigh ; agus is e sin an timchioll- 
ghearradh a tha sa' chridhe, agus sa'n spiorad, cha 
n-ann san litir, aig am beil a chliù cha n-ann o 
dhaoin, ach o Dhia:" (Rom. ii. 28, 29.) " Is 
aithne dhomh toibheum na muinntir a deir gur 
ludhaich iad fèin, agus nach eadh, ach sionagog 
Shàtain :" (Tais. ii. 9.) Tha iad na's fearr 'nan 
taobh a mach no tha iad 'nan taobh a staigh : ach 
tha creidich na's fearr 'nan taobh a staigh no tha 
iacl 'nan taobh a mach : 6t Uile ghlòrmhor thanigh- 
ean an rìgh a stigh ; air oibreachadh le h-òr tha a 
h-eudach :" (Salm xìv. 13.) Cha n-eil an dara h-aon 
ach a' lùbadh a ghlùin aig ainm Iosa, tha'n t-aon 
eile a' lùbadh a chridhe do dh'f hìrinn Iosa : tha'n 
dara h-aon a mhàin a' cur còmharradh a chroinn- 
cheusaidh air, tha'n t-aon eile a' giùlan a' chroinn- 
cheusaidb. O ciod nach deanadh daoine cealgach 
air son nèimh, na'm faodadh iad nèamh a bhi aca 
air son deanamh mar sin ? Ach iadsan a sheòlas 
anns an t-soitheach ghrod so, theid iad gu cinnteach 
fodha sa' chuan. " Cò dh'iarr so air 'ur làimh, mo 
chùirtean-sa a shaltairt? Ciod elionmhoireachd 'ur 
n-ìobairtean dhomhsa ? deir an Tighearn : tha mi 
ldn do thabhartasaibh-loisgte reitheachan, agus do 
shaill bheathaichean biadhta ; ach ann am fuil 
tharbh, agus uan, agus bhochd gaibhre, cha n-eil 
mo thlachd." (Isa. i. 11, 12.) Cha b'e chriadh 
agus an t-sile a leighis an duine dall, ach Criosd a 
dh'ùngadh a shùilean. Cha b'e cur troimhe chèilean 
uisge ann an lochan Bhetesda a rinn slàn iad, ach 
teachd a nuas an aingil. Mo thruaighe ! cha dean 



LEANTAINN AN UAIN. 329 

a mhias as eugmhais a bhìdh sinne bheathachadh. 
Faodaidh daoine lion an dleasanais a sgaoileadh, ach 
is e Dia a's eigin tarrainn na tròcair a' ghlacadh. 
A nise leis a so, mo chàirdean, faodaidh sibh luchd 
leanmhainn an Uain aithneachadh o luchd-leanmh- 
ainn an fhiadh bheathaich. 

Agus mar so dh'fheuch mi dhuibh gu h-aith- 
ghearr agus gu soilleir na cùig nithe sin : 

Anns ct chead àite, Ciod e bhi leantainn an Uain. 

Anns an dara h-àite> C'arson a ta anmannan grds- 
mhor a' leantainn an Uain ge b'e àit an tèid e. 

Anns an treas àite, An t-òirdheirceas a th' ann 
a bhi leantainn an Uain. 

Anns a' cheathramh àite, Truaighe a bhi leann- 
tainn an fhiadh-bheathaich. 

Anns a chùigeamh àite, Cia mar a dh'fhaodas 
luchd-leanmhainn an Uain a bhi air an aithneach- 
adh o ìuchd-leanmhainn an fhiadh bheathaich. 

Ni mi feum eigin dheth an so. 

Air tùs, Air sonfèin-cheasnachaidh agus dearbh- 
aidh : O chàirdean, air sgàth an Tighearn, agus air 
sgàth bhur n-anma ceasnaichibh sibh fèin, dearbh- 
aibh sibh fèin leis a so, chum's gu'm bi fios agaibh 
cò sibh, agus cò dha bhuineas sibh : " Nach eil 
fhios agaibh, an tì d'an toir sibh fèin mar shèir- 
bhisich chum ùmhlachd ; gur seirbhisich sibh do'n 
tì d'an dean sibh ùmhlachd; ma's ann do'n pheacadh 
chum bàis, no do dh' ùmhlachd chum fireantachd." 
Rom. vi. 16. 

O ! cò a tha sibhse a' leantainn ? Ma's e daoine, 
gu deimhin tha bhur tuarasdal agaibh : ma's e'm 
peacadh, gheibh sibh tuarasdal bhur peacannan, m 
is e bàs siorruidh : an.aoibhinn agus truaighe anns 
a' bheatha so, agus ifrinn agus leir.sgrios anns a* 



330 LEANTAINN AN UAIN. 

bheatha eile : ach ma's e Dia, an sin gheibh sibh a 
bheatha mhaireannach. Air an aobhar sin na bith- 
ibh air bhur mealladh, na gabhaibh sibh fèin cearr, 
cha deanar fanaid air Dia : " Oir ge b'e ni a shiol- 
chuireas duine, an ni ceudna buainidh e :" (Gal. vi. 
7«) O ! mhuinntir ìonmhuinn, ceasnaichibh sibh 
fèin, agus dearbhaibh sibh fèin ; ciod an ni air am 
beil ur n-aire, ciod an ni a tha sibh ag iarraidh, ciod 
an ni a tha sibh a' deanamh. Am beil sibh a' lean- 
tainn an Uain 'na àitheantaibh, 'na theagasg, 'na 
òrduighibh, agus na eiseimpleiribh, agas tro 
fhulangas agus masladh ? Am beil sibh air trèig- 
sinn na h-uile ni, agus air esan a leantainn, mar 
rinn na deisciobuil : (Mat. xix. 27«) An do thog 
sibh oirbh a chrann-ceusaidh agus an d'àicheadh 
sibh sibh fèin? (Mat. xvi. 24.) Am beil sibh air 
fòghlum uaithe-san a bhi macant' agus umhal ? 
(Mat. xi. 29.) An deach sibh a dh'amharc a bhuill 
agus an d'eudaich sibh iad? (Mat. xxv. 36.) An 
do phòg sibh am Mac agus an d'rinn sibh bhur sìth 
ris-an ? (Salm ii. J2 O mhuinntir ionmhuinn,am 
beil sibh 'n-ur creutairean nuadha? Am beil sibh ann 
an Criosd Am beil sibh anns a' chreidimh? Nach 
eil f hios agaibh mur eil Criosd annaibh, gu'm beil 
aobhar eagail sibh a bhi an àireamh nan daoine 
chuireadh air cùl ? 2 Cor. xiii. 5. 

5. Is e an darajeum, earail .• 

Anns d cheud àite, Omhuinntir ionmhuinn, leigibh 
leam a guidhe oirbh air sgàth bhur n-anma luach - 
mhor agus neo-bhàsmhor, teachd a mach à Babilon 
'o dhealbh an f hiadh-bheathaich, agus o aoradh-san, 
agus o chomharradh-san, chum's nach bi sibh air 
bhur salachadh. O ! thigibh air falbh a dh'ionnsaidh 
Iosa Criosd : " Eirich, a bhean mo ghaoil. m'aon 



LEANTAINN AN UAIN. 331 

sgiamhach, thig leam. ,, (Dàn. ii. 10.) <; Thigibh 
a m'ionnsaidhse, sibhse uile a ta ri saothair, agus fo 
throm ullaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh." 
(Mat. xi. 28.) O ! pheacachaibh, tha e gairm oirbh 
teachd d'a ionnsaidh-san : Nach àill leibh dol ann ? 
Ts èigin duinn am peacadh a thrèigsinn, agus deagh- 
bheus a dhlù-ghabhail ; au seann-duine a chur dhinn, 
agus an nuadh-dhuine chur umainn ; is èigin duinn 
aithreachas agus ciosnachadh na feòla a bhi againn, 
bàsachadh do'n pheacadh, agus teachd beò do 
dh'f hìreantachd ; o ghràdh nithe talmhaidh, gu 
iarrtas nithe nèamhaidh Is èigin d'ar n-anma is 
d'ar cuirp teachd air falbh a dh'ionnsaidh Chriosd : 
ar n-anma, do bhrìgh gur iad Cèile Chriosd ; ar 
cuirp, do bhrìgh gur iad teampuill an Spioraid 
Naoimh. Feumaidh sinn tighinn air falbh o liontan 
tàlaidhnafeòla,agus 'o innealan-buairidh an t-saogh- 
ail, agus 'o chogarsaich an diabhoil, agus 'ostrìopach 
Bhabilon, agus 'o uile innleachdaibh agus beul- 
aithris dhaoine. (Tais. xviii. 4.) Chum 's gun 
gluais sinn maille ri Dia, an làthair Dhè, an deigh 
Dhè, agus ann an ainm Dhè, agus ann an Spiorad 
Dhè ; agus a chum gu'm bi sinn beò ann an Criosd, 
mar a ta Criosd beò anns an Athair. O ciod a tha 
na's sona, na bhi beò gu siorruidh ; agus a bhi beò 
gu siorruidh, amhail mar a ta Criosd fein beò ! Gu 
cinnteach is beatha bheannaicht' agus ghlòrmhor so. 
— Is i so beatha a' chreidich. 

'S an dara h-àite, Saoithrichibh na's mò agus na's 
mò gu bhi coltach riu sin a ta leantainn an Tigh- 
earna gu h-iomlan. Tha iad ro-naomha agus fior- 
ghlan, tha òighean air a ghairm dhiù. 

1. Air son an geanmnuidheachd : " Chum bhur 
cur mar òigh fhiorghloin an làthair Cllriosd.' , 



332 LEANTAINN AN UAIN. 

(2 Cor. xi. 2.) Tha iad sin a' gràdhachadh Chriosd 
le gràdh fìorghlan, agus cba-n ann le gràdh 
adhaltrannach. 

2. Air son am fìor-ghloine : Is naoimh òighean iad, 
cha n-eil iad air an salachadh le strìopach Bhabilon, 
ach ghleidh siad iad fèin o h-iodhol-aoradh agus 
'o a saobh-chràbhadh, agus o a' peacadh agus 'o a 
h-aingidheachd ; agus nam beul cha d'f huaradh 
cealg. 

Tha creidich air an ainmeachadh agus air an 
sloinneadh air nèamh : tha buill Chriosd 'nara buill 
ghlòrmhor. Tha nèamh air a ràdh riu air son dà 
aobhar. 

Anns a cheud àife, A cmonn gu'm beil mòran do 
nèamh annta-san. 

Anns an dara h-àite, A chionn gu'm beii mòran 
diiiù-san air neamh. 

1. Tha mòran do nèamh ann an creidich, mòran 
do Dhia, mòran do Chriosd, agus mòran do'n 
Spiorad : "Asa lànsan fhuair sinne uile, agus gràs 
air son gràis :" (Eoin i. 16.) Glòir Dhè, eolas Dhè, 
làthaireachd Dhè, gràdh Dhè\, naomhachd Dhè, 
agus aoibhneas Dhè, is iad sin na nithe a tha 
deanamh nèamh na nèamh. A nis' tha mòran dhiìi 
sin ann an creidich, air an aobhar sin tha nèamh air 
a ràdh riu. Tha sinn air ar toirt ann an comh-cho- 
munn maille ri ainglibh, agus tha ar comh-chomunn 
ri ainglibh, ann an tomhas mòr a' seasamh ann a bhi 
dol air aghaidh maille riu ann an cliùthachadh Dhè ; 
is e gniomh nam flaitheas e ; tha creidich nam 
muinntir naomha, agus tha ainmeannan glòrmhor 
aca : — " Cuibhrionn an Tighearna/' (Deut. xxxii. 
9.) — " A chuibhrionn taitneach/^ (ler. xii. 10.) — 
<6 Oighreachd-san, ,, (Isaiah xix, 25)— -" Gràdh anm- 



LEANTUINN AN UAlN. 333 

n-san," (ler. xii. 7.) — " Ionmhas Dhè\ agus 
ionmhas &ònraichte, ?, (Ecsod. xix. 5.) — " A Ghliòr- 
san," (Isaiah xlvi; 7.) — " Tigh-glòire Dhè," (Isaiah 
l x# 7.)—-« Crùn-glòire," (Isaiah Ixii. 3.)— " Coron- 
rìoghail," anns an ionad cheudna. " Rìgh-chathair 
aii Tighearna.' , (Ier. iii. 17- ) — " Coinnleirean òir, 1 ' 
(Tais. i. 12.)—" Rìghrean/' (Tais. v. 10.)— Agus 
anns a' cheann-teagaisg, goirear nèamh dhiù. 

Tha uiread eadar-dhealachaidh eadar eaglais Dè" 
agus daoine eile, sa tha eadar òr agus salachar, 
no eadar leugan agus gucagan, ann am meas an 
Tighearn; tha iad doDhia os-ceann na h-uile sluagh. 
" Is fearr am firean no a choimhearsnach :" (Gnà. 
xii. 26.) O ! cia luachmhor, cia sona, cia beannaicht' 
agus cia glòrmhor a tha creidich ! Goirear nèamh 
dhiù. 

Anns an dara h-àitc, Tha nèamh air a gairm do 
chreidich, a chionn gu'm beil mòran do "inèimh 
annta : — Tha'n smuaintean airnèamh, (Salm. cxxxix. 
17. 18.) — Tha'n iarrtais air nèamh, (Salm lxxiii. 
25.) — Tha'n aignidhean air nèamh, (Col iii. 2.) — 
Tha'n dòchais air nèamh, (Thit ii. J3.) — Tha'n 
caithebheatha acasan air nèamh, (Phil. iii. 
20.) — Tha'n cridhe-san air nèamh, (Mat. vi. 20, 
21.) — Tha'n dèircean air nèamh, (Gniomh x. 4.) — 
Tha'n ainmeanan air nèamh, (Luc. x. 20.) — 

O ! tha mòran do chreidich air nèamh, tha'n 
anmannan air nèamh, an uair a ta'n cuirp ag 
imeachd air an talamh ; tha iad a' caitheadh am 
beatha air nèamh, am feadh s'a tha iad air an 
talamh, " Oir adeiream-sa ribh, gu m beil an aingil- 
san air nèamh a' faicinn a ghnàth gnùis m'Athar-sa 
a ta air nèamh :" (Mat. xviii. 10.) " Agus chomh- 
thog, agus chomh-shuidhich e sinn ann an ionad- 



334 LEANTAINN AN UAIN. 

aibh nèamhaidh ann an Iosa Criosd :'' (Ephes. ii. 
6.) Tha na naoimh air an cur ann an ionadaibh 
nèamhaidh, ann an sochairean nèamhaidh ann an 
còraichean nèamhaidh. Tha naoimh an Tì a's 
àirde, air an cur air ionadaibh àrda. Is i an eaglais 
fhior a Chèile san a tha àillidh agus sgiamhach, 
(Dàn. vi. 4, 10.) O ! tha eaglais Chriosd ionmh- 
uinn agus glormhor. 

Glòrmhor 'na ceann. Glòrmhor 'na h-ainmean. 
Glòrmhor 'na tiodhlacaibh agus 'na gràsan. Glòr- 
mhor 'na dreuchdaibh. Glòrmhor 'na sochairean. 
Glòrmhor 'na buill. 

O tha eaglais Chriosd 'na h-eaglais naomha, agus 
'na h-eaglais ghlòrmhor. " Chum gu'n cuireadh e 
'na làthair fèin i 'na h-eaglais ghlòrmhoir, gun 
smal gun phreasadh, no ni air bith d'an leithidibh 
sin ; ach a chum gu'm biodh i naomha, agus neo- 
lochdach ;" (Ephes. v. 27.) " Cha n-eil iad air an 
salachadh le mnaibh, is òighean iad, agus nam beul 
cha d'f huaradh cealg." A nis, " an tì aig am bheil 
cluasan chum èisdeachd, èisdeadh e." Marc. iv. 9. 

Earalaichidh mi sibhse a ta n'ur buill do'n eag- 
lais nèamhaidh so (1.) Gu nithe nèamhaidh iarr- 
uidh, air thoiseach agus os-ceann na h-uile nithe 
eile ; biodh bhur cridheachan air an lionadh le 
eòlas agus le saibhreas nèamhaidh. (2.) Gabhaibh 
tlachd ann an nithe nèamhaidh : biodh e na nèamh 
dhuibh air thalamh, sèirbhis a dheanamh do Dhia 
nèamh. (3.) Stiùraibh bhur n-uile ghnothaichean 
le bunachar nèamhaidh. (4.) Biodh muinighin 
naomh agaibh ann an Dia, air son seòlaidh, air son 
tearmuinn, air son còmhnaidh, air son beannachaidh. 
(5.) Cumaibh ? s an amharc cuspairean nèamh- 
aidh, Dia, Criosd, agus an Spiorad. (6.) Dean- 



LEANTAINN AN UAIN. 335 

aibh dichioll air a bhi coltach ri muinntir nèamh- 
aidh ; leanaibh iadsan a ta leantainn Chriosd. (7.) 
Gluaisibh le riaghailt nèamhaidh ; gluaisibh a rèir 
lagh nèimh. (8.) Caithibh mòran d'ar beatha air 
nèamh. 

Tha bhur n-Athair air nèamh, tha bhur Ceann 
air nèamh, tha bhur Fear-pòsda air nèamh, tha 
bhur Rìgh air nèamh, tha bhur n-ionmhas air 
nèamh, tha bhur crùn air nèamh, tha bhur tuaras- 
dal air nèamh. 

Agus c'àite am bu chòir dhuibh a bhi, ach air 
nèamh ? " Air dhuibh fios a bhi agaibh annaibh 
fein gu'm beil agaibh air nèamh maoin a's fearr agus 
a ta maireannach :" (Eabh. x. 34.) u Oir a ta fios 
againn, na'n sgaoilteadh o chèile ar tigh talmhaidh 
a' phàilliunn so, gu'm beil againn aitreabh o Dhia, 
tigh nach do thogadh le làmhaibh, siorruidh anns 
na nèamhaibh." 2 Cor. v. 1. 

O, ! is beannaichte agus is naomh a mhuinntir 
sin. " Agus tha 'n dream a tha maille ris, air an 
gairm, agus air an taghadh, agus dìleas :" (Tais. 
xvii. 14.) O ! deanaibh saothair gu bhi coltach 
riu sin ann am fior-ghlaine agus ann an cràbhadh, 
ann an naomhachd agus ann an irisleachd, ann am 
macantas agus am foighidin, ann an tairisneachd 
agus an ionracas, ann an spioradalachd agus anns 
na h-uile dhiadhachd. 

Anns an treas àite, Leanaibh an t-Uan a mach à 
Babilon " Agus ghlaodh iad le guth mòr, ag radh, 
Cia fhad a bhitheas, O Thighearna naoimh' agus 
fhìrinnich, gus an dean thu breitheanas, agus an 
diol thu ar fuil-ne orra-san a ta 'nan còmhnaidh air 
an talamh ? (Tais. vi. 10.) " Agus thàinig aing- 
eal eile mach as an teampull, a' glaodhaich le gntìi 



336 LEANTAINN AN UAIN. 

àrd ris an tì a bha 'na sbuidhe air an neul, Sàth a 
steach do chorran, agus buain : oir thàinig àrn 
dhut buain ; oir tha foghara na talmhuinn abaich. 
Agus shàth an tì a bha 'na shuidhe air an neul, a 
chorran 'san talamh ; agus bhuaineadh an talamh. 
Agus thàinig aingeal eile mach as an teampull a ta 
air nèamh, agus corran geur aige-san mar an ceud- 
na." (Tais. xiv. 15 — 17.) Bithidh strìopach 
Bhabilon air a sgrios le lèir.sgrios dùbailte. 
Tuitidh a ballachan sìos, balla a' cumhachd, balla a' 
h-uachdranachd siobhalta, balla a saobh-chreidimh, 
balla a teachd-an-tir. Agus sin air son nan aobh- 
ar so. 

(1.) Do-bhrìgh gu'm beil diadhachd thruaillte 
aice, agus sin araon ann an teagasg agus an 
aoradh. " Thuit, thuit Babilon, a' chathair mhòr 
sin, do-bhrigh gu'n tug i air gach uile chinn- 
each òl do dh' f hion fèirge a strìopachais." Tais. xiv. 
8. caib. xviii. 3. 

(2.) Do-bhrìgh gu'n do phuinnseanaich i rìgh- 
rean na talmhuinn. Bi strìopach Bhabilon an 
t-inneal truaillidh mòr air rìghrean. " Agus 
chunnaic mi teachd a mach à beul an dràgoin, 
^gus à beul an fhiadh-bheathaich, agus à beul an 
fhàidh-bhrèige, trì spioradan neo-ghlana, coltach 
ri losguinn. Oir is iad sin spioradan dheamhan, a' 
deanamh chomharan, a tha dol a mach chum 
rìghrean na talmhuinn, agus an domhain uile, gu'n 
cruinneachadh chum catha là mhòir sin an Dè 
Uile-chumhachdaich :" Tais. xvi. 13, 14. agus 
caib. xx. 8, 9. 

(3.) Air son a h-an-iochd. " Agus fhuaradh 
ìnnte fuil fhàidhean, agus naomh, agus nan uile 
uhaoine a mhàrbhadh air an talamh," (caib. xviii. 



LEANTAINN AN UAIN. 337 

24.) " Agus chunnaic mi a' bhean air mhisg le 
fuil nan naomh, agus le fuil f hianaisean Iosa : 
agus an uair a chunnaic mi i, ghabh mi iongantas 
le h-iongantas mòr :" caib. xii. 6. 

(4.) Do-bhrìgh gu'm beiì a milleadh agus a 
sgrios air fhoillseachadh agus air a ghlaodhach 
thar an t-saoghail. " Agus ghlaodh e gu laidir le 
guth mòr, ag ràdh, Thuit, thuit Babilon mhòr, agus 
rinneadh i 'na h-àite còmhnaidh dheamhan, 'na 
prìosan do gach spiorad neoghlan, na h-ionad 
cumail do gach eun' neo-ghlan agus fuathmhòr :" 
caib. xviii. 2. agus xiv. 8. 

(5.) Is e so an rùn mòr a tha aig Criosd ann an 
laithibh deireannach an t-saoghail, an t-ana-criosd 
a sgrios: " Agus bheir an t-Uau buaidh orra : oir 
is esan Tighearna nan tighearna, agus Rìgh nan 
rìgh ; 9 (caib. xvii. 14.) " Agus bha a shùilean 
mar lasair theine, agus air a cheann bha mòran 
chrùn : Agus bha e air a sgeadachadh le trusgan 
tumta am fuil : agus is e'n t'ainm a ghoirear dheth, 
Facal Dè : Agus as a bheul tha claidheamh geur 
a' dol a mach, chum gu'm buaileadh e na cinnich 
leis." caib. xix. 12 — 15. 

(6.) Do-bhrìgh gun do mhaslaich agus gu'n 
d'rinn e buaidh-chaithream gu mòr thar sluagh an 
Tighearna, 'nan truaighibh agus 'nan teanndachd- 
aibh : " Agus ni luchd-àiteachaidh na talmhuinn 
gàirdeachas os an ceann, agus bithidh iad subhach, 
agus cuiridh iad tiodhlacan dh'ionnsaidh a chèile :" 
Tais. xi. 10. 

(7.) A thaobh do na h uile nàimhdean a bha 
riamh aig an-eaglais, is e so an nàmhaid is an-iochd- 
mhoire ; is e'n ceathramh beathach a's measa no 
aon do na beathaichean a bha roimhe. " A^us 

2 G 



338 LEANTAINN AN UaIN. 

feuch, ceathramh beathach ; eagalach agus uabh- 
asach, agus ro-laidir ; agus bha fìaclan mòra iarrainn 
aige ; shluig e suas agus bhris e ann am bloighdibh, 
agus shaltair e 'm fuighleach le' ehasaibh, agus bha 
e ea-coltach ris na h-uile bheathaichean a bha 
roimhe ;" Dan. vii. 7. Tais. xiii. 11 — 18. 

(8.) Is e dùil nan naomh uile, gu'm beil Babilon 
ri bhi air a sgrios, agus air a tilgeadh sa'n f hairge 
coltach ri cloich-mhuilinn ; (caib. xviii. 21.) A 
nise gu'n tug Dia d'a phobull a bhi 'g amharc air 
son a leithid so do bhreitheanas Babilon, cha mheall- 
air iad air chor sam bith ; thèid so a cho-lionadh. 

(9.) GheallDia gu'n sgriosadh e'n strìopach sgàr. 
laid do-bhrìgh gu'n do sgrios ise a' naoimh-san 
agus tha ath-dhiol ri bhi air a thoirt dh'i mar a dhiol 
ise do dhream eile. 

(10.) Bithidh strìopach Bhabiloin air a sgrios, a 
chionn gu'n do chuir i h-earbsa ann an gàirdean 
feòla, agus gu'n d'rinn i uaill 'na neart agus 'na 
saoibhreas. " A mheud as a ghlòraich si i fèin, agus 
a chaith i a beatha gu sòghail, cho mòr as sin thug- 
aibh dhì do pheanas agus do bhròn : oir thuirt i 'na 
cridhe fèin, Tha mi aW shuidhe a'm 'bhan-rìgh, 
agus cha bhantrach mi, agus cha'n f haic mi bròn : 
Uime sin thig a plàighean." (caib. xviii. 7> 8.) 
A nis, a mhuinntir ionmhuinn, thugaibh so fainear, 
agus smuainichibh aira so,agus gleidhibhsibh-fèin o 
Bhabilon,chum nach bi sibh a' comhpàirteachadh d'a 
peacaibh, agus nach faigh sibh cuid d'a plàighibh, 
O pheacacha bochda ! ma tha gràdh sam bith agaibh 
do bhur n-anmannan, ma tha dèigh sam bith agaibh 
a bhi air bhur sàbhaladh, leànaibh an t- Uan, chum's 
gu'm bi sibh air bhur sàbhaladh leis Tha e treòr- 
achadh anmannan bochda o dhòrchadas gu solus. — 



LEANTAINN AN UAIN. 339 

o bhàs gu beatha. — o dhroch-bheus gu deagh 
bheus, — o bhochdainn gu pailteas, — o bhròn gu 
aoibhneas, — o thruaighe gu glòir, — o Shàtan gu 
Dia, — o rìoghachd thalmhaidh gurìoghachd nèamh- 
aidh. " Thigibh a dhaoine beannaichte m'Atharsa 
sealbhaichibh mar òighreachd an rìoghachd a ta 
air a deasachadh dhuibh." Mat. xxv. 34. 

O ! an rìoghachd chum am beil Criosd a' treòr- 
achadh anmannan bochda — is rìoghachd shaibhir i 
— rìoghachd shiothchainteach — rìoghachd fhìreanta 
— rìoghachd bheannaichte — rìoghachd ghlòrmhor 
— rìoghachd mhiann-shàsaichte — rìoghachd choit- 
cheann — rìoghachd bhith-bhuan. 

O ! leanaibh an t-Uan, leanaibh an t-Uan, chum 
gu'm bi sibh air bhur glòrachadh gu siorruidi 
maille ris an Uan, agus leis an Uan. 



A CHRIOCII. 



Neill & Co., Printers, Edihburgh. 



Qaeìic Books Sold by MacìacTdan and Stewart. 



Haughton's "A Saviour for You," 
History of Animals named in the Bible, 
History of Prince Charles, f cap. 8vo, cloth, 

Ditto. ditto. cheap edition, sewed, 

James' Anxious Enquirer, 12mo, sewed, 
Joseph, Life of, by Macfarlane, 18mo, cloth, 
Joseph, History of, 18mo, sewed, ... 
Laoidhean Eadar-Theangaichte o'n Bheurla, cloth, 
Lessons on the Shorter Catechism and the Holy 

Scriptures, by Forbes, 18mo, 

Lessons in Gaelic, crown 8vo, 

Logan's The Scottish Gael, or Celtic Manners of 

the Highlanders, 2 vols, 
M'Alpine's Gaelic Grammar, 12mo, cloth, 
M'Callum's History of the Church of Christ, 8vo, 

. . . The Catholic or Universal Church, 
Maccoll's Mountain Minstrel, 18mo, cloth, 
Macdonald's (Mac Mhaistir Alistir) Gaelic Songs, 
Macdonald's (Bev. Dr) Gaelic Poems, cloth, 

... Waters of Jordan, 18mo, sewed, ... 
M'Gregor's (Bev. Dr) Gaelic Poems, 18mo, cloth, 
M'Intyre's (Duncan Ban) Poems and Songs, with 

an English Translation of " Coire Cheathaich" 

and "Ben Dorain," 18mo, ... ... ... 2 

M 'Intyre (Bev. D. ) on the Antiquity of the Gaelic 

Language (in English), ... 
Mackay's (Bob Donn) Songs and Poems, 18mo, 
Mackenzie's ( A. ) History of Scotland, Eachdraidh 

na H-Alba, 12mo, cloih, 
Mackenzie's Beauties of Gaelic Poetry, royal 8vo, 

. . . Gaelic Melodist, 32mo, 

Macleod, Bev. Dr, Sermon on the Life of the late, 

by Bev. John Darroch, 8vo, sewed, ls. for 6 
Macleod, Bev. Norman, Caraid nan Gaidheal, 

8vo, cloth, ... ... ... ... ... 16 6 

M'Lauchlan's (Bev. Dr) Celtic Gleanings, or 

Notices of the History and Literature of the 

Scottish Gael (in English), fcap. 8vo, cloth, 2 6 
M'Naughton (Peter) on the Authenticity of the 

Poems of Ossian (in English), 8vo, 

Macneill's Neniae, and other Poems, cloth, ... 2 



s. 


d. 





2 





6 


3 





1 


6 


1 





1 


6 





4 





6 





4 


1 





28 





1 


6 


4 








6 


1 


6 


2 





2 


G 





2 





8 



1 


6 


2 


6 


3 


6 


12 








4 



64 South Bridge, Edinburgh. 



2' 





6 








G 


2 








4 


3 





12 


6 





G 



Gaeliù Books Sold by Maclaclilan and Stewart. 

s. d. 
Macpherson's "Duanaire," a New Collection of 

Songs, &c, never before published, cloth, 
Menzies' Collection of Gaelic Songs, 8vo, cloth, . . . 
Mountain Songster, Collection of Original and 

Selected Gaelic Songs, 
Munro's Gaelic Primer and Vocabulary, 12mo, 

... Selection of Gaelic Songs, 32mo, ... 
Ossian's Poems, revisedby Dr M'Laucnlan, cloth, 
Ossian and the Clyde : Fingal in Ireland, Oscar 

in Iceland, by Dr H. Waddell, 
Peden's Two Sermons and Letters, 18mo, sewecl, 
Philipps' Seven Common Faults, translated by 

Eev. H. Maccoll, 12mo, ... 1 

Prayers and Admonitions (series of six, large 

type), in packets of 2 dozen, sorted, ... 6 

Psalm Book (General Assembly's Version), large 

type, 18mo, bound, giltedges, 
Do. do., 18mo, cloth, ... 

Do. Smith's or Poss's, large type, 18mo, bd. 
Do. Gaelic and English, on one page, 
Eoss's (William) Gaelic Songs, 18mo, cloth, 
Sinner's (The) Friend, 12mo, sewed, 
Sixteen Short Sermons, 12mo, sewed, 
Skene's Celtic Scotland ; a History of Ancient 

Alban, Vols. I. and II., each ... ... 15 

Smith's (Dr) Sean Dana, with English Transla- 

tion and Notes, by C. S. Jerram, ... ... 2 6 

Stewart's Elements of Gaelic Grammar, New 

Edition, crown 8vo, cloth, 
Sum of Saving Knowledge, 12mo, sewed, 
Thomson's (Dr) Sacramental Catechism, sewed, 



2 


6 


1 





2 





1 


G 


1 


G 





3 





o 



New Testament for Schools, 12mo, bound, 
Job to Ecclesiastes, 12mo, bound, 
Proverbs of Solomon, 8vo, sewed, 



3 


6 





4 





2 


1 








G 





2 



BIBLES, TESTAMENTS, AND PSALM BOOKS, 

AT VARIOUS PRICES. 



èJf South Bridge, Ediriburgh*